Scottish Short Stories,deasaichte le Fred Urquhart.
Clo-bhuailte le Faber & Faber. 15/ -.
Tha alt sònraichte air an sgeulachd ghoirid, agus chan e a h-uile sgrìobhadair aig a bheil an t-alt. Far a bheil fad is farsaingeachd aig an fhear a théid an sàs ann an nobhal gus cliù agus gnè a dhaoine a nochdadh, chan eil tìde aig fear an sgeòil ghoirid gus dad a dheanamh nach gabh deanamh ann am facal no dhà. Ach, aig a’ cheart àm, feumaidh e tuigse air choreigin a thoirt do’n leughadair air na daoine mu’m bheil e a’ sgrìobhadh; mar a dèan e sin cha tig an sgeul beò.
Far a bheil an sgeulaiche sgileil, bheir e dealbh air a dhaoine, agus air àite a sgeòil, ann an suaib ghoirid, bhioraich. Agus, timcheall air na daoine ’s air na h-àiteachan cuiridh e sgeulachd aithghearr, ghleusda, a ruigeas a co-dhunadh agus a dh’ fhàgas blas agus cuimhne as a déidh. Gabhaidh bliadhnaichean de dh’ ùine cur eadar toiseach is deireadh an sgeòil; ach cha dean math dol seachad na h-ùine dragh a chur air creideas an fhir leughaidh. Ann an aon fhacal, is e droch rud a tha ann na briathran “agus deich bliadhna an déidh sin” a chur am bodhaig na geàrr-sgeòil. Faodaidh na deich bliadhna a dhol seachad, ach is còir do’n sgrìobhadair an fhìrinn sin a thoinneamh asteach ann an dòigh neo-mhothachail.
Tha Lewis Grassic Gibbon a’ deanamh a’ cheart nì sin anns an sgeulachd as fheàrr san leabhar so, “Smeddum.” Tha i math da-rìribh, ged a tha sinn an cunnart fàs sgìth de’n dòigh anns nach h-urrainn Grassic Gibbon fhir ’s a mhnathan a chumail as an leabaidh no as a’ chonnlaich. Mhill rud a tha a’ tighinn faisg air drabasdachd móran de na sgrìobh an duine comasach so rè a bheatha. Ach, a dh’ aindeoin sin, ’s i so sgeulachd as fheàrr na “Thrawn Janet” a tha air a dleas uaireannan mar an sgeulachd as fheàrr a chaidh a sgrìobhadh ann an Albais riamh.
Gun teagamh, bha “Thrawn Janet” math ’na là fhéin, ach tha càil an luchd leughaidh air atharrachadh agus chan i “Smeddum” a mhàin a chuirinn air thoiseach air sgeulachd Stevenson anns an leabhar so fhéin. Tha “Beattock for Moffat” le R. B. Cunninghame Graham air aon dhiubh sin. Agus cuideachd“The Head”le Dorothy K. Haynes, gun ghuth air“The Kitten”le Alexander Reid.
Ameasg an fheadhainn a tha air an riochdachadh an so tha feadhainn de’n luchd sgrìobhaidh as fheàrr an Alba an diugh, mar a tha Robin Jenkins, Neil Gunn, agus Eric Linklater. Tha eadhon sgeulachd ann aig A. J. Cronin, agus is i sin as fheàrr a tha a’ nochdadh nach eil e furasda uaireannan (mar is trice, gu dearbha) do fhear na nobhal e
[Sanasan]
fhéin a smachdachadh a réir iarrtas na geàrr-sgeòil. Is i“The Provost’s Tale”an sgeul aig Cronin, agus ged a tha i a’ toirt deilbhe air caithe-beatha ann am baile beag Albannach aig toiseach na linn so, agus ged a tha i a’ toirt iomraidh air gnè nan daoine, chan eil i a’ deanamh aon seach aon dhiubh sin leis a choimeas a nochd Cronin ann an leabhar leithid“Hatter’s Castle. ”Agus tha mi coma ged a chanas feadhainn gu bheil“Hatter’s Castle”air a stéidheachadh air“The House with the Green Shutters. ”Is e an rud a tha mi a’ fiachainn r’a ràdha gu bheil an sgeulachd ghoirid a’ tachdadh an alt aig Cronin, agus is gann is fhiach“The Provost’s Tale”a cur ann an cruinneachadh de’n t-seòrsa so. Chan eil an dearbh rud fada ceàrr mu na sgeulachdan aig Gunn agus Linklater agus Jenkins.
Chan eil rian gu bheil e furasda clo-bhualadair a lorg an diugh a ghabhas os làimh cruinneachadh de sgeulachdan Albannach, oir chan eil cliù na dùthcha cho àrd ann an saoghal nan leabhraichean ’s a bha e aon uair. Mar sin, bu chòir do’n fhear deasachaidh a bhith làn chinnteach gu bheil e a’ deanamh na fuinne as fheàrr leis a’ mhin a tha r’a làimh.
Chuir Fred Urquhart roimhe nach robh e a’ dol a chur sgeulachd anns an leabhar so ach sgeulachdan mu Alba le Albannaich. Carson? Dé tha ceàrr air na h-Albannaich a tha a’ sgrìobhadh mu chuspairean thar chladaichean na dùthcha so? A bheil e a’ deanamh feum sam bith dhuinn a bhith a’ cladhach sitigean fhéin agus a’ dùnadh ar sùilean a thaobh chuspairean cunbhalach eile? Cha chomharra so idir air dùthaich a tha moiteil as a h-àite ameasg dùthchannan an domhain.
Le e fhéin a theadhrachadh mar so, chaill am fear deasachaidh sgeulachdan a tha a’ cur loinn air litreachas na h-Alba ’nar latha, leithid“The Kidnappers”aig Neil Paterson agus an sgeulachd oillteil aig Angus Wilson, “Raspberry Jam. ”Cha bu mhisde an cruinneachadh so feadhainn mar sin, ach, a dh’ aindeoin na dh’ fhàgadh as is e leabhar as fhiach a cheannach a tha an so. F. Mc D.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Scottish Short Stories) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Fionnlagh MacDhòmhnaill in Gairm 23 %p |
parent text | Gairm 23 |