[31]

Alasdair Caimbeul, Gearrloch

LE EACHANN MACCOINNICH

RUGADH Alasdair Buidhe Iomhair, no Alasdair Caimbeul ann am Mealabhaig faisg air an Rubha Tuath, no Rubha , mar tha e air ainmeachadh an diugh.

Be Alasdair MacCoinnich (AChlach), iar-ogha abhàird. Tha esan ag innseadh dhuinn anns an leabharHistorical Tales and Legends of the Highlandsgu robh a shì-sheanairna sheann duine aplochdadh ris acheud, ri linn a chiad chuimhne. Bha e fuireach ann an seann tigh agus a thriùir mhac còmhla ris; am mac a bòige trì ficheads a h-ochd agus am fear bu shine trì ficheads a cóig deug.

RugadhAChlachanns abhliadhna 1838 agus chaochail Alasdair Buidhe ann an 1843. BhiodhAChlach” ’na bhalachan ceithir bliadhna dhaois, bliadhna mus do chaochail Alasdair Buidhe. Bha Alasdair Buidhe an uair sinaplochdadh ris acheud,” agus mar sins dòcha gur ann sabhliadhna 1745 a rugadh e. Tha iomradh anns achiad àireamh denCeltic Magazineair taobh duilleig 41 a tha atoirt cudthrom don bheachd so. Faodaidh sinn a thoirt fa-near an so, gum biodh Alasdair Buidhena ghille seachd no ochd a bhliadhnachan deug nuair a rugadh Uilleam Ros.

Chuir e seachad achiad chuid de bheathana bhuachaille ann am Mealabhaig. Sgrìobh e òran munRubha Tuathaig an àm so ach chan eil lorg agam-sa air.

Air dha thighinn gu ìre fhuair e obair mar mhaor-fearainn do Shir Eachann MacCoinnich, triath Gheàrrlochuachdaran a bha ainmeil san Taobh Tuath mar dhuine a chuidich le iasgairean an truisg is an éisg-ghil, mus damais an Rìaghaltas airbountya thairgseadh do na h-iasgairean. An uair a thòisich Alasdair Buidhe air obair amhaoir-fhearainn thainig e dhfhuireach a dhInbhir-Chearraidh far am biodh e na bu dheiseile ri mhaighistir. Baithne do mhuinntir Gheàrrloch e mar Alasdair Buidhe Iomhair agus tha iomradh ann gu robh e glé mheasail aca, ged nach robh an dreuchd a lean e buailteach air neach sam bith fhàgail fo dheagh-chliù ach a mhàin aig a mhaighistir.

Bha coipidh den Tiomnadh Nuadh aig Alasdair, agus tha achiad àireamh denCeltic Magazineatoirt fios dhuinn gum burrainn dha aGhàidhlig a leughadh. Chuidich e an t-Urr. Lachlainn MacCoinnich a bhana mhinistear ann an Loch Carrainn, an uair a bha e asgrìobhadh na roinn airAiseirigh Chrìosd.”

Mar bhàrd bha Alasdair Buidhe air a mheas le a luchd dhùthcha na bàirde na Uilleam Ros. Tha so furasda thuigsinn; bhon a bha Uilleam Ros na bfhoghluimte na Alasdair agus bhon a bha sgoiltean ainneamh rim faotainn air feadh na sgìreachd aig an àm ud, bha móran de bhàrdachd an Rosaich nach tuigeadh an sluagh. Bha Alasdair Buidhe aseinn mu chuspairean a bha gu bitheanta air teangaidh an t-sluaighnithean a thachair bho gu , thalls a bhos air feadh na sgìreachd, agus air am biodh iad acòmhradh aig na céilidhean.



[32]

Be iomall an saoghal-san, garraidhean-crìche na sgìreachd. Be tigh Alasdair tigh céilidh abhaile.

