An Clo Mor
LE RUAIRIDH CAIMBEUL
( “Tha seachd-bliadhna-fichead a nis on chaidh ‘An Clò Mór’ a sgrìobhadh an toiseach mar cho-dheuchainn co-cheangailte ri Mòd na bliadhna sin (1930). Tha, mar sin, seachd-bliadhna-fichead ri chur ri àireamh bhliadhnaichean sam bith anns a’ chuspair a leanas. ”)
Tha rùn orm cinn-sgrìobhaidh a ghabhail le beachdachadh air a’ chuspair fo na cinn a leanas:—
(1) Smeuradh nan caorach, no mar theirear ann an àitean, smiùradh nan caorach.
(2) Rùsgadh nan caorach, no là faing-an-rùsgaidh.
(3) Nigheadh agus dath na clòimhe.
(4) Cireadh agus Càrdadh.
(5) Snìomh.
(6) Deilbh an t-snàth agus figheadh an aodaich.
(7) Luadh.
I. Chan eil a leithid a rud agus smiùradh air a chleachdadh an àite sam bith an diugh, a chionn, le Achd lagha, feumaidh caoraich a bhith air an tumadh ann an stuth-glanaidh, dà uair sa’ bhliadhna. Feumaidh, a thuilleadh air sin, am maor-sìthe as fhaisg a làimh, sgrìobhadh fhaotainn gun deach an tumadh so a choimhlionadh gu h-òrdail agus gu rèidh anns gach baile. Anns an t-sean là bha gach teaghlach a’ sònrachadh oidhche àraidh gu smiùradh nan caorach. B’e an oidhch’ fhada geamhraidh a bha air a cleachdadh an còmhnaidh airson na h-oibreach so, agus bhiodh na h-uiread de bharailtean tearra air an òrduchadh do gach baile agus tuath, mu sheachdain roimh àm an smiùraidh. Bhiodh prais mhór, ris an cante a’ phrais thearra, air a cumail gu daonnan anns gach dachaidh, agus an uair nach biodh feum di bhiodh i air a cumail air a beul fòipe an cùil air choreigin mu’n tigh. Dh’ fheumadh an teàrr a bhith aig tigheadachd shònraichte, agus b’e ola éisg mar bu trice, a bha air a cleachdadh gu a tanachadh. Bu trang a bhiodh buill an teaghlaich fad an latha ri cruinneachadh nan caorach do’n t-sabhal, ri deasachadh fuirm smiùraidh agus ri socrachadh na prais-thearra gu goireas an luchd smiùraidh. ’S e fìor obair sgìth a bh’ann do neach a bhith fad’ oidhche le dhruim crom a’ tearradh, agus bu mhaith an obair caora a chur seachad fa chomhair gach leth-uair an uaireadair, a chionn gu robh caoraich trom agus làidir aig an àm so de’n bhliadhna. Is cuimhne leinn an toileachadh agus an t-urram mór a bhiodh ann dhuinn cothrom fhaotainn gu breith air na caoraich agus an cur thar an casan mar bhiodh feum; agus saoilidh mi le amharc air ais nach do chuir mi oidhche riamh seachad ann an làithean m’òige na bu toilichte na oidhche smiùraidh. ’S ann an sin a bhiodh na sgeulachdan co-cheangailte ri muir is tìr agus cha bhiodh fear nan rann idir air dheireadh, am feadh a bha mise balbh agus bodhar do gach nì eile air thalamh agus mo shùilean mar gum biodh iad air an glaodhadh ris na nithean a bha mu m’ chomhair. Bha gach caora air a cur air a druim le gach fear, eadar a ghlùinean, agus strìoch air a deanamh anns a’ chlòimh leis an dà òrdaig, o bhun an earbuill a
dh’ionnsaigh na h-amhach. Mar so bha strìoch an déidh strìoch air an dèanamh, mu thrì òirlich o chéile agus air an liosraigeadh le bhith tumadh na corraige anns an teàrr. Tha e air aideachadh gu saor, an diugh, nach eil an tumadh idir cho math do’n chlòimh ris an t-seann dòigh, ach ged a dh’fhaodas sin a bhith mar sin, cha ghabh an smiùradh a thoirt air ais ged bu mhath leinn e. An déidh an smiùraidh bha na caoraich saor o thuilleadh dragha, co-dhiùbh a thaobh na clòimhe, gu meadhon an ath-shamhraidh, an uair a bhiodh na caoraich air an rùsgadh.
