[187]

Anns A’ Bheairt

THA Comunn Gàidhlig Ghlaschu air ceithir leabhraichean a chur an clò mar thà, achiad fhear sabhliadhna 1891 agus am fear mu dheireadh, The Active Gael,sabhliadhna 1934. Tha sinn acluinntinn gu bheil a nis an cóigeamh leabhar anns abheairt, agus nach fhada gus am bi e anns na bùithtean. Dhinnis Rùnaire aChomuinn, Iain A. MacDhòmhnaill, dhuinn gum biodh sia pàipearan air an toirt am follais anns an leabhar ùr so, aguss iad an luchd-sgrìobhaidh Aonghus MacMhathain, Alasdair MacFhraing (Ollamh namMathematicsan Oil-thigh Ghlaschu), Alasdair MacNeacail, Dòmhnall Patton, Tómas MacCalmain agus Ruaraidh MacThómais. Tha sinn an dòchas gu ruig am pasgan so sinn tràth air abhliadhna ùir.

Thall an Canada, chan eil Calum Iain MacLeòidna thàmh. Tha e air clàr a chur amach le leasanan Gàidhlig airson luchd-ionnsachaidh. ’S e clàr mall tha so (nolong -player) ,agus anns an fhichead mionaid de chòmhradh a gheibhear air achlàr tha Calum Iain (no Alasdair mar a theirear ris air achlàr) ateagasg caob math de Ghàidhlig do a mhnaoi Seònaid. Tha dùil ri clàr eile den t-seòrsa so fhoillseachadh. Faodar a cheannach, air $4 .95, bhoFrank McKnight, Music Store, P.O. Box 291, 357 Charlotte Street, Sydney, Nova Scotia.

Ann an ùine ghoirid tha dùil aig Gairm fhéin leabhar ùr a chur an clòtaghadh de rosg is de bhàrdachd a thainig am follais an toiseach anns an ràitheachan so. Rinn Iain A. MacDhòmhnaill an taghadh a chùms gum biodh an leabhar gu feum do sgoilearan òga, gu h-àraidh bhon chiad bhliadhna gus acheathramh bliadhna anns an sgoil mhóir, agus tha e gu grinn air a chur ri chéile, le deilbh air fheadh, agus faclair goirid anns a bheil na h-uiread de fhacail neo-chumanta air am mìneachadh. Bu chòir gum biodh féill air an leabhar so anns na sgoiltean, ach bithidh cur-seachad ann do dhiomadach duine a dhfhàg làithean sgoile fada air chùl.

Tha sinn atoirt an aire gu bheil leabhar eile le Nils Holmer—The Gaelic of Arran—anns abheairt aig Institiúid Ard-léinn Bhaile Atha Cliath. Bann anns abhliadhna 1938 a chuir Mgr. Holmer an clòStudies on Argyllshire Gaelic,ach bha e turus no dhà an Albainn bhon uair sin, is cha bann dìomhain a bha e. Chan eil e acur nàire no dorran sam bith oirnn gu bheil Lochlannaich ainmeil den t-seòrsa so ag obair anns an dùthaich againn, ged a chuala sinn daoine acumail amach gur h-e cùis-nàire bha ann. Chan eil crìochan no dùthchannan ann an saoghal na sgoilearachd, is tha sinn acur fàilte is meal-an-naidheachd air Mgr. Holmer.

Anns an dealachadh, ma tha duine de ar luchd-leughaidh a tha an dùil leabhar Gàidhlig a chur an clò, no a chuala iomradh air a leithid, anns an dùthaich so no an Canada, bhiodh sinn fadana chomain nan cuireadh e brath thugainn.

titleAnns a’ Bheairt
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page