Air An Spiris
BHO thainig an àireamh mu dheireadh de Ghairm amach thainig an telibhisean ùr a dh’Alba, agus, a nise, tha dà sheirbhis telibhisean—Am BBC agus STV—a’ frithealadh na mórchuid de shluagh na dùthcha so.
Fhathast is e am BBC a tha a’ ruigheachd air a’ chuid as motha aig a bheil telibhisean ’nan dachaidhean, ach chan eil eadhon am BBC a’ ruigheachd dùthaich na Gàidhlige anns an iar-thuath. Tha e coltach gu bheil e duilich an dealbh a chraobh-sgaoileadh do na ceàrnan sin, agus tha móran mar thà a’ gearain bho nach eil an t-subhailc ùr so ’gan ruigheachd.
Tha e nàdurra gum bi daoine, agus gu h-àraidh daoine anns na h-àiteachan iomallach, ag iarraidh gach cur-seachad inntinneach mu’n cluinn iad. Ach an uair a ruigeas an telibhisean a’ Ghaidhealtachd, tha eagal oirnn nach ann gu math na Gàidhlige a bhitheas e. De na cur-seachadan ùra is e so am fear as motha tàladh, agus chan eil coltas fhathast gum faicear móran air ach rudan a thuigeas a’ chuid as motha de shluagh na dùthcha gu léir. Mar sin, chan eil rian nach bi buaidh aige air a’ ghinealaich ùir; chan eil rian nach saoil iadsan gur h-i a’ Bheurla as motha a tha a’ tairgsinn tlachd dhoibh—eadar ràdio is dealbhan is telibhisean.
An gabh dad deanamh? Le leabhraichean agus ràitheachain thlachdmhor ann an Gàidhlig; le dràma Ghàidhlig; le, ’s dòcha, dealbh uair no uaireigin ann an Gàidhlig . . . . Leotha sin uile faodar, maith dh’fhaoidte, maill a chur air a’ mhuir làn.
Tha aon rud eile ann.
An uair a rinn am Morair Beveridge sgrùdadh air craobh-sgaoileadh anns an rìoghachd so bho chionn beagan bhliadhnachan, chomhairlich e do’n Riaghaltas cead a thoirt do bhuidhnean àraidh meadhonan craobh-sgaoilidh a chur air bhonn. Nam biodh Oilthighean na h-Albann, agus comuinn eile daingeann mu’n chùis cha bhiodh e idir as an rathad meadhon craobh-sgaoilidh a chur air bhonn a bhiodh ag obair a h-uile feasgar gun fhacal ach Gàidhlig. Dheanadh sin feum nach deanadh rud sam bith eile. Có a bheir a’ chiad cheum?
title | Air An Spiris |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |