[88]

An Sgeilp Leabhraichean

Irisleabhar Ceilteach. Toronto. $2.00s abhliadhna.

THA sinn toilichte fàilte a chur air an ràitheachan ùr Gàidhlig so a tha air a thighinn oirnn bho thaobh thall achuain. Guma fada a mhaireas e, agusse ar dòchas gun teid leis anns gach dòigh.

Tha an ràitheachan so air a dheasachadh le Iain MacAoidh, Pádraig O Broin agus Iain MacGhillemhaoil, ann an Toronto, agus tha an chuid Gàidhlig Albannach is Gàidhlig Eireannach ann, gun luaidh air criomag de Chuimreach agus smodal Beurla! Tha e air fhàilteachadh cheana le litrichean brosnachaidh bho Mhgr. de Valera, Prìomh Mhinistear na h-Eireann, is Mgr. Aonghas L. MacDhomhnuill, Prìomh Mhinistear Albann Nuaidh, agus tha litir Chuimreach ann cuideachd, aguidhe gun tarruing an Irisleabhar so nas dlùithe dha chéile na dùthchannan Ceilteach. Chan eil teagamh nach bfheàirrde sinn sin, nam biodh e air a dhèanamh ann an doigh a bhiodh iomchuidh.

Chan eil rùm an so gus móran a ràdh mu na cuspairean a tha air an togail anns an leabhran so. Tha bàrdachd agus rosg ann, ’san sheòrsa Gàidhligpàirt den bhàrdachd a bha an clò roimhe so, mar a tha Beatha an Sgoláire, agus tha eadar-theangachadh gu Beurla air na dàin Eireannach. Chuir Am Bunnán Buí, le Cathal Buí MacGiolla Gunna (1690-1756) ’nam chuimhe Marbhrann do Pheata Coluim le Mac Mhaighstir Alasdair, ged a tha an dàn Eireannach nas àbhachdaiche na bàrdachd an Domhnullaich gun a bhith cho tiamhaidh rithe. Chòrd Siol, dàn beag cràbhach leis an Ollaimh M. O. Síothcháin, ruinn gu gasda cuideachd.

A thaobh na Gàidhlig Albannaich, bha sinn toilichte ainm Chaluim Iain MhicLeòid fhaicinn ri sgeulachd Gealchos, Nighean an t-Sagairt Oig. Buinidh an sgeulachd do Bheàrnaraidh Bheag an Leódhas, is tha i air bilean an t-sluaigh fhathast:—

Ged nach eil mim Beàrnaraidh Bheag
Na creid nach eil i air mùidh,
Bàill leam na magh-ra-theach
Bhith coimhead nan clachsan Stùigh.”

Bha magh-ra-theach, no meadharra-theach, mar a their cuid, a riamh atoirt dubhshlain don luchd-aithris.

Tha seanachas an so cuideachd air an luing Spàintich a chaidh fodha am Bàgh Thobarmhoire, is bha an sgeulachd air a togail leis


[89] an Ollamh Coinneach Jackson bho Niall MhicGhillìosa ann am Barraidh. Chan e an sgeulachd àbhaisteach a tha so, agus is fhiach i a leughadh.

Tha e iomchuidh gum biodh facal brosnachaidh air a thoirt le Albannach cuideachd, agus tha sin ann bho Eòghan Mac aPhì, a chuir cuairt air Gàidhealtachd Chanada am bliadhna fhéin.

Tha earrann ann a bheir toileachas do luchd-Gàidhlig an Albainn, agus is e sin an Check-list of Scottish Gaelic Writings in North America le Charles W. Dunn. Tha so acur ri àireamh nan leabhraichean a dhainmich Domhnull MacGhilleathain ann an Typographia Scoto-Gadelica, agus bu mhath gun dèante a leithid air son leabhraichean Gàidhlig a chaidh a chlò-bhualadh an Albainn as déidh 1914.

Chan eil sinn dol a sgur gun ghearain a dhèanamh. Bu mhath leinn tuilleadh fhaicinnsan Irisleabhar Cheilteach de rosg is de bhàrdachd a tha air ùr thighinn a mac-meanmain an luchd-sgrìobhaidh. Tha a cheart chàs mu ar coinneamh-ne an Albainn: mur a cuir sinn ri ar litreachas agus ri ar cànain, gun stad gun abhsadh, meirgidh agus seargaidh an chuid fo thaiseachd an dearmaid agus fo ghaoith amhì-ruin.

Guma cian an sin, an Albainn agus an Canada.

An t-Eilthireach, le Calum Iain N. Macleòid, 336 Charlotte Street, Sydney, Nova Scotia, Canada. 75 cents.

Sann aig Mòd Dhùn-deagh, ’s abhliadhna 1937, a chaidh Calum Iain Macleòid a chrùnadh mar bhàrd aChomuinn Ghàidhealaich, ach cha deach co-chruinneachadh de a bhàrdachd a chlò-bhualadh gu ruige so. Agus a nise, ’sann an Canada a tha an leabhar atighinn am follais. Thainig bochd air luchd-leabhraichean an iomadach ceàrnaidh, ach is iongantach gu bheil móran dhùthchannan ann far a bheil prìs cho suarachs a tha an Albainn air litreachas na dùthcha. Cha tainig de leabhraichean Gàidhlig am follais an Albainn o chionn fhichead bliadhna na chumadh leughadh ri duine airson sia mìosan.

Ach bitheadh sin mar a bhitheas e, tha leabhar-bàrdachd againn an so as Albainn Nuaidh, agus tha sinnga fhàilteachadh. Tha sinn toilichte fhaicinn ann an dàn a choisinn an crùn dhaAn Cuan Siar

“ ’Se sealladh do ghnùis,
S aghealach adùsgadh tràth-nòin,
A chuireas lainnirnam shùil
Fhads a mhaireas mo thùr ri mfheòil.”

Anns an dàn so, agus cuideachd anns aMharbhrann do Ruairidh Macleòid, tha am bàrd so anochdadh móralachd agus snasalachd cainnte nach eil idir cho bitheantanar bàrdachdsan -an-diugh.

Chan eil teadhair air a thaobh cuspair. Gheibhear an so cuideachd Oran-magaidh Mhic Mhaoilein, Mac na Braiche, Afàgail Cheap Breatainn, AMhaighdeann Mhara, is Oran na Piseige. Agus is math as airidh an dàn as fhaidesan leabhran so, Mire Chatha, a chnuasachd.

Tha fuinn air ochd de na sia òrain deug a thasan leabhar, agus tha sinn alàn chreidsinn gun còrd iad ri luchd nan céilidhean air thaobh achuain.

[90] [91] [92] [93] [94] [95] [96] [97]
[98]
titleAn Sgeilp Leabhraichean
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Gairm 2 %p

parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page