Eachdraidh an Iasgaich an Leodhas
(2) Iasgach an Lin Mhoir
Le SEUMAS MACTHOMAIS
O CHIONN ceud gu leth bliadhna air ais, cha robh bàgh fasgach neo geodha ceithir thimcheall cladaichean Leódhais nach robh làn eathraichean beaga is móra, agus cha robh oitir éisg dlùth air làimh nach ruigte aig amannan freagarrach de’n bhliadhna.
Nuair a bha iasgach an lìn mhóir aig àirde, bha corr air seachd ceud eathar air sàl, agus lean an obair-sa gu ruige toiseach a’ Cheud Chogaidh anns a’ bhliadhna 1914. O’n ám sin chrìon i gu cabhagach, ach cha b’ann gun aobhar. Thòisich na bàtaichean sgrìobaidh a’ tadhal nan ionadan iasgaich, agus a’ sguabadh leotha chan e a mhàin an t-iasg ach mar an ceudna na lìn air chor agus gum b’fheudar do na h-iasgairean againne an eathraichean a tharruing suas air a’ mhol.
Thug an cogadh leis an òigridh, agus a’ chuid a fhuair dhachaidh beò fhuair iad na h-eathraichean air sgreubhadh air a’ chladach agus na lìn gun fheum. A chionn is gu robh cùisean an iasgaich a nis cho teugmhaileach, agus acfhuinn iasgaich cho daor, leigeadh iasgach an truisg ’s an langain seachad gu buileach.
Faodar a radh an so gur e na h-aon daoine bha ’g iasgach an sgadain, agus a bha ris na lìn mhóra, ach aig amannan eadar-dhealaichte. A thaobh iasgach an sgadain, bha earrann mhór de’n chosnadh a’ fàgail an Eilein gach bliadhna, oir ’s ann as na puirt a sear a bha àireamh mhath de na bàtaichean a’ tighinn ged nach robh móran aca gun Leódhasaich air bòrd. Ach is e eathraichean Leódhais fhéin, agus sluagh an Eilein, ’nan aonar a bha ris an iasg ghlas. Mar sin, bha math na h-oibreach gu h-iomlan aca fhéin. Cha robh dìth éisg air duine beag no mór fhads a thigeadh iasg air dubhan. Nam biodh comhradh aig praisean Leódhais, bhiodh eachdraidh aca air iasgan de gach gnè, air iasgan beaga is móra, air cinn-gropaig is goileachan. Is iomadh balach is caileag anns na chuir iad sùgh is spionnadh, agus a dh’fhàg iad air neo-ar-thaing annlan bùtha agus biadh thar chuain.
Cho luath ’s a bha càradh agus beartachadh nan lìon sgadanach ullamh bha iasgach nan lìon mhóra a’ tòiseachadh fìor thoiseach an Earraich agus a’ leantainn gu toiseach an àitich. Fad na h-ùine sin cha robh latha a b’urrainn sgoth a dhol gu muir nach robh dol is tighinn eadar na tighean agus an cladach, othail is greadhnachas air gach làimh, sùrd is sgoinn gun lasachadh.
Bha tighean saillidh anns gach port, goireasach do na h-iasgairean, agus freagarrach do’n luchd oibreach a bha na ciùirairean a’ cumail an sàs a’ glanadh, a’ sailleadh, agus a’ tiormachadh an éisg mar a thigeadh e gu tìr. Cha robh carragh leacach no mol grianach ri beul muir-làin gun iasg ’ga thiormachadh, no dùintean deth a’ feitheamh ri soithichean bathair gus a ghiùlainn gu Eirinn no gu Abhainn Chluaidh. Bha na tighean saillidh air an leigeadh seachad nuair as cuimhne leamsa, ged a bha mi eòlach gu leòir air na seann làraichean aca. Ri mo cheud chuimhne bha iasg a’ chlachain air am b’eòlaiche
A’ càradh nan lìon ann an Steòrnabhagh.
mise, ach na ghléidhte airson biadh an teaghlaich, air a reic an Steòrnabhagh far an tugadh a’ chairt e.
Cha robh prìs an éisg ach suarach. An langa a bheireadh eallach dhut, chan fhaigheadh i ach naoi sgillinn, agus bha an trosg a b’fheàrr air a reic air sia sgillinn. Cha robh reic idir air turbaid, dhèanadh iad lonnan de na h-easgannan, is cha togadh iad na sgaitean as an tiùrr.
Ma bha iasgach an lìn bhig, a bha ’n urra ri balaich, draghail, bha iasgach an lìn mhóir sàraichte. Bha na sgothan tapaidh, trom, oir gu bitheanta bha an grunnd iasgaich fad as agus an aimsir gu tric anradhach. Agus a chionn nach robh laimrigean freagarrach ann cha b’e sgioba meata a sheasadh ris an obair ach diùlanaich thapaidh, ghramail, fhèitheach. Ri ám fèathail, reòta bha an siubhal an urra ris na sia rèimh, agus chan ann gun bhuilg air boisean a ruigte ionad cura.
