A’ Teagasg Sgoile air £70 sa’ Bhliadhna
Le MAIRI A. CHAIMBEUL, Tiridhe
MO chreach! Nach iomadh uisge ruith le sruth bho’n uair ud, agus nach iomadh caochladh mór a thainig air an t-saoghal.
Nuair a thòisich mise air teagasg bha luchd na dreuchd sin, fir agus mnathan, dithis air peighinn, agus bha móran do na feadhainn a chrìochnaich anns a’ cholaisd anns a’ cheart bhliadhna riumsa nach do choisinn sgillinn riamh ann an teagasg sgoil, ach as déidh móran àmhghair a’ siubhal àite ann an dreuchd neo-thaingeil agus air a droch phàidheadh a dh’ èalaidh astigh do dh’ oibrichean no do réis air choreigin eile as déidh na chuir iad seachad de mhaoin agus de bhliadhnachan a’ deanamh ullachadh airson dreuchd-teagaisg.
Bha mise ann a measg nam feadhainn a bha fortanach, air neo dh’ fhaodte nach robh, a réir agus mar a sheallas sibh air, ach co-dhiùbh bha àite air a ghealltainn dhomh ann an té de sgoiltean a’ bhaile mhóir airson na h-ath bhliadhna.
Gus a sin dh’ fheumainn tighinn beò, agus chuir mi stigh tòir airson àite ann an sgoil a bha dhìth bean-teagaisg ann am fear de na h-eileanan an Iar; agus a rithisd bha mi fortanach an t-àite fhaotainn amach as móran iartaichean; a thaobh, tha mi ’creidsinn, gun do rugadh agus do thogadh mi air eilean, ged nach b’ e sud an t-eilean.
Mar sin, air là brèagha foghair, le speuran cho gorm ri sùilean leanaibh, agus le fairge cho ciùin ri loch, ràinig mise m’ eilean le m’ chiste, agus le m’ chòta-uisge.
Anns na làithean ud cha bu mhór a b’ fhiach am fear no an té a shiubhladh air turus gun chiste, agus bha ciste ghasda agamsa le mullach cruinn oirre, agus le slatagan a’ dol thairis oirre g’a deanamh rìomhach.
Thainig am bàta aiseig amach gu rèidh mar nach biodh fàth cabhaig ann a choinneachadh Bàta-na-Smùid anns an robh mise agus mo chiste.
Chaidh an toiseach a lìonadh le fiodh gus nach robh mìr dhith an uachdair, agus chaidh mise agus mo chiste ùr a chur air a mhullach sin, agus ghuidh mi gu dùrachdach mo theasraiginn oir bha mi cinnteach gum b’ e ’n grunnd fo thuinn àite tàimh a’ bhàta bhig mheirgeich, chosgte ud; ach cha do thachair beud dhi. Cha robh ach aon phearsa eile anns an iùbhraich còmhla rium fhéin agus ris an fhear-stiùraidh.
’S e sean duine duthar, slaodach a bh’ anns an fhear-stiùraidh, ’s e tilgeadh amach anail le séid chruaidh, ach aon fhacal seanachais cha tainig as a bheul.
’S e sean duine glé ghasda ann an coslas a bh’ anns an fhear eile, am fear leis an robh am fiodh mar a thuig mise; agus bha e ’na shuidhe air mullach an fhiodh aig mo chasan, agus e ’n dràsd agus a rithisd a’ tilgeil amach smugaid bheag fhrasach anns an uisge.
Mar a bha sinn gu bhith aig taobh an t-seòrsa cidhe, chunnaic sinn sean duine ciatach, ruiteach a’ turaman anìos an rathad mór le barra-roth. Sheall am fear a bh’ air an fhiodh aig mo chasan gu dùrachdach air fear a’ bharra-roth agus sheall e sin ormsa dìreach anns an dà shùil agus thubhairt e:
“Tha fhios gur tù a’ bhean-teagaisg ùr, huh?”
“Is mì,” arsa mise.
“Is dòcha gur h-ann an tigh Thormaid, Tormad MacRuairidh, a bhios tu ’fuireachd”.
