[147]

Na Sgoilean Gaidhlig
Le SEUMAS MACTHOMAIS

(1)

NAN deanadh Achd Pàrlamaid aGhàidhlig a chur a dhìth cha bhiodh facal Gàidhlig an Alba an diugh. Cha bhiodh o chionn suas ri trì cheud gu leth bliadhna. Anns abhliadhna 1616 chomharraich an riaghaltas gum biodh sgoil anns gach sgìre air feadh na dùthcha air fad, agus bha chrìch shònraichte anns an t-sealladh aig an àmaBheurla Shasunnach a stéidheachadh gu daingeann ameasg an t-sluaigh anns gach àite, agus aGhàidhlig a chur á bith. Be beachd làidir an luchd riaghlaidh, chan e luchd riaghlaidh Shasuinn, gur i aGhàidhlig acheap-starra bu mhotha a bha seasamh roimh na Gaidheil, agus nach robh adhartas gu bhith aca an eòlas no an sìobhaltas gus an rachadh a cur as gu buileach.

Nach math nach robh an t-aineolas mór so ariaghladh nan uile. Bha foghlumaichean an Obair Dheadhain fada roimh an àm-sa a nochd barrachd toinisge agus geurchuis. ’S i aGhàidhlig aon de na cànainean a bha air a cheadachadh don chloinn a chleachdadhnam fearas-chuideachd timcheall na h-Aird Sgoile anns abhaile.

Ma chaidh sgoil a thogail anns gach sgìre ann an lorg an achd ùir cha tug sin sgoil dlùth do na h-uile ceàrnaidh. Tha sgìrean na Gaidhealtachd araon farsaing agus corrach, neo-ghoireasach, agus do bhrìgh sin chaidh cheud gu leth bliadhna seachad mus fhacas sgoil fhreagarrach faisg air gach clachan aig an robh feum oirre.

Anns abhliadhna 1709 chaidh an comunn fiùghail ris an canar Comunn Craobh-sgaoilidh an t-Soisgeil Chrìosdail a chur air bonn a chùm cothrom na Féinne a thoirt don Ghaidhealtachd agus do na h-Eileanan a Siar a thaobh fòghluim. Ach be beachd achomuinn-sa air tùs gum biodh na Gaidheil fada na bfheàrr as aonais an cànain fhéin, agus mar sin cha robh aGhàidhlig air a ceadachadh anns na sgoilean aca mar mheadhon teagaisg no mar chuspair fòghluim airson iomadh bliadhna. Ach thuig iad fa-dheòidh an t-iomrall a rinn iad, agus thòisich iad ag ath-cheannach na h-aimsir. Thug iad fa-near gum biodh na sgriobturan air an eadar-theangachadh gu Gàidhlig Alba chùm is gu leughadh an sluagh iadnan cànain fhéin.

Le òrdugh aChomuinn chuireadh an clò anns abhliadhna 1741 faclair Gàidhlig airson feum nan sgoilean le Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, aon den luchd teagaisg aca fhéin, agus chuir iad amach Leabhar-cheist na Màthar a dheadar-theangaich aon eile de na seirbhisich aca anns abhliadhna 1752. Cóig-bliadhna-deug an déidh sin chlo-bhuail iad 10,000 leth-bhreac den Tiomnadh Nuadh air a thionndadh gu Gàidhlig le Seumas Stiùbhairt an Cill Fhinn. Nach ann air achomunn so a thainig an a thaobh an seallaidh air aGhàidhlig.

Chosg iad air iomadh leabhar Gàidhlig a bharrachd air na dhainmich mi airson nan sgoilearan, cuid diubh nach robh ro fhreagarrach airson na h-òigridh; ach bfheàrr fuine thana na bhith falamh uile. ’Nam measg bha leabhar-litreachais(spelling-book)a



