[307]

Mairi NicLeoid agus a Leannan

(Mar a thàinig an fhine Chaimbeulach air tùs do na Hearadh)

Le NIALL MAC-AN-TUAIRNEIR

S ann air leathad socair faisg air ceann shuas Loch Sìthphort a thana chrìch eadar Leódhuss na Hearadh bha tigh-mór Mhàraigna sheasamh. Tha an aitribh tha ri faicinn ann an sud an diugh glé ao-coltach ris an tigh bha ri togail a chinn ann anns an àm mu bheil mo sgeul ri toirt cunntais, bho chionn 300 bliadhna.

S ann de Shìol Thormoid a bhuineadh an Leòdach aig an robh Màraig aig an àmduine mór foghainteach a réir eachdraidh, agus neach air an robh meas is cliù ro-mhórna latha airson a thuigse agus a dheagh-bheusan. Mar is tric a thachair do dheagh phàrantcha robh aig MacLeòid ach glé bheag de theaghlachaon nighean air an robh Màiri agus chaidh Màiri fhàgail glé óg gun mhàthair.

Leag nàdur gach deagh bhuaidh maille ri maise air Màiri Og, oir càite am faicte eile air latha féille no Sàbaid bu dìriche dreachmhoire na bu mhàlda na i? Cha bhiodh e mar iongnadh ged a robh balaich na tìre astrì ach fiach a gheibheadh a fàiltes a furan, agus le cinnt bha gu leòir ag iarraidh làmh Màiri ann an cùmhnantan pòsaidh ach gu ruige so cha tug i a h-aonta do aon diubh.

S ann aig an àm so bha mac do Iarla Earraghaidheil adol troimh chùrsa fòghluim ann an Oil-Thigh Ghlaschu. Aon de na lathaichean gu ach chaidh Mac an Iarla agus fear de chuid chompanaich amach air a chéile mu dheighinn am fear diubh bu mheasaile fine. Cha deanadh dad achùis mur an rachadh agus uair ainmeachadh air an coinnicheadh na suinn a chéile agus an deasbud a réiteach le claidheamhaireachd (sabaid chlaidheamh).

Gu -fhortanach, ann am braise na h-iorghaill, tharraing an Caimbeulach (be so ainm mhic an Iarla) an claidheamh le buille cho teòma sgoinneils gun do sgoilt e ceann an fhir eile bhon chrùn a dhionnsaigh amhaich. Bha e nis fo bhinn lagh na rìoghachd mar mhurtair agus ann an ùine ghoirid bhiodh luchd-dìoladh na fala an tòir air. ’S e a smaoinich e gun grad theicheadh e do na Hearadh, e-féin agus Mac do MhacLeòid Dhun-bheagain, a bha a réir coltaisna dhlùth chompanach do Mhac an Iarla. ’S ann mar sin a thachair; ràinig iad na Hearadh gu sàbhailte. Cha robh e fuathasach fada sna Hearadh nuair chuir e eòlas air Màiri NicLeòid, nighean Fear Mhàraig.

Tha e coltach gum biodh i féin agus an Caimbeulach an comunn a chéile gu math tric agus bha an t-eòlas asìor dhaingneachadh. Bha an gillena dhuine ro-bhrèagh, eireachdail air a bhonnan, deas-bhriathrach agus cuireadach, làn foghluim is deagh-bheusan, agus neach dham baithne ciamar a bu choir dha e féin a chleachdadhs a ghiùlan ameasg cuideachd. Bha Màiri an trom-ghaol air seach neach air an do chuir i eòlas.

Cha robh dad aig Fear Mhàraig an aghaidh an leannanachd bha eadar a nighean agus an Caimbeulach aguss ann bha e ro-thoilichte nuair chaidh na bainnse a shuidheachadh. Bha nis dlùth-dhàimh a réir coltais gu bhith eadar e féin agus neach cho urramach ri Iarla


[308]

Earraghaidheil. Ach man do labhair an seann duinedean anns achùils thig e dhionnsaigh an teinegu ach chaidh innse do MhacLeòid os ìosal an t-aobhar thug an Caimbeulach a thàmh do na Hearadh.

