Bean a’ Mhinisteir
Le RUARAIDH MACTHOMAIS
CHA robh an uinneag mór, ach an uair a chuireadh tu do shùil, no do shròn, ris an leòsan, chitheadh tu, cha mhór, am baile gu léir. Bha sròn Mairi Bhig ris an leòsan, air a bruthadh amach as a cumadh, is i a’ coimhead an t-saoghail, is i a’ coimhead a’ bhaile. Bha i ceithir bliadhna dh’aois.
Is iomadh rud a chitheadh i amach air an uinneig ud. Crodh air teadhair, is iad a’ fàgail buaile de dh’ fheur lom mu’n bhacan. Cù a’ gabhail cuairt ’na aonar fo oir an rathaid. Bha searrach beag dubh a’ criomadh an fheòir am bonn na lota. Is bha duine an sud ’s an so a’ priogadh bhuntàta. Chitheadh i tighean sgapte air feadh nan lotaichean, air sliosan nan cnoc a bha a’ cearclachadh a’ bhaile. Bha am Mansa, ’na chnap mór dubh, làn shimeilearan, air leth bho na tighean eile, agus os cionn chàich.
Agus bha iomadach nì ann nach fhaiceadh i, no eadhon nach luthaigte gum faiceadh i. ’S e sin a bha an inntinn a màthar an uair a stad i a’ coimhead cùl a chinn aice, is a sròn brùthte ris an uinneig.
Bithidh iad a’ bruidhinn fhathast anns na tighean céilidh air nuair a thainig Maighstir Iain do’n sgìre an toiseach leis a’ mhnaoi òig. Bhiodh i gu math na b’ òige na bha esan. Cha robh ise ach ochd bliadhna deug—co-dhiùbh cha robh i buileach air na naoi-deug a dhùnadh. Bhiodh esan mu chóig bliadhna deug ar fhichead, is e ’na dhuine dèanta eireachdail. Mar bu trice ’s ann a’ marcachd air muin eich a chìte e a’ dol troimh ’n bhaile: cha robh là nan càraichaer air a thighinn an uair sin, na fada as a dhéidh.
Cha do chuir muinntir a’ bhaile, anns a’ chumantas, móran eòlais air bean a’ mhinisteir. Cha b’e idir gu robh i cho socharach, no cho diùid, ach a chionn ’s nach robh iad ’ga tuigsinn. Bha i eagalach gu beathaichean, is gu h-àraidh gu coin. Bha cù beag aice fhéin, is bha deilbh chon aice anns gach seòmar anns a’ Mhansa.
An corr uair a thigeadh i air chuairt amach air geata a’ Mhansa, chitheadh iad i a’ stad ri coimhead a’ chruidh, no ’na suidhe ri taobh an rathaid a’ taghadh shìtheanan, is bhiodh i a’ còmhradh ris a’ chuilean, is iad an dara h-uair a’ ruith a chéile anull an rathad, nì a bha ’na chuis iongnaidh ann am bean ministeir. Ach cha duirt duine riamh dad ’na h-aghaidh. Bha tàladh air choreigin ’na nàdur a bha a’ tarraing a h-uile duine chuice.
Nuair a ghabhadh iad cuairt ’nan dithis, bhiodh ise air ghàirdean aige-san, is bha sin ’na annas cuideachd anns a’ bhaile. Is bhiodh i an aon dòigh an uair sin—a’ stad a choimhead bheathaichean, is a thional fhlùraichean, is cha robh nì a dhèanadh i nach stadadh esan ’ga coimhead, gun chabhag sam bith a chur oirre.
Dh’fhàgadh iomadach facal mu’n deighinn anns a’ bhaile, ach cha robh facal ceàrr no mì-choibhneil ann.
Bha searrach aig a’ mhinistear a bha e a’ togail—nàdur peata—is bhithte ’ga fhaicinn-san gu math tric a’ dol a dh’iarraidh an t-searraich
is ’ga thoirt gu beulaibh an tighe. Mar bu trice, ’s ann gu tè de na h-uinneagan a thigeadh e, is bhiodh ise a’ feitheamh an sin gus cnapan siùcair a thoirt do’n t-searrach. Shuathadh i a meuran ri sròn a’ bheathaich an uair sin, ’ga dhiogladh, is dh’fhalbhadh am ministear leis an ceann mionaid no dhà. Chluinnte uaireannan a’ gàireachdainn i—gàir òg, aighearach, gàir nighinn.
Bhiodh iad a’ bruidhinn air a’ chiad bhliadhna a bha am ministear anns a’ bhaile, nuair a chaidh iad a bhuain na mònach dha. Chaidh an sgiobadh gu am biadh anns a’ Mhansa, is abair gun d’fhuair iad biadh.
