[22]

Tir nan Og

le CAILEAN T. MACCOINNICH

Cian thar an t-sléibhs ri cois na h-aibhne àlainn
Thar nam beann àrdghorm, sìos ri taobh achaoil,
S ri balbh-chrith ghaoths ri gréinna laigh an sàmhchar
Eilean fo sheun achuains fo chulaidh fhraoich.

Is fad an ròd nuair bhios an tràth aciaradh
Tha reultan soluis toirt dhomh cuiridhs fàilt’;
An t-anmoch binn le guth nan euns an lìonaidh
Is sruthan ruith gu uchd achuain le gàir.

Mac-talla freagairt fuaim an guths gach seòmar,
Is ceum an cas ateachd o mhuirs o bheinn
Achuideachd ghasdtha cruinn an sin ri ceòlraidh,
Le sgeula gaisgeachd, fìon, is dàingan seinn,

Alorg air beucadh tuinns air monadh ùdlaidh
An ceum nach siubhail ach na suinn as feàrr;
S troimh thoirm nan dùl thig misthoirt fàiltis ùmhlachd
Do an cheann-fheadhn’, is suidhidh minam àit.

titleTir nan Og
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

Cailean T. MacCoinnich in Gairm 2 %p

parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page