Ghairm e a nighean a thaobh agus a chuir e fa comhair gach mar a chual e. “Mar sin, a Mhàiri, a rùn mo chridhe, cha dean math an còrr bhith eadar thu féin agus an Caimbeulach. Tha mise duilich, ro dhuilich, meudail, gu feum achùis bhith mar so, ach bhithinn deich uairean na bu duillidh fios bhith agam gu robh mo nigheanag pòsda aig fear tha fo bhinn an lagha airson dòrtadh fala.”

Thog Màiri a sùilean maoth-bhog ciùine agus iad a cheana air fàs trom fo chudthrom nan deur, agus, ars ise: “Athair, tha fios agaibh nach deachaidh mi uair riamh thar ur comhairle, ni motha tha a rùn orm dhol a nis, cruaidhs mar tha i, ach O! athair, a bheil sibh cinnteach an i an fhìrinn a tha anns achùis? Am faod mi fhaicinn is coinneachadh ris aon uair eile?

“ ’S e, a Mhàiri, an fhìrinn tha anns achùis; dhinnis MacLeòid Og Dhun-bheagain a bhana shùil-fhianuis air an t-sabaid dhomh gach mar a thachair, ach bheir mi dhut cead fhaicinn agus coinneachadh ris aon uair eileach aon uair a mhàin.”

Le so, thionndaidh iad bho chéile, an t-athairdol sìos dhionnsaigh achladaich far a robh bàta beag aig ri a h-acrachadh, agus Màiri gu trom-inntinneach adìreadh an aonaich bha os cionn an tighe far an do gheall i gun coinnicheadh i a leannan. Cha robh an dàil feitheamh aice ro-fhada nuair a chunnaic i fear-a- rùin le sràid-cheum sunndach atighinn air fàire. Cha bann bho bhun na h-ursann a bha an laoch ud air a choiseachd a thoirt air an fheasgar ud, ach á Ròghadail á ceann a deas na Hearadh, achs e ro-bheag a dhaithnicheadh neach sud air a cheum eutrom guanach.

Le aoibhneas alasadhna chliabh chuir e fàilte air Màiri, agus, ars esan: “ ’S mi tha toilichte tfhaicinn cho math. Bha eagal orm gum bithinn fadalach, oir is ann á Ròghadal tha mi air tighinn an dràsda. Ghabh mi tarsainn Beinn Loisgeineir agus gualainn an iar an Toideim airson aithghearrach agus ged bha an dìreadh cas, ’s mór na chuir na leòidean asteach rium agus nach mi tha taingeil nach robh mi bonn air dheireadh air an uair a gheall mi do choinneachadh. Ach taing do Dhia nach bi an ùine nis fada gus an coinnich sinns nach dealaich sinn gus an sgar am bàs sinn.”

Bha Màiri, gu ruig a so, mar bhiodh ann am plathadh, i ri cluinntinn cainnt a leannain agus gun i gabhail ro-mhath asteach brìgh a chòmhraidh; ach nuair a bhuail fuaim briathran dìreach a sheanachais air a cluais bhrist i amach: “O, nach mise bhiodh aoibhneach gum bfhìor so ach chan eil so an dàn, ’s i so an uair mu dheireadh tha e ceadaichtdhòmhsa tfhaicinn no an comunn as lugha bhith agam riut.” Dhinnis Màiri an uair sin gach mar a bhà agus gur ann le teann òrdugh a h-athar bha achuibhle air tionndadh.”