II. Bha là faing-an-rùsgaidh ’na fhìor là mór anns gach baile agus na feòraicheadh neach dhìom dé an là bu sgìthe bhithinn ann a’ làithean mo chinneis—an uair nach cuireadh dìreadh is teàrnadh nan uchdach cus orm, cha bhiodh e duilich dhomh a ràdh gum b’e sin là fainge. Tha cuimhne mhath agam ruith o’n sgoil gu tric air là na fainge. Ach nach b’fhiach e an t-saothair! Tha mi a’ smaoineachadh, da rìreadh, gun deanainn na bu trice e a rìs, nam bu rud e ’s gum faighinn m’òige air ais aon uair eile:—
Bha mi uair a bha mi eòlach
Air gach lòn a bh’ air an fhirich,
An uair a bha mi òg is eutrom
Ri cuairteachadh an spréidh mu’n innis,
B’éibhinn siubhal feadh chòinich
’S dìreadh leòidean ’gan tilleadh (Le Pàdruig Caimbeul.)
A thaobh muinntir a’ mhonaidh a bhith fàgail a’ bhaile aig càinealachadh an latha bhiodh na caoraich gu cumanta anns an fhaing aig tràth nòin agus mu leth-uair-an-uaireadair an déidh sin bhiodh a chaoraich féin ceangailte aig gach fear air an réidhlean ghuirm ri taobh na fainge, agus cha chluinnte ach fuaim nan deimhisean agus “thoir dhomh spearrach!” “Cuir luthag air an té sin! “Dé an comharra cluaise ’tha oirre?” “ ’S e caora fhuadain a tha so” agus mar sin air aghaidh. B’e pàirt de na comharraidhean cluaise anns a’ bhaile san do rugadh mise iad so: —beum, bàrr, slisinn, toll, crabhcan, miaolan, agus sulag; agus bha bodach ainmeil san dùthaich a bhiodh a’ falbh o fhaing gu faing, agus bha e air a ràdh nach robh comharra cluaise anns an dùthaich nach b’aithne dha, agus b’e sin mu chóig mìle ged nach sgrìobhadh ’s nach leughadh e smid.
Aig ciaradh an fheasgair thigeadh cairtean air tòir na clòimhe, bha an fhaing seachad, chluinnte mèilich nan uan a chaidh iomrall air na màthraichean air a’ chùl, agus dheanamaid ar rathad dhachaidh gu dubhach sgìth a’ miannachadh gu mór ’nar cridhe gum bitheadh faing eile ann an là-arna-mhàireach.
III. Théid, a nis, brath a ghabhail air a’ chiad là mhath a bhios ann, gus a’ chlòimh a nigheadh. Cha b’e sin là gun sunnd, an là bhiodh na boireannaich le ’m fillidhean mu’n glùinean agus casruisgte a’ bogadh na clòimhe le’n casan ann an tubaichean móra ri taobh na h-aibhne, a’ chlann bheag ri màgaran san fheur ghorm mun cuairt agus na gillean beaga ri deanamh leum-leog le bhith tilgeadh leacan cloiche do’n linne. Nuair a bha a’ chlòimh tioram bha i air a cur seachad ann am pocannan san t-sabhal gu àm a’ chalaineis, agus b’e
sin fad a’ gheamhraidh—àm an t-sneachda agus an reothaidh—an uair nach gabhadh cus de dh’oibre fearainn a chur air aghaidh. ’S e cìreadh na clòimhe ciad thòiseachadh a’ chalaineis agus, gu dearbh, b’e sin obair a bha ag iarraidh foidhidinn gu leòir, ged a bha aon mhaith oirre agus b’e sin nach robh cus sgil air iarraidh agus gum faodadh beag agus mór, sean agus òg, làmh a chur innte.
