[13]

The Scottish Highlands, A Short History,” le W. R. Kermack. (W. & A. K. Johnston and G. W. Bacon, Ltd. ,Dun-Eideann. 9/6. )

Tha an Còmhlan Foillseachaidh so an Dun-Eideann air cur an clò a nis dlùth air fichead leabhar beag air eachdraidh nam fineachan Gaidhealach fa leth, móran diubh air an stéidheachadh air rannsachadh ùr. Bha stuth an so fhéin fo làimh fir-eachdraidh na Gaidhealtachd, agus tha e iomchuidh gun cuireadh an Còmhlan so an clò co-chur ùr de eachdraidh nan Garbh-chriochan.

Tha W. R. Kermack air an obair a dheanamh le fiosrachadh agus le sgil. Chan eil aige ach eachdraidh ghoirid (157 de dhuilleagan) agus tha sgrìob aigega thoirt air ais gu 300 A.D. , le cunntas aithghearr air



[89]

Eachdraidh nan Cruithneach is rìoghachd Dhail-riada. Tha an eachdraidh aruighinn 1746, no Blàr Chuil-lodair.

Goiridmar a tha an leabhar tha e atoirt dhuinn sealladh anabarrach soilleir air fàs agus searg cumhachd aGhaidheil ann an Albainn. A thaobh nan Cruithneach tha Mgr. Kermack aleigeil a thaic gu mór air barailean an Ollaimh Jackson, agus is dòcha gun gabh tuilleadh ionnsachadh fhathast mu rìoghachd Dhailriada agus an dòigh anns an tainig i sin agus rìoghachd nan Cruithneach gu chéile. Tha sinn gann cuideachd de theisteanas a thaobh fàs agus eachdraidh nam fineachan anns na linntean roimhn cheathramh linn deug. Ach, gu h-àraidh an déidh an ama sin, saoilidh sinn gu bheil ùghdar an leabhair so amìneachadh agus asoilleireachadh eachdraidh nam fineachan agus na Gaidhealtachd ann an dòigh a tha feumail agus ion-mholta. Tha e acomharrachadh amach sheòrsa fine, an fhine a bha dual don dùthaich, mar a bha na Caimbeulaich, Clann Dòmhnaill, Clann Choinnich (ged a bha air uairean iomadach gnè atighinn fo sgàil nan ainmean móra sin), agus an fhine thainig air tùs bhon taobh amuigh, mar a bha ClannIc Leòid, ClannIc Neacail agus ClannIc Amhlaimh (le ceangal Lochlainneach a rèir coltais), agus na Frisealaich, na Siosalaich, na Foirbeisich, na Gòrdonaich (le ceangal Gallda, Sasunnach no Frangach). Bha cuid de na fineachan coimheach so a dhfhas cho Gaidhealach ris na Gaidheil fhéin, agus air an làimh eile bhà, agus thà cuid de na cinn-cinnidh Ghaidhealach a dhfhàs na bu Ghallda na eadhon na Goill.

[Sanas]



[90]

[Sanas]

Tha cunntas shoilleir an so air mar a dhfhàs cumhachd nan Dòmhnallach, nan Caimbeulach, nan Gòrdonach agus ClannIc Choinnich, air abhuaidh a bha aig creideamh air an gnìomharan, air aphàirt a ghabh iad ann an eachdraidh na h-Albann, agus air na h-oidhirpean a rinn rìghrean na h-Albann, is Pàrlamaidean Albann is Shasuinn, a chum an ceannsachadh, agus gu cur as do an cànain is do an caitheamh-beatha. Tha an t-ùghdar, mar gum beadh, aseasamh a dhàrna taobh, atoirt breith air amhaiths air an dona. Ach rinn e oidhirpnach do rinn a h-uile eachdraidhiche Albannach roimheair dòigh-beatha aGhaidheil a thuigsinn, air cuid de a litreachas a leughadh, agus air pàirt de a chànain a thogail (air neo deagh chomhairle a ghabhail a thaobh nan gnothaichean sin). Tha sinn acur fàilt air an leabhar so.

R. McT.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (The Scottish Highlands: A Short History)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 21 %p

parent textGairm 21
<< please select a word
<< please select a page