Ach cha b’e sin idir e, ach mus do thòisich iad, chaidh ise chun a’ mhinisteir, is e ’na shuidhe aig ceann a’ bhùird, is chuir i a làmh m’a amhaich is thuirt i ris, ann am Beurla, e ghabhail an t-altachadh. Rinn e sin, is dh’fhuirich ise far an robh i, is a làmh air a ghualainn gus an robh e ullamh.
Ghléidh iad an còmhnaidh ’nan cuimhne cho déidheil ’s a bha i air coin is air cuileanan. Bhiodh e nàdurrach gun cumadh iad cuimhne air a sin, oir ged a bha muinntir a’ bhaile coibhneil gu leòir ris na coin aca fhéin, cha deanadh iad a’ bheag a’ chòmhradh riutha mura biodh feum air, is mura biodh leanabh ann, chan fhaicte duine a’ tatadh cuilein, no a’ deanamh peata dheth. Ach an là-sa a bha muinntir a’ bhaile astigh aice, rinn bean a’ mhinisteir barrachd bruidhinn ris a’ chuilean na rinn i riutha-san, is bhiodh iad a riamh a’ còmhradh mu dheighinn sin.
Bliadhna no mar sin an déidh dhaibh tighinn do’n bhaile, fhuair ise leanabh, leanabh nighinn, is abair thusa gàirdeachas anns a’ Mhansa, is air a’ mhinistear. Cha robh fhios có bu mhotha bha lìonadh a shùla, Màiri a bhean, no Shirley a nighean. B’e sud a’ chiad turus a chualas an t-ainm Shirley anns an sgìre, agus chan eil teagamh nach ann as déidh tè de na daoine aice-se a chaidh a h-ainmeachadh.
Chaidh Iseabail Chaluim Mhurchaidh do’n Mhansa air mhuinntireas goirid mun do rugadh Shirley, is dh’fhuirich i còmhla riutha. A réir is mar a bhiodh Iseabail ag ràdh, ’s ann na bu neònaiche a bha bean a’ mhinisteir a’ fàs an déidh dhi an leanabh fhaighinn. Mus robh Shirley bheag dad ach mìos de dh’aois, chuireadh a màthair an cuilean ’na shuidhe air cathair ma choinneimh an leanaibh, is nam faiceadh i Shirley a’ gluasad no a’ carachadh dh’éigheadh i ann am Beurla ris a’ mhinistear gu robh i a’ toirt an aire do’n chuilean. Is chanadh am ministear gu robh, is ghàireadh iad ’nan dithis.
Ach thainig Iseabail air a’ mhinistear, là eile, is e ’na sheasamh os cionn leabaidh Shirley, is na deòir ’na shùilean. Dh’fhaighnich i dheth an robh dad ceàrr, is thuirt esan nach robh: gur h-ann a bha e smuaineachadh gur e rud uabhasach a bhiodh ann pàisde beag de’n t-seòrsa sin a bhith air a fàgail gun duine shealladh rithe. Cha dubhairt Iseabail an còrr, ach shaoil i gur e rud neònach a thuirt e.
Bha an ùine a’ dol seachad mar sin, is an ceann greise, sguir muinntir a’ bhuaile a bhruidhinn air bean a’ mhinisteir. Cha bhiodh iad ’ga faicinn ach ainneamh co-dhiùbh, bhon bha an leanabh ’ga cumail glaiste. Bhiodh iad a’ gabhail naidheachd a’ Mhansa nuair a chitheadh iad Iseabail, ach mar a bha an tìde dol air adhart bha na bu
lugha aice-se r’a ràdh is cha bhiodh i fhéin a’ tighinn cho tric ameasg nan daoine.
Chaidh còrr is dà bhliadhna seachad mar sin, is thainig samhradh brèagh, tioram. ’S ann a bha e ro-thioram, oir b’e sud an samhradh a thraogh tobraichean a’ bhaile, is b’ fheudar a dhol gu ruig Loch an Ois a dh’iarraidh uisge. Thòisich bean a’ Mhinisteir a’ tighinn amach as a’ Mhansa na bu trice, is bhiodh i fhéin is e fhéin a’ gabhail chuairtean. Glé thric ’s ann taobh na mara a rachadh iad, an àite thighinn troimh ’n bhaile. Bha na creagan an ìre mhath àrd, is bha lianag de ghlasaich aig am bàrr, is dh’fhaodadh tu uair a thìde a chur seachad glé dhòigheil ’nad laighe an sin, a’ coimhead an adhair, is a’ coimhead na mara, is na h-eòin mhara a’ seòladh amach ’s asteach as d’fhianuis.