[148]

dhullaicheadh air iarrtas aChomuinn leis an Urr. Stiùbhairt á Inbhir Pheotharain. Chaidh òrdugh amach gum biodh an leabhar so air a chleachdadh anns gach sgoil fo an ùghhdarras far an robh aGhàidhlig air bilean an t-sluaigh, agus chuireadh ìmpidh air gach Cléir air an robh uallach na sgoiltean a cheasnachadh rannsachadh gu mion abhuaidh air adhartas an fhòghluim a bha mar thoradh air achlann a bhith air an teagasg air tùs anns aGhàidhlig. Agus dhàithneadh dhaibh iomradh a dheanamh gach bliadhna air mar a bha cùisean acoinneachadh riutha. Chan eil teagamh idir nach robh toradh an dìchill agus an aire a bha so ri fhaicinn anns an loinn a bha air rogha-labhraidh muinntir na Gaidhealtachd gus an do chuir Achd an Fhòghluim anns abhliadhna 1872 cas-bhacaig eile air an cainnt.

Be àrd chrìoch Comunn aChraobh Sgaoilidh eòlas na fìrinn agus achreideimh Chrìosdail a mheudachadh anns aGhaidhealtachd, agus is ann a chùm na crìche sin a dhfhosgail iad sgoilean an iomadh àite, ach bha aca anns an t-sealladh cuideachd an luchd àitich oileanachadh ann an sìobhaltachd, mar a dhainmich mi cheana, agus an deanamh na bu shona agus na bfheumaile don rìgh, agus don dùthaich. Cluinn sin!

Mun bhliadhna 1780 bha iad fhathast teagmhach co-dhiùbh a bhiodh e freagarrach no nach biodh beagan de leabhraichean feumail air an eadar-theangachadh gu Gàidhlig a chur an làmhan nan Gàidheal. Ach nuair a dhearbh an gnothaich fhéin dhaibh gu robh e do-sheachnaichte feumail, don òigridh gu sònraichte, teagasgan na fìrinn a chur rompanan cainnt làitheil, thòisicheadh air leabhraichean an Gàidhlig a chleachdadh anns na sgoilean far an robh feum orra.

Shoirbhich leis an oidhirp, dhfhosgladh inntinnean an t-sluaigh, agus bhrosnaich sin iad gus an tuilleadh tlachd a ghabhail ann a bhith leughadh Beurla is Gàidhlig.

Mu dheireadh an ochdamh linne deug bi aGhàidhlig cainnt an t-sluaigh air feadh siorrachdan na Gaidhealtachd air fad ach beago Dhùthaich MhicAoidh gu Peairt, agus o Innse-Gall gu Ard-chrìochan Shiorrachd Obair Dheadhain. Aig toiseach an ath linne bha trì cheud sgoil fo làmhan aChomuinn, agus cóig mìle deug sgoilear gach bliadhna air an teagasg leotha.

Anns abhliadhna 1824 shuidhich an Comunn gu feumadh achlann aig an robh Gàidhlig anns na sgoilean aca leughadh ionnsachadhnan cànain fhéin mus leughadh iad facal Beurla. Aig an àm-sa mar an ceudna mhol Bòrd an Fhòghluim Gàidhlig a bhith air a cleachdadh leis an luchd ceasnachaidh aig an robh i nuair a bhiodh iad aceasnachadh luchd Gàidhlig.

Anns abhliadhna 1828 chuireadh gu feum anns na sgoilean ceithir leabhraichean freagarrach an Gàidhlig so-thuigsinn don chloinn a chaidh a dheasachadh fo stiùireadh Seanadh na h-Eaglaise, agus tha iomradh gu robh iad glé fhreagarrach. Cha bhiodh iad cho -fhreagarrach ris an t-Seann Tiomnadh agus ris an Leabhar Cheist co-dhiùbh! Cha robh an sin ach biadh nan inbheachga chur air beulaibh na cloinne. A rèir cunntais rinneadh adhartas nach bu bheag ann an teagasg na Gàidhlige ann an sgoilean aChomuinn anns na bliadhnachan a lean, agus bha i air a teagasg na bu chunbhalaiche air feadh an taobh tuath gu léir.



[149]

Feumar a chuimhneachadh nach ann gu sònraichte airson Gàidhlig a bha sgoilean aChomuinn aig àm sam bith, ach tha iad airidh air iomradh a bhith air a dheanamh orra a chionn gu robh Gàidhlig air a teagasg annta fad ùine mhóir.

