[301]

Tir Nan Craobh ’s Nan Loch

NOTAICHEAN AIR SUÓMI (FINLAND)

Le SEORAS HAY

Sealladh am Päjänne Jämsä.

CO an duine nach cuala uair no uaireigin am fonn sinFinlandia,” no iomradh air an fhear a rinn eJan Sibelius a tha fhathast beò còrr is 91 bliadhna a dhaois? Buinidh an sean laoch sin do ShuóminoFinlandmar a chanas Suainich is Sasunnaichdùthaich mhaiseach taobh sear na Baltaic anns a bheil coilltean móra is mìltean de lochannan, dùthaich mu mheudachd Bhreatainn no Gearmailt an Iar gun innte ach mu 4,200,000 sluaigh.

EACHDRAIDH

A rèir coltais, thàinig sinnsirean nan Suómach an toiseach don tìr ri linn ar Tighearna agus fhuair iad an creideamh Crìosdaidh bhon t-Suain san dara linn deug. Bhon uair sin gu tòiseach na naoidheamh linn deug, bha Suómi ceangailte ris an t-Suain fon aon rìgh, agus eadar 1809 agus 1917 bha i fo smachd aig Impireachd na Ruise. Aig an àm sin agus na Ruisich aig amhaich a chéile taobh astigh an crìochan féin, dhealaich Suómi i fhéin bhon Ruis agus ghairmeadh saor phoblachd dhith. Dhfheuch na Comunnaich le còmhnadh na Ruise ri riaghladh na dùthcha a ghlacadh agus thàinig cogadh sìobhaltana lorg, ach an ceann mu bhliadhna fo stiùradh an t-saighdeir ainmeil sin, am Marasgal Mannerheim, fhuair an riaghaltas dligheach abhuaidh agus ghairmeadh an t-sìth.

Eadar 1920 agus 1939 rinneadh adhartas mhór an Suómi agus


[302]

shoirbhich leatha gu math anns gach obair is ealain, ach an sin thug an Ruis ionnsaigh garg gun leisgeul oirre agus béiginn do na Suómaich iad fhéin a dhìon an aghaidh feachdan móra nan Sóibheiteach, rud a rinneadh le treubhantas iongantach Cogadh aGheamhraidh.” Ged a chuir iad an ruaig uair is uair air an nàimhdean, fhuair Helsinki, Viipuri is bailtean eile sgrios is sgiùrsadh mór le feachd adhair na Ruise agus cha robh aca mu dheireadh ach strìochdadh an aghaidh bhombairean is acfhuinn cogaidh an nàmhaid. Thugadh bhuapa ceàrnaidhean san taobh tuath agus Karelia air fad san ear-dheas. Cha bfhada gus an robh iad acogadh an aghaidh na Ruise a rithist agus ged a shoirbhich cho math leò ri Karelia a chosnadh air ais, thachair mar a thachair roimhe agus béiginn dhaibh géilleadh. Chosg an gaisge gu mór, chaill iad 12% den dùthaich, 32% de thighean-cumhachd na dealain a bhaca agus móran eile, agus a bharrachd air sin, béiginn dhaibh suim eagallach a phàidheadh don Ruis. Rud eile, rinn na feachdan Gearmailteach a bha san dùthaich, acuideachadh leò an aghaidh na Ruise, sgrios mór san àirde tuath mun dfhàg iad. Air an làimh eile ghléidh Suómi a saorsa agus cha bu bheag sin. Sgìth, leòinte, sàraichte mar a bha i cha robh fada gus an do phàidh Suómi na Ruisich, agus an diugh chan eil lorg achoghaidh ri fhaicinn san tìr ach a mhàin anns na cladhan far a bheil clachan gràin(granite) ,sreath air sreath, acumail cuimhne air na daoine calma a dhfhalbh isnach till gu bràth gu na cruinne.”

DUTHAICH AGUS GNIOMHACHAS

Mar a dhainmicheadh cheana tha cuid mhath den tìrfaisg air

[Dealbh]
Tigh cumhachd an Tampere (Tammerfors).


[303]

deicheamh dhithfo uisge agus tha mu dhà thrian dhith còmhdaichte le coilltean giuthais is beithe. Tha móran de na lochan ceangailte ri chéile le amaranno canàlanagus is urrainnear turusan fada a dheanamh troimh an tìr ann am bàta. Gu dearbh, chan eil e furasda (dhòmhsa, co-dhiùbh) maise na dùthcha so a chur an céill co-dhiùbh a chithear i acadal fo speur grianach an t-samhraidh no glaiste fo reothadh is sneachd agheamhraidh. Mar a bhiodh dùil againn, tha móran sluaigh ri obair forsaireachd no ri cosnadh ann am factoraidhean far a bheilear adeanamh paipear, pulp, cellulos is stuthan eile den t-seòrsa á fiodh. Tha feadhainn eile ri obair an fhearainn agus atogail cruidh bhainne.

