[165]

Na Cleibh-Ghiomach a Chaidh air Chall
Le ALASDAIR MACUILLEIM

IS toigh leam giomaich; gu dearbh bu toigh leam iad fad mo bheatha, ach nach iad tha daor anns na bùthan? Air an aobhar sin shònraich mise gum fiachainn ran glacadh nuair a rachainn gus na h-eileanan air mo làithean-saora. Mar sin, cheannaich mi chliabh an déidh dhomh sanas fhaicinn anns an Obanach. Is mise a bha toilichte nuair a ràinig iad. Bha iad brèagha, eadhon ged a bha fàileadh neònach creosote atighinn bhuapa a bha asgaoileadh troimh an tigh. Bha mise coma co-dhiùbh. Bha mi asmaoineachadh air abhiadh a bhiodh againn, agus a bharrachd air sin, an spòrs!

Dhfhuirich na cléibh agus am fàileadh far an robh iad a dhaindeoin mo chéile bhochd. Mu dheireadh thainig an airson ullachadh. Is mise bha trang acurluggage rackair mo charbaid-ola agus na cléibh air a mhullach. Bha mi uair no dhà, no eadhon trì, ’gan ceangal le ròpan, ach mu dheireadh bha a h-uile deiseil airson an màireach. A nis, chan eil an garaids agam ro àrd, ach mheas mi a àirde agus àirde mo charbaid leis na cléibh air a mullach. “ e achùisarsa mise. Mo thruaigh! nach bha fada ceàrr. Air mo thobhtaichean móra, dhiomain mi acharbaid asteach don gharaids. Chuala mi fuaim agus ann am prioba na sùla bha anrackagus na cléibh air an ùrlar.

Thòisich mi a rithist, agus mu dheireadh bha na h-uile aig àird mhóir, mu uair samhadainn. Be cosdas na saothair fallus mo bhathais, dha no trì mhallachdan agus dha no trì sgrìoban air mo dheagh charbaid. Co-dhiùbh chaidh minam shuain an oidhche ud.

Thàinig an , is bha sinn afalbh le carbaid làn threallaich: sinn fhìn, mo dhà chù mhór agus na cléibh. Chaidh a h-uile air adhart mar bu mhiann leinn, a dhaindeoin iomadach sùil a bhith ag amharc air a leithid so de shealladhcarbaid làn, le coin mhóra astigh agus cléibh air a mullach. Rinn sinn stad airson biadh aig tigh-òsda beag, agus an déidh biadh meadhoin-latha, thainig sinn amach agus bha easbuig no cuideigin den t-seòrsa sin acoimhead air acharbaid. “Bha mi asmaoineachadh air gu bha anns na nithean sinars esan, aciallachadh nan cléibh. “An e tighean a thannta airson bhur coin?” Thug mi sùil air na cléibh bheaga, agus air na coin mhóra Labrador nach rachadh asteach don charbaid fhéin ach air éiginn gun ghuth air na cléibh. “Feumaidh gur e amadan a thann,” arsa mise rium fhìn.

Lean sinn oirnn. Bha còmhradh fada agam ri fear an aiseig, agus sinn adol thairis air, mu iasgach nan giomach, agus an déidh sin bha mi cinnteach gum biodh cléibh làn agam a h-uile .

Mu dheireadh ràinig sinn an t-àite anns a robh sinn gu fuireach. Bha duine òg an sin aig a robh cliù nach bu bheag mar iasgair, agus chaidh mi don tigh aige gus a chomhairle fhaotainn. So far an deachaidh mi am mearachd. Sheall e air na cléibh, acrathadh a chinn, agus an sin gheàrr e ròp an suds an so, agus chuir e sgadan grod annta a thug mi fad an rathaid bho mdhachaidh, agus a baobhar don fhàileadh a bha atighinn bho dheireadh na carbaid. “Tha sin ceart



[166]

a nis,” ars esan. “Tha mise glé eòlach air na h-àiteachan anns a bheil na giomaich. Theid sinn amach.” Chaidh sinn amach da-rìreadh, ach bha mo charaid ann am bàta eile le feadhainn anns a robh e acur móran a bharrachd sùim. Lean sinn air a chùlaibh leis na cléibh, agus bha dùil agam gum bann a dhEilean Thule a bha esan adol an ud. Mu dheireadh ghlaodh e, “Leig sìos an so iad.” Sheall mi mun cuairt, agus bha sinn a nis, nam bu mhath mo bharail, ann an teis-meadhon achuain. “Bheil thu cinnteach gur e so an t-àite as fheàrr?” dhéigh mise. “Os ears esan. “Gheibh sinn iad a rithist gu furasda; ’s ann agamsa tha fios.” “Is ann agad fhéin is còir fios a bhith,” arsa mises mi tilgeil nan cliabh amach. Chan fhaca mi tuilleadh iad, bha iad caillte anns an doimhne—.

Co-dhiùbh thug geamair dhomh cléibh eile agus fhuair mi giomaich gu leòir an sin, ach bha mi ag iasgachnam aonar.

Ach is e so cuspair mo sgeòil. Ma bhios duine air sgrìob do na h-eileanan a siar, agus ma thachras e air cléibh a tha ag iarraidh sealbhadair, tha min dòchas gun cuir e fios thugam gun dàil.

( ’S e ionnsachadh a rinn an Lighiche MacUilleim air aGhàidhlig, agus ma thog e ceàrd an iasgaich cho luaths a thog e aGhàidhlig, chan eagal don phrais aige. —FIR-DEASACHAIDH.)

titleNa Cléibh-Ghiomach a Chaidh air Chall
internal date1957.0
display date1957
publication date1957
level
reference template

Alasdair MacUilleim in Gairm 22 %p

parent textGairm 22
<< please select a word
<< please select a page