“ ’S e sin a chaidh a chur air dòigh dhomh”, arsa mise.
“Matà”, ars esan, ’s e ’bruidhinn gu ciùin, duilich, “mar a còrd e riut, agus cha chòrd, oir tha iad daor, daor, na fan. Thig thusa a dh’ ionnsaigh an tighe againne, an tigh mór geal, ceithir oiseineach, a tha làmh ris an eaglais. Cuimhnich. Umha. Slàn leat”.
Bha sinn aig an àm so ’dol air tìr, agus cha robh ùine agam air freagairt, oir choisich e air falbh gu grad: agus bha mise cur fàilte air an duine chòir a thainig g’am choinneachadh.
Chaidh mo chiste chur air a’ bharra, agus le iomadh osan bho’n t-sean duine agus iomadh sgriach bho’n bharra-roth, thog sinn oirnn.
Bha mu cheathramh a’ mhìle againn ri choiseachd mun d’ ràinig sinn an tigh fada, sàmhach, iomallach, anns an robh mise ris an ath naoi mìosan de m’ bheatha a chur seachad.
Ged ’s ann sa’ bhaile-mhór a bha mise ann an sgoil, an oil-thigh agus an colaisd-teagaisg, ’s ann air eilean a rugadh mi, ’s a bha mo dhachaidh, ach mar a chunnaic mi an tigh iomallach ud, thuit mo chridhe do m’ bhrògan agus dhubh mulad mo léirsinn air dhòigh ’s nach robh mi ’faicinn idir aig an àm sin cho brèagha, glòrmhor ’s bha sealladh an àite.
Ach ceadaichibh dhomh a ràdh mun téid mi nas fhaide nach do mhiannaich mi riamh dol do’n tigh gheal cheithir-oiseineach a bha faisg air an eaglais, nach do chuir mi riamh mo chas far na starsnaich aige; agus gu bheil cuimhneachain chiatach agus mhaiseach agam air iomadh coibhneas agus comain a chaidh a nochdadh dhomh ann an tigh Thormoid, agus gu sònraichte air a’ bhean-uasail a bha ’ga riaghladh. Gus an tig crìoch mo latha cha dìochuimhnich mi i.
Cha robh anns an sgoil ach dà sheòmair-teagaisg air fad, ach bha deagh mheud annta; agus ged a bha aon dorus cumanta a’ fosgladh astigh uca, bha dorus cùil eile air an ruim agam-sa cuideachd air am faodainn a’ chlann a leigeadh amach agus astigh gun dragh a chur air an ruim eile, agus ’s ann dh’ ionnsaigh an doruis sin a thigeadh pàrantan air uairean gu m’ fhaicinn.
’S e duineachan beag glé sgairteil a bh’ anns a’ mhaighstir-sgoil, ach bha e ’sealltainn glé sgìth, agus na bu shine ’na aois, ged a bha e mar bhliadhna gu crìochnachadh a réis.
Chuir e fàilte ormsa le furan, a’ leigeil fhaicinn dhomh gu robh feum orm, agus a’ cur as mo chuimhne m’òige fhéin agus m’ annabachd.
Bha nis da-fhichead ceann anns an ruim aig a’ mhaighstir bho aona-bliadhna-deug suas gu ceithir-deug, agus bha còrr agus da-fhichead agamsa bho chóig bliadhna suas gu deich. Mo chreach! Chan eil mi ’n dùil gu bheil deich fhéin anns an sgoil sin an diugh.
Nach bu deifreach na dòighean teagasg an uair ud. ’S ann air leughadh, sgrìobhadh agus cunntas a bha ’n cudthrom air a leagail, ged bha móran nithean-taoibh eile air a’ Chairt-Thìmeil, mar a bha ealdhainean-làimhe, fuaigheal, figheadaireachd, tarraing-dhealbh agus seinn.
[Dealbh]
An Sgoil ùr an Còrnaig-mór an Tiridhe.
