[117]

Creag an Teampuill
Le IAIN MACARTUIR

THEIR cuid gu bheil uirsgeulan mu dhaoine a bhann da-rìribh is àitean sònraichte air an stéidheachadh air bunait na fìrinn, is ged nach be an tul-fhìrinn a bhiodh annta gum biodh iad air an gineadh bho na thachair. Biodh sin mar a bhitheas e ach is mór an t-àite a bha aca am beul-aithris ar sluaigh, is tha e fíor gur iomadh àite mu na cladaichean againn a bha air an siamachadh rin linn is ris an teannadh tu, nam biodh agad ris, le ceum air ghàig, aslugadh do sheile is buille air do bhroilleach; is cha tugadh ruith nam bliadhnachan is staid inbheach mùthadh air achùis. ’S ann diùbhsan Creag an Teampuill.

Eadar Gréinigeadh is Leabaidh na Bàine, a dhoidhches a ann an strì shìorruidh ri siabadh tonnan na Maoile, tha Creag an Teampuillna suidhe, agiùlan làrach an teampuill is leacan cuimhne achlachain air mullach a cinn, is, nam be is gun deidheadh aca air, is ann aig na clachan glasa so, còmhdaichte le còineach is crotal dathte, a bhiodh an sgeul ra innseadh.

A rèir na sgeòil bha sagart lemhnaoi is aon leanabh nighinn air thigheadas anns an teampull uaireigin o chionn fhada nan cian. is urrainn a ràdh cho fada, oir cha do chùm ar muinntir a riamh cuimhne mhionaideach air càil a thachair, is chùm an latha an diugh tha tachartasan abhaile atighinn eadar clachan-mìle na cuimhne— “am bàthadh mór” “galair nan cearcisbliadhna aghràinne dhuibh sabhuntàta.” Co-dhiùbh chan eil sgeul an teampuill atòiseachadh dhuinn gus an tainig briseadh san teaghlach is a chaochail bean an t-sagairt. Bha an t-àite iomallach is bha e uaignidh sagheamhradh le gàirich thonn bho iomain na gaoithe an iar-dheas, gun abhsadhna chluasan, is blàr Ard-circe lom, aognuidh fo shùil; cha robh fois no togail inntinn da ann no aotromachadh don bhròn is don ionndrain a bhair a shiubhal. Cha robh faochadh dha achna chreideimh is anns na leabhraichean ris na thionndaidh e is don tug e e fhéin suas a nise gu tur. Thainig an t-atharrachadh bu mhotha a nis air a dhòigh is air a dhùilean. Cha robh air an t-saoghal mhór aige a nis ach Una, a nighean, is ghreimich e rithe na bu dlùithe na an cuileann ris an eidheann, oir bise a thasgadh saoghalta gu léir. Chan fhaodadh duine eile a chaoidh sealbh a ghabhail oirre; bu leis-san a mhàin an t-eudail a bhuilich Dia air gu bhithna thlachd isna shòlas dha ann an làithean na h-ionndrain. an toileachadh bu mhotha a gheibheadh ina beatha na an suaimhneas a thigeadh á sgoilearachd leabhraichean, is mar sin, chùm e i fon chuing so is ann am braighdeanas cuirp ann a leithid a dhòigh is gu robh an t-eugna cridhe is a miannan nàdurra air an tachdadh is air am mùchadh.

Caileag, Una, cho stuama, banail, bòidheachs gun canadh tu nach bann den t-saoghal-sa i idir; a craiceann fìnealta mar chobhar na tuinne; rudhadhna gruaidh; shùil mar àilleagain le dath is doimhne na mara air feasgair chiùin samhraidh; cuailean dualach cho buidhe ris an t-sòbhrach an achlais nan creag, is a bodhaig cho caol cuimseach


[118]

ri eilid shraonach achreachainn. Cha do rug màthair nach goideadh i a chridhe is nach mealladh i shùil le seun a h-eireachdais.

S e Freasdal fhéin a stiùir Seumas Og an rathad am feasgar ud le slat chreagach agus maorach. Gille e cho tapaidh, calma, eireachdail is a shuidh a riamh air tobhta-bràghad, no a thog aodach rithe ann an ànraidh na gailbhinn. Ged a bha na liùghannan acliathadh ri liaghan is ann ainneamh, ainneamh a bheireadh fear Creag an Teampuill air, oir bha sanas is cagar mu chor an t-sagairt air a dhol troimhn bhaile, is bha cuid a chanadh gu robh e air a dhol bhàrr a chinn. Bha seachnadh air achreig a chionn sin. Bhuail e fhéin is Una an aodann a chéile air slios na creige, is gu sgeul fhada a dheanamh goirid thuit iad ann an trom ghaol. Thatar ag ràdh nach robh facal aig Una ach cainnt coimheach nan sgoilear is cha baithne dhàsan ach aGhàidhlig a thog e ris aghlùin, ach cha robh sinna cheap-starraidh. Lean an t-suirghe fachlaidh fad ùine anns an robh bannan an gaoil asuaineadhs ateannachadh gun fhiachainn is gun fhios.

Ach bhuadhaich an t-amharus an cridhe an t-sagairt; chùm eshùil oirre is fhuair e dearbhadh air achùis. Chaidh achùis leth ris. Aon nighean a thog e cho mùirneachs a bha aige mar fuil a chridhe gu fhàgail; don rinn e riamh iodhal beag bho thriall a màthair; clach a shùla a dhaotromaich a dhoilgheass a thug sòlas dha gach , a nisega thréigsinn, a cridhe aice air a thoirt seachad do ghille borb aineolach nach robh airidh air a leithid de ròs. Shaoil leis gun do thùirling dorchadas air a bheatha a ghlas dorsan a reusain. Chaill e e fhéin gu tur; thachd e an deò aisde le a dhà làimh is thilg e na bha talmhaidh dhith tarsainn air balla-dìon an teampuill.

Fhuair Seumas Og -arna-mhàireach corp briste fuar Una san tiùrr-fheamad, air a thìreadh le iomairt na mara, is cha robh maighdean-mhara riamh na bu bhòidhche na ise. an t-iongnadh ged a chaidh e á cochull a chridhe is ged a choinnich e i an oidhche sin fhéin ameasg ànraich is luchd-turuis achuain.

Is mas breug bhuam e is breug thugam e, ach gach oidhche rionnagach, bhrèagha, fhasgachs aghealach ris chithear achàraid mhì-rathail ud fhathastnan suidhe air sgor Creag an Teampuill, ag ùrachadh an dàimh an co-chomuinn a chéiles atoirt earail dhuinne guntig crìoch air an t-saoghal, ach mairidh gaol is ceòl.”

[Sanas]

titleCreag an Teampuill
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Iain MacArtuir in Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page