Tha iomradh ann an Geàrrloch air gearradaireachd eadar Uilleam Ros agusBard an Rubha” —mar a bhaig cuid air Alasdair. Thachair iad aig abhainn Achadhcharn, is Alasdair atogail air gu banais a pheathar. Tha e coltach nach robh an còta a bhair ach dìreach mar gum biodh plaide air a dhath gu stiallach, gun a bhith aona-chuid dubh no geal. Cha be aodach ro-eireachdail e, do fhear air turus-bainnse. Nuair a chunnaic Uilleam Ros e atighinnna chòmhdhail, agus ecoimhead cho ciullach, shaoil leis gum biodh e iomchuidh agus ceart, aire Alasdair a thoirt don riochd mhì-choltach a bhair, agus bann mar so a chuir e fàiltair:

“ ’S ann a than sùrd air Bàrd an Rubha,
S a phiuthar adol a phòsadh.
S mairg thu a thighinn bhonbhaile,
S nach drinn thu malairt còta.”

Cha bu luaithe a chuir Uilleam Ros crìoch air an rann-earalachaidh so, na fhreagair Alasdair:

Than còtataitinn rium fhìn,
Tha e mìn, ’s tha e blàth,
S air cho mórs gu bheil do ruic,
Dhfhaodadh tusaleigeil dhà.”

Bha speis mór gu leòir aig an dithis so da chéile, bhitheadh e coltach, mar a chluinneas sinn, ged is ann ri gearradaireachd a tha sinn acluinntinn mun deighinn an toiseach. Tha fhios againn gur ann bho Alasdair Buidhe a fhuair Iain MacCoinnich òrain Uilleim Rois, an uair a bha e adeasachadhSàr Obair nam Bàrd.”

Bha làmh-sgrìobhaidhean de na h-òrain aig Alasdair Buidhe aig iar-ogha dha, a dhainmich mi a cheanaAlasdair MacCoinnich( “A Chlach” ). Bha cuid diubh aig an Urr. Cailean Friseal. Tha iad sin a dhìth oirnn. ’S cinnteach gun do sgrìobh e barrachd de òrain na tha againn air sgeula an diugh. Feumaidh sinn an dràsda a bhith toilichte leis na dhà no trì as aithne dhuinn, agus cunntas goirid a thoirt orra. Bann air dhà bhith air chuairt san Eilean Sgiathanach asgrìobh eClann Dòmhnaill Mór nan Eileanan,” mar chomharradh air achoibhneas agus abhàigh a dhfhiosraich e air feadh an eilein sin. Sgriobh eHoirinn ó cha bhi sinn tùrsach,” air don mhaighstir sgoil mór a bhann an Geàrrloch an déidh Uilleim Rois, criomag thombaca dhiùltadh dha. Bann mar aoir neo-sgaiteach asgrìobh e an t-òran sin. Tha òran eile a bha gun teagamh sam bith air an cur ri chéile le Alasdair Buidhe, agus is iad sin; “Tigh Dìge nam Fear Eachannach,” agusLaoidh.”

Chan eil e iongantach ged a sgrìobh Alasdair BuidheTigh Dìge nam Fear Eachannach,” bhon a bhiodh etadhal air muinntir an Tigh Dìge trì oidhcheanan gach seachdain den bhliadhna gu bhith ag aithris bàrdachd Oisein agus sgeulachdan na Féinne do theaghlach an tighe sin.

Chaochail Alasdair Buidhe anns abhliadhna 1843 agus chaidh thiodhlaiceadh ann an clachan Gheàrrloch.



[33]

AOIR FHIR GHEASTO

RINNEADH an t-òran a leanas do dhroch shiamarlan a bha ann an Geàrrloch ri linn abhàird. Bha ena chleachdadh aige a bhith spùinneadh an tuath bhochd a bhiodh eu-comasach am màl a phàidheadh, le bhith toirt air falbh an crodh no alosgadh mullaichean an tighean.

Aig an àm so bha an siamarlan air athair abhàird fhuadach amach as an tigh an Ceann Loch , ’s ena sheann duine ana-cothromach air a chromadh leis an t-siataig. Mhothaich am bàrd, a bha aig an àm abuain na mòna, air a a bha gu tachairt, agus thog e air dhachaidh cho luaths a bheireadh a chasan e, agus chuir e teicheadh air an ùmaidh.

An oidhche sin fhéin, a réir fear mo sgeòil, rinn am bàrd an aoir a leanas.

