[14]
[15]

Mana an Nisich

le IAIN MOIREASDAN

BHA ena chleachdadh aig na Nisich o linn Oisein a bhith dol a dheilean Shùlaisgeir, le sgothan fosgailte, a dhiarraidh ghugannan. Tha Sùlaisgeir suas ri fhichead mìle tuath is an ear-thuath air Rubha Robhanais. Chan eil an t-eilean ach leth-mhìle bho cheann gu ceann, agus tha e cheud troigh os cionn na mara. Chan eil bàgh ann anns an gabh eathar tìr, agus is ann suas aodann na creige aig ìochdar geodhaidh a tha na h-eathraichean air an tarruing.

Buinidh an guga do dhàl an t-sùlaire. Their cuid de Earraghàidhealamhsanris, agus ann an àiteachan eile is ecaraid-nan-Gàidheala tha air. Is minig a bha ena charaid do Ghàidheal is do Ghall an uair a stiùir a bhualadh an t-iasgair chun achatha.

Tha sùil an t-sùlaire cho geur ri sùil na fainge; tha a neart cho làidir ri fhradharc. Nan tachradh maide bhith roimhe air an fhairge an uair a bhiodh e afeuchainn fodha, tha e air a ràdha gun deidheadh a ghob òirleach troimh an fhiodh. Bhiteadh uaireigin acur éisgna laighe air maide air amhuir airson an sùlaire a ghlacadh.

Chan iongnadh ged a bhiodh an sùlaire làidirnan deanadh càil e! Thilg caraid dhomh uaireigin trì rionnaich dheug, fear an déidh fir, gu sùlaire a bha snàmh faisg air. Shluig e a h-uile h-aon aca, gus mu dheireadh nach burrainn dhà sgeith. Bha na rionnaich ann am meud cumanta.

Tha còrr air ceithir cheud bliadhna bhon dhinnis Domhnull Rothach dhuinn gum biodh na Nisichna latha fhéin adol do Shùlaisgeir agus afuireach seachd latha no ochd air an eilean, agus atoirt air ais leotha làn an eathair de dheòin is de dhitean.

Cha togadh iad an seòl ri Sùlaisgeir gus an cuireadh nithean aig abhaile solus air cor an eilein. An uair a bhiodh am muir cho séimh air creagan àraidh ann an Nis agus gun gabhadh eathar tìr orra, bhiodh e acheart cho séimh air an aon àite tìr a tha ann an Sùlaisgeir. Bha an guga ag abachadh aig an aon ám ris an eòrna. Ach bha aon rud ann nach burrainn dhoibh fhàisneachdan seòrsa aimsir a bha dol a choinneachadh riutha air an t-slighe null no nall.

Is tric a ruith sgoth gu math caol ag iarraidh nan gugannan. Chaidh an dàrna de na h-eathraichean am bliadhna a chall aig an eilean, agus an ceathrar Mhoireasdanach a bha innte fhàgail am measg nan sùlairean gus an tug eathar-sàbhalaidh Steòrnabhaigh cobhair dhaibh an ceann ceithir latha. Chothaich an t-éileMairi Dhonn a Beàrnaraidhtroimh fhairge air leth le ochd ceud guga gus an tug i mach Steòrnabhagh. Mus do chuir i Abhainn Ocaisgeir as a déidh, is iongantach mur robh Niseach agus Uigeach ag aontachadh le facail Mhic an t-SrònaichNan gleidheadh tusa beanntan Uige, ghleidheadh beanntan Uige thusa.”


[16]

Màiri Dhonn.” An déidh dhith tilleadh a Sùlaisgeir am bliadhna. (Stornoway Gazette))

Cha robh eathar Shùlaisgeir ann an 1912 fada air fàgail an uair a thainig stoirm neo-chumanta. Bha an sgìre ann an teagamh an do ràinig iad sàbhailte. An uair bu chòir dhaibh tilleadh, cha do thill. Chaidh am bàta-freiceadain (am fishery-cruiser) a chur chun an eilein ach chan fhaca i sgoth no duine. Ann an ceann mìos, thill na Nisich gu ambantraicheanle sgoth mhath ghugannan, agus na bailtean an déidh an tighean-faire a chur seachad.

Chaidh dhà no trì chuairtean a bhriseadh ann an sgoth eile ri fasgadh Eilean Shanndaidh agus aghaillionn air breith oirre anns an Stac.

Cha tàinig call air muinntir Shùlaisgeir riamh ach aon bhliadhna agus tinneas aithghearr air fear aca thoirt a machAlasdair Moireasdan a Dail fo Thuath.

