[37]

Eideard Lhuyd agus Archaeologia Britannica

Le FEAR CHANAIDH

Air sár O Liath biodh ágh is cuimhne is buaidh.

O chionn cheud gu leth bliadhna, chaidh leabhar ainmeil a chur an clò: ’s e sin, Archaeologia Britannica,anns an robh cunntais ri bhith air a toirt seachad air cànainean, eachdraidhean agus cleachdainnean ciad luchd-àiteachaidh Bhreatainn. Bha leabhar ri bhith ann, ach cha do nochd riamh ach achiad fhear dhiubh, a bha cur an céill don luchd leughaidh na cànainean Ceilteach agus an càirdeas a tha eatorra.

Be sin achiad uair a dhfhiach duine sam bith fiosrachadh air na cànainean sin a chruinneachadh agus a chur còmhla, eadar gràimear is faclaireachd. Nuair a rinneadh e, cha robh faclair Gàidhlig ann an clò idir! Mar sin dhfheumadh an t-ùghdair faclair Gàidhlig a dheanamh dha fhéin mum burrainn dha coimeas a dheanamh eadar aGhàidhlig agus achànain Chuimreach.

Bu chòir dhuinn, matà, ainm Eideard Lhuyd a chumail an cuimhne. Oir besan, da rìribh, a dhùisg aGhàidhlig as a h-uaigh, mar a thuirt na bàird, nuair a bha i an ions a bhith marbh an déidh na rinneadh oirre de gheur-leanmhainn fad an t-seachdamh linn deug.

Rugadh Lhuyd ann an Tìr nam Breatannach sabhliadhna 1660. Be athair Eideard Lloyd, uachdaran beag Cuimreach a chaill a chuid air thàillibh a dhìlseachd don chiad Rìgh Teàrlach, ’s a bha fon choill ri àm ainntighearnas Chromail. Bi mhàthair Brighid Pryse, a bhuineadh do sheann-teaghlach Cuimreach cuideachd. Is ionannLhuydnoLloydagusLiathsachànain againne. ’S en Cuimreach bu chiad chànain do Lhuyd: ach bha seòrsa de cheangal eadar e fhéin is Alba; mar a sgrìobh e:

nach ataim fein Sagsanach achd sin Bhreathnach (i. seana-Bhreatannach) agus fós (do reir ar seanchus Breathnuigh) agus fós (do reir ar seanchus Breathnuigh) eirgthe amach go hathramhail o Héliodor leathanuin mhac Mheirchian, mhic Gurghuist, mhic Ceneu, mhic Coel Cillsheabhuic o Gcoigeadh Reged a dtir Halbuin . . . . go bhfuilsi a Rioghachd na Cumbria mar a raibh Caer Alcluid Ceannbhaile, noch dainmnighthior anois do reir druing, Dún Bhreatan, agus do reir druing eile, Cathair Ghlasco.”

S e sin ri ràdh, gun tàinig Lhuyd bho thùs bho Bhreatannaich Shrath Chluaidh; agus gu robh an sinnsreadh aige afuireach ann an Alba!

An déidh bhith teagasg sgoil treis ann an Oswestry, chaidh Lhuyd gu Colaiste Iosa ann am Baile Atha nan Damh anns abhliadhna 1682. Bha dlùth-cheangal daonnan eadar Tìr nam Breatannach agus an Colaiste so, agus tha e ann fhathast. Chaidh iomadh Cuimreach ainmeil, rìoghail, oileanachadh saCholaiste so air feadh an t-seachdamh linn deug.

Aig an àm a bha an so, bha sgoilearan atòiseachadh rin inntinn a thionndadh ris na h-annasan nàdurra a bha san t-saoghal mun



[38]

cuairt orra, agus ri gach seòrsa àrsaidheachd is feallsanachd. Bha iad air fàs searbh de na deasbuidean cràbhach a bha cur na dùthcha roimhe chéile bho chionn àm an Ath-leasachaidh. Bha an Rìgh dligheach air ais a rithist, far am bu chòir dha agus bha sìth san tìr. Dhfhosgladh tigh-nan-annas, noMuseum Ashmole,ann am Baile Atha nan Damh sabhliadhna 1683, agus rinneadh an Dotair Plotna fhear-riaghlaidh air. Chaidh Lhuyd ann mar fhear-cuideachaidh dha, ’s nuair a chaochail Plot sabhliadhna 1691, fhuair Lhuyd riaghladh aMhuseumna àite.

