A Afraca gu Inbhirnis
Le MONTROS.
BU mhath leam, an toiseach, fiachainn ri beagan innse dhuibh mu na daoine dubha a th’againn mar sgalagan ’s mar ghrìobhan ann an Rhodesia.
Le bhith ’bruidhinn ris na càirdean ann an Alba, tha mi a’ faicinn nach eil iad idir a’ tuigsinn cho fad’ air ais ’s a tha na daoine dubha sin taca ri muinntir na Roinn Eòrpa.
Ann an Alba, tha sibh eòlach air duine dubh no dhà a thig anall do’n Oilthigh. Ach chan eil a’ chuid as motha agaibh a’ tuigsinn gu bheil an fheadhainn a tha a’ ruigheachd Alba air an taghadh as na mìltean ann an Afraca mar ghillean sònraichte agus tuigseach thar chàich. Chan eil agam ach an fhìrinn an uair a dh’ìnnseas mi dhuibh gur h-ann mar chloinn a tha a’ chuid as motha dhiùbh.
’S iomadh madainn Luain—mi air éirigh leis a’ ghréin, ’s là briagha fionnar ann—a bhios mi de’n bheachd, ’s mi a’ cur umam mo chuid aodaich, nach cuir dad sam bith far mo dhòghach mi. Ach so mar a thachras.
Brùchdaidh mi amach as an tigh ’s mi a’ feadaireachd. Bithidh mi ’na mo chabhaig a’ dol a dh’ionnsaigh an t-sabhail far a bheil leth-cheud a tha ag obair air an fhearann a’ feitheamh rium gus òrdanan an latha fhaotainn. Ach có a bhios aig oisinn an tighe ach draibhear na làraidh—e a’ casadaich gus a bhith cinnteach nach téid mi seachad air gun fhaicinn.
“ ’Dé tha ceàrr?” canaidh mi, “A bheil am fuachd agad?”
“Chan eil. Ach faic an gearradh a th’air mo bhathais, a rinn Nyampanza an raoir.”
“An robh sibh a’ sabaid?”
“O cha robh. Cha do rinn e ach mo bhualadh anns an dol seachad le maide mór a bha ’na làimh.”
Bithidh làn fhiosam gur e na breùgan a th’aige, oir chuala mi na drumaichean a’ dol fad na h-oidhche an uair a bha iad a’ dannsa agus ag òl Kaffir Beer a bhios iad a’ deanamh dhoibh fhéin ’na ghalanan. Bithidh fiosam cuideachd gu robh a’ chuid as motha aca—is an draibhear ’nam measg—air an daoraich.
“Coisich matà,” canaidh mi, “tha na gillean eile a’ feitheamh rium.”
“Fiach gun cuir sibh plastar air a’ ghearradh agam,” their esan.
Tillidh mi air ais do’n tigh gus am plastar fhaighinn. Thig mi amach le ungaidh-leigheis is deagh phìos plastair dha, is cuiridh mi air a cheann iad. Tòisichidh mi air coiseachd a dh’ionnsaigh an t-sabhail a rithist.
“Air ’ur socair mionaid, Inkosi (sin an t-ainm a th’aca air maighistir) feumaidh sibh not a thoirt dhomh air iasad airson a phostadh a dh’ionnsaigh mo mhàthar.”
“Càite a bheil an not a fhuair thu Di-Sathuirne airson an aon rud?” their mise gun mo cheum a tharraing.
“Chaidh a goid as mo phòcaid.”
“A bheil thu ag ìnnse dhòmhsa nach robh thu air an daoraich an
raoir, oir mur a do chosg thu an not air an leann, chaidh a goid an uair a bha thu fo mhisg.”
“O, Baba, Baba (sin a bhios aca ri’n athair) “nach sibh a tha eòlach oirnn—air na gillean!”
“Tha gu dearbh. Ach, co-dhiùbh, greas ort leis an làraidh, oir tha sinn a’ dol a thogail a’ bhuntàta.”