Nach tric a chuidich sinn ar seana-mhathair chaomh, ise a bu toidhich ’s a bu chùramaich umainn, an uair a bhiodh sinn ’nar suidhe an tac an teine agus teas na grìosaiche ri figheadh brat sgeilmeil de bhreacan Mairi Uisdein air ar luirgne lomnochd—anns an obair mhàirnealaich fhadalaich so.
’S e dath na clòimhe obair a tha ’nochdadh amach eirmiseachd agus gnìomhachas na muinntir o’n tàinig sinn, agus is duilich aideachadh nach eil boireannaich an latha so idir cho ealanta ann an oibreachadh nan dathan speisealta a chunnaic sinn an uair a bha sinn òg. Tha dathan bùtha cho goireasach agus cho farasda an cleachdadh an diugh ’s nach ruig neach a leas a bhuadhan nàdurra a chur an céill ach ann an tomhas ro bheag. Bha, mar sin, ar sinnsearan cus na bu ghéire agus na bu tùraile ’nam breithneachadh air nithean nàdurra na tha muinntir an diugh. Bha iad a’ faotainn teagaisg o luibhean na machrach, o aghaidh a’ chuain, o aodann na speur, o thorrann nan eas, agus o shéideadh nan gaothan, a bha ’toirt dhaibh mór eòlais agus gliocas a bha barraichte, a thaobh nan suidhichidhean sin, an coimeas ruinne.
Bha móran lusan air an cleachdadh ceudan bliadhna air ais gu dath aodaichean is clòimh agus ni an àireamh aca beag sinn ’nar sealladh féin a diugh nuair a bheachdaicheas sinn cho beag ’s as aithne dhuinn eadhon de dh’ainmean nan luibhean ’nar cainnt fhìn. Tha mór thoileachadh agamsa ’cur sìos an so ainmean nan luibhean a bhithinn a’ cluinntinn ’nam bhalach agus an fheum gus an robh iad air an cur, no co-dhiùbh na dathan a bha air fhaotainn uapa.
(1) Dath Dubh: —seilisdear, feàrna, grainnseag, preas nan àirneag, agus copag.
(2) Gorm: —braoileagan (dearc an fhraoich, curra-mhiag, lus nan cearc) agus an droman.
(3) Donn: —Crotal, duileasg, agus duilleag bhàite.
(4) Crò-dheirge: —Corcur agus crotal geal.
(5) Uaine: —Conas, ràmh-dhroighionn, fraoch agus bealaidh.
(6) Or-ubhal: —Beàrnan-brìghde, buaghallan-buidhe, agus preasnan-smeur.
(7) Purpur: —Feòras, lus na feàrnaich, crotal còinich, biolaire, agus cairmeal (carra-meille).
(8) Dearg: —Crotal nan creag, leanartach (braonan fraoich, cairt-làir, leamhnach) agus rùdh (ruamh).
(9) Buidhe: —Craobh-ubhal, uinnsean, leamhan, roid, raineach, Achlasan-Chaluim-Chille (eala-bhuidhe).
Bha lusan sònraichte air an cleachdadh gu bhith ’g almadh no a’ cairteadh na clòimhe agus b’iad sin an cumantas, a’ chairt-làir, a’ chairt-leamhna agus a’ chopagach. Bha féill mhór air an rùdh o chionn trì-fichead bliadhna ’s a deich air ais, mar luibh a dheanadh dath
brèagha dearg. Tha an lus so a’ fàs ann am fearainn mhachrach agus tha i ro fheumail gu ceangal na gainmhich agus gu a cumail o bhith air a séideadh bho àite gu àite le gaoith. Air an aobhar so tha e mì-laghail a bhith buain freumhaichean na luis so an diugh. Tha sinn a’ tuigsinn gu robh i anabarrach pailt air machraichean Bheinn-a- Fadhla aig aon àm agus gur h-ann an so a chuireadh a’ chiad chasg orra-san a bha cleachdadh an rùdh gu dath nan clòithean.
