Gnothaich Bhoireannach
Le MURDAG NIC COINNICH
IS ann gann de chuspairean còmhraidh a bhiodh na mnathan gu dearbh mur biodh aobhar gearain sam bith aca mu na bùitean; ach ’s e beachd grunn againn an diugh nach eil a’ chasaid a’ ruighinn na ceàrnaidh cheairt ro mhinig; ’s ann a tha làn thìde againn ar guthan a thogail nas sùrdail—ach càite?
Tha Gairm a nis air gabhail ’na bhall de’n bhuidheann sgairteil d’am buin an suaicheantas so agus ’s e ar dòchas gum bithear a’ coimhead a’ chomharraidh so nas trice air gach gné bhathar.
Is e so B.S. I., no anns a’ BheurlaBRITISH STANDARDS INSTITUTE.Tha focal suaicheantais againn cuideachd, freagarrach gu a chuid oibreach— (Fit for the job). ’S e rud a nis, sùil gheur a chumail amach a h-uile h-àm a thàtar a’ ceannachd rud sam bith, ach feuch a bheil an comharradh beag so faicsinneach air. Ma thà, faodar deagh earbsa a chur ann. Tha B.S. I. deònach cùis neach sam bith a thogail le spionnadh, ma gheibhear ciorram ann am ball air a bheil an suaicheantas follaiseach: nì a tha iadsan air a chur troimh an deuchainnean. Ciamar a thòisich so, matà?
Bho chionn leth-cheud bliadhna tha B.S. I. air a bhith strì ri bathar earbsach, seasmhach a thoirt dhuinn. Ann am briathran Adhaimh Mhic a’ Ghobhainn, is ann airson a chaitheamh a tha gach nì agus bathar ’ga oibreachadh. Le sin dheth bha e nàdurrach gu leòir gun tugadh am buidheann so brod an sgrùdaidh gu sònraichte do na nithean a bha sinne—an luchd caitheamh—coltach ri chleachdadh. Bho chionn dà bhliadhna chuireadh suas am buidheann de Bh.S. I. d’am buin Gairm; ’s e sin ri ràdh COMHAIRLE AN LUCHD CLEACHDAIDH(CONSUMER COUNCIL) .Faodaidh neach air bith a thogras a bhith ’na bhall dheth, ach air leth na móir chuideachd agaibh, feuchaidh mi bho àm gu h-àm ri na naidheachdan as beathail a tha iad a’ cur amach a thoirt dhuibh.
Ciamar a tha e ag oibreachadh? A h-uile ràith tha cóignear thar fhichead a’ coinneachadh. Aig gach neach aca tha deagh fhios air cuid mhath dè ’n bhathar a tha anns na bùitean, no eòlas nimheil mu earrainn mhóir de’n t-sluagh ceannaich. Tha an cròileachan sin air an taghadh gu mìn-phongail fo sheòladh chomunn bhoireannach agus luchd ceàird, ’s a leithid sin, feadh na dùthcha. Uidh air n-uidh thig comhairlean bhuapa gus an luchd ceannaich agus an luchd oibrich. Chan ann tric a thig orra sparradh an lagha a chur air bathar, ach ’s e aon chùis a tha iad a’ co-éigneachadh leis an lagh, dìon a bhith mu gach gné theine a tha r’a fhaotainn a nis. Tha e an aghaidh lagh na dùthcha do bhùth seòrsa teine idir a reic, gun brod an dìdinn mu thimcheall.
Tha trì muillean mhnathan a’ toirt an cùl-taic do Bh.S. I., mar a thà, is tha feum air an tuilleadh. Cho fada ’s a tha sinne deònach bathar suarach a ghabhail, nithear bathar suarach dhuinn.
[Sanas]
Gu dé, their sibh, a th’ aig an luchd ceàird ri ràdh mu ’n ghnothaich so? Chan eil iad a’ meas a’ cheannaiche mar nàmhaid. Is math a tha fhios aca gur h-ann d’am buannachd fhéin an deagh riarachadh a thabhairt.
Càite, arsa sibhse, am faic an dream nach eil dlùth do bhaile mór na nithean as ùire?
Ann an Glaschu a nis, tha ionad air fhuasgladh, coltach ris an fhear a th’ann an Lunnainn, anns am faodar gach gné rud as ùire a th’air a’ mharcaid a léirsinn—chan eileas ’gan reic an so idir. Feumar aideachadh nach tig aig a’ mhór chuideachd sgrìob a thoirt ro mhinig do Ghlaschu, ach tha B.S. I. a’ cur amach, bho àm gu àm, duilleagan làn dheilbh nan nithean as fhiach an t-saothair.
Gu dé na ceistean a chuirear gu B.S. I.?
Anns an ràithe mu dheireadh sgrìobh màthair mu bhrògan nach do sheas ri a mac ach naoi là; sgrìobh tè mu stuth a chaith air fhad; thug tè iomradh air tubhailt bùird a chaith an làrach a’ phaisgidh, agus thill t’éile air ais tòtaman a gheàrr làmh leanaibh. Chaidh airgead a chur gu cuid; chaidh bathar ùr a chur gu cuid eile; ach gu dhà no trì thugadh rabhadh gum b’e an coire fhéin a bh’ann.
Is iomadh seòrsa nì tha an comunn so a’ feórachadh—agus a’ coimhlionadh as ar leth; ach, ma tha tè sam bith air gaoid fhaotainn ann an nì air an robh an comharradh, sgrìobhadh i thugam gu clisg gu oifis GHAIRM, agus gu dearbh cuiridh mi a gearain gu B.S. I.