I. A Theàrlaich MhicLeòid tha thu dona gu leòir
Tha gamhlas an t-slòigh lìonmhor duit,
Gach neach air do thòir gu dphronnadh le deòin
Le spionnadh nan dòrn geur-bhuilleach,
Le cnuthanan cruaidh gu dghearradh mun cuairt
A chuireadh gu luath suainteas ort,
S cha bhithinn fo bhròn ged rachadh do leòn
S gun tilgeadh tun deò uaireigin.

2. ’S gruamach do ghruaidh, ’s rògach do shùil,
S fiadhaich gach taobh sealltainn thu,
Bagarrach, gnù, aineolach, brùit’,
S mairg tha air aon oighreachd riut.
Spùill thu gach creubh, an airgeads an spréidh,
Chreach thu le geur ainneart iad;
A chrochaire chruaidh a robaig an tuath
S truagh nach robh uaigh dèanta dhuit.

3. ’S ann ort a than ceann as mallaichte greann,
Craos agus seann fhiaclan ann.
S an-iochdmhor do chainnt, mionnan gun taing,
Is seirbhiseach ain-diadhaidh thu.
Tha bith gu na cnàimh is bithidh gu bràth
Aig dmhuinntir tha tàmh an Geàrrloch dhuit,
S mun cuidhtich thun t-àite chì iad thu pàidht;
S do dhruim ris an làr, ’s thoill thu e.

4. Bu bheag leam achroich fhaicinn air cnoc
S thusaga thoirt suas oirre,
S tobha nach bolc mu do sgòrnan lem thoil
S tu slaodadh ri post uabhasach;
S gun aon bhith fo sprochdcuimhneachadh ort
S tu bhith ann an cor deuchainneach,
S béibhinn am port ri chluinntinn an nochd
Do bhàs, ’s cha bu droch sgeula leam.



[34]

5. ’S nam faighinn dhomh féin athchuingich réidh
Thigeadh an t-eug èasgaidh ort,
Gad sgathadh le geur-chlaidheamh nach géill
A ghreasadh gu éin sìorruidh thu;
Tha mallachd nam bochd dhìthna do chorp
S gheibh iad le toirtn iarratuis
S cha choinnich ach olc danam airson
Na rinn thu de dhroch ghnìomharan.

6. Be dùrachd gach neach do sgiùrsadh le neart
S cruaidh bhuille bhatfhiachainn ort,
A ghruaim-shuilich ghlais, ’s duanaidh do dhreach,
S cha dhrùidheadh na seachd siantan ort.
Tha taodann fo smal daondan gun mhais,
Mar aotraman mart bhlian-bhuidhe,
S do bhriathran gun bhlas, breugan mu seach,
S do dheud mar an trap ghiar-ghramaidh.

7. Nam faicinn na coin strì air do shon
S do chom bhith air droch riapanaich,
Marbh ann an slochd gun aodach bhith ort
Dìreach mar phloc fìor-thalamh,
Do cheann bhith air stop eadar-dhealaichtuath dchorp,
Do shùilean is dreach liath orra,
Do theangaidhna stad cho balbh ris achlach
S drèan air do chlap fiasagach.

8. ’S iomadh banntrach bhochd fhann, rinn thu h-éigneachadh teann
S tugan damnadh le cainnt uabhasach,
Agus dilleachdain lom rinn thun sàrachadh trom,
Cha robh truasna do chom riamh riutha.
Cha be riaghladh an Aigh a thug riamh thu don àit
S nach robhn cliù ortsar-bhriagadair”?
S cha bhi minntinn aig tàmh gus an cluinn mi do bhàs
S gum bi mathchuingich làn riaraichte.


TIGH DIGE NAM FEAR EACHANNACH.

1. ’S uaigneach anochd tha geatachan
Tigh Dìge nam Fear Eachannach;
Tha caochladh mór ri fhaicinn ann,
Tha teaghlach nam fear gaisgeanta
Air a ghlasadhs e gun cheòl.

2. Than teaghlach mheadhrach, mhànranach,
Bha sùgach, mùirneil, àilgheasach.
Fo ghruaim, gun fhuaim, gun ghàireachdaich,
Gun òl, gun cheòl, gun bhàirigeadh,
Mar bàbhaist do na seòid.