Shuidh iad an là-sa os cionn na mara, ’gam blianadh fhéin, is an cuilean cuide riutha. Bha an cuilean mar a bhios cuilean sam bith ma gheibh e leis e—glé dhéidheil air a bhith a’ ruith chlachan, no rud sam bith a gheibh e ’na bheul, is bha bean a’ mhinisteir a’ crathadh a neipigear ris, is an cuilean a’ fiachainn am faigheadh e gréim air. Fhuair e sin mu dheireadh, is ruith e air falbh leis. Leum am ministear an àirde gus breith air, is leis cho crìon tioram ’s a bha a’ ghlasach, dh’fhalbh a chasan bhuaithe, is mus fhaigheadh e gréim air dad bha e sìos na lianaig agus leis a’ chreig. Ruith an cuilean as a dhéidh, is amach leis thar oir na creige.
Bha de chiall aig bean a’ mhinisteir cumail air falbh bho’n chreig. ’S e rubha a bh’ann, gun a’ chreag a bhith ro àrd, is bha e furasda bràigh a thoirt air, is rathad fhaighinn sìos chun a’ chladaich. Rinn i sìos cho luath ’s a b’urrainn di, a’ gal ’s a’ caoineadh mar a bha i a’ ruith, is nuair a ràinig i nuas, bha am ministear ’na laighe air a’ ghainmhich aig beul na mara, is sruth as gach stiall aodaich a bha air, is an fhuil a’ tighinn á gearradh domhainn ann an cùl a chinn. Thog i mar a b’fheàrr a b’urrainn e, is thug i air falbh bho bheul na mara e. Shrac i striob de’n léine ghil a bha oirre fhéin is chuir i m’a cheann e, gus stad a chur air an fhuil, is dh’fhalbh i a dh’iarraidh cobhair.
Bha e fortanach. Feumaidh gun do bhuail a cheann ann an oisein de’n chreig nuair a bha e a’ tuiteam, ach thuit e do’n mhuir is mar gum beothaicheadh an sàl fuar a rithis e, fhuair e chun a’ ghainmhich aig ceann a bhos an rubha, is chaidh e ’na shiananaich an sin.
Cha robh ise fada gun tilleadh, is dithis leth-ghillean còmhla rithe is thog iad am ministear dhachaidh leotha gu ruige a’ Mhansa.
Nuair a bha iad a’ falbh bhàrr a’ chladaich thug ise sùil anull chun an rubha, is chunnaic i an cuilean bochd ’na laighe marbh air na creagan aig a’ bhonn. As bith ciamar a thuit e, sheachainn e a’ mhuir, is bha e air a phronnadh air na creagan ri beul an làin.
Cha robh an gearradh ann an ceann a’ mhinisteir fada a’ slànachadh, is bha e air ais anns a’ chùbaid an ceann seachdain no dhà. Ged a bha sluagh a’ bhaile glé fhritheilteach air an eaglais aig a h-uile àm, bha i na bu làine an là sin na ’n àbhaist. Bha an naidheachd air a dhol troimh’n sgìre, is bha an òigridh gu h-àraidh airson faicinn am ministear a chaidh leis a’ chreig. Is iongantach gur e an t-searmoin a
bha dùil aca ris a fhuair iad. Tha e coltach gun do thòisich e ann an dòigh a bha dòigheil gu leòir, ach an ceann ùine ghoirid ’s ann a shìn e air bruidhinn air a mhnaoi fhéin, agus dh’innis e cho leanabail ’s a bha i ’na dòighean, mar a bha i a’ gabhail tlachd ann an nithean meirbh agus brèagh agus diomain, mar a bha flùraichean; is mar nach fhuilingeadh i ainmhidh a ghoirteachadh. Agus thuirt e an sin gun do stad an eanchainn aice a’ fàs nuair a bha i ceithir-bliadhna deug a dh’aois, agus nach robh comas aice air nithean a thuigsinn a bha a’ glacadh aire dhaoine a bha air tighinn gu inbhe ’nan inntinnean. Is thuirt e gum bu mhór am beud nach robh a h-uile duine mar sin—nach biodh sgeul an uair sin air a’ chuid bu mhotha de’n olc is de’n strì ’s de’n ghamhlas a bha a’ roinn sluagh an t-saoghail, is gun tigeadh rìoghachd Dhé air an talamh mar a bha i air nèamh. Agus air dhà sin a ràdh, dhùin e am Bìoball, is leag e a cheann air a làmhan, is thòisich e ri gal anns a’ chùbaid.