Is mór agus is ionmholta abhuaidh a bha air saothair an S.P. C.K. fad nam bliadhnachan a bha luchd teagaisg aca air feadh na Gaidhealtachd. Bha daoine glice earbsach aca os cionn nan sgoilean, daoine a bha air am moladh dhaibh leis aChléir anns gach sgìre anns an robh sgoil aca, air an taghadh airson an diadhachd, an dìlseachd, agus an eòlais air litreachas. Bha achlann air an oileanachadh leotha an eòlas aBhìobuill agus stéidhean achreideimh Chrìosdail. Bha an eisimpleir a bfheàrr air a chur rompa, agus adhradh moch is anmoch air a chuairteachadh.

Ach ged a sgaoil obair aChomuinn fad is farsaing cha do sgaoil i idir cho fada ris an fheum. Cha robh iad a riamh deònach sgoil a shuidheachadh ann an sgìre far nach robh sgoil sgìreachd air thoiseach orra, oir cha robh iad airson uallach is dleasdanas an uachdarain a ghiùlan. Air an làimh eile is ann far an robh mór-shluagh bu deòin leotha tòiseachadh. Dhfhàg sin àiteachan iomallach fada gun sgoil.

Thòisich Seanadh Eaglais na h-Alba air cor nan ionadan sin a leasachadh, agus chì sinn anns achunntas a sgrìobhadh leotha anns abhliadhna 1828 gun do shuidhich iad trì fichead sgoils a deich, agus bha còrr air trì cheud deug sgoilear ag ionnsachadh Gàidhlig annta. Air abhliadhna sin thug iad seachad 8358 leabhar Gàidhlig airson nan oileanach, agus chaidh ceithir deug ar fhichead de luchd teagasg a chur air leth. An ceann bliadhna eile bha 2512 ag ionnsachadh Gàidhlig a leughadh, Pròsdanaich is Caitligich an cuideachd a chéile. Ach bha feum air 170 sgoilean anns aGhaidhealtachd a bharrachd air na bha ann a cheana oir bha ochd mìle eadar ochd bliadhna agus a cóig deug nach burrainn Gàidhlig a leughadh no a sgrìobhadh. bhliadhna an déidh so bha ceithir sgoilean fichead aig an eaglais an Earraghaidheal, trì deug an Siorrachd Inbhirnis, aon deug an Siorrachd Rois agus deich an Dùthaich Mhic Aoidh. Amach á 7000 sgoilear bha 2616 ag ionnsachadh Gàidhlig, agus chuireadh 1705 leabhar Gàidhlig an làmhan na cloinne. Bha iarraidh air sgoil an iomadh ceàrnaidh air nach burrainear freasgairt le dìth airgid. Bha ministear na sgìre acumail sùla air sgoil na h-Eaglaise, agus bha ministearan na Cléire adeanamh an ceasnachadh a bha feumail gach bliadhna, agus acur cunntais a dhionnsaigh an t-Seanaidh. Lean an obair mhath so gus an tainig Achd an Fhòghluim anns abhliadhna 1872. Nuair a dhealaich na h-eaglaisean anns abhliadhna 1843 thòisich an Eaglais Shaor air sgoilean iad fhéin.

Bhatar afaicinn feuma air oilthigh airson an luchd teagaisg ionnsachadh fada mus do shuidhicheadh gum biodh tigh air a thogail. Is ann anns abhliadhna 1835 a thainig iad gus achodhunaidh so, ach cha robh maoin gu leòir aca fhathast airson an ath cheuma.

Gus am faighte oilthigh freagarrach a thogail bha sgoilean sònraichte an Dun Eideann air an cur gu feum airson an luchd teagaisg oileanachadh fa chomhair an dreuchd.

Gheibh sinn anns an ath àireamh sgòid de eachdraidh nan sgoilean a bha air an suidheachadh thalls a bhos airson Gàidhlig a mhàin. Biad so na fìor sgoilean Gàidhlig.

titleNa Sgoilean Gàidhlig
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Seumas MacThómais in Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page