[73]

Marsaili Nan Oran

Ann am mìos an Dàmhair, bho chionn ceud bliadhna, rugadh Marsaili Cheannadach, no NicUalraig. Mar Mharsaili NicUalraig Fhriseal rinn i ainm dhi fhéin rach téid air dhìochuimhne mar the a chruinnich agus a chuir ri rian agus a chlò-bhuail òrain nan eilean. Tha móran a chàineas a h-obair; tha na mìltean a mholas e. Chan eil sinne adol ri càineadh no ri moladh, ach tha sinn an dùil gura còir dhuinn iomradh air choreigin a dheanamh oirre aig an àm so. Dhiarr sinn air dithis beagan a sgrìobhadh mu a deidhinnIain MacIlleBhàin, mar fear ciùil e fhéin , agus Anna NicIain , mar sheinneadair a chuir eòlas air Marsaili agus a thug móran òran dhi. So na thaca sin ri ràdha. —NA FIR-DEASACHAIDH.


Beachd an Fhir-chiuil

[Dealbh]
Iain MacIlle Bhàin.

Tha tarraing agus tàladh anns an ainm aig Marsaili NicUalraig Fhriseal. Sin, no tha tarraing agus tàladh na Gaidhealtachd air iad fhéin a shuaineadh mun ainm.

Ciod as an tainig an tarruing agus an tàladh an toiseach? Thainig, tha mi an dùil, as aphòsadh eadar maise dùthcha agus spioradalachd sluaigh. Tha an dara atoirt buaidh air an eile: na biodh teagamh agaibh as a sin. Mar Ghall anns am bheil fuil Ghaidhealach air gach taobh, tha mise làn chìnnteach gu robh Marsaili nan Oran fo bhuaidh spiorad na Gaidhealtachd, agus gur e trian a cumhachd gu robh coimeas aice an spiorad sin a roinn eadar i fhéin agus a luchd éisdeachd no a luchd leughaidh.

Bha i, i fhéin, roinntena trì pearsachan. Bha againn, an toiseach, an te a chruinnich òrain Ghàidhlig; an uair sin, an te a chuir rian ciùil air na h-òrain sin; agus, mu dheireadh, an te a sheinn agus a shoillsich na h-òrain sin do mhìltean air feadh an t-saoghail.

Thatar gu tric acur as a leth gun do rinn i droch dhìol air òrain Ghàidhlig. Mar fhear ciùil, mi fhéin, bu toigh leam beagan a ràdha mun dìteadh sin.

Gu tric, tha fir-deasachaidh Ghairm atighinn far a bheil mise agus ag ràdhaIain, sud agad clàr air a bheil bodach Gaidhealach aseinn seann òran math. Greas ort agus cur sìos air paipear dhuinn e; feumaidh tu a chur sìos agus rian piàno a chur air, agus a chur ann an cumadh a lìonas dhuilleig am meadhon Gairm.”

Bithidh mise uaireannan acluiche an òrain sin fichead uair mus



[74]

faigh mi air paipear an dubhs an geal e. Oir, mar is trice, tha am fear a thaga sheinn ag atharrachadh rud beag anns gach rann; an suds an so tha e acur pong a réirs mar a chòrdas e ris fhéid, agus uaireannan, adeanamh atharrachaidhean anns an fhonn bho rann gu rann. Tha sin atachairt ann am mith-òrain sam bith; is e sin brìgh amhith-òrain.

Ach, far an urrainn dhòmh-sa an t-òran a chluiche fichead uair gus am faigh mi cumadh air choreigin air, cha robh aig Marsaili nan Oran ach an rud a bfheàrr a burrainn dhi a dheanamh le òran a chluinneadh i trì no ceithir a dhuairean bho bhodach no bho chaillich. Agus bhiodh am bodachs achailleach ag atharrachadh cruth an òrain, gu ìre bhig, gach turus a sheinneadh iad e!

Is ann a ritin i mìorbhuileach.

mun rian a chuir i air na fuinn? Bha uaireannan nach robh an rian sin atighinn air modh nan òran Gàidhlig. Chan eil teagamh sam bith as a sin. Ach, taca ris na rinneadh ris amhórchuid de òrain Ghàidhlig, bha snas agus ceòl agus sgoilearachd anns gach rian a chuir i an clò.

Their feadhainn nach do rinn i math sam bith don Ghaidhealtachd. Tha mise an dùil gun do rinn. Ach, co-dhiùbh a rinns gus nach do rinn, rinn i aon rudthug i siolpadh seallaidh don t-saoghal mhór air tarraing agus tàladh agus móralachd na Gaidhealtachd.


Beachd na te Bharraich

[Dealbh]
Anna NicIain.

Is math mo chuimhne, air achiad uair a thachair mi air amhnaoi uasail Marsaili MicUalraig Friseal, no mar a theirte rithe anns na h-eileanan, agus be a rogha ainm fhéin e, “Marsaili nan Oran.” Ged tha suas ri lethcheud bliadhna ann, tha an sin cho soilleirnam inntinn is ged a be an diugh fhéin e.