Bha cuideachd móran barrachd meas air a chur air teagasg Bìobuill agus a’ Cheisteir na tha ’ga chleachdadh air an là-an-diugh.
Bha ceasnachadh Bìobuill ’ga chumail anns gach sgoil uair sa’ bhliadhna agus bha móran de na pàrantan anns a’ cheàrn ud a’ cur barrachd ùidh anns a’ cheasnachadh sin na bha iad a’ cur ann am puing sam bith eile de dh’oileanachadh na cloinne.
Air a shon sin, bha ’chuid mhór de phàrantan an eilein ud anabarrach déidheil air gach cothrom a thoirt do’n chloinn, agus a’ deanamh oidhirp air an cuideachadh ’nan ionnsachadh, ach bha feadhainn ann aig nach robh mìr sgoil iad fhéin agus a bha a’ meas oileanachadh na cloinne mar fhaoineis.
Bha teaghlach mar so anns an ruim agamsa, dà ghille bheag agus nighean. Bha na balaich laghach, sìobhalta ach glé thiugh sa’ cheann, ach bha ’chaileag cho beò, tapaidh ri greollan.
Bha ’m fear a bu shine gu sònraichte ’na bhriste-cridhe dhomh, agus dh’ fheuch mi h-uile dòigh air: ’ga thoirt a leth-taobh, a’ trod ris, gus mu dheireadh an dubhairt mi ris aon là gum feumainn iarraidh air a phiuthair bheag a chuideachadh aig an tigh le leasain.
An ath là thàinig rapadh beag caol aig an dorus chùil, agus mar a dh’ fhosgail mi e bha seana bhean bheag sgiobalta ’na seasamh an sud, le cleòca sìoda dubh oirre, agus le bonaid shean-fhasanta agus cneapan deàrrsach oirre a’ deanadh fuaim mar chluig shìdhichean a h-uile uair a chrathadh i a ceann.
Mar gum biodh eagal oirre nach biodh cuimhne aice air na bha roimpe ràdh leig i sìos ròpa cainnte mar so:
“Is mise seanamhair Sheumais. ’S ann còmhla rium a tha e ’cadal; ’s e ’s docha leam do’n teaghlach, agus cha chùm a’ pheallag bheag, mhì-mhodhail peathar a tha aige coinneal ris, agus chan eil thu ri dragh sam bith a ghabhail ri ionnsachadh. Chan eil facal
sgoil aig athair, no aig a mhàthair no agamsa ’s thàinig sinn roimh ’n t-saoghal, ’s ni esan sin cuideachd.” Thàinig so amach ’na shruth gun anail idir a ghabhail.
Chuir i sin a làmh ann am baga beag dubh agus thug i mach dealbh as agus thubhairt i:
“ ’S tha nighean agam ann an Lunnainn, ann an Lunnainn. Chan eil facal sgoil aice nas mò, ’s fhuair i pòsadh math, ’s tha clann aice cho lurach ’s a chunnaic thu riamh.” Shìn i dhomh an dealbh, dà chaile bheag bhòidheach. “Nach iad tha grinn gu dearbh!” arsa mise, “Ciod tha ’n athair a’ deanamh?”
“Tha Kebbie,” ars ise, gu bòsdail.
Rug i sin air làimh orm agus, a’ tionndadh air falbh, thubhairt i:
“Na cuireadh an gille beag dragh sam bith ort, a ghràidh. Ni e feum math gu leòir.”
An là sin fhéin fhuair mise pacan beag do leabhraichean as Dun-éideann le posta nan litreach, agus thug mi fear an t-aon do’n chloinn dhiubh, oir ged nach robh mise beairteach aig trì-fichead agus a deich de notaichean sa’ bhliadhna, cha robh dad idir aig móran de na pàrantan ud aig an àm ud. ’S e “Leabhar Aithghearr nan Ceist” a bh’ ann agus bha e mar fhiachaibh ormsa an Ceistear a theagasg do’n chloinn.