IV. ’S e an ath cheum an déidh cìreadh agus dath na clòimhe an càrdadh. Bha na peàrdan, no mar theirear riutha an corr’ àit, na rolagan, air an deanamh leis a’ chàird. B’e sin dà bhòrd fhiodha mu throidh air fhad agus ochd òirlich air leud, agus fiaclan caola iarainn agus dlùth ri chéile air gach bòrd. Bha làmh chruinn fhiodha air gach té gu feum na càrdaidh agus bha na rolagan air an dealbhadh agus air an cumadh gu grinn le bhith suathadh agus a’ sgrìobadh na clòimhe eadar an dà chàrd. Bha iad an sin air an cur ’nan tòrr ann am basgaid no an ciste gu feum na mnatha-snìomh.
V. ’S e a’ chuibhle shnìomh mìr àirneis cho eireachdail agus cho feumail ’s a bha ri fhaicinn ann an tigh sam bith agus chan eil e ’na iongantas idir i a bhith gu tric air a h-ainmeachadh “bean-an-tighe,” agus nach b’ion-mholta maiseach a bhith faicinn fìor bhean tighe ri toirt srann aighearach air a’chuibhill agus crònan aigeannach a h-òrain fhéin ri cumail tìde ri astar a’ mhaide-siubhail ’s an dealgain. Ciod e nach tugamaid air an là sin fhaotainn air ais anns am biodh a’ nighean
[Dealbh]
’s a màthair ri calanas, an t-seann-bhean aig a’chìreadh, fear an tighe air a’ bheairt, nàbaidh an ath-dhoruis ri lìonadh nan iteachain car treise, agus sinne ’nar suidhe ann an tac an teine, ri deanamh chroisean le bioran maide anns an luathaidh, no ri cunntadh nan corrag leis “an òrdag, an sgealbag, an gunna fada, nic an t-sagairt, meur bheag an airgid.” A bheil nì air thalamh a bheir uiread de dh’fhagaisgeachd dhuinn air làithean ar n-òige, ri bhith ’g amharc troimh shùilean ar cuimhne air Mórag ar piuthar ri càrdadh ris a’ bhalla-tharsainn do’n starsnaich, ar seana-mhathair air an robh ar gaol agus ar déidh, gu socrach agus gu foidhidneach ri cìreadh ris a’ ghealbhan, ar màthair, mar thubhairt sinn a cheana, ri toirt a’ chiùil a bu bhinne chuala sinn a riamh á deil agus siubhal na cuibhill agus an spàl aig fear na beairte a’ gabhail a turuis air ais ’s air aghaidh cho luath ’s gur gann a leanadh an t-sùil—ged a bu sgiobalta biorach san àm sin i—a h-astar. ’S gasda is cuimhne leinn gach pàirt de’n chuibhill. B’e na h-eich an dà mhaide a bha ’nan seasamh o’n mhionach agus bha deil na cuibhill ’na laighe ann an dà eag am bàrr nan each. Bha maide caol mu throidh gu leth air fad, ceangailte le éill chraicinn, ri ceann na deile agus ris a’ chasachan. B’e so am maide-siubhail—no mar theirear an cuid de na h-eileanan, —an t-amadan. Bha casan na mnatha-snìomh ag oibreachadh a’ chasachain sìos is suas, bha so ri toirt tarraing air a’ mhaide-shiubhail agus ri cur mun cuairt na deile. A dh’ionnsaigh na làimhe clìthe bha na maighdeanan ’nan seasamh mu throidh a dh’àirde agus mu throidh o chéile. Ceangailte eatorra agus troimh chluais gach maighdinn bha an dealgan, an t-seic, am piurne agus an rathan. Mar bha an toinneamh ri dol anns an t-snàth bha e ruith troimh shùil na seic agus ri sìor lìonadh air an dealgan. Bha bann de shnàth clòimhe ri ceangal réim na cuibhill ris an rathan agus mar sin ri cur mun cuairt an dealgain. Ghabhadh am bann so a bhith air a theannachadh no air a lasachadh le tionndadh na h-iuchrach no na cìche aig làimh chlì na cuibhill. Chan eil e idir furasda cuibhle-shnìomh a cheannach an diugh, a chionn tha an tuairnearachd, mar tha móran de cheirde dhùthchasachail eile, air dol á fasan, agus tha cuimhne againn a bhith faicinn cuibhlichean snìomh air an òrduchadh á Lochlainn o chionn còrr is leth-cheud bliadhna air ais, le gainnead thuairnearan anns an dùthaich so. Ann a bhith a’ fàgail a’chinn so faodar a ràdh gu robh dà dhòigh ann gu bhith tachrais an t-snàth thar a’phiurne agus b’e sin ceirsle dheanamh deth, no a chur air a’ chrois-iarna, ach co-dhiùbh, ’s e ceirslean a dh’fheumadh a bhith air an cleachdadh ann a bhith deilbh an t-snàth.
