[19]

An Dileab

Le CAILEAN MACCOINNICH

NUAIR a chuir am ministear air an amadan achiad cheist an Leabhar Aithghearr nan Ceist— “Ciod as crìoch àraidh don duine?” — ’s em freagairt a fhuair e, “Nach amaideach acheist i, mhinisteir: ’s iomadh crìoch àraidh a dhfhaodadh a dhol air duine!”

S ma bha sin fìor mu dhuine riamh bha e fìor mu bhràthair mo sheanar. Bha rùda mór crosda aige air teadhair an ceann shuas na pàirce, agus bha cleachdadh aige (aig bràthair mo sheanar, chan ann aig an rùda) a bhithg atharrachadh na béisde moch is anmoch. Am feasgar ud, ’s e strì ris abheathach a shlaodadhna dhéidh an aghaidh a thoileach chaidh cas abhodaich ann alùib an ròpa, agus sud e air a dhruims an rùdana bhad. Gun sgeul fhada dheanamh dheth bhuail an rùda brathair mo sheanar an clàr na bathais, ’s mar a chanadh an seanachaidh san t-seann sgeulachd chuir e eanchainnna sradagan teine troimh chùl a chinn. ’S iomadh crìoch àraidh a dhfhaodas a dhol air duine!

Glé mhath, matàneo, glé olctha e an crochadh air ciamar a dhamhairceas tu air aghnothach, agus nuair dhinnseas mi dhut gun dfhàg am bodach suas ri ochd mìle punnd Sasunnach, cha bhi móran teagaimh agad ciamar dhamhairc mises mo cho-dhìleabaich air achùis! Ochd mìle punnd Sasunnach! Glé mhath dha-rìreadh. Ach bha cóignear againn an co-ionnan dàimh dha; cha robh sin cho math idir. Mìle an t-aon agus smodal de iomlaid. Cha robh e ach beag gu leòir san t-seagh sin.

Achs e cheist mhór ciamar a roinn am bodach e. An do rinn e roinn mhic is athar air? An dfhàg e barrachd aig aon againn na aig aon eile? An dfhàg e uile e aig dithis neo triùirneo, math-dhfhaodte aig aon duine? Cha burrainn thu a ràdh dhfhaodadh am bodach a dhèanamh, ’s e sin an seòrsa duine a bhann dheth. Ach aon bha sinn uile cinnteach as, aguss e sin gu robh dìleab ann agus a cùmhnantan seulaichte fo làimh fir-lagha. Bha brathair mo sheanar cho dòigheil an sins a bha e an rudan eile.

A chùl air an airgead bha tigh is fearann ann, crodh is caoraich, cairtean, croinn-threabhaidh, cliathan is iomadh gnè eile de acuinn fearainn. Cha do chosg am bodach móran riamh am -stuam. Co-dhiùbh no co-dheth cha robh air ach feitheamh gun gairmeadh Maighstir Diarmad am fear-lagha sinn gus an dìleab a chluinntinn. ’S e lathaichean -shaoirsneil a bhann; cóignear againn, sinn uile anns na h-oghaichean, ’s gach aon an làn dòchas gur e fhéin na i féin a bha dol a thighinn asteach air an iomlan.

S ann air madainn Di-luain a fhuair mi brath on luchd-laghadh gu dol a dhionnsaigh tigh an fhir nach maireann gu brìgh an dìleab a chluinntinn. Litir mhodhail, iomchuidh gu leòir, ach a bharrachd air innse dhomh gu robh mainm san dìleab cha do chuir i solus sam bith air dhfhaodadh dùil a bhith agam ris. “Bìdh sinnnur comain ma bhios sibh an làthair mu naoi uairean air madainn Di-haoine aig Tigh aBhealaich, àite-còmhnaidh Eanruig MhicArtair nach maireann, far an cuir sinn an céill do na dìleabaich uile suim na dìleab. Gu dìleas,



[20]

Diarmad Mac-an-t- Sionnaich, Mac-an-t- Sionnaich, Mac-nam-Cleas agus Mac-an-t- Sionnaich.”

