[343]

Gnothaich Bhoireannaich

Le MURDAG NIC COINNICH

IS fhada bhios cuimhne aig muinntir Uige, agus thaobh siar Leódhuis, air an Ollamh Iain Grannd. Feumaidh gu robh teòmachd ann an euslaint neo-ghinte an Anna, an as seana den triùir nighean, nach robh achnan caileagan nuair a chaochail e.

Is iomadh Gaidheal, cuideachd, aig a bheil brod na cuimhne air brathair a màthair, am Morair Strathcharron. ’S ann an uair a bha ena Rùnaire na Stàite a chaisg e uaill fear eile de bhuill riaghlaidh na Pàrlamaid, a bhacur amach gu bragail san Fhraingis, le freagairt ealamh a thoirt dha anns aGhàidhlig.

Chaidh Anna fhòghlum an sgoil Mhic Neacail, an Steòrnabhagh, ged a rinn a màthair an dachaidh an Dun-éideann, far a bheil i atàmh gus an -an-diugh. Bha cridhe Anna a riamh an dreuchd na banaltruim agus cha robh i ach seachd ar fhichead nuair ràinig i ionad ban-teagaisg. Tha in diughna prìomh bhean-teagaisg anns anSimpson Memorial Maternity Pavilionan Dun-éideann.

Chuir an tigh-eiridinn rìoghail urram mór oirre, san fhoghar a chaidh, le duais ris an abrarMuirhead Scholarshipa thoirt dhi, agus so agaibh beagan den iomradh a thug i do bhòrd riaghlaidh an tighe-eiridinn.

Be chiad rùn, dòighean teagaisg mhnà-eiridnidh a thoirt fainears a sgrùdadh. Chaith i deich seachdainean eadar grunn bhailtean móra an taobh an ear Ameireaga. Anns gach àite thadhail i, choinnich i móran coibhneis agus fàilte chàirdeil.

S ann am Montreal a thòisich an turus. Tha uimhir abruidhinn na Fraingis sna cèarnaidhean sos gum feum cuid do na mnathan-eiridnidh an chanain a bhith aca. Thachair i air Leódhusaich gu leòir an so, agus, gu dearbh, ’s ann a chuala i aphìob mhór air an t-sràid achiad oidhche a bha i ann. A sin chaidh i do Ottawa, ’s gu Toronto far na dhfhan i deich . Leis na tha de shluagh de gach gnè chinneadh anns abhaile mhór so, feumaidh abhanaltrum gu tric eadar-theangairna cois.

Thog i oirre guNew York, ’s a sin gu Boston. Ann am Baltimore chunnaic i an aon tigh-eiridinn air fad a turais anns an robh an dubh agus an geal air an cumail air leith. ’S ann air dòighean furtachd do chlann bacach a bha i acnuasachadh ann a Washington.

Cha tigeadh do bhan-Albannach gun smuain a thoirt air Aindreadh Carnegie am Pittsburgh. Chaith i seachdain anns an oil-thigh an sin. Thill i gu Chicago gu crìch a cuairt, ach thug i sgrìob air iteig gu Kentucky, far am faca i staid fhad-air-ais da rìribh. Bha an staran a ghabh anjeepleotha na bu mhiosa na iomadh rathad mònach. Bha na tighean truagh, ’s achuid bu mhotha dhiubh de fhiodh. Cha robh fiùs uinneag no uaireadair anns an fhàrdaich sna chuidich i abhanaltrum, agus is ann le duilleagan á leabhraichean a bha am balla còmhdaichte. Tha seirbheisean banaltruim cho daor


[344]

[Dealbh]
Anna Ghrannd

s gu bheil an t-sean bhean-ghlùine, a gheibhear air feadh Ameireaga agus ris an abrargranny midwives” ,cumanta buileach an so. Feumar na ceàrnaidhean so a chumailnar n-aire, nuair a bhios sinn làn farmaid aleughadh mu innleachdan agus ghoireasan mìobhuileach na dùthcha mòire so, ged a tha iadsan fìor gu leòir.