An ath mhadainn bha an t-seana bhean a’ feitheamh rium aig lùbadh an rathaid dh’ ionnsaigh na sgoil, agus shìn i mach a dà làmh: “Eudail”, arsa ise, “ ’S ann a nis a tha mise ’tuigsinn na bheil thusa feuchainn ri ’dheanamh ris na pàisdean. ’S ann a ghabh mi nàire gun do bhruidhinn mi riut an dé mar a chuala mi gun tug thu dhoibh An Ceistear as do phòca fhéin. Gum beannaicheadh Dia thu; agus gabh do Sheumas cho trom ’s a thoilicheas thu, agus buail e cuideachd. Chì mise gun ionnsaich e leasan as déidh so. Slàn leat.”
Thàinig aon ghille beag do’n sgoil airson a’ chiad uair. Bha e air a sgeadach ann an éileadh fada neo-sgiobalta clò; bha ’chasan ris; agus a shròn salach.
Nuair a thug e buille d’a shùil ormsa thug e éigh as a thug air càch leum ’nan àite suidhe agus lean e air éigheach mar gum biodh cuilean air a thréigsinn aig a mhaighistir. Chuir e chorragan ri ’shùilean agus bha e sealltainn ormsa gu dòchasach rompa.
Thug mi dhà rud milis feuch an cuirinn tàmh air, agus dh’ ith e sud, agus thòisich e rithist.
Thug mi dhà sgillinn.
Sheall e oirre agus thòisich e rithist.
Mu dheireadh chuir mi dhachaidh caileag bheag leis, oir bhe e ’fuireach faisg air a’ sgoil.
Thàinig athair, duine ròmasach, feusagach, curs, air ais leis, agus thubhairt e rium nan cuirinn eagal air a’ ghille bheag a rithist gum bitheadh esan a’ déileigeadh rium, agus dh’ fhalbh e.
Chuir e iongnadh mór ormsa có ris a bha mi idir coltach ann an sùilean an leanaibh mar nach b’ urrainn dha aon sealladh dhiom a shluigeadh agus aige ri ’sealltainn uile làithean goirid a bheatha air an duine ròmasach a b’ athair dha.
Co-dhiùbh, cho luath agus a dh’ fhàg athair an rium, thòisich an rànaich a rithist. Thàinig am maighstir-sgoil astigh, ’s chrath e ’cheann agus a làmhan, ’s chagainn e a liob ’s e gun furtachd. Mar a chunnaic mise so dh’ éirich mo chabair orm agus chaidh mi agus thug mi mach as mo bhòrd-sgrìobhaidh crios leathraich agus thubhairt mi ris a’ ghille bheag: “Aon sgriach eile asad-sa òganaich agus gheibh thu siarradh foghainnteach dheth so.”
“O coma leat!” arsa esan. “Ach bheil rud milis no sgillinn no nì agad an diugh?” Cha robh an còrr dragh agamsa leis an fhear ud.
Bha dà bhalach agam anns a’ bhuidheann a bu shine bh’ agam anns an rùim, clann cìobair, agus bha aca ri seachd mìle choiseachd do’n sgoil a h-uile là thar monaidhean garbh. ’S iomadh uair a dh’ fheum mi an aodach agus an stocainnean a thiormachadh air iarunn-dìon an teine.
Cha robh dòigh teas againn ach teine fosgailte air a dhìon le bòdaichean iaruinn agus cha robh dìnneir ann air a’ mheadhon-latha, no bainne sa’ mhadainn, no carbad feasgar a ghiùlan dhachaidh na cloinne ach b’ iad sud a’ chlann fhallain, ruiteach, bheòthail, agus mhodhail.