Gu dìleas! Biodh an dìleasachd mar a dhfhaodas i a Shionnaich chòir ach bìdh mise aig Tigh aBhealaich Di-haoine so tighinn gu mo chòir a thagradh, air neo chan e as feàrr a bhacas mi.

Agus bhà mi sin. Mu leth uair an déidh a h-ochd thug mi stàirn air an t-seann ghlag aig an dorus agus chaidh mo stiùireadh asteach don phrìomh sheòmar le fear biorach ruadhs boinne critheannaich air bàrr a shròine. ’S ann do chloinn an t-sionnaich thusa gun amharus arsa mise rium féin, ’s mi gabhail beachd air an dithis eile bhanan suidhe mun bhòrd mhór am meadhon an t-seòmair.

Tràths ga robh mi bha Mairead bhiorach, nighean piuthar mathar astigh romham, ’s fuars ga robhmhadainn bfhuaire na sin an t-sùil a thug i orm nuair thainig mi asteach. Ciubha bideanach gruaige air cùl a cinn, a h-amhach sìnte mach agus a srònga sìor shàthadh fhéin air adhart, cha toireadh tu shamhla dhi ach gèadh crosdas cuideigin air cur corruich air.

Cha robh càch fada gun nochdadh. Cailean Breac, bràthair Maireid, e fhéin agus sùil dhiombach aige air càch mar nach robh còir aig neach bhith sud ach esan. Bha fhios aig a h-uile duine nach do bhruidhinn e fhéin agus Mairead o bha Luchd-lagha Bòrd an Fhearainn aca mu chòimhstri nan crìochan. Air a shàilean Seòras Dubh mac brathair mathar. ’S a phiuthar Seònaid a tha pòsd aig aphosta chaol an Coirebhig, dithis nach robh riamh rèidh, ’s nach a rèir coltais. Cuideachd neo-chàirdeil, ghàbhannach.

Deanaibh suidhe, a mhnathans a dhaoinuaislears am fear a bu shine de na Sionnaich. “Daoinuasal”, arsa mise rium féin, ach o nach robh e dol a chosg dhomh suidhenan cuideachd chàirich mi mi féin air achathair a bfhaisge orm. Lean càch an t-eiseimpleir agus sgaoil an Sionnach Mór paipear fada liath air abhòrd muchoinneimh. “An ars esan, “tuigidh sibh gur i so tiomnadh Eanruig Mhic Artair nach maireann. Than cóignear agaibh an co-chàirdeas dha agus tha sibh uile air ur n-ainmeachadh san dileab. A bhàrr air beagan airgid a dhfhàg e aig abhean-tighe aige, tha amhór-roinn air a thiomnadh dhuibhse mar dhàimhean agus air a roinn mar a leanas.”

Ma bha cluasan gach aon againn air an deagh ghleusadh air eagal smid de a bhriathran a chall, bha na sùilean gu coimheach, luasganach asìor lorg ciamar a bha càch agabhail aghnothaich. Lean e roimhe. “ ’S e so an tiomnadh mu dheireadh agamsa Eanruig MacArtair, á Baile nan Slochd, Siorrachd Làbhainn, aguss e mo rùns mo mhiann gum bi mo chuid, aig àm mo bhàis, air a riaghladh mar so:

Aig Cailean MacGrìdhean, ogha mo bhràthar, tha mi fàgail an tighes an fhearainn maille ri cheud punnd Sasunnach.

Aig Seòras MacIlleMhaoil, ogha mo bhràthar, tha mi fàgail achruidh agus acuinn an fhearainn uile maille ri ceud gu leth punnd Sasunnach.

Aig Mairead Fhriseal, ogha mo bhràthar, tha mi fàgail dàrna leth nan caorach agus trì cheud punnd Sasunnach.

Aig Seònaid NicArmaig tha mi fàgail an leth eile den stoc chaorach agus trì cheud punnd Sasunnach. ’”



[21]

Stad am fear-lagha, mar gum biodh e airson cothrom thoirt do na dìleabaich sud a chagnadh. Bha sàmhchar san t-seòmar, bha gach sùil ormsa agus bha mi làn chinnteach gur icheist bhan cridhe gach aon, a bheil esan dol a thighinn asteach air achòrr de airgead abhodaichmu sheachd mìle punnd Sasunnach?