Tha cladaichean Suómi, gu sònraichte san iar-dheas, car mar a tha taobh siar na h-Albann, le lochan, geodhachan is eileanan gun àireamh. An sin gheibhear obair iasgaireachd adol, agus ann am bailtean puirt mar Helsinki (no Helsingfors) agus Turku (no Åbo), togail bhàtaichean. Tha an obair so agus oibreachan miotailt adol am meud gu mór bhon chogadh mu dheireadh oir bann le nithean den t-seòrsa a béiginn do na Suómaich an Ruis a phàidheadh. Ann am Tampere (Tammerfors), baile air leth eireachdail a tha air a shuidheachadh làimh ri easan eadar loch mhóir, gheibhear factoraidhean far a bheilear afighe cotan, lìon-aodach agus clòimhean. ’S ann le cumhachd-dealain a tha na factoraidhean sin ag obair aguss ann bho na h-easan a tha iad afaotainn achumhachd sin. Thàinig móran luchd-oibre Albannach is Sasunnach an toiseach do na muileannan sin aguss e Finlayson an t-ainm a thair fear as motha dhiubh fhathast.

TIGHEAN IS TOGLAICHEAN

Le coilltean a bhith cho pailt aca bann le fiodh a thog na Suómaich na bailtean agus na toglaichean a bu shine a bhaca, ach loisgeadh amhór-chuid dhiubh sin le teine bho àm gu àm. A dhaindeoin sin, tha móran toglaichean fiodha ann fhathast, sean is ùr, am baile agus air an dùthaichtighean, sgoilean is eaglaisean a tha an chuid comhurtachail agus snasail don t-sùil astigh is amuigh. Air an dùthaich làimh ri gach tigh beag is mór, agus am bitheantas ri oir locha na mara, gheibhear tigh beag fiodha le àmhunn is luidhear. ’S e sauna a theirte ris aguss e seòrsa tigh-failcidh Turcach a thann. The na saunaichean sin air a bhith aig na Suómaich fad linntean nan eachdraidh. Is àbhaist dhaibh-san a bhiosgam failceadh annta am bodhaig a bhualadh le meanglan is duilleagan beithe a chùm am barrachd fallais a thogail, agus an déidh dhaibh an nigheadh a cho-dhunadh ni iad dubh-leum san uisge fhuar taobh amuigh. Daoine calma, cruadalach!

Gad nach eil Suómi cho saidhbhir ri cuid de dhùthchannan eile a thaobh thoglaichean móra aosda, tha móran de na sean eaglaisean maiseach is loinneil, gu sònraichte iadsan a thogadh nan linntean meadhonach. ’S i an te as motha a tha san tìr Ard-eaglais Thurku a tha mu mheudachd Ard-eaglais Dhùn Chaillinn, agus a chuireadh air bonn san treas linn deug. An cuid de na h-eaglaisean sgìre gheibhear dealbhan air an tarraing air na ballachan anns am faicear


[304]

[Dealbh]
Eaglais Espoo (Esbo).

cuspairean sgriobtaireil, naoimhs an leithid sin mar a bàbhaist a bhith againn anns na linntean meadhonach ach de nach eil ach mìr no dhà againn an Albainn an diugh. Chithear deagh eisimplearan an Hattula, Espoo, Lohja, Pernaja agus an àitean eile. Còmhla ri eaglaisean gheibhear caistealan móra an Turku (Åbo), Hämeenkubba (Tavastehus) agus Olavinlinna (Olofsborg).

Ann an Helsinki (Helsingfors), ceann-bhaile na rìoghachd, gheibhear toglaichean snasail a thogadh san naoidheamh linn deug agus a dhealbhaich Gearmailteach mór, Carl Ludwig Engel. ’Nam measg tha an eaglais mhór, an oilthigh agus feadhainn eile. A thaobh iadsan a thogadh an Suómi san linn so, chan eil iad dad air dheireadh air na toglaichean as fheàrr a thagainn agus amhór chuid dhiubh fada air thoiseach orra. Le mo dhà shùil fhéin chunnaic mi tighean, flataichean, ospadalan, bùthan, sgoilean is eaglaisean air an togail a rèir nam modhannan is nan staoidhlean as ùire agus as fhèarr a tha ri fhaotainn san Roinn Eòrpa aig an -an-diugh. An aon fhacal is urrainn dhuinn an Albainn móran ionnsachadh saghnothach so bho na Suómaich agus tha sin ceart a thaobh iomadh ceàird is ealain eileàirneis tighe, obair ghloinne, airgid is fhigheadh, soithichean criadha is iomadh rud eile.

