[374]

The Burning Tree,le Gwyn Williams.
Clo-bhuailte le Faber & Faber. 25/ -.

Chan eil cho fada bho thug sinn iomradh air leabhar eile le Gwyn Williams—An Introduction to Welsh Poetry—aguss ann mar thoradh air an t-saothar sin, faodaidh sinn a bhith cinnteach, a tha an leabhar ùr so againn. Tha e atoirt dhuinn a nise taghadh den bhàrdachd sin, agus eadar-theangachadh ma coinneimh, agus bheir an leabhar so sealladh as ùr dhuinn air cho farsaings a tha raon na bàrdachd anns aChuimris. Chaidh earrann den bhàrdachd sin a chur ri chéile an ceann a deas na h-Albann, mar a tha bàrdachd Aneirin agus Taliesin, agus an so cuideachd gheibh sinn na tha air sgeul den bhàrdachd aig Hywel ab Owain Gwynedd, a bhana leth Eireannach. ’S e an dàn dìreach a tha anns achuid as motha den chnuasachd, ged a tha seòrsan eile de rannaigheachd ann mar an ceudna.

S ann ainneamh a tha an t-eadar-theangachadh aig Williams ann am meadarachd, ach tha e atoirt dhuinn sreath mu choinneimh na sreatha, is tha brìgh is blàth na bàrdachd air an aiseag thugainn ann an dòigh a tha anabarrach taitneach. Gun teagamh, tha cuid den bhlàth nach gabh a chur an rosg, agus gu h-àraidh an rosg Beurla, ach cha bhi duine a leughas an leabhar so nach fhaigh fiosrachadh as fhiach mu bhàrdachd na Cuimrigh bhon t-siathamh linn gu ruig an t-siathamh linn deug. Gheibh e iomradh an so air cogadh is air caoidh, air gaol is air buaidh Nàduir, air caitheamh-beatha mhithean is mhaithean. Tha mòran de rudan annasach ann, mar a tha caob den dealbh-chluich air achuspair ainmeil a ghluais mac-meanma Chaucer is Henryson is ShakespeareTroelus a Chresyd; òran le Thomas Prys air achuspairTrioblaid aig Muira thana leth Bheurla isna leth Chuimris(sownd ffein with the lein and led= “sound fine with the line and lead”! ) ;trì de na dàin aig Dafydd ap Gwilym, agus iomadach dàn prìseil eile. Chan ann atoirt breith air an obair a tha sinn an so, ach acur an céill gun deach a curnar tairgse.

Is math gu bheil càirdean aig na Cuimrich an Lunnainn, mar a tha Faber & Faber. Ann a bhith acur na bàrdachd so an clò tha iad anochdadh càirdeis do na Sasunnaich cuideachd, agus eadhon do na Gaidheil, ma tha ùidh aca am bàrdachd.

R. McT.

Pasgan de leabhraichean eile mun Chuimrigh a thainig am follais o chionn ghoirid:—

The Story of Wales,le Elisabeth Inglis-Jones. (Faber & Faber 15/- ).

Social Change in South-West Wales,le T. Brennan, E. W. Cooney agus H. Pollins. (Watts & Co., Lunnainn. 21/- ).

Welsh and Scottish Nationalism, A Study,leis an Ridire Reginald Coupland. (Collins. 25/- ).

South Wales,le H. L. V. Fletcher. (Hodder & Stoughton. 18/- ).

[Sanas]

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Burning Tree)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page