Beagan ùine as a dheaghaidh sin, chuireadh air bonn sgeuma gu geur-sgrùdadh a dheanamh air Tìr nam Breatannach, agus dhiarradh air Lhuyd an gnothach a ghabhail os làimh. Bha cunntais ri bhith air a dheanamh air a h-uile rud a bhuineadh don dùthaich sin; eachdraidh, cànain, àit-ainmnean, seann-togalaichean, seann-làraichean, seann-chleachdainnean na dùthcha, ainmhidhean fiadhaich, craobhan, lusan, agus nithean tochailte; cha robh fiosrachadh sam bith a dhfhaodadh faighinn nach robh ri lorg. Bha uaislean Cuimreach agus Sasannach toirt an airgid gu cosgais na h-obrach a phàidheadh, agus a h-uile fiosrachadh a gheibhte, bha e aig Lhuyd ri chur an òrdan agus sgeul innse air anns na leabhraichean a bha e fhéin dol a sgrìobhadh mu dheighinn na fhuaradh.

Dhat is dhat an sgeuma bha so, gus na chuir Lhuyd roimhe na dùthchannan Ceilteach uile a thadhal. Dhfhalbh e air an turus mhór so sabhliadhna 1697. Chaidh e don dùthaich aige fhéin an toiseach, agus an déidh sin, a dhEirinn beagan an déidh Lùnasdail sabhliadhna 1699; chaidh e choimhead Cabhsair nam Fuamhairean, agus ghabh e gu Alba an uair sin far achaolais, mar a rinn an t-athair Conchobhair Mac an Bhàird tri ficheads a cóig deug de bhliadhnaichean roimhe.

Tha mi smaointinn nach tàinig coigreach dar dùthaich gu Gàidhlig a thogail fad cheud bliadhnana dheaghaidhollamh mór, mar a bha esan, co-dhiùbh. Nuair a thàinig feadhainn, ’s ann á Lochlann a thàinig iad.

Chuala Lhuyd mun deach e a dhAlba idir, gun deanadh na Gàidheil Albannach duine a mhurt airson deise aodaich; sin an cliù a bhiodh na Sasannaich atoirt dar sinnsrean ra linn-san. Bu bhreug e. Bi Alba an aon dùthaich far nach deachaidh dragh a chur air Lhuyd idir. Anns an dùthaich aige fhéin, bha daoine asmaointinn gur h-ann a thàinig esans a luchd-cuideachaidh gu cìsean ùra a thogail, no gu robh iadnan spithearan Seumasach. Ann an Cornual, chaidh fathann amach gura robairean a bhunnta a bha an dùil tighean nan uaislean a spùilleadh. SaBhreatann Bheag, grad-chuir na Frangaich am prìosan mar spithear Sasannach e! Ann an Eirinn, bha e fhéin ann an cunnart bho na robairean. Ach an Alba, cha déirich sian ceàrr dha.

Bha mi,” sgrìobh e do Henry Rowlands, air an 12na den Mhàrt 1700, “cur seachad an dàrna leth den ùine agam anns na h-àitichean iomallach, far nach tathaich na litrichean, ameasg nan Innse Gall agus Gàidhealtachd na h-Alba; air nach eil a liuthad eòlais, ar leam, aig an nàbuinnean, agus a tha aca air na h-Innsean an ear no na h-Innsean an iar. Chan eil iad (na Gàidheil) idir cho fiadhaichs a tha na Goill no na Sasannaich acòmhdachadh; ach fhad’ ’s a



[39]

fhuair mi fhìn iad, tha iadnan daoine ciùin, aoigheil; tha mi am barail gur h-e choisinn am mìorun so dhaibh, iad a bhith ro-dhìleas do na seann-chleachdainnean, don éideadh agus don chànain aca; tha an dìlseachd singan comharrachadh agusgan cur air leath bho chàch, agus bidh iad fhéins na Goill acur dìmeas air a chéile air a thàillibh.” Mar a tha an sean-fhacal acantail, “Gach olc an tòin achoimhich.”

Ghabh Lhuyd air feadh Cinntìre, Cnapadal (far an deachaidh e choimhead air Eilean Mhic Carmaig) agus Latharna, agus as a sin gu Muile agus gu h-I. Sgrìobh e a h-uile rud a chualas a chunnaic e, agus bhiodh e deanamh dealbhan cuideachd. Nam biodh na sgrìobh e againn an diu, bhiodh cunntais ainmeil againn air Earraghaidheal, air Is air Muile aig an àm ud; ach le sàr-mhì-fhortan chailleadh leabhraichean-latha agus dealbhan Lhuyd le teine sgiorrail, bliadhnaichean an déidh a bhàis. Faodaidh sinn, air a shon sin, beagan fiosrachadh a thogail bho na litrichean a chuir e gu chàirdean, ’s a tha ann an clò (Early Science at OxfordLeabhar XIV), agus bho fhaclan fuadain a sgrìobh e air duilleagan fear de na làimhsgrìobhainnean aige, mar a chithear.

