[339]

Iain Rothach

(II)

Le MURCHADH MOIRREACH

BHITHINN gu tric asparradh air e an tuilleadh bàrdachd a thoirt dhuinn. Nuair a chuir e thugam aon de na h-earrainnean a thagam, thubhairt e gun dèanadh e sin gu toileach ach nach robh ega fhaighinn fhéin dòigheil gu leòir, fada gu leòir, airson rud a bfhiach an t-saothair a sgrìobhadh. Ma bha math no luach sam bith anns abheagan a chuir e thugam, “a chliù sin”, ars esan, “do theagaisg na sgoile is do a buaidh; ach tha mi afaireachdainn iad sin adol a nis cho fada bhuams nach eil agreimeachadh ri minntinn earrainn bàrdachd as fhaide na fhuair thu, ’s e sin, earrainn a sheasadh, a dhaindeoin, ris gach stad is ceap-starraidh a tha cur grabaidh orm, air dhòighs gu leanainn air madhart, mìr air mhìr, mar a leanadh na bodaich uaireigin a togail gàraidh.” Be an t-iongnadh gun dfhuair e fois gu dad idir de bhàrdachd a dheanamh achiad bhliadhna gu leth den chogadh, oir cha robh fois ann, a dhoidhche no .

Sgrìobh e achiad chuid den ealaidh, “Ar Tìr, ’s Ar Gaisgich a Thuit sna Blàir”, anns an trèine gu Caol Loch Aillse, ’s e dol dhachaidh air fòrladh an déidh e bhith còrr is bliadhna anns an Fhraing. Chan eil duine chuir seachdain an déidh seachdain seachad ann an tràinnse, gun tigh slàn fhaicinn, no dad eile ach òpar is làraichean briste agus craobhan spealgte, nach tuig an iollach ghàirdeachais a thog e, nuair a chunnaic e bu ghann a chreideadh a shùileanbeanntan a dhùthcha fhathastnan suidhe buan air an seann bhunaidean:

Brat sneachda air mullach nam beann,
Currachd ceòtha mar liath-fhalt man ceann,
Feadain is sruthain mòintich
Aleums adòirteadh,
S le torman asporghail measg gharbhlach nan gleann,
Asporghail aig ùrlar nan gleann,
Aig cosans mu shàilean nam mór-bheann;
Féidh ruadh’, fir na cròice,
Air sliosaibh fraoich ruadh-dhonn
S i Tìr nan Gaisgeach a thann,
Tìr nam Beann, nan Gaisgeach, ’s nan Gleann,
S i Tìr nan Gaisgeach a thann!

Air sàil na h-iollaich aoibhnich sin, dhéirichna inntinn smuain-dhealbh air gach sàr ghille sunntach a dhfhàg na dearbh srathan sins nach till:

S iomadh fear àluinn, òg, sgairteil, deas-lamhach,
Ait fhaoilt air chinn a bhlàth-chridh’,
Tric le ceum daigheann, làidir, ceum aotrom, glan, sàil-ghlan,
Dhìrich bràigh nam beann móra,
Chaidh a choinneamh abhàis


[340]

Tricga fhaireachroimh-làimh
Chaidh suas chun abhlàir
S tha feur glas an diughfàs
Air na dhfhàg innleachdan nàmh,
Innleachdan dhubh-sgrios an nàmh a chòrr dheth.

Nuair a bhios daoine air am fiachainn is air an sàrachadh le anfhois is dìth cadail, cha furasd idir a bhith réidh ciùin aig gach àm is anns gach càs, gun fhacal cas a chantainn a thogas buaireasan beaga measg chompanaich. Ach cha robh dad den sin air chuimhne fa chomhair luach na h-ìobairt a rinneadh leotha, dad ach rèite agus ùmhlachd, aonachd is àrd-rùn, is eiseamplair na thuit abrosnachadh na bha beò iad a leantainn air an adhart gun lagachadh:

Ged bha cuid dhiubh, nuair bu bheò iad,
Tric nach bmhìn rèidh sinn còmhla.
A! thuit iad air còmhnard na strì,
Fhuair sinn sìntiad lem bàs-leòintean
An dusd eudreach’ —na bha chòrr dhiubh
An laighesìneadh mar mheòir-shint’—
Smèideadh, ’stiùireadh,
Sparradh ùr-oidheirpean òirnne,
Strì airn adhart, strì còmhla,
An taobh a thuit iadsdol còmhlruinn,
Null thar còmhnard na strì.

Chan e mhàin gu bheil an sealladh adùsgadh nan smuaintean sin ann fhéin: bu mhath leis sinne ar sùilean fhosgladh, agus ciall is cumhachd is mórachd na h-ìobairt a chumail daonnan ri ar n-aireagus sin anns an àite as diomhair de ar cridheachan, far a bheil gach as luachmhoire leinn againn an tasgadh:

Bis mo chuideachd geàrr-ùin,
Dùin do rosg-sgàilean air dshùil,
N seòmar ionmhais do smaoin,
S caoin sholus òg-mhaidne, ciuin-mhaidne, òg-mhèis,
Ga lìonadh, abriseadh tre uinneig achùil
N àite taige, tadhal danma,
Fasgadh cuspairean amhùirn,
An sintog, taisg dealbh orra
Nan laighe, mar thuit, san raoin,
Fairich, cluinn,
An smèideadh, an cainnt ruinn
An rùn-gnìomh air an tug iad an deò
Suas, ’nan càradh
Air an àr-lar,
Air a ghleidheadh dhuinn beò,
Mar gun snaigheadh fear seòlt
Cuimhneachan cloiche gun phrìs
Bibh deas gu leum an àirde,
Le ceum gaisgeil, neo-sgàthach, dàna,
Bibh null thar còmhnard na strì
Na lagaich ach bibh làidir,
Bibhnam badaibh is pàidhibh,


[341]

Aféin-mhuinghin leag gu làr dhaibh,
Air adhart, air adhart,
So an rathad,
Cuir abhratach an sàs,
Daigheann, àrd,
Air sliabh glòrmhor Deagh-sìth!”