A dhaindeoin gach gàbhaidh anns an robh an Niseach, cha tàinig air riamh an rud a rinn an Hiortach a dhèanamh an uair a ghlas droch shìde e ann an Stac an Armuinn; rinn e dubhanan de na sginean airson breith air iasg a chumadh beò e.

Tha cunnart agus obair ann an lorg ri beò-shlaint an Nisich. Bhiodh duine cho streapach ri Niall Beag nan Creag mus cuireadh e cas air Sùlaisgeir. Tha cuid de na gugannan cho duilich faighinn thuca ris na maidean a chuir Domhnull Domhnullach Lionailnan seasamh air Stac Eilean Shanndaidh. An aon uair a chuir mise cas air tìr anns an eilean, bha dùil agam nach ithinn achopag mus do ràinig mi a mhullacha’ sporghail anns na sgeirbeanan.


[17]

Tha fear Shùlaisgeir ag obair dian bho mhoch gu dubh fhads a tha e air achreig. Eadar marbhadh, slaodadh, spìonadh, dathadh, glanadh agus sgoltadh, chan eil duine dìomhain. Bhiodh uiread ri naoi cairtean mònach aig eathar Shùlaisgeirgan toirt leatha o chionn fhada, is cha bhiodh fàd den sin nach biodh air a losgadh airson an dathaidh. Bhiteadh cuideachd acleachdadh closaichean nan gugannan a bha air an glanadh airson dathadh nan gugannan a bha air an spìonadh. Bha an seann duine ag ràdha gun robh mìle a shlighe eadar an Càrn Mór agus Sròn a muigh Lunnasdail a réir an rathaid chaim agus charraich air am biodh iad adol. Bheireadh Iain Caimbeul Thàboistna latha, o mhoch gu dubh agiùlan fichead guga anns gach eallach troimh na bhan sin de sgeirbeanan, is gun buille air anail aig deireadh an latha. Bu phailteas do dhAonghas Greum, no Aonghas Bàn, e an tréin an neirt.

Cha bu rud annasach uaireigin do dhà no trì mhìltean guga bhith tighinn don sgìre a h-uile bliadhna. Thug am “Pride of Lionel”na h-aonar dhachaidh bliadhna mhìle is seachd ceud guga. Is iongantach gum bheil uibhir de chluasagan glasa ann an sgìresan domhain is a tha ann an sgìre Nis.

A rèir coltais, bha na Hiortaich adol na bu neimheile chun aghuga na bha an Niseach fhéin. An uair a bha Màrtainn Màrtainn ann an Hiort, bho chionn còrr is cheud bliadhna gu leth, bha na naoi fichead duine bhasan eilean ag ithe sia ceud is mhìle fhichead sùlaires abhliadhna. Nach ann aca a bha an latha dheth!

Triùir Niseach a’ streap suas cladach creagach Shùlaisgeir an tòir air gugachan. (Stornoway Gazette)


[18]

Tha cuid a’ faighinn coire dhuinne an diugh airson gu bheil sinn ag ithe eun blasda. Chan eil sinne ag ithe an diugh ach am biadh a bha air bòrd an rìgh an . Be sia sùlairean anns abhliadhna am màl a bha air a phàidheadh don rìgh airson aBhass Rock.

Tha an guga measail fhathast. Cha chanainn nach eil cuid aca air an eàrrlaiseachadh mus tig iad as an ugh. -dhiùbh, tha earrainn mhath aca air an eàrrlaiseachadh mus tig iad as achreig. Cha luaithe thig eathar Shùlaisgeir dhachaidh na chithear Nisich as gach ceàrnaidh afalbh bho thighean an sgioba le drannag. Mìos as déidh sin, cha cheannaicheadh òr na h-Ophir spòg ann an sgìre Nis.

Tha an guga adol nas fhaide air falbh air aphost na tha an sùlaire air an sgéith. Chan ann a mhàin eadar Tigh nan Cailleachan Dubha an Uig agus Tigh Mhic Dhùghaill an Nis a tha iad air an ithe, ach ann an tìrean céine anns am bheil Nisich agabhail còmhnaidh. Is minig a dhfhairich cailleach uasal ann an Glaschu, fàileadhna tigh fhéin air nach robh i eòlach!

Tha càil an Nisich cho fosgailte don ghugas a tha càil an Hiortaich don eun-chrom. Canadh coigrich na throgras iad, ach is e an guga annlan abhuntàta. Chan fhaca an Niseach achearc sin air truinnsear a bfheàrr leis na guga air asaid. Cha bhiodh féidh Dhiùra, càis Cholla, tonnagan an Rubha, no bughaidean Tholastaidh ach mar shealbhag ann an sùilean an Nisich taca ris aghuga ghlas.

titleMana an Nisich
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Iain Moireasdan in Gairm 2 %p

parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page