Ceol na Pioba
(1) DOMHNULL MACILL’EATHAIN
Le FIONNLAGH MACNEILL
THA facal anns a’ Ghàidhlig a tha ag ràdh, “Cha do dhùin dorus nach do dh’ fhuasgail dorus”, agus is ann mar sin a thachair do ’n chiad phìobaire a tha againn anns an t-sreath so—Dòmhnull MacIll’eathain á Leódhus, no, mar as fheàrr a dh’ aithnichear e ameasg phìobairean, “Dòmhnull Mór”. Cha robh Dòmhnull ach mu dheich bliadhna dh’ aois nuair a thainig Murchadh, a bhràthair a tha an diugh ’na dhotair, dhachaidh air a leòn agus leis a’ chomhairle gum bu chòir dha a’ phìob mhór ionnsachadh gus an sgamhan aige a bha air a reubadh a dheanamh làidir. Thòisich Dòmhnull an uair sin mar a bhràithrean eile a’ strì ris an fheadan, agus ged a sguir càch ceann sreath cha do sguir Dòmhnull, agus tha e an diugh air a chunntadh ’na phìobaire cho math ’s a th’ ann. Aig aois ochd bliadhna deug chaidh e do ’n arm, agus ’s ann an sin a thòisich e ag ionnsachadh na pìoba fo iùil D. R. MacGillfhinnein. Fhuair e air adhart cho math agus gun d’ rinneadh e ’na mhàidsear-pìoba e fhéin ann an 1935,
[Ceòl]
[Ceòl]
dreuchd a chùm e gus an do dh’ fhàg e an t-seirbhis ann an 1948 an déidh dha dà bhliadhna ar fhichead a chur seachad anns na Sìoth-phortaich.
Tha e air cosnadh an ìre mhath a h-uile duais a ghabhas cosnadh leis a’ phìob—am bonn òir airson pìobaireachd ann an Inbhirnis agus anns an Oban gu h-àraidh, a thuilleadh air iomadh duais eile. Tha e an diugh os cionn earrann nam pìoban ann am bùth R. G. Lawrie ann an Glaschu, agus có a b’ fheàrr ris an obair sin na e fhéin? Tha e eòlach gu leòir air gach nì mu thimcheall na pìob móire agus an dòigh air a cluich, agus is ann ainneamh a theid duine asteach gu Dòmhnull nach bi balach beag air choreigin an sin le feadan ag ionnsachadh mar a chuireas e a mheuran air na tuill.
Tha còrr agus ceud gu leth bliadhna bho thainig aon de shinnsearan Dhòmhnuill dhachaidh as a’ chogadh an aghaidh Napoleon, agus a chuir e air bonn sgoil-phìobaireachd ann an Dalabeag air taobh siar eilean Leódhuis. Tha Dòmhnull e fhéin an diugh a’ deanamh nas urrainn dha airson a’ phìob-mhór agus a ceòl. Oir chan e a mhàin gun cluich e air a’ phìob; tha e cuideachd fìor mhath air puirt ùr a chur ri chéile. So agaibh port a sgrìobh e agus a chaidh a chluich airson a’ chiad uair aig àm na Càisge am bliadhna ann an Dòrnoch aig cruinneachadh a bha aig an t-seann 5mh feachd de réiseamaid nan Sìothphortach. Is ann bho fhacal-suaicheantais a’ bhuidhinn sin a thainig ainm a’ phuirt. ’S e port ceòlmhor gasda tha ann, agus bithidh e a dh’ aithghearr r’a chluinntinn aig pìobairean thall agus a bhos.
[Sanas]
title | Ceòl na Pìoba (Dòmhnull MacIll’eathain) |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacNèill in Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |