Mealladh
le CAILEAN T. MACCOINNICH.
Oighreachd na h-òige aig an aigne fo chìs;
foirfeachd na cruinne air ghleus,
a’ lasadh an sgàthan beò, ’s inntinn gun sgìos
a’ co-fhreagairt gach leus; ’s cha mheasar leath’ prìs
no cosgais aig tùs na réis.
Cridhe dian leum ri caochladh gach pong;
clàrsach nan ioma-ghuth binn
dùsgadh na deòin; aigne co-fhreagairt fonn,
mealladh ’s gach teud; cobhar barra-gheal nan tonn
mear chleasachd ri sìobadh gaoith.
Smuaintean gun stéidh a’ sìor luasgadh dùil,
grian maidne le gealladh làn
’g altrum gun truas dòchas an tuilleadh lùiths;
dealas ’toirt spionnaidh nuaidh ’s caithream a chiùil
’tàladh nam buadh le sàth.
Mi air sliabh chas na roghainn, ’s gun roghainn ann,
Blàthbheann le sgriodan beò
ruith le mo cheum, ’s gun an ceum ach fann;
sprùileach le leathad tìm ceapadh mo chrann,
a’ fanaid ri oidhirp mo threòir.
Mi sìor dhìreadh le togradh, togradh gun deò,
sùil dhìomhain air na h-àird;
lùth-chleas na smuain a’ faoin-shireadh seòl
’m farsuingeachd bhalbh talla na h-inntinn bheò,
imcheist a’ caochladh càil.
Ciùineas nan dùl a’ cur fògradh air smuain,
ealan na h-inntinn marbh;
cruaidh-ghleac na toile air dhubh-mhisg fo bhuaidh
dùsail neo-bheothant, ’s bheir feasgar le gruaim
ath-bhreislich le mosgladh garbh.
Cha sàsaich an dé le iùnntas a thriall,
cha leasaich e togradh deòin;
an diugh le ùr-fhaileas a’ brosnachadh miann,
ìmpidh na spéis ri cur muinghin an cian
’s am màireach nach tig ri m’ bheò.
title | Mealladh |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Cailean T. MacCoinnich in Gairm 2 %p |
parent text | Gairm 2 |