O, a Mhàiri, a ghràidh mo chridhe, a bheil achuis air tionndadh mar so? Bheil rathad idir air faotainn thairis air an t-sliabh uabhasach so tha an saoghal mealltach air togail fo mo chomhair? Nach bu


[309]

shuarach leamsa cruadhlach cas an Toideim sin thall a dhìreadh air mo ghlùinean na robh e gu dorus fhosgladh dhomh troimh an rachamaid le chéile. Ach bhon is ann mar so tha achùis agus gu feum mi lùbadh fon eallach, fiachaidh mi ri ghiùlan le cuideachadh bhon Airde. Mar sin, fágaidh mise anochd an t-ionad anns an dfhuair mi iomadh aobhar sòlais agus anns an do chuir mi seachad iomadh is oidhche shona. Theid mi gu muir far am faod mi smaoineachadh air gaol na maighdinn a ghoid mo chridhe agus a rithist a dhfhuathaich mi.”

Stad, a Ghilleasbuig. Na leòn mo chridhe le lot nas miosa na tha ann; tha fios agad nach e t'fhuathachadh tha mi adeanamh ach an so a thachair is e mathair is ùghdair dha, agus cha phòs mise gu bràth gun a chead-san. Ach ni mi so riut, aLeasbuig, ma dhfhuiricheas tu rium gus an caidil mathair maille ra aithrichean, bithidh mise ro-dheònach gun coimhlion sinn na bòidean a thug sinn.”

Taing dhutsa, a Mhàiri, airson tfhocail agus do ghealladh as ùr; tha nis misneach tri-fìllte agam agus gu cinnteach fanaidh mise ri mo Mhàiri gus an àm as roghnaiche leatha.” Shìn e an uair sin dhi am fàinne bha e ri chur mu meòir air aphòsaidh, agus le guth briste ag ràdh, “Cùm so gus an coinnich sinn a rithistma tha sin an dàn tabhairt a chaoidh.”

An déidh amharc gu geur air an fhàinne car greise chuir i gu cùramachna broilleach e aig an aon àm ag ràdhBheir mise dhutsa cuimhneachan beag bhios agadged nach eil e luachmhor ann féin cumaidh e a ghnàth an cuimhne dhut gu bheil a cridhe-se thug seachad e a cheart cho dearbhta ann an gaol dhutsa agus tha an t-òr.”

Cha robh ann an cuimhneachan Màiri ach ribean ghorm de shìoda anns an do rinn i le obair-ghréis an ainm le chéile a chur le snàth òir. Rinn i sud air choinneimh na bainnse gus a chrochadh am broilleach a leannain. Agabhail an cead mu dheireadh da chéile ghuil iad gu cruaidh goirt, agus thionndaidh iad an cùl ri chéile.

Fàgaidh sinn Màiri adol a dhionnsaigh a dachaidh eadar a bhith coiseachds aseòladh agus gun i fathast air a ghabhail ceart asteach gu bha air tachairt. Cumaidh sinn ar sùil air an òganach tha air togail air gu tuath agus tham beachd baile Steòrnabhaigh a ruigheachd fo mhadainn.

Ged bha còrrs am feasgair air ciaradh mun do dhfhàg an laoch ud Màraig bha e ann am baile Steòrnabhaigh mun do ghabh achuid mu dheireadh de shluagh an àite mu thàmh. Dhiarr agus fhuair e ionad fasgaidh airson na h-oidhche, ach ged a ghabh e leabaidh cha bann gu cadal. Is iomadh car a chuir e dheth mun do ghlais an agus is iomadh uair a chuimhnich e mar a bhuin an saoghal cho cruaidh ris.

Bha an Caimbeulach air a choismun do bhlais eun an t-uisgeagus e ri sràid-imeachd suas is sìos air tràigh abhaile; e ri dian-amharc thar a bhàigh fiach am faiceadh e coltas long na bàta sam bith a bheireadh àite dha mar làimh. Cha robh e ùine ro-fhada ri coimhead nuair a mhothaich e do long mhór thrì-chrannach air acair sabhàgh agus aig a cheart àm bàta beag atighinn bhuaipe gu tìr airson uisge no ni-eigin a dhfhaodadh bhith dhith air na seòladairean.