Thòisich an Sionnach a rithisd. “Aig Calum MacIlleMhaoil, ogha mo bhràthar, tha mi fàgail cóig punnd Sasunnach agus on tha uimhir de thlachd aige ann an airms an àirneis nan ginealach a dhfhalbh tha mi tiomnadh dha an t-seann ghunna thug mi féin dhachaidh á Cogadh nam Boers. Tha min dòchas gum bi e cho feumail dhas a bha e dhòmhsa an uair mfheum.”

Dhamhairc sinn air a chéile. Càite an deachaidh ochd mìle bràthair mo sheanar? Bi sud achiad cheist dhòmhsa, agus cha robh teagamh agam nach i bhair inntinn chàich cuideachd. A robh làmh aig na Sionnaich saghnothach? Cha burrainn gun deach am bodach troimh sheachd mìle not ann am beagan is bliadhna, oir mun àm sin fhuair Mairead tàrradh air leabhar cunntais tigh-tasgaidh an airgid aige agus bha còrr is ochd mìle ann.

Bha sinn an dùil gu robh barrachd airgid aig an fhear nach maireann,” arsa Seòrass eg amharc gu gruamach air an fhear-lagha. Sheall an Sionnach air le sùil chruaidh, thioram an fhir-lagha: “Biodh sin mar a bhitheas e,” ars esan, “sud sùim iomlan an tiomnaidh, ach a mhàin gun do chuir Mgr. MacArtair mar gum biodh facal pearsanta aig deireadh an tiomnaidh aguss e so e:

Theid càirdeas an aghaidh nan creag, ach na robh neach beò aig àm mo bhàis a bu dlùithe an càirdeas dhomh nan fheadhainn a dhainmich mi, sgillinn ruadh chan fhaigheadh a h-aon diubh ach Calum MacIlleMhaoilna aonar; gheibheadh esan na cóig notaicheans an gunna co-dhiùbh. ’”

Cha mhór nach do bhris an gàire orm. Cóig notaichean is seann ghunna. “Tuigidh sibh,” arsa Sionnach, “nach eil sna briathran sin ach smuain an déidh làimhes nach eil iad adeanamh atharrachadh sam bith na cur dreach sam bith eile air cùmhnantan na dìleab. Chan e ar gnothaich-ne ciod a bha aig an fhear nach maireann, ’s ma tha sibhse am beachd gum bu chòir an tuilleadh a bhith ann faodaidh sibh ceasnachadh a dheanamh an Tigh Gleidhidh an Ionmhaisachs e meagal-sa nach toir iad móran sàsachaidh dhuibh an sin.”

Phaisg na Sionnaich suas an cuid phaipearan agus sgioblaich iad gu falbh. Ars an Sionnach Mór: “Bidh paipearan còir an tighes an fhearainn, achruidhs nan caorach maille ris an airgead a chaidh fhàgail agaibh air an cur thugaibh cho luaths a ghabhas dèanamh, ach faodaidh Mgr. MacIlleMhaoil an gunna a thoirt leis gun dàil; sud e crochte os cionn àite an teine.” Agus le sin dhfhàg an luchd-laghasud sinn.

Ach air thalamh a rinn e ris?” Cha robh an dorus ceart air dùnadh as an déidh nuair bha beul Maireid adol. “Saoil sibhse an do thog e uile es an tug e don bhean-tighe e?”

Ceisd mhórarsa mi féin, “agus nach urrainn sinne am feasd fhuasgladh; ach carson bhiodh sibhse gearain? Cha tainig a h-aon agaibh as cho olc dheth riumsa. Cóig notaichean agus seann chabar gunna nach cuimseadh air Beinn Dobhrain aig dusan slat.”



[22]

Cha robh de spiorad nàdurra air siubhal aon den cheathrar a thogadh gàire ris an t-suidheachadh agus o nach robh ri chosnadh le bhith fuireachnan cuideachd thog mise leam an gunna agus tharraing mi air an dachaidh.