CANAIN, LITREACHAS IS DAOINE

Tha cànain na Suómi fonnmhor blasda don chluais agus, coltach ris aGhàidhlig againn fhéin, gheibhear cudthrom an fhuaim air ceud lide nam facal. Tha còrr is 90% den t-sluagh abruidhinn Suómais


[305]

agus tha mu 9% aig a bheil Suaineis agus dhiubh sin gheibhear amhór chuid anns na h-Eileanan Alandach agus an taobh siar na dùthcha. Anns na bailtean móra mar Helsinki (Helsingfors) no Turku (Åbo), chithear ainmean is sanasan san chànain air na sràidean, am bùthan, an gàrraidhean an rathaid-iaruinn agus an àitean eile.

Thòisich litreachas na Suómi an ceart da-rìreadh san t-siathamh linn deug aig àm an Ath-leasachaidh. Chuir an t-Easbuig Mikael Agricola amach a chuid sgrìobhaidhean an 1548 agusnam measg an Tiomnadh Nuadh an Suómais. nan cheud bliadhna an déidh sin, biad leabhraichean eaglaiseil is cràbhach gu sònraichte a chaidh a chlo-bhualadh an Suómais oir bann an Làidinn no Suaineis a sgrìobh amhór chuid de sgoilearan aig an àm sin. Bha sgrìobhadairean Suaineach ann a rinn deagh bhàrdachd is rosg mar Runeberg, Topelius is Snellman, ach san naoidheamh linn deug dhùisg spiorad nàiseanta anns na h-ealainean air fad. An 1835 thàinig obair ainmeil amach an Suómais bho làimh Elias Lönnrot (1802-84), Kalevala, leabhar mór bàrdachd anns a bheil cruinneachadh de dhàin is beul-aithris na dùthcha. Ameasg feadhainn eile sgrìobh Aleksis Kivi (1834-72) bàrdachd, rosg is dràma, agus sgeul cho maths a tha ri fhaotainn an cainnt air bith, Na Seachd Bràithrean. An 1939 choisinn F. E. Sillanpää duais Nobel air son litreachais agus an diugh tha gu leòir de luchd-sgrìobhaidh comasach san tìr a thaaleantainn gu dlùth ri cliù nan sinnsirean.” Chaidh móran de na leabhraichean aca eadar-theangachadh gu cànainean eile, beurla Shasuinnnam measg.

Ged a rinn na Ruisich san naoidheamh linn deug gach a burrainn dhaibh a chùm cànain na Suómi a bhacadh tha i nis cho slàn fallains a bha i riamh. Rud eile dam bu chòir do na Gàidheil an aire a thoirt, tha nas lugha sluaigh nach urrainn an cànain fhéin a leughadh an Suómi na tha ri fhaotainn an dùthaich air bith fon ghréin.

Nise, ciod a their mi mu mhuinntir Suómi? Ann am beachd an fhir-turuis tha iad car dùr, stòlda don t-sùil an toiseach ach chan fhada gus am faic e gu bheil iad glan, dèanadach, fialaidh agus coibhneilnan dòighean, agus glé choltach ruinn fhéin. Coltach ris na Gaidheil tha meas mór aca air cliù, gnathasan, creideamh is eaglais an sinnsirean (an eaglais Lùterach) agus gach a bhuineas dhaibh mar shluagh. Air an làimh eile tha iad acur gu feum gach annas is goireas as fheàrr dar linn féin a bhitheas a chum math is leas na dùthcha. Cha bu mhisde sinn an Albainn am barrachd eòlais a bhith againn air Suómi agus a daoine, seach a bhith an còmhnaidh aleantainn na modhannan aig dùthchannan nas mothadùthchannan nach urrainn gu tric an spògan a chumail á nithean ris nach eil gnothach aca.

Anns an earrann a tha shuas, far a bheil ainm-àite sgrìobhte còmhlas e an t-ainm Suaineach a tha eadar na bracaidean.

Tha sinn fo mhór chomain aig Comunn Turuis na Suómi (Suomen Matkailijayhdistys) a cheadaich dhuinn dealbh 2 a chur an clò. Thogadh na feadhainn eile leis an ùghdar.

titleTìr Nan Craobh ’s Nan Loch
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Seòras Hay in Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page