[310]

Cha bu ruith ach leum do Ghilleasbuig an coinneimh abhàta agus mun do ràinig i tìr dhéigh e ris an sgioba an robh iad gann de dhaoine. “Matà,” arsa h-aon de na gillean, “ghabhadh sinn aon làmh mhath eile”. “Ro mhath”, fhreagair Gilleasbuig, agus an uair a fhuair iad na bha dhìth orra chaidh e maille riutha air bòrd.

Tha nis cóig bliadhna bhon a dhealaich Màiri ri a leannan ach gu ruig an àm ud cha dfhuair i fios bu lugha mu thimcheall; cha robh eadhon fios aice bu bheò no marbh e, ach ged nach robh, bha a h-inntinn cho muinghineach làidirna ghealladhs nach tug i riamh suas a dòchas nach faiceadh i fathast e.

Aig an àm so chuir long mhór asteach airson fasgadh do Loch Sìthphort, agus thainig cuid de na seòladairean gu tìr ag iarraidh bainne is uighean do Thigh Mhàraig. ’S i Màiri a thachair bhith frithealadh dhaibh agus anns an t-seanachas bha dol thuit dhi feòrach diubh an do thachair a h-aon aca riamh air fear Gilleasbuig Caimbeul.

Fhreagair fear de na gillean gum bi an long bhan diugh san loch an dearbh shoitheach air an do sheòl e, ’s nach do dhfhàg e riamh i gus gu -fhortanach ri oidhche stoirmeil, bho chionn bliadhna an àm bhith riofadh na siùil atighinn tarsainn Bàgh-Bhiscaidh gun tug muir trom e feir cheann na slaite agus gun deach a bhàthadh. Gu robh e ann am mór mheas aig na bha air bòrd agus air a throm-ionndrainn leo uile. Thug Màiri sgread goirt aisde air di an naidheachd so a chluinntinn, ’s ann am priobadh thuit i ann am plathadh air an ùrlair. Chruinnich a h-athairs na bha stigh mun cuairt dhis gun a dhuan aig a h-athair achMharbh mi mo nigheanach O, nach mise bha riamh gun ur sgaradh bho chéile”.

Ach, a chàirdean, nach tric a chuala sinnnach beir gad air aithreachas”, no gurionnan aithreachas crìche ri bhith cur sìl mun Fhéill-Mhàrtainn”.

Mun tàinig Màiri as a laigse san deachaidh i, bha na seòladairean faisg air an luing, oir nuair a chaidh luchd an tighenam boilesnam breislich mun cuairt oirre thug iadsan an dorus orras mar sin cha dfhuair Màiri cothrom an còrr ceasnachaidh dheanamh air gillean abhàta. An glaiseadh an -rna-mhàireach sgaoil an soiteach a siùil bhàna ri crannaibh.

Theann Màiri ri dol as, ’s an áite an rudhadh bòidheach daite air dhreach nan ròsan bha roimhe so ri fhaicinnna gruaidheans e bhann a nis ach glas-neul an airsneul le sgraing na duilchinnga chuartachadh.

Fad bhliadhna bha Màiri san t-suidheachadh sosuidheachadh brònach air fadgun ghean gun aighear ri fearas-chuideachd na sòghair-ceòlmhor an t-saoghail so.

Ach ma cheadaicheas sinn do chùisean an cùrsa nàdurra ghabhail, chì sinn gun dean Tìm, léigh gach lot, an cridhe goirt a shlànachadh. ’S ann mar sin a gheibh sinn Màiri aig an àmtha i ri faicinn nach eil do stàth dhi bhith cumail suas achaoidhs achànran chianail a tha an déidh a snuadh thoirt buileach dhith. ’S ann tha i nis air teannadh ri pàirt a ghabhail ann am fearas -chuideachd na nàbaidhean.