Chaidh dithis de na h-eildearan suas chun na cùbaid, ach cha b’urrainn daibh toirt air sgur. Ach mu dheireadh thug iad air a thighinn anuas agus chaidh an dara fear dhiubh an ceann na seirbhis is cho-dhuin e cho luath ’s a b’urrainn da.
Cha deach Maighstir Iain a riamh am broinn cùbaid as déidh an latha sin. Cha robh e fada sam bith aig an tigh an uair a chaidh cùisean na bu mhiosa, is b’fheudar a thoirt air falbh.
Bha sin an toiseach an fhoghair. An ceann mìos no mar sin, thòisich bean a’ mhinisteir air tighinn amach as a’ Mhansa a rithist, is ghabhadh i cuairt anull an rathad mar a bhiodh i a’ deanamh o chionn dà bhliadhna no trì, a’ taghadh shìtheanan is a’ bruidhinn ris a’ chrodh a bha ag ionaltradh ann am bonn nan lotaichean, is ma bha each no searrach a bha cho stòlda is gu fuireadh e rithe, bheireadh i cnapan siùcair as a pòcaid is bheireadh i dhaibh iad, a’ còmhradh riutha fad an t-siubhail, is a’ gàireachdainn uaireannan. Nan coinnicheadh duine rithe, chanadh i ris, anns a’ Bheurla, gu robh là math ann, ach cha chanadh i móran sam bith ach sin. Is bha Iseabail anns a’ Mhansa còmhla rithe fad an t-siubhail a’ toirt an aire air Shirley.
Ach cha do lean sin glé fhada. Mus robh gealach bhuidhe an abachaidh slàn, thainig Iseabail aon oidhche ’na ruith amach as a’ Mhansa, is Shirley bheag aice ’na gàirdeanan is rinn i air an tigh a b’fhaisge, a dh’innse dhaibh gu robh bean a’ mhinisteir as a rian, is chaidh na nàbaidhean anull leatha air ais a dh’fhiachainn dé a b’urrainn dhaibh a dhèanamh. Cha robh nì ann a dhèanadh iad, is dh’fhalbhadh leatha air là-arna-mhàireach.
Ma bha daoine aca—aig a’ mhinistear no aig Bean a’ Mhinisteir—cha chuala muinntir a’ bhaile iomradh a riamh orra, is cha tainig duine a bhuineadh dhaibh a dh’fhaighneachd airson an leanaibh. Thug Iseabail Chaluim Mhurchaidh dhachaidh i do’n tigh aca fhéin, is chaidh a togail an sin mar gum buineadh i dhaibh fhéin.
Ach bhiodh e dualtach gun cluinneadh “Shirley a’ Mhinisteir” mar a theirte rithe fada an déidh sin, beag no mór de’n t-seanchas agus is iongantach mur do dh’innis Iseabail beagan air choreigin dhi co-
dhiùbh, ged nach innseadh i an t-iomlan. Dh’fhàs i suas ’na nighinn bhrèagh, is phòs i fear a mhuinntir an àite, is fhuair i fhéin leanabh. Bha beachd aice air ainm a màthar fhéin co-dhiùbh, oir ’s e Màiri an t-ainm a thug i air a’ phàisde.
Bha na ràithean is na bliadhnachan a’ dol seachad. Bha gu leòir anns a’ bhaile aig a robh deagh chuimhne air bean a’ mhinisteir, agus is tric a bheireadh Màiri bheag ’nan cuimhne i, is gu h-àraidh Iseabail Chaluim. Mhurchaidh Cha robh uair a chitheadh i an nighean bheag amuigh a’ tional fhlùraichean is a’ bruidhinn ris na coin is ris a’ chrodh nach smuainicheadh i air a’ bhoireannach shìmplidh bhlàth-chridheach bu sheanmhair dhi, is thigeadh faileas de dh’iomagain tarsainn air a sùilean, oir bha i a’ creidsinn mar a bha muinntir a’ bhaile gu léir, gun deidheadh dualchas an aghaidh nan creag is gun tigeadh an nì a bha’n dàn là no là-eigin.
Chan eil Mairi bheag fhathast ach òg. Có aig tha fios ciamar a theid dhi. Is iongantach gu bheil am ministear no a bhean beò an diugh, agus is iongantach gun cluinn an te bheag dad mu’n deighinn. Chan eil mi ro-chinnteach an tuigeadh i e, ged a chluinneadh. Dh’fhaodadh nach ann air nithean mar sin a bhios a h-aire.
[Sanas]
title | Bean a’ Mhinisteir |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 22 %p |
parent text | Gairm 22 |