[119]

Ceol Na Pioba

(2) GILLEASBUIG MACNEILL

Le FIONNLAGH MACNEILL

MAR a dhfhaodadh sibh a thuigsinn bho a ainm, ’s ann á Eilean Bharraidh a thainig sinnsearan Ghilleasbuig MhicNèill, oirs ann as an eilean sin a dhfhalbh a shean-seanair. ’S ann á Giogha a bha athair, agus ged rugadh Gilleasbuig fhéin ann an Glaschu, bha e glé òg nuair chaidh e a dhfhuireach còmhla ri sheanair agus ri sheanamhair ann an Giogha. An déidh dha bliadhna no dhà a chur seachad ann an Giogha, chaidh a thoirt gu baile beag don ainm An Rubha (Rhu) ann an siorrachd Dhun Bhreatainn, agus is ann an sin, agus a rithist ann a Helensburgh a chaidh oileanachadh.

Nuair a dhfhàg e an sgoil, is ann ann am bùth leabhraichean a fhuair e obair an toiseach, agus bha e ag obair anns abhùth sin troimhn gheamhradh mhór ann an 1895, nuair bha Loch Laomuinn reòdhta bho cheann gu ceann fad deich seachdainean. Tha cuimhne aige air agheamhradh sin cho maths ged bann an a bhiodh ann.

Chaidh Gilleasbuig an déidh sin don t-seirbheis aig Sir Uilleam Orr-Ewing ann an Caisteal Aird nan Capull, agus is ann an sin a thainig am feadanna lùib an toiseach, nuair thainig fear Iain MacLeòid



[120]

[Ceòl]



[121]

[Ceòl]



[122]

amach á Leòdhus a dhobair ann an Rhu. Is ann aig Iain a chuala Gilleasbuig aphìob an toiseach, agus is e achiad phort is cuimhne leis fear dom bainmAn Nighean Dubh.” Aig an àm so cuideachd bha pìobaire math ag obair aig Sir UilleamRuairidh Friseal á Baile Eóghainn an Siorrachd Rois, agus aon oidhche, air dhà am balach òg Gilleasbuig fhaicinnna shuidhega éisdeachd acluich, dhfhoighnich e dha am bu chaomh leis aphìob ionnsachadh. Cha do dhiarr Gilleasbuig an dara cuireadh. Thuirt e gum beadh, agus mar sin thòisich e air an fheadan.

Tha e coltach gur h-e fìor fhear-teagaisge math a bhann an Ruairidh, ach co-dhiùbh bha Gilleasbuigga fhaicinn fhéin glé fhortanach, oir cha robh fear-teagaisge eile ann na bfhaisg dha na mhìle dheug, far an robh Murchadh MacLeòid afuireach ann an Renton. A thuilleadh air an deagh ionnsachadh a fhuair e bho Ruairidh, bha e cuideachd acluinntinn pìobairean math acluich aig na co-fharpaisean a bhiodhgan cumail anns na làithean sin ann an Renton, an Alexandria agus ann an Helensburgh. Ann an 1897 dhfhiach Gilleasbuig fhéin air acho-fharpais ann a Helensburgh, agus fhuair e an dara duais, adeanamh achúis le sin air a mhaighstir, Ruairidh Friseal, a fhuair an treas duais!

Achs ann an uair sin, nuair bha e adeanamh ainm dha fhéin mar phìobaire, a bhuail an trioblaid e. Bha e ag obairna ghàirnealair ann a Shandon aig an àm, agus ann an aon oidhche, cha mhór, chaill e a fhradharc gu tur, ri linn buille a fhuair e an cùl a chinn nuair bha ena bhalach òg. Bfheudar dha an obair a bha aige fhàgail agus a thighinn a Ghlaschu chun abhùth-oibre a bha air Sràid aChaisteil airson nan daoine dall, agus dhoibrich e an sin gus an tug an t-sean aois air stad. Rinn e cuideachd a dhachaidh ann an Glaschu; phòs e agus thog e teaghlach ann, agus tha e a nis air fhichead bliadhna a chur seachad anns abhaile sin.

Bha e an toiseachna rùn aphìob a leigeil seachad nuair a chaill e a fhradharc, agus gu dearbh chuireadh umhail air ged bhiodh e air sin a dhèanamh? Ach bha a mhiann air aphìob cho mór agus gu robh e eu-comasach dha sin a choimhlionadh, agus mus do sguir e bho dheireadh a chluich, bha e air iomadh bonn òir agus airgid a chosnadh. Thòisich e an sin ag ionnsachadh còmhlan de bhalaich òga ann an Glaschu, agus tha e air iomadh pìobaire math a chur a chosnadh nan duaisean bhon uair sin, gu h-àraidh Tómas Pearston, agus mac a bhràthar fhéin, Seumas MacNèill, dithis a tha an diugh, a thuilleadh air a bhithnam pìobairean math, le chéile air ceann Colaisde na Pìobaireachd ann an Glaschu. Is e Gilleasbuig fhéin ceann-suidhe na Colaisde.

Thainig an tuilleadh aimlisg air Gilleasbuig ann an 1941, nuair chaidh a ruith sìos le carbad ann an Glaschu. Bha e fortanach a bheatha a thoirt as, ach bhris e a ghàirdean agus a chas, agus chuir sin stad buileach air a chluich; ged bhios e adeanamh beagan teagaisg fhathast, chan urrainn dha am feadan a làimhseachadh mar as còir dha.

Ach chan ephìob a mhàin a chluicheas Gilleasbuig. Tha e cuideachd fìor mhath air an fhiodhall, inneal a dhionnsaich ena



[123]

bhalach òg ann an Rhu, agus a chluich e iomadh uair aig dannsan ann an Glaschu.

Foighnich dha a bheachd air pìobaireachd agus pìobairean an lathan diugh, agus canaidh e gu saoil e gu bheil móran a bharrachd acluich air pìob an diugh na bha ann nuair is cuimhne leis-san, agus, ged nach eil an ceòl-mór dad nas fheàrr na bha e uaireigin, gu bheil barrachd sgeadachaidh air acheòl-bheag.

Tha mac aig Gilleasbuig ann an Canada a bhios e atadhal glé thric, agus gu dearbhs ann direach nuair bha e air Toronto a ruighinn aon uair a chaidh an dealbh so a tha againn dheth a thogail. ’S ann do nighean a dhaithnicheadh e fhéin ann am Montreal, Verna Leith, a rinn Gilleasbuig am port so nuair a phòs i, agus is e fìor phort tharrainneach a thann. Chan eil e a h-uile uair riaraichte idir le ceòl na pìoba mar a thà e, agus mar sin bidh e afiachainn ri rudeigin ùr, neo-àbhaisteach a chur ann am port. ’S e rud math a tha sin, oirs fheàirrde ceòl, mar sam bith eile, ùrachadh uair no uaireigin. Co-dhiùbh, chaidh aige gu cinnteach air sin a dheanamh anns aphort so. Chan e port furasd a chluich a thann idir, ach is math is fhiach don phìobaire a bhith strì ris, ma tha meuran air comasach air acheòl a tha gun teagamh anns aphort a thoirt as.

[Sanasan]

titleCeòl na Pìoba (Gilleasbuig MacNèill)
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Fionnlagh MacNèill in Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page