[35]

Suil Mun Cuairt

Le T. M. MACCALMAIN

Air an treas deug den Dàmhar dhfhosgail Diùc Dhun-éideann obair-an-dealain an Gleann Afraig, agus gu dearbh is math as fhiach an sin a chumail air chuimhne. Tha ùidh shonraichte agam fhéin anns achùis, oir theab mi fhéin is dithis eile dol don phrìosan air tàillibh obair-dhealain Ghlinn Afraig. Agus cha be prìosan cumanta sam bith a bha, a réir coltais, afosgladh romhainn, ach Tùr Mór Lunnainn, far an do chuir iomadh duine iomraideach seachad a làithean deireannach anns na linntean a dhaom!

So mar a bha. Faisg air toiseach achogaidh mu dheireadh dhfheuchadh ri cead Pàrlamaid fhaotainn a leigeil le Cuideachd Dhealain ùghdarras fhaighinn thairis air uisgeachan Afraig is mun cuairt air sin. Bha móran ann a chuir an aghaidh cead a thoirt seachad. Bha Comunn Aiteachaidh na Gàidhealtachd mar an ceudna an aghaidh aghnothaich. Agus car son? Bha, a chionn is gu robh eagal oirnn, nam faigheadh Cuideachd den t-seòrsa ud an spògan air na h-uisgeachan sin, nach i aGhàidhealtachd a mhealadh abhuannachd, ach Sasann is Taobh-Deas na h-Albann. Be ar miann na h-uisgeachan Gàidhealach a chumail saor bho chuing choigrich gus an tigeadh an anns an gabhadh Bòrd no Comhairle air chor-eigin os làimh feum a dheanamh de na h-uisgeachan sin, agus den chumhachd-dealain a thigeadh bhuapa, a chum maith is feum na Gàidhealtachd air thoiseach air achuid eile den dùthaich. “Uisge na Gàidhealtachd do na Gàidheil air tùs! Dealan na Gàidhealtachd don Taobh-Tuath an toiseach!” Be sin ar sluagh-ghairm.

Am measg gach oidhirp a rinn sinn gus bacadh a chur air aghnothach, chuir sinn litir a dhionnsaigh gach aoin de na buill-Pàrlamaid. Be rud a thubhairt sinn anns an litir sin a dhaobharaich dragh. Dhéirich fear an Tigh nan Cumantan agus thubhairt e, “Tha no dhà anns an litir so a tha mi an dùil a tha an aghaidh riaghailtean na Pàrlamaid.” Dhaontaicheadh achùis a rannsachadh.

* * * * *

Is e an Dotair Lachlann Grannd, Baile-a’ -Chaolais, nach maireann, Mgr. Domhnall MacAoidh, Glaschu, nach maireann, agus mi fhéin, an triùir a chuir an ainmean ris an litir air sgàth aChomuinn Aiteachaidh. Mar sin, fhuair an triùir againn fios a dhol gu Lunnainn gun dàil agus dol air beulaibh comhairle-rannsachaidh fo iùl Mhgr. Attlee. Cha burrainn an Dotair Grannd dol sìos, ach chaidh Domhnall MacAoidh is mi fhéin ann, agus fear eile, Mgr. Pàdraig MacThómais


[36]

nach maireann, maighistir-sgoile á Dun-éideann còmhla ruinn. Besan am fear den Chomunn againn a bha anabarrach fiosrach mu chuspair an dealain-uisge.

Ràinig sinn Lunnainn, ach chan fhaca sinn aon chuid Mgr. Attlee no a chomhairle-rannsachaidh. Choinnich iad mus dràinig sinn is dhaontaich iad nach robh coire sam bith ra chur as ar leth a thaobh na litreach. Mar sin, thill sinn dhachaidh. Nan robh cionta air a dhearbhadh oirnn, gheibheamaid aon chuid càin glé throm no greis ann an Tùr Lunnainn!

Ach, co dhiùbh no co dheth, dhiùlt aPhàrlamaid cead uisgeachan Afraig a thoirt seachad aig an ám ud. Bann an déidh sin a chuireadh air chois Bòrd Tuathach an Dealain-Uisgean seòrsa a bha sinne ann an Comunn Aiteachaidh na Gàidhealtachd ag iarraidh o chionn mhóran bhliadhnachan. Tha fhios aig an t-saoghal air an fheum agus air an adhartas a rinn am Bòrd sin anns an ùine ghoirid bho stéidhicheadh e. Tha a thaing sin aig Eideard MacColla nach maireann, acheud àrd-cheann a bha air aBhòrd, agus aig Mgr. Tómas MacIain, a thana Cheann-suidhe air aBhòrd.