Chan è deagh shìth nach seasadh, ach Deagh-sìth bhiodh buan is maireann; oir sheall e a chridhe an duine, is thuig e, agus thog e a shùil a chùm nan reul.

Chan aithne dhomh sreathan eile an Gàidhlig a bheir a leithid a chaomh-aoibhneas dhomh ri iad sin. Tha e soilleir bho am briathran is an rannaigheachd gu bheil guth ùr an so, fo riaghladh inntinn bheò, bhlàth, ghéir; soilleir, gun dfhuair am bàrd gibht an t-seallaidh agus comas na h-ùr-smuain, ann an tomhais a bha eadar-dhealaichte bho na chaidh roimhe agus a bhaga shònrachadh bho bhàird eile na linne. Ach is e abhuaidh as blàithe a tha mi afaighinn orra mar a the a dhìlseachd da chàirdean, da chompanaich is da luchd-eòlais an còmhnaidh ri aire, gu h-àraidh nuair a smaoinicheadh e air na beàrnan móra a bha ri am faicinn ri taobh na dachaidh aige fhéin. Bha iad sinnan doilgheas cridhe dha gach , mar a chì sinn anns an ealaidhAm Brosnachadhno, mar a tha i air a h-ainmeachadh anns an DILEAB, “Air Sgàth nan Sonn”. Nuair a chuir e thugam i sin, bha e cantainn gu robh eagal air gur h-i an fhaoineas a bha cur na smuainna chridhe gum burrainn e rudeigin math asgrìobhadh mur biodh gainne càinnte cho mórga choinneachadh. Tha mise làn chinnteach nach robh e furasd briathran fhaighinn an Gàidhlig airson na dhiarradh e a chur an céill; ach saoilidh mi nach eil duine a thuigeas na dhfhàg e againn, agus cho cothromachs a tha a bhàrdachd an smuain is am briathran, ’s cho dlùth is dìonachs a tha i sachur, nach aontaich nach eil móran againn a chaidh a sgrìobhadh an Gàidhlig, co-dhiùbh bho chionn ceud gu leth bliadhna, a bheir bàrr oirre. Tha comas ionmholta aigega nochdadh anns an ealaidh so. Tha lùb atogail lùib ann an leanmhainneachd a smuain, ’s ag éirigh an dèine, gun stad, gun cheann-finid bho thùs gu éis, gus an ruig sinn na focail bhuadhach leis a bheil e acrìochnachadh:

Air sgàth nan sonn nach fhaic mo shùil
Tuilleadh ri mbheò,
S nach cuir blàth-phlac gu mchridhnas ,
Le gréim an làimh, le tlàths an gnùis,
Le fàilt is furan om beòil
Os minig a ghléidheadh len sgeòil
Mi o dhubh-ghearan gruamach na h-ùine
S a rinneadh mo throm-uallach aotrom
Len cuideachds am blàth-chridheas dòigh:
Ach sguiream do Och is O!
Cuiream mo bhròn a thaobh,
S air sgáth balachain ar fàrdachd,
A dhearbh an làn-chridhe laoich,
Air sgàth ar n-òg ghillean maiseach,
Dhearbh cridhe agus làmh-dheas maraon,


[342]

Agus air sgàth nam fear duineil
A dhfhàg na h-uiread air chùl
Dhfhalbh iad uainn uile, leig sinn slan leò,
Gun againn ach tuairmeas air cùis
No aobhar na h-eubhairson cobhrach
Bha cruinneachfeachd-dìon airson dùthch’,
Air an sgàthschaidh a choinneamh nan uabhas
O bhalachain gu fir meadhon
Na gràidhein nach tìll a dhfhalbh uainn,
Seadh, ’s fuidheal brist an àir
Air an sgàthsiarram tapachd,
Spìd inntneil is corprail:
Cumadh mo chridhe buille sgairteil,
Na géilleam roimh chruaidh :
Catham tre chruadail is dhoilgheis,
S nuair ruigeas Deuchainn a h-àirde
S gur e h-eubha riumFàilnich strìochd”,
N sin cuimhnicheam Leódhus màit àraich,
Is gleidheadh mo làmh a clì.

Is ghleidh i sin gus an deò mu dheireadh leis an robh e adeanamh na h-iùil air slighe na h-ìobairt:

Air adhart, air adhart,
So an rathad,
Cuir abhratach an sàs,
Daigheann àrd,
Air sliabh glòrmhor Deagh-sìth.”
S CHA DO THILL ACH A CHLIU.

[Sanas]

titleIain Rothach (2)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Murchadh Moirreach in Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page