Bha mi ’teagasg fuaigheal agus figheadarachd do na caileagan agus bha iad mór-mheasail air na h-oibrichean sin. Bha aon chaileag ann mu aois trì-bliadhna-deug a bha deanamh léine dhi fhéin agus bha mi teagasg dhi greimeannan rìomhach a chuireadh i air a’ ghibean sin. Bha mhór-chuid glé bhochd, agus bha Bòrd na Sgoil a’ toirt dhoibh an aodaich a dh’ oibre leis, ach dh’ fhaodadh iad an gibean a rinn iad fhéin a cheannach air beagan sgillinnean. Bha ’chaile so anabarrach déidheil air a h-oibre fhéin a cheannach ach gu mì-fhortanach shluig i prìne-dùinte là aig an tigh mar a bha i ’sealltainn as déidh bràthair beag, agus chaidh a giùlan air falbh do’ n tigh-eiridinn mun do chrìochnaich i an léine bha so. Am facal mu dheireadh a thubhairt i ri ’máthair mun d’ fhalbh i: “Feuch, o feuch, gum faigh sibh m’ fhuaigheal-sa bho’n bhean-teagaisg”. Cho luath ’s a bha là sgrùdaidh an fhuaigheil seachad chrìochnaich mise a cuid-se, agus thug mi g’a màthair i. ’S ann a thug taingealachd na màthar ud na deòir gu’m shùilean.
Bha feadhainn de’n chloinn ri’n aiseig trasd air loch a thighinn do’n sgoil, agus ’s iomadh là fiadhaich geamhraidh nach b’ urrainn dh’ dhoibh fheuchainn. Ma choisicheadh iad mu chuairt ceann na loch air frith rathad corrach bha cóig mìle aca ri dheanamh, ach ’s ann anabarrach ainneamh a bha iad a dhìth na sgoil.
Ameasg a’ bhuidhinn so bha aon bhalach beag a bha mhàthair mór-iomagaineach gun ionnsaicheadh e. B’ fheudar dhòmhsa a chur air ais leabhar airson ’s gun deanadh e suas an grùnnd a chaill e le tinneas agus le sìd mhosach, agus bha mi ’toirt dha uiread teagasg air leth ’s a b’ urrainn dhomh.
Cuimhnichibh gu robh còrr agus dà fhichead duine cloinne agam ri theagasg aig deifir aoisean.
Aon latha mhol mi gu blàth cho math ’s bha an gille beag so a’ dèanamh agus thubhairt mi nach biodh fad gus am bitheadh e air ais
còmhla ri càch do’n leabhar a dh’ fhàg e, agus gum beatadh e iad cuideachd roimh dheireadh na bliadhna.
Chaidh an gille beag dhachaidh gu mireagach agus ruith e gu mhàthair agus dh’ innis e dhi gu robh e air toiseach a’ bhuidhinn an diugh.
Bha ise cho toilichte agus thug i dhà rudan milis agus sia sgillinn, agus mar a thàinig a phiuthar astigh thubhairt a màthair rithe:
“Faodaidh tu nis sgur de dheanamh fanaid air do bhràthair. Bha e air thoiseach ’na bhuidheann fhéin an diugh, agus tha sin rud nach robh thusa.”
“O mhàthair”, arsa ise, “bha e air thoiseach, ’s air dheireadh. Chan eil sa’ bhuidhinn sin ach e fhéin.”
Seadh, bha iad gu dearbh geur gu an cloinn a bhith deanamh gu maith, agus deònach air an cuideachadh. Bha mi duilich mar a thainig an t-àm dhomh fàgail ged bha soluis a’ bhaile deàrrsadh rium.
Bha teagasg ann an sgoil mhór baile uile gu léir deifreach ann an iomadh dòigh, agus as déidh a bhith sealltainn amach a h-uile là fad dlùth air bliadhna bho uinneig mo sheòmar teagaisg air sealladh cho brèagh ’s tha air an t-saoghal so, ’s e briste-cridhe bh’ ann a bhith spiorachadh air ballachan prìosain a h-uile h-uair a bheirinn buille do’m shùil air uinneig; agus gu dearbh cha robh móran duais airson oibre chruaidh agus gu tric neo-thaingeil ann an tri-fichead agus a deich de notaichean anns a’ bhliadhna.
[Dealbh]
An t-seann mhuilinn an Còrnaig-mór.
title | A’ Teagasg Sgoile air £70 sa’ Bhliadhna |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Màiri A. Chaimbeul in Gairm 20 %p |
parent text | Gairm 20 |