Cuairt ann an Canada
le EOGHAN MAC A PHI.
CO an Gàidheal, nam faigheadh e an cothrom, nach gabhadh gu h-iollagach ealamh air chuairt do Chanada, oir is iomadh ceangal agus bann càirdeis a tha aig an tìr fad as ri ar daoine. Gu dearbh, mar a tha fios againn uile, chan eil sluagh eile a chuir uiread ri eachdraidh is saidhbhreas na dùthcha sin ’s a chuir sinne. Chan eil romham mion chunntas a thoirt air na rinn iad anns an t-seagh sin, oir saoilidh mi gu bheil aithne agaibh ann an tomhas mór no beag air mar a choisinn iad meas is cliù dhoibh fhéin is do’n sliochd eadhon gus an là-an-diugh. Chan e sgeul air thuairmeas a tha sin.
Mar eisimpleir air a sin, gabhamaid an roinn mhór fharsuin sing ris an abrar Gleann Garaidh. Tha sin ann an Canada uachdrach, mar a theirear ris, agus dìreach thar na crìche a tha Abhainn mhór St. Lawrence a’ dèanamh eadar Canada agus na Stàitean Aonaichte. Bha e air àiteach an toiseach an déidh do na Stàitean an saorsa a chosnadh, agus gun a bhith a’ dèanamh mion sgrùdaidh air na thachair, faodar innseadh gur e na Gàidheil a ghabh sealbh air an toiseach. Agus ’san dol seachad, cha bhiodh e ach iomchuidh gun tugamaid fa-near gun robh ’nam measg cuid a bha ’s a’ chòmhraig an aghaidh nan rìghrean coimheach, mar a bha iad-san am beachd, aig Blàr Chuil-lodair. Nach do sheinn MacMhaighstir Alasdair: “Do mhac an rìgh dlighich a tha uainn.” Chan eil romham ach gu bheil na h-uile coltas air gun robh am beachd fhéin aig na Gàidheil air ciod a tha ceartas agus dìlseachd a’ ciallachadh, oir cha robh na bu treibhdhiriche na iad as leth còir Bhreatainn agus a bu chalma a dhearbh an ùmhlachd do’n chrùn. Bha fulang aca air a sin agus is e thàinig as, an uair a thàinig an t-sìth, gun do chuir iad cùl ris na Stàitean agus choisich iad na h-uile ceum as a’ choimhearsnachd mun cuairt am baile New York gu Gleann Garaidh far an d’ fhuair iad fearann mar dhuais air son an cuid euchdan is an dealais.
Bha sin ’s a’ bhliadhna 1784. Nach bu chalma na daoine iad! Chuireadh gu mór ris an àireamh air do’n t-sagart mhór Alasdair MacDhòmhnuill tighinn leis na h-eilthirich eile a dh’fhàg an dùthaich so anns a’ bhliadhna 1803 an déidh sin. Is e sgeul eile a tha an sin agus sgeul as fhiach a h-aithris uaireigin eile.
Cha dèan mise an dràsda ach innseadh dhuibh gun do choinnich mi is gun robh còmhradh agam ri fir agus mnathan aig a bheil eachdraidh an sinnsridh air, mar a thogadh sin am beul-aithris ’s an tigh céilidh. Innsidh iad, mar as cuimhne leotha, mar a ghlanadh a’ chuid mu dheireadh de’n choille agus mar a b’ àbhaist do’n t-seirbhis Ghàidhlig aig ám nan òrduighean a bhith air a cumail ann an réidhlean a ghearradh as a’ choille, oir cha robh eaglais mór gu leòir ann gu gabhail ri meud a’ choimhthionail a bha tighinn do’n éisdeachd. Tha iad beò fhathast a bha aig na seirbhisean sin, is chunnaic mi-
fhéin aon de na seann eaglaisean fiodha a thog iad agus tha an eaglais sin air a cur gu feum gus an là-an-diugh.