VI. ’S ann anns an t-sabhal a bha an deilbh air a dèanamh daonnan a chionn bha fad balla an t-sabhail air iarraidh gu ceartas a thoirt do’n chùis. Bha na h-uiread de chnagan air an stobadh do’n bhalla a réir fad a’ chlò agus na ceirslean air an cur ann an soithichean beaga air an làr gu an cumail o bhith rìghleadh air an làr agus ri dol mu chasan an fhir a bha ri deilbh. An uair a bha an snàth-deilbhe ullamh bha e gun dàil air a thoirt a dh’ionnsaigh na beairte gu bhith air a chur mu chrann, agus b’e sin, a chur air a’ gharmain shnàth. Bha a’ gharman so air cùl na beairte, air an taobh a b’fhaide air falbh o’n fhigheadair. Bha i ’na laighe an taobh amuigh de na puist air dà chnaig ris an cante na h-urracagan. Bha aon neach ri tionndadh a’ chroinn, neach eile
ri cumail an rathaill agus an treas neach ’na shuidhe air an làr, a bhuinn an tac a’ mhaide tharsainn, a’ cumail an t-snàtha teann no flagach, mar dh’iarradh fear a’ chroinn. B’e beartachadh an t-snàth obair a bu draghaile a bha co-cheangailte ris a’ bhreabadaireachd a chionn bha gu daonnan dà oidhche ’ga chosd ris an obair so. B’e an snàth a chur troimh na h-iomarulan (iomadh-dhrulan) a bu duilghe air fad, agus is tric a chunnaic sinn deagh fhoidhidinn an fhigheadair air fheuchainn gu goirt ann a bhith cur gach snàthainn fa-leth ann an sùil fa-leth de na h-iomaruill. Aon uair ’s gu robh so seachad bha an snàth no an dlùth air a chur troimh ’n t-slinn agus air a cheangal le lothainnean ris a’ gharmain aodaich, agus bha alt ’ga thogail air an t-snàth agus an fhigheadaireachd ri tòiseachadh. Bu mhór ar tlachd aig amannan a bhith leantainn astar na spàil an uair a bhiodh bodach na beairte an deagh fhonn. Ged a b’ann a’ bualadh san t-sabhal a bhithinn dh’aithnichinn ro mhaith le srann na spàil gum bitheadh a’ phìob a’ cur nan toit dith am pluic m’athar. An uair a bhiodh e aig fìor shunnd mar so ’s e aon làmh ma seach a bhiodh anns a’ bheairt mheadhoin agus làmh mu seach eile a’ glacadh ’s a’ tilgeadh na spàil, agus ’s iomadh réis aodaich san uair-a- thìde, a tharraingeadh an crann-teannaich mu’n gharmain uchd. Bhithinn-sa gu tric air mo chumail trang a’lìonadh nan iteachain. Bha na h-iteachain aig an àm sin air an deanamh de luirgne-thoisich chaorach. Cha deanadh luirg-dheiridh feum sam bith a chionn cha robh iad cruinn gu leòir an cnàimh agus chan fhanadh iad air gob na h-aisil agus cha mhotha a thionndaidheadh iad air gathan na spàil. Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil iad sin air an reic mar ghoireasan eile an diugh, anns na bùithtean. Mum fàg sinn a’ bheart-fhigheadh faodar ainmeachadh gum b’e na h-eàrraidh am mìr mu dheireadh de’n aodach anns a’ bheairt, agus gum b’e na fuidheagan, an earrann de’n dlùth nach gabhadh fhigheadh. Bha iad mu chóig òirlich dheug a dh’fhad; air an gearradh sìos mun tuiteadh an t-aodach sa ’bheairt, agus air an toirt air ais dhà-san no dhì-se