[35]

3. Chunnacas uair gum bfhuirmeil sibh,
Le cùirt bha cliù feadh Alba oirbh,
Fir aotrom siubhal gharbhlaichean,
S iad sunndach, lùthor anmanta,
Neo-chearbach anns an tòir.

4. ’S bha ceannard fialaidh fiùghantach,
Bha miadhail rianail cùramach,
Ceann-uidhe chliar is diùlanach,
S an teaghlach mheadhrach, mhùirneil ud,
Tha nochd gun smùd gun cheò.

5. ’S nuair dhéireadh strì no streup oirbh,
Bu lìonmhor laoch a dhéireadh leibh,
Fir mhaoidheach fhuilteach gheur-lannach
S iad srac-bhuilleach sàr-bheumanta,
Nach géilleadh is iad beò.

6. Clann Eachainn Ruaidh nam Brataichean,
Bha pìobach, pìceach batalach,
S iad meanmnach, sreannmhor, tartarach,
Fir dhàna, làidir, fhaicilleach
Neo-lapanach san tòir.

7. ’S leat shìos is shuas an Geàrrloch iad,
A h-iasg, ’s a féidh, ’s a fàsaichean,
A beinn, a srath, ’s a h-àirighean,
Bidh machair agus garbhlaichean,
Agéilleadh dha na seòid.

8. ’S gur lìonmhor òig-fhear maiseach,
Bhitheas cianail adol seachad,
Fon tigh mhór bu mhùirneach macanan
S iad cuimhneachadh amhacnais,
A bhiodh aca mu do bhòrd.

9. Bhan tighs an teaghlach ainmeil anns
Na h-uile taobh dham falbhadh tu,
Le miadhs le cliùs le anbarra,
S gum biongantach le seanchaidhean,
An aimsir so thighinn oirnn.

10. Is trom a sgath an t-eug oirnn,
Is fhada dhfhàg e éis orm,
Thug e dhìom na laoich nach tréigeadh mi,
Na leómhain fhearail ghleusda,
Mo chreach léir! nach eil iad beò.



[36]

11. ’S bhon latha dhfhàg na h-uaislean mi,
Chan fhacas tathaich sluaigh umam,
Cha chualas ceòl no fuaim annam,
S air fhads am bi mi uainigeadh,
Bi mo ghruaim adol nas .

12. Ach ged a tha mi gruaimeanach,
Tha dùil agam ri fuanachadh,
Gur fearail treubhach muachdaran,
An leómhan tapaidh suairce,
e suas dhomh maobhar bròin.


HOIRINN O CHA BHI SINN TURSACH

Hoirinn ó cha bhi sinn tùrsach,
Gabhaibh òrans òlaibh strùbag,
Dhfhaodadh fortain thighinn don dùthaich
Nach eil dùil agaibh ni feum dhuibh.

Mìle marbh-phaisg air an t-saoghal,
S mairg a bheir anabharra gaoil da,
S mór gum bfheàrr a bhith as aonais
Na fear fhaotainn nach dean feum dheth.

Am fear a bhios da thionail gàbhaidh,
Rud bhith aig’, ’s nach cuir e làmh air,
Bithearga sgaoileadh air càch
An déidh abhàis; ’s chan fheàirrd e fhéin e.

Chunna mise daoine còire
Na mo nàbaidheachd ri àm mòige,
S nuair a shuidheadh iad mun bhòrd
Bu bhinn an ceòl a bhithgan éisdeachd.

Gheibhte ceòl is òl is mànran,
Gheibhte roinn is foinn is gàirann,
Gheibhte pìob mhór nan dos àrd
Aig Iain MacAoidhs be làmh gu gleusadh.

Thainig rud eile bhon uair sin,
Thainig gainnes thainig cruadal,
Thainig pròis is cròic gun uaisle,
S dhfhàs na daoine fuar ri chéile.

Am fear a shaoileas tu tha sàbhailt
H-uile a dhfheumas e làimh ris,
Min is annlan is buntàta,
S miosa ghàir na an diol-déirce.

titleAlasdair Caimbeul, Geàrrloch
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Eachann MacCoinnich in Gairm 21 %p

parent textGairm 21
<< please select a word
<< please select a page