[32]

An Aithne Dhuibh ...?

2. Domhnull MacPhàil.


[33]

THA Domhnull MacPhàil, mar a theireadh e fhéinair chluainidh.” Aig deireadh an Dàmhair, leig e dheth a dhreuchd mar Fhear Deilbhe na h-Airde Tuath fo sgiath a’ Chomuinn Ghàidhealaich, agus dh’fhàg e a bheannachd aig teaghlach mór Chomuinn na h-Oigridh air feadh Albann uile.

Rugadh Domhnull ann an Dail-mhàili anns a’ bhliadhna 1885. Bha athair ’na ghreusaiche anns a’ chlachan sin, agus cha b’ann gun deuchainn ’s gun shaothair a thug e a dheichnear cloinne gu ìre cosnaidh. Ach chaidh aige air co-dhiùbh, agus anns an tigh bheag thughaidh ud dh’ionnsaich iad ciall nan trì faclan a tha air a bhith ’nan suaicheantas aig Domhnull fad a bheathatùr, toinisg agus tuigse. Ach cha b’e greusaiche a mhàin a bha anns a’ bhraisiche. Bha Calum Caimbeul MacPhàil ’na bhàrd agus ’na fhear Gàidhlige iomraiteach, agus chan eil teagamh nach e sin a dh’altruim gaol na cànaine ’na mhac.

An uair a bha Domhnull ceithir bliadhna deug a dh’aois, chaidh a chur air ceann sgoile ann an Siorramachd Earra Ghàidhealsgoil na Creige Duibhe ann an Gleann Comhann, agus sgoil an t-Sraoin Mhóir. B’e sin làithean cho sona ’s a chuir Domhnull MacPhàil seachad riamh, agus tha iad beò fhathast a fhuair losaindear bhuaithe mar cheud duais airson na deuchainn ràitheil.

An uair a bha e fichead bliadhna, dh’fhàg MacPhàil an sgoil sin, agus chaidh e gu a chosnadh ann an Glaschu far an do chùm an Clyde Navigation Trust ann an dreuchd e fad chóig bliadhna. An déidh sin, chaidh e dh’obair chun nan docaichean agus bha e ann an sin gus an do chuir staid na Rìoghachd crìoch air an obair ann an 1919.

Fad nam bliadhnachan sin, cha b’e obair latha agus òl feasgair a bha fa-near do Dhomhnull. Bha e daonnan ri saothair as leth na Gàidhlige, agus ann an 1908 chaidh e chun a’ cheud Mhòid aig an robh e riamh. Bha sin ann am Baile Bhóid. (Am bliadhna fhéin, ghabh e soiridh leis a’ Chomunn Ghàidhealach aig a’ Mhòd anns an dearbh bhaile). Bha e aig a’ cheud Mhòd ud mar bhall de Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschuan G. G.agus tha cuimhne aige fhathast air mar a sheinn iad anns a’ chomh-fharpuis. ’S beag an t-iongnadh ged a bhitheadh, oir thàinig am mullach canabhais a bh’air an t-seann chaisteal mu’n claiginn le cudthrom an uisge, agus stiùir Uilleam Armstrong a’ choisir le aon làimh fhad ’s a bha e a’ cumail a’ mhullaich an àird leis an làimh eile!

nam bliadhnachan sin cuideachd, bha Domhnull daonnan an sàs ann an dealbh-chluichean Gàidhlig, agus a’ dèanamh deagh ainm dha fhéin anns an obair. Agus bha e ris an t-suirghe! Ann an 1916 phòs e Seònaid NicEachainna’ chéile chaomh a tha r’a ghualainn fhathast.

Dh’fhàg Domhnull Glaschu ann an 1919 agus chaidh e an ceann gnothaich air a shiuc fhéin, ach bha a chridhe anns a’ Ghàidhlig, agus ann an 1932 chaidh e chun a’ Chomuinn Ghàidhealaich. B’ann bhliadhna an déidh sin, a chaidh e fhéin agus Seòras Gallda do’n Chuimrigh far an do dhùisgeadh am macmeanma an uair a chunnaic iad Cuimrich òga ann an campaichean ag altachadh agus a’ bruidhinn an cànain. ’Nan suidhe còmhla ann am pàirc ann an Caernarvon aon fheasgar, bhòidich an dithis Ghàidheal gun cuireadh iad Campa Chomuinn na h-Oighidh air chois aig an tigh. Rinn iad sin.

Aig a’ cheud champa ann am Port Sonachan, lorg Domhnull MacPhàil a phrìomh shonasan sonas a leanas e fad a bheatha fhads a bhios gille no caileag bheag faisg a mhìle dhà. Saoil cia meud a leughas an duilleag so nach do sheas, uair no uaireiginn, mu choinneamh MhicPhàil ann am rùm sgoile, ag ràdhaTha mise a’ gealltainn gum bi mi na mo shàr Ghàidheal cho fad ’s as beò mi?”

Bliadhna an déidh bliadhna, shiubhail Domhnull fad is leud na Gàidhealtachd, ann an Carnegie, a’ brosnachadh agus a’ misneachadh cloinnedeich mìle fichead mìle ’s a’ bhliadhna, agus cha do dh’fhàiling Carnegie riamh!

Mu dheireadh thall, tha Domhnull a’ dol a ghabhail na h-analach a thoill e. Ach fhad’s a bhios cothrom nan cas aige, bithidh e fhathast a’ strì as leth na Gàidhlige. Agus ma bhios campa cloinne far an ruig e air, is neònach gum fuirich Domhnull air falbh. Be’n call nam fuiricheadham fear aig am bheil mar aobhar uaill nach do dh’éirich an sgiorrag bu lugha do leanabh a bha riamh an urra ris.

titleAn Aithne Dhuibh ...?
writersFinlay John MacDonald, Derick Smith Thomson
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
notesNB. Cha robh ainm an ùghdair air fhoillseachadh san alt seo. Tha sinn a’ leantainn na sgrìobh Raghnall MacilleDhuibh gur e an co-dheasaiche Fionnlagh I. MacDhòmhnaill a sgrìobh an sreath ‘An Aithne Dhuibh...?’ air fad. (Gairm Index aig DASG)
parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page