Bhan deasbuds an t-sabaid àbhaisteach ann mun drinneadh roinn mhic is athar air achrodh, na caoraich agus an acuinn, ach mu dheireadh thall chaidh cuid abhodaich a roinns fhuair gach aon mar chunnaic na fir-lagha iomchuidhbiodh iad toilichte nachaochladh.

Cha dubhairt mi féin diog. Chosg mi na cóig puinnd Shasunnachs be sud crìoch aghnothaich. Cha robh diomb agam ris abhodach, ’s chan fhaicinn gu robh e mar fhiachan air sgillinn ruadh fhàgail aig aon againn, oir an gnìomh mór a rinn duine againn riamh ris gu dùil bhith againn ri tochradh anabarrachna dhìleab?

Crìoch aghnothaich,” an dubhairt mi? Fiach thusa an è, a charaid! Mu ochd mìosan an déidh bàs Eanruig bha mi air chéilidh air seann duine còir an Gleann Chiarain agusnar còmhradh thainig achainnt mun cuairt gu dìleab brathair mo sheanar. “Cóig notaichean is seann ghunna, a laochainars esan, “bha e cho math nach robh do bheò-shlaint an crochadh air an dìleab,” ’s rinn e glag gàire. “Ach eil fhios agadsa gun do shàbhail an dearbh ghunna beatha an dithis againn anns an Transvaal. Bha sinn le chéile san aon toll, air ar sgaradh on chòrr den fheachd agus deannan Bhoers aliùgadh astigh oirnn. Cha robh barrachd air cóignear dhiubh ann agus tha amharus agam gu robh fhios aca nach robh aon pheileir againn eadrainn. Cha robh an suidheachadh ach olc nuair a thug Eanruig briosgadh as. “Nach misem burraidh,” ars esan, ’s mun dfhuair mi smid a ràdh dhfhosgail e toll an stoc aghunnas phioc e mach as mu dhusan peileir. Abair thusa gun dug sinn coinneamh shearbh do na Boers nuair a nochd iad rinn aguss e mo bharail nach do stad an dithis a thug am beatha as gun dfhuair iad an cinn fo earball còta Phòil Kruger. Lathaichean doirbh, a charaid,” ’s le sin chaidh ar còmhradh seachad.

Nuair thill mi dhachaidh thug min t-seann ghunna nuas bhàrr an dubhain air an robh en crochadh. Làimhsich mi e le urram oir bha mi a nis atuigsinn gu bham bodach aciallachadh le na thuirt e san dìleab mun ghunna. Sgrùd mi an stoc gu faiceallach agus an déidh greis lorg mi am pluc a bha dùnadh an tuill. Thug mi as e le gob na sgine, ’s theann mi ri brodadh gun fhios n cuimhneachan air cogadh nam Boers a dhfhaodadh a bhith falach ann. Amach thainig pocan beag, ’s nuair dhfhosgail mi e gu dhòirt am bas mo làimhe ach cóig na sia de na neamhnaidean a bàille air an do laigh mo shùil riamh. Bha bileag phaipeir saphocan, sgrìobhte an làimh-sgrìobhaidh abhodaich. “Do chuid-sa den dìleab agamsa a Chaluim, ma thathùr annad na lorgas e— ’s tha teagamh agam gu bheil.” Bha ainm brathair mo sheanar ris aphaipear agus fòidhe sin dithis fhianaisean.

Thug mi na clachan luachmhor agus am paipear thun nan Sionnach, ’s chuir iadsan mo chogais aig fois; bhaghnothach réidh laghail gu leòir, ’s biad na clachan mo chuid-sa de shaidhbhreas abhodaich. Mheasadh iad le òr-cheard agus chaidh an reic airson ochd mìle not.

Mo bheannachd air abhodach, ’s mo mhìle beannachd air fear bu chruaidhe ceann na eadhon Eanruig MacArtairan rùda!

titleAn Dìleab
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Cailean MacCoinnich in Gairm 21 %p

parent textGairm 21
<< please select a word
<< please select a page