[271]

Beath Ur Air Seann Eilean
Le TOM WEIR

Air achiad duilleig den chiad Ghairm, bha cùnntas aig Dòmhnall Seumas MacLeòid, nach maireann, air Eilean Hiort. Dhinnis e beagan de dheachdraidh an eilein, agus mar a dhfhàg an tuath e ann an 1930. Cha tàinig e riamh asteach air an Ollamh no air duineile gun tigeadh ath-nuadhachadh air Hiort, agus gun cluinnte ann a rithist guthan ri còmhradh agus ùird ri clachaireachd.

Ach ri linn obair nan rocaidean a thighinn a dhUibhist thainig obairna lùib a Hiort. Mar sin, tha Hiort atighinn beò. Far nach fhacas riamh làraidh, bithidh carbadan neònach a ghineadh le cogaidhean. Far nach cualas guth riamh air telebhisean, bithidh innealan a tha fada air thoiseach air innleachd nan dealbh. Far am biodh Pàrlamaid Hiort cruinn uair, bithidh a nise pàrlamaidean beaga eile a bhios abeachdachadh airmegacyclesagusradaragusballistics.”

So agaibh Hiort mar a chunnaic mise an t-eilean le mo chamara.

An so shuas, chì sibh àitean còmhnaidh an airm far an robh seann chlachan nan Hiortach. Far a bheil feadhainn de na tigheannan seasamh fhathast mar a dhfhàgadh iad ann an 1930. Ach chan iad na tighean sin as sine. Anns an dealbh cuideachd, chì sibh làraichean nan seann tighean talmhainn a chladhaicheadh bho chionn mìle bliadhnas còrr. Trì earrainnean de dheachdraidh taobh ri taobh. Air an tràigh, chì sibh am bàta mór a bhios acur innleachdan an airm air tìr, oir is ann an so a thàtar adol a dheanamh achiad rathaid a rinneadh riamh air Hiort.



[272]

[Dealbh]

Agus so agaibh bàta mór nan tancaichean amagadh air an t-seann Dunàra nach tigeadh faisg amhìle don chladach.

Chan eil na seann chaoraich Shòathach aleigeil dad orra. ’S dòcha nach eil iad atuigsinn tha dol. no dhà an déidh don arm tighinn bha na caoraich cho soltas a bha iad riamh, ag ionaltradh ameasg nan àitean còmhnaidh mar a bàbhaist dhoibh anns na seànn làithean.

[Dealbh]



[273]

[Dealbh]

So fear de na h-uain Shòathach air a làn dòigh ann an gàirdean Iain Eyres á Lunnainn.

Chan eil guth air guga no air buthaigire aig na Hiortaich ùra so. ’S e buntàta ròistes mart-fheòil a bhios am Baoghlach Eachann Mac Dhòmhnaill acòcaireachd. Is e an dara fear on làimh chlì. Is e an dara fear a deas air, MacIlle Mhoire á Eirinn. Biad ClannIcIlle Mhoire achiad threubh a chaidh a Hiort. Tha achuidhle air a dhol mun cuairt gun teagamh!

[Dealbh]

titleBeath Ur Air Seann Eilean
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Tom Weir in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page