An déidh dha Earraghaidheal fhàgail, thadhail e an Struibhle, an Glaschu (far na choinnich e ollamhan an oilthigh), an Caisteal Caraidh, an Bathgat, agus ann an Litgu agus an Dun Eideann. Bha e eòlach air na foghlumaichean Gallda, mar a bha Sibbald, Wodrow, Teàrlach Maitland, agus Alasdair Baillie, agus tha fhios gun do chuir e ùine seachad ri seanchas còmhla riu.

Aig deireadh December 1699 thill e gu Glaschu, far an robh e aon oidhche, agus as a sin chaidh e a Ghrianaig far an dfhuair e am bàta-aisig gu Ceann Loch Chille Chiarain. Bha dùil aige a dhol a dhEirinn as a sin, ach bha e ri port, le droch-shìde, fad Ianuaraidh. Nuair a rainig e Eirinn chaidh e air a feadh agusna dhéidh sin go Cornual agus chon aBhreatainn Bhig. Bha anturus mórcrìochnaichte aige sabhliadhna 1701. Chaidh achiad leabhar de Archaeologia chur amach sabhliadhna 1707 air a chosgais fhéin. Tha e gearain, nan cuireadh ùghdair leabhar amach air an dòigh so, gum biodh farmad aig luchd-cur-amach nan leabhraichean ris agus gun deanadh iad na dhfhaodadh iad gus a dhiomoladh no a chur suarach ameasg nan daoine bhiodh ceannach nan leabhraichean. Ge , choisinn an leabhar cliù mór dha, ged nach do chòrd an litreachadh a chleachd e, ann an sgrìobhadh aChuimrich, ris a h-uile neach.

Cha robh sgeul air an dàrna leabhar deArchaeologiariamh. Dheug Lhuyd sabhliadhna 1709; bha e air a shàrachadhs air a sgìtheachadh leis an obair mhóir a rinn e. Bha fear-cuideachaidh aige a dhionnsaich e fhéin, agus a dhfhaodadh crìoch a chur air an obair, ach ghabh esan ris an deoch agus mhill e e fhéin gu buileach glan; cha robh e beò fada an déidh a mhaighstir. Bha cothrom aig uachdarain aCholaiste, agus aig uachdarain an Oilthigh, air làimh-sgrìobhainnean Lhuyd a cheannach: ach lig iad seachad e. ’S ann aca fhéin a tha an ceannach air an diugh! Bha feadhainn de na h-ollamhan diùmbach ris o chionn gun do chuir e seachad ùine ris na cànainean Ceilteach bu chòir, ’nam beachd, a bhithga cosg ris na lusan agus ris na nithean tochailte. Cheannaich uachdaran Cuimreach



[40]

iad, agus bliadhnaichean as deaghaidh sin, chailleadh achuid bu mhutha dhiubh, leabhraichean-latha, dealbhan, agus làimh-sgrìobhainnean Cuimreach, le teine aig tigh fàsgadair nan leabhraichean, mar a dhinnis mi cheana.

Ach cha do chailleadh an fheadhainn Ghàidhlig. Bha iadsan air an toirt seachad do Cholaiste na Trianaid ann am Baile Atha Cliath, sabhliadhna 1786. Tha aon leabhran an sin a chaidh sgrìobhadh nuair a bha Lhuyd ann an Alba. Sgrìobh e ainmnean nan daoine a bha ainm gu robh làimhsgrìobhainnean Gàidhlig aca aig an àm (1699) no a chaidh innse dha gu robh iadnan sgoilearan Gàidhlig.

So iad:—

MacMhuirich Albanach ann an Uibhist, Caitligeach, sgoilear ainmeil, bàrd aig an robh fearann airson a bhith sgrìobhadh eachdraidh is seanchas. (Tha e coltach gur h-e Niall MacMhuirich a bha an so).

Ailean MacLachlainn, léigh ann an Cnapadal. (Is docha gur h-e fear do Chlann Lachlainn Chille Brìde a bhann, teaghlach a bha ainmeil airson nan làimhsgrìobhainnean Gàidhlig a ghléidh iad).