De na bha do leannanan aig Màiri NicLeòid, cha robh a h-aon ann a chuireadh i faisg air aChaimbeulach ach MacLeòid Hùisinis agus


[311]

mu thrì bliadhna an deaghaidh dhi fios mu bhàs aChaimbeulaich fhaotainn thug i gealladh-pòsaidh do Fhear-Hùisinis le làn chead a h-athar.

Chaidh an latha ainmeachadh air an rachadh an snaoim nach gabhadh fuasgladh a cheangal agus nach sinn a dhfhaodas a bhith glé chinnteach gur ann an sud bha an t-ullachadh.

Mar a tha ena chleachdadh, eadhon gus an -an-diugh, measg nan Gaidheal, ’s ann an tigh athair bean-na-bainnse bha abhanais gu bhith air a cumail, agus chaidh fios chur air amhinistear chùm tighinn gus achàraid òg a phòsadh. ’S e am Faoilleach bha ann agus bha sìde glé ghailbheach air a bhith ann bho chionn beagan làithean. Cha robh am ministear air thuar faotainn gan ionnsaigh agus leis na bha air cruinneachadh a dhionnsaigh tigh-na-bainnse bha am branndaidhs am fìon air teannadh ri dhol mu làr air chors gu robh ena cheist air Fear Mhàraig an deanadh echùis gu crìoch chur air achuirm.

Ach nachcám aghaoth nach séid dìreach a sheól feareigin”, agus an géile a chùm am ministear air ais cho-éignich e long mhór thrì-chrannaibh gu fasgadh a ghabhail an acarsaid Loch Sìthphort. Dhfhaodadh Fear-Mhàraig a nis gu leóir de bhranndaidhs de fhìon fhaotainn oir cha robh a h-aon de na luingis mhór ud nach robh gléidheadh stòras de dheoch-làidir. Chaidh e mach le bàta beag a dhionnsaigh na luinge. Fhuair e oifigich is criutha abhàta gu coibhneil suilbhir agus chaidh na bha dhìth air a thoirt . Leis cho càirdeils a fhuair en sgioba cha deanadh dad an gnothaich ach iad thighinn gus na bainnse.

Bha am ministear a cheana air ruigheachds ann an uair no dhà eile bhiodh Màiri NicLeòid agus Fear Hùisinis air an cur fo bhòidean daingeann. Leis na chruinnich de shluaghs ann a dhfheumtam pòsadh bhith dèanta san t-sabhal-mhór a bha air a réiteach deiseil airson an dannsa. ’S ann mar so a bhà. Bhrùchd an sluagh asteach ann, gach neach afiachainn ri àite thaghadh anns am biodh sealladh ceart aige air càraid-na-bainnse. Ameasg na dhfhàgadh aig an dorus bha Caiptean is ciad-oifigeach na luinge, ach air dhaibh a bhithnan coigrich chaidh gairm orra suas gu suidhe am broilleach na cuideachd. ’S gann a bha iad air na suidheachain a ghabhail nuair thainig bean-na-bainnses a cuid mhaighdeannan asteach air an dlùth-leantainn le fear-na-bainnses a chuid fhleasgaich. Bha bean-na-bainnsena culaidh rìomhach de shìoda geal le gréis-obair de shnàth-òir, eireachdail ri faicinnmar phlathadh de ghréin bhoillsgeach aMhàighna seasamh ameasg na cuideachd.

Bha am ministear air uidhe dhol air adhart leis an t-seirbheis nuair a dhéirich an ciad-oifigeachna sheasamh agus ars esan: “Tha mi creidsinn nach eil bean-uasal na fear-uasal an làthair nach do nochd an deagh-ghean do bhean-na-bainnse le bhith sìneadh dhi air choreigin bha ri bhith nochdadh so, ach bho nach do thachair dhomh féin air ùine fhaotainn gu freagarrach a cheannach, gabhadh i mo leisgeul agus gabhail bhuam aphaipeir bhig so anns a bheil paisgte mo dheagh-rùn dha taobh.” Le so shìn an t-oifigeach do Mhàiri paipear beag air a ghrinn-phasgadh ceithir-chearnaich. Gun


[312]

dàil dhfhosgail ise an a bhann agus gu mór-iongnadh na cuideachd bha mun cuairt oirre thug i grad leum aisdes thilg i le glaodh cruaidh a ghàirdein mu mhuineil an oifigich.