Bha gu leòir de Ghàidhlig aig na seann daoine agus abradh sibhse Gàidhlig. Is réidh, siùbhlach, fallain, a bha i a’ tighinn o’m bilean. Shìos an Dunbheagain, far a bheil bùth ’Ic Criomain, bha e air innseadh dhomh nach robh dad eile ri chluinntinn an dà chuid an reic is an ceannach, ach Gàidhlig. Agus shuas car mu dhà mhìle o’n bhùth, tha tigh Sheumais ’Ic Criomain. Ged a tha Seumas a mach air a’ cheithir fichead, chan urrainnear a ràdh gur e seann duine a th’ ann. Tha e a’ fuireach ann an aon de na seann tighean fiodha agus is e a tha seasgair blàth. Tha am baile fearainn aige mar a rinneadh e le athraichean. Cha robh ann ach coille nuair a ràinig iad-san an t-àite agus is iad na machraichean brèagha torrach ud as luachmhoire agus as maireannaiche a tha a’ cumail air chuimhne treuntas, duinealas agus cruadalas nan Gàidheal bhochda do’m b’ fheudar an teachd-an-tìr a sholar air cho beag cothroim.
Is e a’ chùis mhulaid nach eil an òigridh a’ togail na cànaine. Is gann gu bheil neach nas òige na deich bliadhna fichead aig a bheil i, agus is cinnteach mi nach bi Gàidhlig, no suim air an eachdraidh fhiachail a tha fuaighte rithe, ri chluinntinn no ri fhaighinn ann an Gleann Garaidh an taobh a stigh de dheich bliadhna. Tha e tachairt an sin mar a tha e a’ tachairt anns a’ Ghàidhealtachd againn fhéin. Tha an òigridh a’ togail orra do na bailtean móra.
Chan e sin do Nova Scotia. Ann an iomadh ceàrn agus gu sònraichte ann an Ceap Breatann ’s i a’ Ghàidhlig cainnt choitchionn an t-sluaigh. Cluinnear i gu snasmhor, cuimir, aig àrd is ìosal, uachdaran is ìochdaran. An uair a choinnich mi ris a’ Prìomh Mhinistear, an sàr Ghàidheal Aonghas L. MacDhomhnuill, cha b’ ann idir anns a’ Bheurla bhog neo-chaomhail a dh’fhàiltich e mi, ach anns a’ Ghàidhlig ghrinn, bhàidheil, a fhuair e bho athraichean a dh’ fhàg Gleann Uige ann am Mùideart bho chionn còrr gu math is ceud bliadhna air ais. B’ e a bhriathran “Cia mar a tha thu, laochain? Is mi tha toilichte d’fhaicinn.” Is e duine comasach, coibhneil ùghdarrasach a tha anns a’ Prìomh Mhinistear. B’ ann air a chùram-san a bha cabhlach chogaidh Chanada ré fad a’ chogaidh agus b’ ann an déidh sin a thill e gu dhreuchd air sgàth a dhaoine fhéin ann an Nova Scotia. Is e urram mór dhuinne gu bheil e tighinn gu bhith ’na fhear cathrach aig a’ chuirm chiùil mu dheireadh aig Mod mór nan leth-cheud bliadhna anns an Oban air an ath bhliadhna. Ach ’s e Maighstir Stanlaidh, a bhràthair, fìor fhear na Gàidhlige. Chan eil dad a chuireas mì-thlachd air-san mar a chuireas an neach sin a chuireas ann am Beurla na rachadh aige air a ràdh ann an Gàidhlig. Smior a’ Ghàidheil.
Is duilich ri ràdh nach robh teagasg sgoile aca thall an sin, thuige so, mar a tha againne. Ach a dh’aindeoin sin, tha fios againn air cho eudmhor dealasach is a tha iad, ged nach biodh ann mar theisteanas air an spéis do’n Ghàidhlig ach na rinn an curaidh sin nach maireann, Eòin MacFhionghain, leis gach paipear mór mar a bha MacTalla, agus gach iomadh leabhar taitneach a sgriobh e. Tha sinn an dòchas
gun gabh ar daoine fhéin an so a’ cheart cho dealasach ri Gairm. Ma ghabhas, chan eagal dha.