d’am buineadh an clò. An uair a thigeadh an neach sin a phàidheadh a’ chlò b’e tuarasdal a’ bhreabadair, gròt no ceithir sgillinn an t-slat-dhùbailt—slat ochd troidhean a dh’fhad—agus mar sin chì sinn gu robh “goirt an ceannach” aig fear na beairte air a h-uile sgillinn a bha e faotainn. Is cuimhne leam gum bitheadh móran de’n luchd-déiligidh aig m’athair a’ toirt beagan a bharrachd seachad air a’ phàidheadh àbhaiseach, gu sònraichte a chionn ’s gu robh iad airson nochdadh am buidheachais do’n fhigheadair a thaobh cho dlùth agus cho daingeann ’s a bha an t-aodach air fhigheadh. B’e mìr-geàrr a b’ainm do’n tabhartas so agus ’s tric a’ smaoineachadh o’n là sin mi air brìgh an ainm so, cuin a thòisich an cleachdadh an toiseach agus an robh e, mar chleachdadh, cumanta an ceàrnaidhean eile de’n dùthaich. Co-dhiùbh b’e sliasaid muilt air dheagh thiormachadh is chruadhachadh a bu trice chunnaic mi riamh san achlais aig muinntir ceann-a- deas a’ bhaile gu sònraichte, agus bu mhotha gu mór a dheanamaidne a thoileachas, mar chloinn ris a mhìr-geàrr, na dheanamaid ris a’ bheagan thasdain a thuiteadh a dh’ionnsaigh a’ bhodaich.
VII. Bidh mi a’ co-dhunadh na h-oidhirp so le beagan fhocail a chur sìos mu “Luadh a Chlò.” B’e luadh-chas a bha ann an Leódhus
[Sanas]
o chionn deich agus trì fichead bliadhna air ais ach ’s e luadh-làmh a bha ann an Uibhist. B’e luadh-chas a bu chabhagaiche agus a b’aighearaiche na luadh-làmh agus saoilidh mi nach b’urrainn luadh-làmh a bhith, gu bràth, cho math ri luadh-chas, a chionn gur h-e a’ chas as làidire na làmh. B’inntinneach a bhiodh seisear no ochdnar de mhnathan-luaidhe ’nan suidhe air an làr air aon chlàr, ceathrar air gach ceann de’n chléith-luaidhe agus an clò no pàirt de’n chlò eatorra gu bhith ’ga bhruthadh agus ’ga thaosnadh anull agus anall le an casan. Bhitheadh an t-òran luaidh a’ cumail siubhail ri astar nan casan. Bhitheadh gach cas dheas air gach taobh ag oibreachadh còmhla agus a rìs gach cas chlì—ochd casan deas agus ochd casan clì, ma seach. Bu bhrèagha an t-òrdugh, bu phongail an t-astar, bu cheanalta a’ chuideachd agus bu bhinn agus aighearach an ceòl. Chan eil aobhar móran leudachaidh a dheanamh mu’n chùis. Tha e mar fhasan a bhith a’ deanamh “Luadh” gu tric aig cruinnichidhean Gaidhealach ann am móran àitean agus tha an cleachdadh gasda sin ’na mheadhon air a bhith a’ cumail air chuimhne briathran agus focail a dh’fhaodadh, air mhodh eile, a dhol a dhìth. Cha dean mise mar sin ach beagan a ràdh mu bhriathran nach eil air an cleachdadh aig na luaidh sin a dh’ainmicheadh. Bha an t-aodach air a chur am bogadh ann an uisge siabuinn an latha roimh an luadh agus b’e so a bhith ’ga chur do’n chumlaig. Bha e gu tric air fhàgail sa’ chumlaig gu’n cruinnicheadh na mnathan-luaidh. An sin bha e air fhàsgadh agus air a chur air a chléith-luaidhe. Aig deireadh gach òrain chluinninn gu tric té de na mnathan-luaidhe ag