S e Gilleasbuig bhann da-rìreadh agus e a nisna oifigeach luing-mhóir, agus a réir choltais air a stiùradh le ceadachadh an fhreasdail gu a leannan thoirt amach dha féin, an deidh ochd bliadhna.

Gu ruige so bha Gilleasbuig agus Màiri ann an gàirdeanan a chéile, ach air dhi tionndadh ris achuideachd agus gu h-àraidh ri h-athair, ars ise: “Tha mise an diugh deònach na bòidean a thug mi do mo chiad-gràdh a choimhlionadh agus tha mi an dùil, athair, nach dean sibhse orm a nise mar a rinn sibh roimhe.” Cha leigeadh i leas sud a smuaineachadh. ’S ann bha h-athair a nis ri faicinn gum be am freasdal féin thug cùisean mu chuairt agus nach robh ri fiachainn ri grabadh a chur air a làimh. Le sin an àite Fear Hùisiniss e a sheas ri taobh Màiri air beulaibh amhinisteir ach Gilleasbuig Caimbeul, mar Iarla Earraghaidheil agus a ghlac air làimh an rìbhinn.

Abraibh féin gu robh banais air an oidhchud ann am Màraig. Cha be na botuil chaola dhubha as an robh an stuth-cruaidhga tharraing ach pige m h-amhaich ghoirids abheòil fharsaingga chur deiseil mu n bhòrd, ’s achuideachd ri tràghadh nan sligean-creachain. Càraid òg na bainnse ann an ceann abhùird agus fear-na-bainnse le bìdeig de ribein gorm de shìoda anns an robh litrichean òir air am fighena bhroilleach. Sud na bha paisgte anns aphaipeir bhig ud a shìn Gilleasbuig do Mhàiri.

Air don bhanais bhith seachad, dhinnis an Caimbeulach gach mar a thachair da bhon a dhfhàg e na Hearadh, ochd bliadhna roimhn sud. Ameasg gach dhinnis e gum bi an soitheach aca thàinig asteach do Loch Mhàraig trì bliadhna air ais agus gum be féin aon den sgioba thàinig a dhiarraidh bainne agus uighean, ’s gur e a dhinnis gun deachaidh an Caimbeulach a bhàthadh.

Thubhairt e so gu dearbhadh a chur air gaol Màiri, na robh e fathast cho diongmhaltas a bha e air tùs; oir air dha faicinn gu robh a h-athair beò slàn shaoil e gum bfheàrr dha gun e-féin a dheanamh aithnichte.

Ach air an uair bha sos e cruaidh éigin da-rìreadh chuir asteach a ghabhail fasgaidh iad. Cha robh a dhùil aca tighinn don loch: ’s ann bha iad an an rathad do Ghlaschu an déidh tilleadh á Ameireaga agus air do stoirm séideadh oirre bhon ear-thuath bha an sgiobair coma ach greim chur air an fhearann a bfhaisge dha. Mar a chaidh innse, leag e chùrsa air Loch Mhàraig.

Cha leig sinn a leas ainmeachadh gun do sheòl an long-mhór an ceann no dhà ach as aonais achiad-oifigeach; bha e a nis bhon latha ud amach air a ghairmna Fhear Mhàraig. Thu an seann duine thairis gach na làimhs bha gach a bhuineadh dha fo riaghladh aChaimbeulaich.

S ann bhon an duine so a thàinig gach Caimbeulach tha san Hearadh, an Leódhus, an Uibhist, ’s san Eilean Sgitheanachiomadh dhiubh bha cliùiteach is miosailnan snan lìnn.

titleMàiri NicLeòid agus a Leannan
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Niall Mac-an-Tuairneir in Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page