MacLeòid, ann an Dùn Bheagain.

Eóghann MacIlle Sheathain, maighstir-sgoile ann an Cille Choinnich, Cinntìre.

Iain Beutan, ministear ann am Muile. Chuala Lhuyd gu robh ciste làn do làimhsgrìobhainnean Gàidhlig aig an fhear so agus tha e coltach gun do cheannaich e iad. Co-dhiùbh, tha làimhsgrìobhainnean a thàinig bhoJohannes Beatonann an leabhar-lann Colaiste na Trianaid ann am Baile Ath Cliath. A réir Lhuyd agus Wodrow, be Beutan an sgoilear Gàidhlig a bfheàrr an Alba aig an àm. Be

[Sanas]



[41]

ministear sgìreachd Chill Naoinein a bhann bho 1679 gu 1701; chuireadh e as an sgìreachd sin, ge co-dhiùbh airson cron air choreigin a rinn e, no airson a dhìlseachd do Rìgh Seumas, chan eil e uile gu léir cinnteach. Thàinig sgoilear Gàidhlig ainmeil eilena àite, an t-Urr. Eóin Mac Ghille Eóin, a sgrìobh na rannanAir teachd on Spáinamoladh Lhuyd agus a obair, a gheibhear anns an Roimhràdh aigArchaeologia Britannica.

Bha Lhuyd asgrìobhadh faclan is ràitinnean Gàidhlig, is àit-ainmnean, mar a chuala e iad ann an Alba, ann an litreachadh Cuimreach. So agaibh aon dhiubh: “Hori hygym wisg, agus sheradar i hirimiyis my lav” .i. “thoiribh hugam uisg’, agus searadair a thioramuigheas mo làmh”; agus rinn e anDictionariolum Trilinguele Iain Ray a thionndadh gu Gàidhlig Albannach; cha robh brath air an fhaclair so fad cheud gu leath bliadhna, ach dhamais am fear a tha sgrìobhadh na h-earrainn so air, agus tha ega chur air dòigh airson a chur an clò. Is e so achiad faclair dhen Ghàidhlig againne a chaidh a dheanamh, ach fear beag goirid a rinn Raibeart Kirk, a dheadar-theangaich bloigh dhen aon Dictionariolum beagan bliadhnaichean roimhe.

Tha obair Lhuyd air dol air dìochainn leinn an diu, ach bfhiach a cumail an cuimhne. Cha tàinig sgoilear coltach ris fad seachd fichead bliadhna as a dhéidh, gus na chuir Zeuss anGrammatica Celticaamach sabhliadhna 1853.

Tha mu 18,000 facal san fhaclair Gàidhlig a chuir Lhuyd ann anArchaeologiaagus tha e cinnteach gu robh ena chuideachadh do Alasdair mac Mhaighstir Alasdair nuair a bha esan adeasachadhLeabhar a Theagasc Ainiminnina chaidh a chur amach sabhliadhna 1741. A bharrachd air sin, be Lhuyd athair gachsurveya thàinig don Ghàidhealtachd riamh on uair sin, co-dhiùbh a dhiarraidh seann-làraichean, no beul-oideas no gnathasan-cainnte na Gàidhlig, no airson lusan no flùraichean no nithean tochailte thrusadh. Cha deachaidh crìoch a chur air an obair a thàrmaichna inntinn an toiseach, uige so.

Faodaidh sinne ma ràdh ri Lhuyd còmhla ri Seumas Mac Mhuireadhaigh, sagart Chill Dalltán:

Gheibh tu fáilte a gcriochaibh Gaoidhil,
Is e do bheatha a Ninnse Gall;
In gach triath riotsa cumann
Gheibh tu mola a Neirinn hall.
Do duisgadh riot as an úaigh
An chanamhuin chruaigh do bhi faoi small
Teanga bhi cían faoi gheisaibh,
Do cuireadh leat a nglo re seal.
Tuigseach, saibhir do theagasg
Soilleir, tarbhach seimh do ghloir
Lionmhur, brighmhur do shean fhoicail
Sgiamhach, taitneamhach, ciallach mór.
Tabhair mo bheannachd do Mhaisdir Líath
Do dhuisg le buaidh Focloir fíal
Bheir gach Gaoidhil dhuitse beannachd
Is e leatsa cliar na hairmhar.”

FEAR CHANAIDH.

titleEideard Lhuyd agus Archaeologia Britannica
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Fear Chanaidh in Gairm 21 %p

parent textGairm 21
<< please select a word
<< please select a page