éigheach ri càch. “Có th’air mo chuibhbean?” Bha so a’ ciallachadh “Có e an gille a chaidh a thilgeadh orm anns an òran a chaidh seachad?” No, “Smaoinichibh air a’ ghille a thugadh dhomh, etc.” Gu tric ’s ann le làn spòrs a bha a’ cheisd air a cur. B’e là luaidh an là bu mhotha spòrs agus àbhachdais; b’e sud là na gàireachdaich agus là nan leannan. Bhiodh na leannain a b’aimlisgiche gu tric air an toirt seachad—gu sònraichte an gille crùbach—airson fearas-chuideachd agus fealla-dhà. Am fac no am faic sinn gu bràth nigheanan bu chridheile ’s a bu laghaiche na mnathan-luaidhe? Chan fhac ’s cha b’urrainn sin a bhith. As déidh an luaidh bha an clò air a chur air choinneil agus air a thoirt do’n loch no do’n abhainn a chum an t-ùdhradh a thoirt as ’s a thiormachadh. B’iad so dhà de na h-òrain luaidh a chuala sinn nach deach fhathasd a chur gu h-iomlan an clo:—
Bhi-liù-a- ra-hù-a
Gur tù mo chruinneag bhòidheach
Bhi-liù-a- ra-hù-a
A nighean bhuidhe tha sa ’ghleann
Na fir an geall do phòsadh
Bhi-liù etc.
A nighean bhuidhe tha fo’n bhruthaich
Mac Cumhais an tòir ort
Bhi-liù etc.
Gur binn tha na na cuthagan
Sa’ bhruthaich sam bi neòinean
Bhi-liù etc.
(2) Bhi rì liù lé ho, Oró mo chuachag Bhi rì liù lé ho
Cha b’fhada bhiodh mo leannan tighinn á Beannaibh a’ Chuailein
Bhi-rì-liù etc.
’S nuair a thigeadh è dhachaidh ’s mì nach fhaireadh an gruaim air
Bhi-rì-lìù etc.
Tha mo cheist air a’ghille thug an linne mu thuath air Bhi-ri-liu etc.
Fuil a’ bhric air do léine fuil an fhéidh air do ghualainn Bhi-ri-liu etc.
’Struagh nach robh mi le mo leannan ann an lagan beag uaigneach
Bhi-ri-liu etc.
Fo dhubhar na coille far an goireadh a’ chuachag. Bhi-ri-liu etc.
Tha e ’na thoileachadh mór do’n ùghdar so a sgrìobhadh. Tha e a’ saoilsinn mar gum bitheadh móran làithean air an cur ri aois le bhith toirt gu cuimhne pàirt de na briathran a tha air an cur sìos an so. B’iad briathran athar, agus a mhàthar: bu ghlan an teanga agus bu ghnèidheil an dùrachd agus b’iad nach tugadh beum air càch le briathran neo-gheamnuidh sam bith. Tha mi duilich nach eil mo bhriathransa idir cho taitneach na cho blasda na idir cho tarbhach ’s a b’urrainn iadsan an dèanamh.
Bi mi ’cuimhneachadh a’ chòmhlain
Shiùbhleadh còmhla rium gu minic.
Ach bho chian do thriall na làithean,
Sgap an t-àl air feadh na cruinne.
Tha cuid an talla nan treun diubh
Nach fhaicear fo’n ghréin so tuilleadh.
Na fir sin nach diùltadh éirigh
Anns an t-sreup nuair chuirte thuig iad.
Nise chaochail làithean m’òige,
’S thainig neòil nach robh mi sireadh.
Tha mo chiabhagan air liathadh
’S dh’fhàilnich bliadhnachan mo chinneis.
Cha teid mi abhsaidh air réidhlean
Aig fangadh treudan a chruinnich.
(Le PADRUIG CAIMBEUL.)
title | An Clo Mór |
writers | Derek Campbell |
internal date | 1957.0 |
display date | 1957 |
publication date | 1957 |
level | |
reference template | Ruairidh Caimbeul in Gairm 22 %p |
parent text | Gairm 22 |