[299]

Air An Spiris

AN uair a tha an leanabh air na cóig bliadhna a dhùnadh, anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò, thig air a dhol dhan sgoil. Gu tric, ionnsaichidh e modh an sin, ged nach biodh aige dhith ach glé bheag nuair a bha e ariagail mu chùl an tighe. Ionnsaichidh e iomadach rud eile a tha feumail dhà: cruas, math-dhfhaodte, no is dòcha irisleachd; farsaingeachd-inntinne, comas breithneachaidh, dìcheall. Tha e buailteach air rudan a chall cuideachd, mar a tha ionracas, is tomhas de shaorsa is de chomas an iongnaidh.

Tha Gairm a nis adùnadh nan cóig bliadhna. Bha cuid den bheachd mura toireadh galar nan cóig oidhche leis e, nach ruigeadh e co-dhiùbh ìre sgoile. Is dòcha gu bheil cuid agaibh-se, a luchd-leughaidh, den bheachd gu bheil dìth oideachaidh air, is nach bu misde e a dhol greis don sgoil, ged nach bann ach airson litreachadh no speiligeadh ionnsachadh. Ach ged nach eil sinn ach òg is moath fhathast, ’s fheudar aideachadh gun dfhuair sinn corra leasan air achuspair sinbho ar luchd-leughaidh.

A thaobh modha, chan eil gealltanas sam bith againn gu bheil ràitheachan cho soitheamh ri leanabh, is tha sinn an dòchas nach eil. Oir tha modh is modh ann: modh a thaga dheanamh taitneach do dhaoine a bhith beò an cuideachd a chéile, is modh a tha acleith na fìrinne is adorchnachadh comhairle. Tha sinn an dòchas gun ionnsaich sinn an tuilleadh den chiad sheòrsa, is nas lugha den till seòrsa eile.

Cha bu mhath leinn gun dùineadh sinn cóig bliadhna eile gun dad as ùr ionnsachadh, is cha bu mhath do Ghairm mura tigeadh piseach is atharrachadh air o àm gu àm. Tha cànain agus litreachas an còmhnaidh acaochladh, is chan eil an sin ach rud fallain nach bu chòir dhuinn a bhith caoidh. Tha sinn an dòchas nach bi Gairm dad air dheireadh ann a bhith gabhail brath air na caochlaidhean sin is alorg brìgh as ùr anns an t-seann stoc as na dhfhàs an cànain agus an litreachas againn. Ma bhìos sinn beò is an anail againn, sinn sgal no dhà fhathast mus teid sinn don sgoil mhóir.

S e sìbhse, a luchd-leughaidh, an sgoil a tha Gairm afrithealadh. Na biodh eagal oirbh rud ionnsachadh dhà, is criomag foghluim a churna cheann. Ach na bithibh coltach ri sgoiltean na Gaidhealtachdthoiribh dhà a chuid foghlaim ann an Gàidhlig. Is na biodh eagal oirbh stràic a thoirt dhàtha a chraiceann is a bhathais cruaidh, is cha dean e cron air gille tapaidh.

titleAir an Spiris
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page