B’ Aithne Dhomh Coinneach MacLeoid
EARRANN II
Le AONGHAS MACDHONNCHAIDH
AN oidhche a chuala mi Coinneach MacLeòid aig Céilidh nan Gaidheal an Glascho, thuirt cuideigin de na bha aig a’ choinneimh gum b’ ann do Leódhus a bhuineadh e, ach thuirt e fhéin nach b’ ann: gur h-ann air an Eilean Sgitheanach a b’ fhaisge e.
Bha so fìor ann an dà sheagh. Is ann an Sanda-bheag, an eilean Eige a rugadh e, agus is ann as an Eilean Sgitheanach a bha athair, a bha ’na mhaighstir-sgoile sgìre an Eige san àm. Is ann bhàrr na mórthir bha a mhàthair, Seònaid Humphrey, a chaidh àrach an Cul-cìnn, an sgìre Asaint agus Loch-an-Ionbhair, agus a phòs Dòmhnall MacLeòid ann an Tung, an ceann tuath Chataibh cóig fichead bliadhna an t-samhraidh so.
Chan eil teagamh agam nach do lean subhailcean cuideachd a mhàthar ri Coinneach, ach faodar a ràdh le cinnt gum b’ ann o ’n taobh eile a thainig an tlachd a bha aige, eadhon ’na òige, ann am beul-aithris agus ann an ceòl. Arsa piuthar-athar, “Bha cuideachda m’ athar, Clann a’ Chomhairlich, iomraiteach airson seann òran is nithean de ’n t-seòrsa sin. Nach ann mu ’n deighinn a thuirteadh nach do chaill iad bàrdachd no beul-aithris riamh, ach a’ sìor chur ris a’ chàrn? ’S an uair a thainig m’ athair gu Tròndairnis, ma thug no nach tug e leis cuid is codach á Dùthaich ’Ic Leòid, thug e co-dhiùbh leis làn cruinne de bhàrdachd is de bheul-aithris”. Is fhiach an còrr de ’n chòmhradh a chur sìos an so. An uair thubhairt càch, a’ spòrs rithe, “Cha mhór a b’ fhiach an dìleab sin!” thubhairt ise, “Nach mór? Is mi nach abradh e. ’S math gach nì a mhaireas. “Riaghladh goirid air an òr, ach riaghladh fada air an òran’. Chan fhada theid bonn òir ann an cuideachd, ach ruigidh òran math air làn cruinne de shluagh.” (Carmina Gadelica, V, 62; The Road to the Isles, 78) .
“Theid dualchas an aghaidh nan creag”. Chaidh dualchas Choinnich ’IcLeòid altrum agus oileanachadh nuair a chaidh e do sgoil Raining an Inbhirnis, ’s gun e ach trì-bliadhna-deug. Bha an sgoil so air a h-ainmeachadh air Iain Raining, a bha’na cheannaiche am baile Norwich, an Sasuinn, o chionn còrr is dà cheud bliadhna, agus a dh’ fhàg mìle punnd Sasunnach aig a luchd-dùthcha an Albainn airson sgoil a chur suas. Roghnaich Ard-sheanadh na h-Eaglaise baile Inbhirnis airson na sgoile so; agus, an diugh, tha cuimhne agus meas air an ainn “Raining” air sgàth an sgoileir ainmeil, Alasdair MacBheathain, a bha air a ceann o’n bhliadhna 1880 gus an do ghabh Bòrd na Sgoile a cùram sa’ bhliadhna 1894, agus a chaidh a gabhail asteach do Ard-sgoil Inbhirnis, far an robh MacBeathain ’na fhear-teagaisg gus an do chaochail e le bàs aithghearr sa’ bhliadhna 1907.
Is iomadh naidheachd a bha aig Coinneach air an Ollamh Alasdair MacBheathain. Bha aon fhear-cuideachaidh aige, ach bha e fhéin a’ teagasg Laidionn agus Greugais, Gaidhlig agus Beurla, agus a’
fàgail a’ chòrr aig an fhear eile. Cha ruig sinn a leas comharra iarraidh air a’ bhuaidh a bha aige air leithid Choinnich ach gun do chuir Coinneach chuige, o’n tigh, seann sgeulachdan an Gàidhlig ’s am Beurla, agus gun e ach seachd-bliadhna-deug an uair sin. Chaidh cuid dhiubh sin a thoirt am follais anns a’ mhìosachan anCeltic Magazine (1875-1888) ,air an robh MacBeathain ’na fhear-deasachaidh an dà bhliadhna mu dheireadh.