* * * * *

Cheana tha cumhachd an dealain, agus na goireasan a tha an cois sin, air a chur an tairgse àireamh mhór àitean, chan ann a mhàin air tir-mór ach anns na h-Eileanan. Tha an lampa-ola air dol far an deachaidh an crùisgean, agus tha solus soilleir tioram neo-dhraghail an dealain anns na ceudan de thighean far nach robh guth air o chionn dheich bliadhna.

Far an deach an crùisgean, an dubhairt mi? Chan eadh idir. Is ann a tha luach air achrùisgean an diugh, mar annasach a ghleidhear gu cùramach mar chuimhneachan air na làithean a dhaom. Ach eil fhios a bheil neach sam bith acrochadh lampa-ola air abhalla a chur dreach air an fhàrdaich is a ghleidheadh cuimhne air na seann làithean!

Chan e a mhàin gun toir oibrichean Ghlinn Afraig, mar na h-oibrichean-dealain eile, cumhachd is solus do mhór-roinn den dùthaich mu thuath, ach tàirngnidh iad luchd-turuis a dhamharc air an obair a rinneadh leis na mìltean dhaoine a shaothraich gun lasachadh a chur nan uisgeachan fo smachd. Chan eil ach cóig bliadhna bho thòisicheadh air oibrichean Ghlinn Afraig. Nach iad a chaidh ris! Chan aithne dhòmhsa Cuideachd no Comhairle no Comunn sam bith a rinn a leithid de dhobair ann an ùine cho goirid is a rinn Bòrd Tuathach an Dealain-Uisge. Guma fada a leanas iad acur cabhaig ris aghnothach a dhearbadh riutha.

* * * * *

Tha feum air cabhaig! Cluinnidh tu cuid ag ràdh nach robh muinntir na Gàidhealtachd riamh cho math air an dòigh is a tha iad an dràsda. Mas ann mar sin a tha, is neònach leamsa gu bheil amhuinntir òg fhathast asìor thogail orra air falbh; sgìrean adol fàs; sgoileangan dùnadh. Nach eil muinntir Shòaidh acur mu dheighinn an t-eilean aca fhàgail agus a dhol a dhfhuireach am Muile. aige a tha fios cia meud àit is eilean air an deanar cleas Hirt is Shòaidh!


[37]

Eilean Shòaidh. (Daily Record)

Is ann air oirthir siar thir-móir as truaighe an suidheachadh, bhon Pharbh gus an Rudha Murchanach agus deas air sin anns aMhorbhairne. Ach tha na h-Eileanan a Muigh aleantainn air an aon chùrsa, ged tha àireamh mhath sluaigh aca fhathast. Leugh mi o chionn ghoirid na sgrìobh Mgr. Calum MacMhaoilein, fear-Pàrlamaid Innse Gall, am Paipear Ghlaschu mu Uibhist a Tuath is mu Bharraidh. Cion-cosnaidh, cion-rathaidean, faraidhean troma, cion nan goireasan a tha sluagh an -an-diugh ag iarraidh! Gu a thig á so uile? aige a tha brath? Nach iomadh éigheach is deasbad a rinneadh mu chor na Gàidhealtachd! An diugh fhéin tha Comhairle Earalach na Gàidhealtachd, Coimision nan Croitearan, is buidheann no dhà eile, an sàs anns achùis, feuch an cuir iad ceart na tha ceàrr agus an cuidich iad soirbheachadh a thoirt don Taobh-Tuath. Gur maith a théid leotha uile!

* * * * *

Chì mi gu robh an t-Ollamh Crìstean MacRath, Sàileach èasgaidh, ag ràdh nach faighear gu bràth rian air cùisean na Gàidhealtachd a leasachadh gus an stéidhichear aon Bhòrd, aig am bi an chuid ùghdarras agus airgead a dhol an car na h-oibre. “Mar a thà,” arsa esan, “ ‘ ’s ann a tha buidheann an so is buidheann an sud arùrach is acnuasachadh. Bitheadh aon bhuidheann ann, agus leig leotha a h-uile sìon a dheanamh!” Is fada o bha feadhainn againn ag ràdh rud-eigin den t-seòrsa, agus tha sinn toilichte gu bheil fear an àrd-inbhe mar a tha MacRath acur taic ri ar barail.