Cumaidh mi orm, ’s mi an dùil gu bheil e ’gam leantainn. Bheir sinn amach na pocannan ’s na bascaidean ’s na toimhsean, ’s cuiridh mi an tractor chun an achaidh. Bithidh na gillean eile air streap suas air an làraidh, deiseil gu falbh . . . .
Ach càite am bheil an draibhear a nise?
Bithidh esan air tilleadh a dh’ionnsaigh an tighe far a bheil e a rithist a’ casadaich air taobh amuigh na h-uinneige a’ fiachainn ri aire mo mhnatha fhaotainn airson not eile fhaighinn aisde-se.
Bithidh sinn a nise air leth-uair a chall leis an duine sin, ’s cha bhi mo shùnnd cho math ’s a bhà e.
Theid mi ’ga iarraidh. Agus an uair a gheibh mi e ’s a chàineas mi e, canaidh e gu bheil e tìnn co-dhiùbh ’s nach urrainn dha a dhol a dh’obair. Bheir mi deagh sgailc dha, ’s tòisichidh mi air, ach falbhaidh e ’na dheann do’n làraidh ’s théid iad a dh’ionnsaigh an achaidh mu dheireadh thall.
’S fheudar an uair sin a bhith a’ falbh do’n bhàthaich, oir tha galair ùmh air tè de’n chrodh. B’fheudar dhomh penicillin a chur oirre an raoir, agus, mar a tha fios agaibh, feumar am bainne aice a chumail air leth. Bu chòir fios a bhith aig an sgalaig air sin, ach ged a chuir mi ’na chuimhne an raoir e, tha làn fhiosam nach cuimhnich e.
Sin dìreach mar a bhitheas. Agus is fheudar dhomh na deich galain bhainne a thoirt do na mucan!
Bithidh fios agaibh a nise an sùnnd anns am bi mi a’ tilleadh dhachaidh airson mo bhracaisd. Ach chan eil air ach falbh as deidh luchd oibreach a’ bhuntàta.
An uair a ruigeas mi an t-achadh cha bhi duine beò ann, ged a bhios coltas gun do thòisich iad ceart gu leòir. Bithidh an tractor ’s an làraidh ’nan seasamh ri taobh a chéile ’s na h-einseanan aca a’ crònan ri chéile.
Ann an cóig mionaidean cluinnidh mi na gillean a’ tilleadh, a’ gàireachdaich ’s iad ann an deagh shùrd. Agus có a bhios air an toiseach ach an draibhear, ’s maigheach aige ’na làimh.
Bithidh mise a nise feargach buileach riutha airson an obair fhàgail. Ach, co-dhiùbh, tòisichidh fear aca ri innse dhomh mar a ruith draibhear na làraidh. Thòisich a h-uile fear aca a’ ruith, ach b’esan a rug air a’ mhaighich le a dhà làimh fhéin!
Théid mi as a dhéidh gus leasan a thoirt dha. Ach bithidh esan fichead slat uam. A h-uile ceum a bheir mise ’ga ionnsaigh, bheir esan ceum air falbh. Tha fios aige-san, agus agamsa, nach h-urrainn dhomh breith air, agus cha tig e ’na mo chòir gus an ath là an uair a bhios m’fhearg air fuarachadh.
Sin mar a tha iomadh latha air an tuathanachas agamsa ann an Rhodesia.
[Dealbh]
Diùc Mhontròis
Sin mar a bha là bha sud, agus, an uair a thill mi dhachaidh gu mo dhìnneir, chaidh mi thairis air a’ mhadainn a bh’agam do mo bhean.
“Tha iad a’ fàs nas miosa a h-uile là,” arsa mise.
“Tha iad mar a bha iad riamh,” ars ise, “Tha trì bliadhna on bha turus againn do dh’Alba, agus tha làn thìde agad cuairt eile a ghabhail far nach fhaic thu aodann dubh. Chunnaic mise sin bho chionn mìos na dhà, agus, ged nach do dh’innis mi dhut, tha ticeadan agam airson a’ Mhòid am bliadhna.”
Agus sin dìreach mar a thainig mise gu Mòd Inbhirnis!
title | A Afraca gu Inbhirnis |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Diùc Mhontròis in Gairm 22 %p |
parent text | Gairm 22 |