Tha leasachadh ’ga dhèanamh air cùis na sgoile a nis, agus tha a’ chliù sin aig Calum Iain MacLeòid. Chan eil Calum ’na thàmh. Is e nach eil. An uair a ràinig mise, bha e is còmhlan gasda de luchd teagaisg aige ann an Ard Oil-thigh Dalhousie ann an Halifacs agus bha e soilleir ri fhaicinn ann a sin, agus air feadh na dùthcha uile, cho measail is a tha iad air Calum air a sgàth fhéin is air sgàth na tha e a’ dèanamh. Is mór an obair a rinn e mar thà, ach is ann anns na bliadhnaichean a tha ri teachd a mheasar iomlanachd a shaothrach. Mholamaid e ged nach biodh ann ach mar a tha e a’ cur an céill do na h-uile thall an sin cho luachmhor is a tha gach seann òran, gach sgeul agus gach mìr beul-aithris a tha aca, agus is iomadh seann òran a chluinnear thall an sin air nach eil lorg againne.
Tha Mòd aca cuideachd. Ach chan e Mòd mar as aithne dhuinne. Cluinnear Gàidhlig gun teagamh, agus i air a seinn leis a’ chloinn, ach maille ris a sin tha dannsadh Gàidhealach is pìobaireachd. ’S e na nithean sin as motha, mar a dh’fhaodadh dùil a bhith againn, a tha a’ gabhail aire nan coigreach agus is lìonmhor iad a tha a’ tighinn an rathad. Chan eil am Mòd ach ’na thoiseach, agus mholamaid e ged nach biodh ann ach mar a tha e a’ cur fa chomhair a’ mhór shluaigh dualchas nan Gàidheal, mar a gheibhear sin anns na h-òrain is na cleachdaidhean ionmholta eile a tha air am follaiseachadh an sud.
Is tric a chluinnear gu bheil tuille Gàidhlig ann an Nova Scotia na tha againn an so. Chan eil sin uile gu léir fìor. Anns an dùthaich so, tha àireamh an luchd bruidhne air a choimeas ri iomlanachd sluagh na h-Albainn agus leis a sin, chan eil an roinn aig a bheil a’ Ghàidhlig ach beag an coimeas ri mór shluagh na dùthcha. Chan ann mar sin a tha an Nova Scotia. Ged nach eil iad cho lìonmhor is a tha iad an so, tha tuille dhiubh ann aig a bheil a’ Ghàidhlig a réir an t-sluaigh a tha thall an sud. Ach feumar so a ràdh, gum b’ e mo bheachd-sa gu bheil no Gàidheil thall an sud fada, fada nas teòma gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh ann an seanachas agus ann an còmhradh am measg a chéile na tha iad an so, agus mar a meallta mise ’nam bharail, sin an aon dòigh, agus an dòigh as cinntich air a’ chànain a chumail beò.
Tha am peann air ruith is gun mi fhathast air iomradh a dheanamh air an dara leth, agus mur eil agam ach sop as gach seid, le roit an sud is leum an so, tuigidh sibh nach robh an còrr comasach anns an ùine a chuireadh f’am chomhair. Theagamh an ath uair a bhios facal agam dhuibh gun seas mi is gun gabh mi m’ anail le deagh shùil a thoirt mun cuairt a chum is gum bi sgeul agam dhuibh a bhios nas mionaidiche.
Am facal mu dheireadh, tha Gàidheil Chanada measail air an dìleab agus tha iad mothachail air ciod a tha i a’ ciallachadh dhaibh. Mo bheannachd aca air son an coibhneis agus an càirdeis.
[60] [61]title | Cuairt ann an Canada |
internal date | 1952.0 |
display date | 1952 |
publication date | 1952 |
level | |
reference template | Eoghan Mac a’ Phì in Gairm 2 %p |
parent text | Gairm 2 |