Cha b’e tarruing gu glasaich a b’fhasa, no balaist a chur air clàr. Obair shàraichte, their thu. Is è gun teagamh, obair nach roghnaicheadh fear nam biodh rian cosnaidh eile soirbh r’ a fhaotainn. Ach bha na fir daonnan toilichte ’na ceann agus cha chluinnte iad a’ gearan uair air bith. B’e an obair am fearas-chuideachd, agus an latha a b’fhaide cha robh e ach goirid airson na bha r’a dhèanamh.
Bu bhòidheach a sheòladh na sgothan Niseach. Bu luath a shiubhaileadh iad a mach ’s a steach a cala, agus bu ghasda na gillean còire a bhiodh air bòrd. Nan lìonadh gaoth na siùil bhiodh strì ach có bu luaithe air astar cuain. Bhiodh comhstri air bòrd agus farmad is eud air fonn. Arsa Domhnull MacAlasdair, agus e a’ faicinn eathar
Gu bitheanta bhiodh an sgioba dà latha aig muir o dh’ fhàgadh iad an cladach gus an ruigeadh iad air ais e. Bha an sruth fad as, agus bha sgadan r’a ghlacadh airson biathaidh, na lìn mhóra r’an cur agus r’an tìdeachadh mus tigeadh trosg no langa air bòrd.
Fad na h-ùine sin cha robh biadh ri fhaighinn ach gréim de bhonnach tioram coirce air a thumadh anns an t-sàl, no bonnach iomaineach. Sheasadh na laoich fada ri obair chruaidh, ach dh’ itheadh iad an sàth nuair a gheibheadh iad an cothrom.
Na bliadhnachan mu dheireadh bheireadh iad leotha anns an eathar connadh mònach agus dheasaicheadh iad iasg air teine ann am prais air uachdair a’ bhalaist. Rinn so am feitheamh cuain móran na b’fhasa ghiùlain.
Sguir iasgach an lìn mhóir, ach beag, an Leódhas o chionn dà fhichead bliadhna an lorg nan aobharan a dh’ ainmich mi. An diugh, agus fada roimh an diugh, chan eil sgoth no eathar mór air mol, no lìon mór an iomadh baile ’s an Eilean. Is cianail an sealladh feur uaine fàs far an robh iomairt is othail is greadhnachas fad iomadh latha is bliadhna.
Is tric a thug Seòras Mór sùil air bun-an-uillt far am b’àbhaist sgoth a bhith taobh ri taobh nuair a bha esan ri sgiobaireachd. Is iomadh facal a dh’ fhàg e mun obair anns an robh a chridhe, agus is minig a rinn e luaidh air euchdan nan laoch air bharr nan tonn uamhrach. “Ach an diugh” ars esan “chan aithnich balaich a’ Chlachain an tùc o’n phuta.”
Mus till na Leódhasaich gu iasgach an lìn mhóir, ma thachras e, feumaidh nithean eile tachart an toiseach. A chionn gur fhiach am muir a thadhal, agus gu bheil feum mhór aig an rìoghachd air biadh fallain gun sòradh agus air maraichean làmhcharach, sgoinneil, tha e ro iomchuidh gun dèanadh an riaghaltas gach comhnadh gu bhith cur obair an iasgaich air chois as ùr anns a’ Ghàidhealtachd.
Tha eathraichean agus acfhuinn iasgaich cosgail, agus gun chuideachadh cha ruig an sluagh bochd orra. Gun calachan fasgach ri an-uair, agus laimrigean goireasach ris gach tìde-mhara chan urrainn soirbheachadh a bhith ann. Gun margadh chinnteach agus riarachail cha leig duine seachad obair tìre airson saothair neo-chinnteach. Agus a thaobh nach eil iarraidh cho mór air iasg saillte ’nar latha-ne tha feum air dòighean ùra gu bhith deasachadh an éisg a chum gu ruig e iadsan a dh’ itheas e gu h-ùrar, blasda.
Bithidh e an crochadh air an seòrsa inneal iasgaich a roghnaicheas na h-iasgairean fhéin co dhiùbh ’s ann o na bàigh dlùth air na bailtean aca no o acarsaidean fasgach mar Steòrnabhagh a leanar an t-iasgach. Ma roghnaicheas iad bàtaichean troma a ni iasgach sgadain agus iasgach an lìn mhóir chan uarrainn iad seòladh an uisge tana, ach ma chleachdar eathraichean beaga cha ruigear an t-iasg a tha fada as. Cha sgaoilear obair an iasgaich air feadh an Eilein mur bi laimrigean agus calachan fasgach air an uidheamachadh an àiteachan freagarrach faisg air làimh.
Gun chomhnadh mór o’n riaghaltas agus gun deagh-ghean araon an luchd-ceannachd agus an luchd-oibreach cha tig an leasachadh a tha feumail, no an soirbheachadh bu mhath leinn.
[28] [29] [30] [31] [32] [33]title | Eachdraidh an Iasgaich an Leodhas: (2) Iasgach an Lin mhoir |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Seumas MacThómais in Gairm 2 %p |
parent text | Gairm 2 |