[78]

Sean Eolas-Luibh

(2) CAORUNN

Le ALASDAIR MACILLE MHAOIL

Am beachd ar sinnsire bha éifeachd sachraoibh so gu seun a chur eadar iad fhéin is cuilbheartan shìdhich, buitsich, is an droch-shùil. Bhitheadh crois den fhiodh air a cur sachuman ri àm bleoghainn gus an toradh a ghleidheadh sabhainne, agus bha an crodh fhéin fo dhìdean, dòrlach gheugan os cionn àrd-dhoruis na bàthaich.

Ann a Srathspé bha ena chleachdadh, air Latha Buidhe Bealltainn, na caoraichs an àl a rotadh troimh chearcall den chaoruinn airson na treuda a dhìon o gach dochainn. Tha iomradh air acheart ghleus a thaobh cloinne air an robh droch phiseach. Theirte Leigheas na Cuairte ris an deas-ghnàth so, agus tham bàrd ag aithris air nuair a sheinn e

Mo nighean bhòidheach an fhuilt réidh
Gur spéiseil leam a ghluaiseas tu,
Ged robh mi tinn gu bàs,
Do ghràdh bu leigheas cuairte dhomh.”

Agus chuala sinn uile mun mhaighdein le“ ’gruaidhean mar na caoruinn”. Bha i ann, co-dhiùbh bho linn Oisein, agus chanas nach do ghluais i gu spéiseil ann an Gàrradh Edein fhéin.

titleSean Eòlas-Luibh (Caorunn)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Alasdair Mac’Ille Mhaoil in Gairm 21 %p

parent textGairm 21
<< please select a word
<< please select a page