Thainig mi dhachaidh as an sgoil air bog, ciùin ceòthar Earraich anns abhliadhna 1908, atarraing dlùth air an tigh, chuala mi guth nach do dhaithnich mi ann an seanchas ri mo mhàthair, is nuair chaidh mi asteach bha abhean uasal sona suidhe ri taobh an teine



[75]

Còmhla ri mo mhàthair, iad ag òl tea, agus air rèir choltais iad làn riaraichte le chéile. Be so Marsaili nan Oran, boireannach aoibheil dreachmhor coibhneil càirdeil. Dhinnis i dhomh fàth a tutuis, agus be sin gu robh i ag iarraidh mo chuideachadh airson faclan òran Ghàidhlig nach robh riamh an clò a sgrìobhadh o bheul nan seinneadairean, fads a bha i fhéin atogail nam fonn air seòrsa de inneil annasaich air an robhgramophoneaice. A nis, ged a bha òrain gu leòir den t-seòrsa so aig muinntir abhaile againne, bha barail agamsa gur e turus dìomhain a bha so aig amhnaoi uasail, a thaobhs gu robh mnathan abhaile uile gu léir cho diùid is nach togadh iad an guth an làthair coigrich. Ach bha so mun do chuir mi eòlas air Marsaili, is mun do thuig mi cho urralachs a bha i airson na bha a dhìth oirre fhaotainn, agus mar a thuirt aon de na mnathan còire a bha san làthair an oidhche ud, “Bu dùrr abhó nach toireadh a bainne dhi.”

Bha mnathan abhaile trang ri cur abhuntàta aig an àm, ach nuair a thainig ciaradh air an fheasgar, chruinnich mise còmhlan beag de na seinneadairean a bfheàrr a bha faisg oirnn, agus thainig Marsaili agus am bocsa-ciùil dhachaidh agus thòisich an céilidh.

A nis, cha robh iomradh aig an àm ud air Radio, agus ged a bhagramophoneaig neach no dithis sabhaile, chan fhaca a h-aon againn a riamh innleachd a thogadh gach facal a chanadh duine agus a dhinnseadh air ais e mar a dheanadh angramophonea bhan so, agus ged a bha an guth a thigeadh amach as cho fròmhaidh is gun dug na mnathan amBodachair, an déidh sin dhaithnichteadh gach guth air leth, is bha annas mór aca dheth, is seòrsa de eagal aca roimhemar a thuirt acaIs e cunnart a tha sa’ ‘Bhodach’ .”

Thuirt Marsaili, “Chan eil Gàidhlig agamsa, ged bha Gàidhlig aig mo sheanair is aig mo sheanmhair, ach dhionnsaich mi òran Gàidhlig no dhà a sheinn nuair bha minam chaileig,” agus thog i fonn air Guma slàn a chì mi mo chailin dìleas donn agus cha bfhada gus an robh na boireannaich uile atogail an fhuinn còmhla rithe, agus an déidh sin cha robh strì sam bith ann an cur gu seinn ris a’ “Bhodach,” agus is ann orra a bhiodh an othail gus iad fhéin a chluinntinn air ais. Sgrìobh mise na faclan air còrr agus fichead òran an oidhche sin, is cha do sgaoil an coinneamh gus an robh na mnathan is mise agus amBodachseachd sgìth, ged nach robh Marsaili, ach bfheudar dhi sgur is e an déidh mheadhoin oidhche, is am bàta gu seòladh leis an robh i afàgail an eilein.

Chuir an oidhche so snaidhm air achàirdeas a bha eadarainn gu a bàis, agus bu tric a chuir mi seachad laithean saora an dràsdas a rithis san tigh aice an Dun-éideann far am biodh luchd-ciùil ainmeil atathaich.

Cha robh móran fiosrachaidh agamsa air ceòl no innealan-ciùil aig an àm ud. Bhiodh mathair acliuch na pìoba, agus bha e fhéin agus mo mhàthair déidheil air mith-òrain an eilein. Ach bha spéis air leth agamsa anns na h-òrain Ghàidhlig a bha cheana anns na leabhraichean. Be iad so, ’nam bheachd-sa, na h-òrain a bfhiach an ionnsachadh, gu sònraichte òrain Mhic Mhaighstir Alasdair agus Dhonnchaidh Bhàin. Ach ag éisdeachd ri Marsaili nan Oran agus ri a piuthar Mairead agus na ceòladairean eile a bhiodh gu tricgan tathaich, dhfhosgail



[76]

[Dealbh]



[77]

minntin agus mo chluasan ri àilleachd nam mith-òran air an robh mi eòlach fad mo bheatha. Thuig mi nach robh agam ach fios gun fhios orra uige so, agus gu robh ionmhas annta de bhàrdachd agus de cheòl a bha luachmhor.

Is tric a bha minam shuidhe anns an t-seòmar-ciùil air Sràid aChaisteil is Marsaili adeilbh ceòl-cuideachaidh airson òran air choreigin. Bha buaidh mhór aig acheòl so air minntinn, agus bhithinn mar gum biodh neach fo gheasan ag éisdeachd ri gàir nan tonn aruith gu tràigh, no fuaim na mara ri cliathaich na luinge, no fuaim na loinid sachrannachan, no fuaim na cuibhle-snìomh atighinn on phiàno, air réir an òrain a bhiodh i adeasachadh, agus is iomadh oidhche a dhùisg mi as mo chadal is am fuaim sinnam chluasan.

Their cuid nach eil feum aig na h-òrain air ceòl-cuideachaidh den t-seòrsa sogur ann as misde iad emhair iad o shean as eugmhais agus carson a tha iad feumail a nis air a leithid? Ach bha Marsaili Nic Ualraig Frisealna bean-ciùil choimhlionta air aphiàno, agus bha ena beachd na h-òrain so a thoirt fa chomhair luchd-ciùil agus seinneadairean an t-saoghail, aig a bheil iarraidh agus cleachdadh air achul-taic so a bhith aca, agus is grinn eireachdail a rinn i sin; agus an neach nach cuala i fhéinga chluich, cha chual e an ceòl so aigfheabhas.

[Sanas]

titleMarsaili Nan Oran
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
notesTwo parts by two different authors: Iain Mac’IlleBhàin and Anna NicIain (split into two)
parent textGairm 21
<< please select a word
<< please select a page