Rud eile a mhisnich agus a bhrosnaich Coinneach an car sgrìobhaidh is e gu robh iris-leabhar ’ga chur amach aig sgoilearan Raining iad fhéin, iris a bha an toiseach air a làmh-sgrìobhadh, ach a chaidh a chur an clò sa’ bhliadhna 1887, agus e a’ tighinn amach sia uairean sa’ bhliadhna.
Mar tha fhios againn, b’ fheudar do Choinneach Oil-thigh Ghlascho fhàgail le cion slàinte, ach fhuair e cothrom o’n duine chòir, an Ridire Uilleam MacFhionghuin, a rugadh an Ceannloch, cuairt a chur san Aird an Ear air té de na soithichean aige. Bha e mu fhichead bliadhna aig an àm. Fhuair e na b’ fheàrr, agus ged a chaidh bacadh air an car fòghluim aig an àm, chuir e ùine seachad ’na shoisgeulach an dusan àite sa’ Ghaidhealtachd mus do shuidhicheadh e ’na mhinistear air sgìre Cholbhasa agus Orasaidh— “Orasaidh nan ceall ’s nan dìdean”, mar theireadh e fhéin—agus chuir e mar sin eòlas air cainnt agus cleachdadh nan Gaidheal a tuath agus a deas. Cha robh dual-chainnt an eilean no am mórthir nach b’ aithne dha.
Dheanadh e suas ri duine sam bith, ged b’ e an ceàrd, airson naidheachd a bhith aige air. Chuala mi fear de na ministearan a chraobh-sgaoil òraid air a’ chuspair “Am Measg nam Bodach” ag ràdh ri Coinneach là, san dol seachad, gu robh e abhcaideach, éibhinn dha a dhol ameasg nan ceàrdainnean, agus càch fhàgail aig na bodaich. Thionndaidh Coinneach air a shàil, agus thubhairt e, “Is e fìor chorra bhodach a tha cho math ri ceàrd”. Chan eil duine leughas an naidheachd a rinn an Ceàrd Mór mu ’n fhear a dhiùlt a bhriogais dha nach bi buidheach air an fhear a dh’ innis i. “Tha seòrsa de dhreuchd anns an Eaglais”, arsa an Ceàrd Mór ris an duine mhosach, “agus theid thu air do ghlùinean, moch is anmoch, a dh’ iarraidh fichead nì air an Fhreasdal air nach eil feum sam bith agad, ach theid thu fhéin air an dearg chuthach ma dh’ iarras ceàrd bochd seann bhriogais ort. Och! a dhuine thruaigh, cha bu tù mì, ’s cha bu mhì an cù”. (Am Measg nam Bodach, 148).
An uair nach robh Coinneach ach dà là a dhìth nan ceithir fichead, sgrìobh e gu caraid, agus thubhairt e, “Bithidh mi a ceithir fichead Di-h- aoine, agus tha aobhar agam a bhith taingeil gun do chaomhnadh cho fada beatha air an robh tinneas a’ bagairt cho tric”. (Tha Féilire na h-Eaglaise ceàrr, ag ràdh gun do rugadh e sa’ bhliadhna 1872 an àite 1871.) Cho luath ’s a fhuair a charaid—Calum Mac Gilleathain, ministear na Tòisigheachd agus Baile-Màiri—am litir so, chaidh e an gréim, agus rinn e duan beag, laghach do Choinneach sa’ Ghàidhlig Eireannaich. Chòrd so gu h-anabarrach ri Coinneach cóir, agus chaidh an duan, mar bhà e, a chur gu paipear-naidheachd Dhun-éidinn, An t-Albannach, agus thug am paipear Beurla sin am follais e air ball.
Fhuair mi cead o Chalum, agus o fhear-deasachaidh an Albannaich, an duan chur gu Gairm, agus is ann mar so a bhà e:—
(The Scotsman, 10/2/ 51)
Tar éis fiche bliain ag fás duit,
is trí fiche fe bhláth darnó:
tá ceithir fiche ’nois slán duit,
is tearc do chomrádaí beó.
Tá do ghníomhara líonta lán leinn,
do chárn idir dán is ceól:
is fíor gur rath Clanna Gáedheal
do theacht-sa láidir leó
chum grinneas is binneas gun sáru
do thional don ál ’s don ló.
Is sgaoilfidh is fásfaidh bárr air
do cháil thar na bánaí mór:
thar oileánaí Cruithneach gu h-áraidh
Inis Albain is Fáilinis sheóigh,
tógfaidh do chraobhaí árda
úbhlaí i ngar na nrós,
is líonfaidh am meas gach aon áite,
is tar éis na dála fós
tógfaidh aos-dána gáire,
“Onóir gach tráth do MhacLeóid.”
[Sanas]
title | B’ Aithne Dhomh Coinneach MacLeòid (2) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Aonghas MacDhonnchaidh in Gairm 20 %p |
parent text | Gairm 20 |