[203]

Air An Spiris

AIR taobh duilleig 238 chì sibh iomradh airCrìochan Ura”. Tha an leabhar so atoirt mór thoileachaidh dhuinne, oir tha e aciallachadh gu bheil sinn adeanamh rud a gheall sinn an luair a thainig achiad Ghairm amach bho chionn sia bliadhna.

Thuirt sin anuairsin gu robh e fodhainn leabhraichean Gàidhlig eilea thuilleadh air Gairm fhéina thoirt amach mar a bfheàrr a burrainn dhuinn. Cha do dhìochuimhnich sinn an gealladh sin.

An uair a chunnaic sinn gu robh an làn leinn, chaidh sinn far an robh ar caraid, Iain A. MacDhòmhnaill, agus dhiarr sinn air làmh-chuideachaidh a thoirt dhuinn le leabhar. Chuir sinn chùmhnant air. Thuirt sinn ris gur h-e bha dhìth oirnn leabhar eireachdail, inntinn-thogaileach, a dheanadh leabhar sgoile agus, aig acheart àm, a chòrdadh ris na seanairean! Tha sinn an dùil gu bheil an leabhar sin againn a nise. Agus le cuideachadh bhon Hans Weber Trust tha enar comas a chur anns na bùthan aig prìs a tha ciallach airson leabhar sgoile.

Carson a thòisich sinn le leabhar sgoile?

Thòisich a chionns gu bheil sinn an dùil gu bheil feum air leabhar, ann an spiorad an n diugh, a dhùisgeas ùidh na h-òigridh agus a sheulaicheas dhaibh gu bheil achànan a tha iad ag ionnsachadh beò, ùrail, agus làn chomasach air déiligeadh ri cuspairean na ginealaich so. Bha sinn cuideachd an dùil gu bheil móran de ar luchd leughaidh fhéin eis am bu mhath taghadh de na sgrìobhaidhean á Gairm a thasgadh fon aon chòmhdach. Tha an leabhar so cus nas tighe na Gairm, ach suidhidh e gu snog ri taobh Gairm air an sgeilp leabhraichean.

So toiseach tòiseachaidh. Ma chòrdasCrìochan Uraribh, bheir sinn dhuibh tuilleadh. Leabhraichean sgialachd, agus leabhraichean bàrdachd. Ach bithidh sin a réir mar a cheannaicheas agus mar a leughas sibh am fear so!

titleAir An Spiris
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page