An Sgeilp Leabhraichean
“The Highland Economy, 1750-1850, ”le Malcolm Gray. Clo-bhuailte le Oliver & Boyd, Dun-éideann. 25/ -.
Tha móran fhathast de’n bharail gu robh “am bainne air an lòn mar dhriùchd, ’s a’ mhil a’ fàs air bhàrr an fhraoich” anns a’ Ghaidhealtachd a bh’ann roimh àm Chuil-lodair. Their iad gur ann ri linn fuadach Theàrlaich a ghabh cansar a’ mhì-sheilbh gréim—an cansar ris an abrar gu coitchionn an diugh, droch staid na Gaidhealtachd. A réir an fheadhainn a tha a’ searmonachadh air a’ cheann-teagaisg sin, cha robh ann an long mhór nan eilthireach ach bàta an dìoghaltais a chuireadh air sàl an fhuadaich le guin nan uachdaran ’s nan Sasunnach.
Ach tha taobh eile air a’ mhaoil, nach eil cho inntinn-tharraingeach do luchd nan òran, no idir cho mìn ri bus nan leth-Ghaidheal leis an caomh caoineadh. Tha sgrìobhte air an taobh sin, ann an dubh ’s an geal ’s ann am figeirean gu robh sgiùrsadh an t-sluaigh do-sheachnaichte, agus gu robh taoman an fhuadaich air a dhol fo shluagh na Gaidhealtachd anns an naoidheamh linn deug ged nach robh Teàrlach Stiùbhard air cas a chur riamh air tràigh Eirisgeidh.
Anns an leabhar so, tha Malcom Gray a’ deanamh sgrùdaidh air staid na Gaidhealtachd anns a’ bhliadhna 1750, agus a’ dearbhadh gu robh barrachd sluaigh anns a’ cheann-a- tuath, an crochadh air an fhearann, na b’urrainn an talamh a ghiùlan. Tha e a’ nochdadh dhuinn mar a thachair sin—mar a bha an dùthaich roinnte eadar uachdarain mhóra (cinn-feadhna, mar bu trice) ris an robh na ciadan de thuathanaich bheaga ’s de fhir-dàimhe an crochadh. Bha iad sin a’ sealbhachadh an fhearainn air bheag màil, ann an linn anns nach robh móran feuma aig uachdaran no ìochdaran air airgead. Ach, anns an naoidheamh linn deug, ri linn siubhail ’s ri linn foghluim, bhuail feum an airgid an t-uachdaran, agus cha robh dòigh air na buinn fhaotainn ach am fàsgadh as an tuath aig nach robh na buinn ri’n seachnadh. Aig a’ cheart àm, le biadh ’s le aodach Gallda a’ tighinn asteach, bha barrachd feuma ’s a bha riamh roimhe air airgead cruaidh ameasg an tuatha fhéin. Càit’ as an robh an t-airgead a’ dol a thighinn? Cha b’urrainn dha tighinn as an fhearann, ’s gun aig gach fear ach beagan is leud a bhròige.
Tha Gray a’ sealltainn nach robh leasachadh air a’ chùis ach oibrichean airgeadach a thoirt asteach gus cur ris a’ bheagan a bha an talamh a’ giulan, ach cha robh e furasda oibrichean a’ stéidheachadh ann an dùthaich do nach robh oibrichean dual.
Gun teagamh, thainig ath-leasachadh ri linn na ceilp, agus thionndaidh feadhainn ris an iasgach. Ach cha robh ceilp agus
[Sanasan]
iasgach gu leòir, agus, co-dhiùbh, chaidh iad le chéile a spuilleadh le marsantan móra a’ chinn-a- deas.
Tha Gray anabarrach math air eachdraidh na ceilp agus an iasgaich, agus tha e a’ sealltainn mar a chrìon iad le chéile, agus mar a dh’fhàg an crìonadh uachdarain is tuath na bu mhiosa na bha iad riamh.
Cha robh dol amach aig na h-uachdarain, ged a bha e searbh le móran aca, ach am fearann a reic ris na tuathanaich mhóra chaorach a bha a’ brùchdadh air a’ Ghaidhealtachd bho dheas. Agus cha cheannaicheadh iad sin am fearann fhads a bha e fo dhaoine, no, nan ceannaicheadh, b’ann gus na daoine a chur dheth.
Caran mar sin tha Malcolm Gray a’ cur an céill gu robh fuadach nan Gaidheal, mar a their sinn ris an diugh, do-sheachnaichte, agus tha e a’ cur an céill cuideachd gu bheil buil is blàth nam bliadhnachan eadar 1750 agus 1850 air a’ Ghaidhealtachd as aithne dhuinne.
Is fhada bhon a bha feum air leabhar fiosrachail, geur-chuiseach de’n t-seòrsa so, agus is ann amaideach a bhios am fear a dh’fheuchas ri eachdraidh na Gaidhealtachd a sgrùdadh gun sùil a thoirt air a dhuilleagan.
F. McD.
title | An Sgeilp Leabhraichean (The Highland Economy 1750-1850) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 20 %p |
parent text | Gairm 20 |