[38]

An cuala sibh gu bheil tuilleadh de na féidh Lochlannach air tighinn don Ghàidhealtachd? Saoil nach eil féidh gu leòir againn mar thà! Chan e féidh ach crodh as còir a chur air monaidhean na Gàidhealtachdcrodh is caoraich ann an àireamh iomchuidh. Rinn e call gur e caoraich a mhàin a bha air amhór-chuid den fheurach mhonadail o chionn faisg air ceud bliadhna. Is ann mar bhuil air sin a sgaoil an raineach gus a bheil e an diughna chomhdach puinnseanta air iomadh gleann bòidheach.

Ach feumaidh sinn a bhith air ar faiceall a thaobh achruidh, mar an ceudna. Is math an obair a tha Mgr. Hobbs, an Inbhir-Lòchaidh, agus Morair Shìm adeanamh, agus feadhainn eile. Chan fhaod sinn, ged thà, an obair-chruidh so fhàgail gu h-iomlan an làmhan nan uachdaran móra, air neo bithidh an crodh, mar a bha na caoraich agus na féidh, ’nan leisgeul gu bhith afògradh an t-sluaigh chumanta bhàrr an fhearainn.

* * * * *

Nach misneachail am fear ud, Mgr. Rollo, a tha an déidh àit-oibre beag a chur suas an Inbhir-Asdail am Poll-Iùbh. Dhearbh e cheana leis an obair a thòisich e an Eisdeal gun gabh cosnadh de iomadh seòrsa a thoirt do dhaoine anns na sgìrean Gàidhealach, agus gun gabh feum a dheanamh den chumhachd-dhealain a chum na crìche sin. Is bochd nach eil tuilleadh de sheòrsa Mhgr. Rollo anndaoine aig a bheil de dhùidh anns aGhàidhealtachd agus gun dean iad rud-eigin a chum feum an t-sluaigh. Chan e airgead nam bochd a tha na Gàidheil ag iarraidh, ach an cothrom an t-airgead aca fhéin a chosnadhnan tìr féin. Agus nach eil làn-chòir aca air sin, a cheart cho math is a tha aig muinntir eile?

* * * * *

Is iomadh atharrachadh a rinn an carbad-ola air dòigh-beatha an t-sluaigh.

Tha sinn cleachdte gu leòir, air Ghàidhealtachd agus air Ghalldachd, ri bùth-air-chuibhleachean a bhith atadhal aig ar dorus, ach tha goireasan eile air chuibhleachean adeanamh feum anns an Taobh-Tuath. Banc-air-chuibhleachan, leabhar-lann-air-chuibhleachan, uigheam-léigh-fhiacal-air-chuibhleachan, dealbhan-gluasadach-air-chuibhleachan! Chan eil feum againn a nis anns an Taobh-Tuath ach dìreach air rathaidean air am falbh na cuibhleachan an tomhas de chomhurtachd!

* * * * *

Is e Samhradh Sònraichte a bhios ann an ath-bhliadhna, ge a chì e. Tàirngnidh Crùnadh na Ban-righ na muillionan sluaigh as gach ceàrn den t-saoghal a dhionnsaigh na dùthcha so, agus ruigidh àireamh mhath dhiubh aGhàidhealtachd agus na h-Eileanan. A bheil fhios a bheil ullachadhga dheanamh fa chomhair an t-sluaigh sin? Tha fhios gur math a dhfhaodadh ceàrnan eile den dùthaich oidhirp a dheanamh coltach ris an t-Seachdain Sgitheanach. Gu mu dheighinn Seachdain Ileach, Seachdain Mhuileach, Seachdain Tirisdeach, Seachdain Leódhasach, Seachdain Uibhisteach?

[39] [40] [41] [42] [43] [44] [45] [46] [47] [48] [49] [50] [51] [52] [53] [54] [55]
[56]
titleSuil Mun Cuairt
internal date1952.0
display date1952
publication date1952
level
reference template

T. M. MacCalmain in Gairm 2 %p

parent textGairm 2
<< please select a word
<< please select a page