Clisgidh an cridhe nuair a chì sinn na pàipearean naidheachd a’ togail iolaich mu ghàbhadh luchd-siubhail air na ròidean, agus gu deimhinn is aobhar mór iomagain so; thig smuairean air an aignidh daonnan, a’ leughadh mu chunnartpolio ,no cunnart bàis troimh“nuclear fall-out, ”ach cia mheud againn aig a bheil aithne, mar bu chòir dhuinn, air gu bheil móran a bharrachd, gu h-àraid cailleachean is clann òga, a’ call am beatha ’nan dachaidhean fhéin—mar is tric troimh losgadh.
An robh beachd agaibh nach eil là nach eil dithis a’ dol do’n t-sìorruidheachd, agus cóig ceud ri dol do thighean-eiridinn ri linn losgaidh?
’S e culaidh dithis as an triùir a th’ air dol ’na smàl. Tha na lotan a thig an lorg an losgaidh, a dhà uair cho fada ri slànachadh, agus ann an aon bhliadhna tha an dùthaich a’ cur amach 250,000 punnd Sasunnach gu lotan losgaidh eiridnidh.
[Sanas]
[Sanasan]
[Dealbh]
“British Standard Fireguard.” Biodh teàrmunn mu gach teine—dìonaibh gach beatha.
Chuir B.S. I. duilleagan an clò ag ìnnse iomlaineachd na h-uirsgeuil, mu’n ghàbhadhsa a tha daonnan mu’r cagailt. Bho chionn bliadhna thug mi aithris air na stuthan a tha r’am faotainn, air nach dearg an teine. Mar is aotrom an t-éideadh ’s ann is cunnartaich e; ach chan eil TERYLENE is NYLON cho deònach air dol ’nan smàl— ’s ann a tha iadsan a’ leaghadh. ’S e culaidhean na cloinne as miosa builteach. Nach trom, matà, an t-uallach a tha oirnne dìon math a chur mu choinneimh gach teine, gu h-àraid ma tha craos ann? Ge be air bith dé a chosgas e. tha e gu mór nas saoire na beatha, no slàinte, leanaibh.
Tha a’ bhean, ghlic a’ deasachadh a’ chuid as motha de’n bhiadh còmhdaichte ann am filleig de aluminium tana a nis. Bhiodh e doirbh dhòmhsa, gu dearbh, cus molaidh a dheanamh air an innleachd mhìor-bhuilich so. Chan eil càil ris ach pìos a shracadh agus an fheòil, no an t-iasg, a phaisgeadh ann. Ròsdaidh e anns an àmhuinn gun gheir no càil eile uime, agus tha na sùghan gu léir air an gleidheadh anns a’ phasgan, deiseil gu an dòrtadh dheth, gun ach beagan truaillidh shoithichean. Tha an àmhuinn glan ’s chan eil fàileadh bìdh troimh ’n tigh—agus ’s e so fhéin a’ bheannachd, gu h-àraid mas e iasg a tha air. Chan e sin a mhàin, ach tha gach gné annlan nas maotha, tlusail. Ma chuirear e air bonn pana, cha lean nì ris ’s tha an nigheadh as déidh làimh furasda. Gabhaidh ugh briste a bhruiche le pìos dhe uime, agus faodar uimhir ri trì sheòrsachan luibhean a bhruiche anns an aon phoit, gun aon aca am fear eile a smàladh. Ma tha pìosan arain ri ’n cur an òrdugh roimh làimh, agus dùil ri cuideachd, bithidh iad a’ cheairt cho bog, math an ath là, ma chuirear anns a’ chòmdhach-sa iad. Eadar gu bheil inneal reothaidh anns an fhàrdaich, no nach eil, cumaidh e lusan, mar“lettuce, ”ùr, càilear, suas ri seachdain.
Tha mi smaoineacheadh gur e MIRAP as earbsaich, ged a tha seòrsaichean eile r’am faotainn; is gheibhear rota taisealach air leth-chrùn. Cha drùidh bùrn, ’s cha dhearg geir theth air; tha e neo-lasaireach, ’s cha ruigear a leas a thilgeil as an déidh aon chleachdaidh,
oir glanaidh clùd fliuch e gu h-aithghearr. Mìorbhuil nam mìorbhuil do bhean an tighe tha so.
Theab mi leigeil thairis, leis an teas agus le meud na gràisg a bha anns na bùitean, anns an robh saor-reic, an dé. Ged nach do cheannaich mi fiach bonn sgillinn, thadhail mi suas ri leth-dusan bùth. Is e an aon chomhairle as fheàrr as urrainn neach a thoirt, mu na spàir[ ? ] mhóra so, cumail fada bho na gnothaichean saora, agus na nithean a[ ? ] daora cheannachd; oir gun teagamh tha iadsan beagan nas saoir[ ? ] na bhitheadh iad gu h-ainmig. Chan eil e doirbh léirsinn gur h-ann [ ? ] dh’aon ghnothaich airson nan amannan-sa a tha earrainn chudthromaich a’ tighinn am follais idir. Is bochd nach robh barrachd sgàthana[ ? ] mu thimcheall nan ionadan strìthe so, far an dean fiach sia sgillin doilghios nàmhaid eadar coimhearsnaich, agus tòrr a bharrachd ùine aig muinntir na sabaid leth-bhliadhnaich so, sùil dhian a thoirt orra fhéin. Gu dearbh, tha greiseag san dòmhlachadh ud a’ cosg nas motha de threòir colainn, na b’fhiach fichead bad saor ’s an asgaidh.
[Sanasan]
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 21 %p |
parent text | Gairm 21 |