Chan eil abhanaltrum ra faotainn an Ameireaga, mar a tha i againne idir. Tha cosgais anabarrach an cois euslainte sam bith, is feumaidh an a tha an tòir air dreuchd mnaoi-eiridnidh a thoirt amach, pàidheadh a cuid teagaisg agus air a teachd-an-tìr, fhads a tha i ag ionnsachadh. Tha achuid as motha de naoidheanangam breith sna tighean-eiridinn, agus cosgaidh sin bho cheud gu ceud gu leth not, le gach gné eile os bàrr sindeich ar fhichead san latha an leanaban a chumails mar sin air adhart.

Ann am móran àiteachan tha dòigh aca air gealltanas fola fhaotainn. Feumaidh gach cuideigin a chur as a leth gu pinnt fola a thoirt, mun téid i asteach don tigh-eiridinn. Mar sin tha iad cinnteach á fuil, ma dhfheumas i fhéin no an naoidhean i. Air an làimh eile, ma thig orra fuil a thoirt dhi, ’s gun boinneag a bhith air a tairgse roimh làimh, feumar phinnt a ghealltainn mu choinneimh na ciad phinnt, agus pinnt ri gach an déidh sin. Mur tig aice air a so idir, ’s e a cuid ochd puinnd Sasunnach a phàidheadh air gach pinnt fola.

Chan eil na dòighean eiridnidh cho sgileil, faiceallach, ’s a tha iad san dùthaich-sa; ach tha an àirneiss an uidheamachadh mìorbhuileach gun teagamh.

Tha cudthrom mórga chur air a bhith teagasg mhodhan togail na cloinne. Chan e na màthraichean gu dearbh, ach na fir cuideachd, a chunnaic i gu lìonmhor ag ionnsachadh mun leanaban a nighes a fhrithealadhs chan e sin a mhàin, ach apàidheadh cóig not air.

Chunnaic Anna ann anNew York,annmhachd nach robh ao-coltach ri buidseachd. Be so inneal a bha ceartachadh phàipeirean, agus gun a bhith riaraichte le sin, bha e gu pongailgan cur ann an òrdugh ceart. ’S e so an t-inneal ris an abrar anTest Pool Machine” ,agus is iomadh neach againn lem bu mhiann fear aca an dràsdas a rìs, ged nach eil e comasach air barail a thoirt air modh taisbeanaidh.


[345]

Tha na mnathan-eiridnidh car gann anns gach ceàrnaidh, ach thachair Anna ri grunn math bhan-Albannach, agus gu h-àraids e thog a cridhe caileagan a theagaisg i fhéin a choinneachadh, an suds a so.

Bha aig Anna ri sùil a chumail air a sporan. Chan eil an t-airgead adol fada an so, ach bha a shìneadh gu math na bu ghiorra thallud. Bha aon tràth bìdh acosg not no cóig ar fhichead, ged bha iomadh seòrsa annlan ann, le móran comhlairle mu gu bu chòir do neach ithe, airson cumail caol, tana.

Chòrd a turus rithe, ged a bha i trang fad na tìde. A bharrachd air na gnothaichean a thug don dùthaich mhór-sa i, thachair gu robh i ann anNew Yorkaig àm taghaidh an fhir àrd comhairle(President) .Thill i air an t-soitheach mhórQueen Maryair an turus mu dheireadh a rinn an Caiptean Sorrell, a bha air stiùir na soithich-sa bho chaidh i gu muir.

Bu mhath leam a bhith air barrachd innse dhuibh mu iomradh Anna, oirs e fìor shop anns gach seid a tha so. Tha sinn gu mór an comain Anna airson an iomraidh so a thoirt dhuinn, agus tha s nn an dòchas gur ann a théid am meas is an t-urram a tha oirrena dreuchd bho neart gu neairt.

[Sanas]

titleGnothaich Bhoireannaich
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 20 %p

parent textGairm 20
<< please select a word
<< please select a page