[209]

Air Beulaibh an t-Sluaigh
Le FIONNLAGH I. MACDHOMHNAILL

CHO falachaidhs a burrainn dhi, shocraich Seonag i fhéin air an t-suidheachan. Cha robh an searmon ach air tòiseachadh, ach, a dhaindeoin sin, bha i ateannadh ri cruas an fhiodha fhaireachdainn troimhn chluasaig. Ciamar air an t-saoghal a bhan còrr den choimhthional aig nach robh cluasagan idir?

Droch rud a bhann tòiseachadh air smaoineachadh air cruas an t-suidheachain cho tràth sud. Bha fios aice mura faigheadh i as a h-inntinn e gum fairicheadh i an searmon eadhon na bfhaide na bàbhaist. Ach bann aice fhéin a bha fios nach be sud an aon rud a bha acur dragha oirre. Cha robh i gu math. Bhan òrrais ud oirre a rithist. Bhan bruthainneach co-dhiùbh, agus bha fàileidhean na h-eaglaisega tacadhan clò agus am fallus agus an camphor, agus an samh fuaraidh a bha far nan seann bhìobull.

“. . . . agus Sàbaid an déidh Sàbaid thig sibh a thigh an Tighearnas ni sibh éisdeachds théid sibh dhachaidh. ’S an uair sin? bheir sibh leibh? Seadh, bheir sibh leibh? An toir sibh leibh facal an Tighearnanur cridheachan? No an leig sibh dhìbh e aig an dorus ud amuigh mar a chuireas sibh dhìbh na deiseachan Sàbaid an uair a theid sibh dhachaidh. . . . .”

Chuala Seonag faclan a h-athar atighinns a falbh. Earrainn bheag an suds an so. Uaireannan an guth as achùbaid. Uaireannan am mac-talla atighinn bho chùl na h-eaglaise.

Bu bheag oirre riamh suidheachan amhinisteir. Eadhon an uair a bha a màthair beòs a bhiodh iadnan suidhe còmhla, bhiodh Seonag -chomhartail, afaireachadh gun robh iad leotha fhéin air beulaibh an t-sluaigh, agus afaireachadh sùilean achoimhthionail air cùl a h-amhach gus an tigeadh tachais ann. Ach bha i na baonaranaiche buileach bhon a chaochail a màthair agus a bha i air a fàgail ann an suidheachan amhinisteir leatha fhéin. ’S bha gràin a beatha aice air an t-searmonachadh ùr ris an robh a h-athair riamh bho chaidh e gu coinneamhan an Ameireaganaich. Cha robh guth air na seann searmoin chiùine, chomhartail, a bàbhaist cridheachan a bhlàthachadh; cha robh ann a nise ach an t-iompachadh, an t-iompachadh. Agus an éibheach.

“. . . . an e nàire a tha oirbh tighinn gu bòrd an Tighearna? An è? An e eagal a tha oirbh seasamh air beulaibh an t-sluaigh agus a ràdhaIs mo Dhia, agus is mise do sheirbhiseach”? An ann afeitheamh ris am màireach a tha thu? Chan eil am màireach air a ghealltainn. . . .”

Bha amharus aice nach robh a h-athair cho math air an t-seòrsa teagaisg sos a bha an t-Ameireaganach, agus thainig rudhadhna busan an uair a thainig e steach oirre gura dòcha gum biodh feadhainn anns achoimhthional afanaid air. Gum biodh iad ag ràdh ra chéile a rithist, “Than Granndach air a dhol bhuaithe!” noE fhéins a shearmonachadh Ameireaganach!” no cha mhór nach cluinneadh i bean Iain aChnuic ag ràdhaHuh! Cha chòir fìon ùr a chur ann an seann chraicinn.” Bha bean Iain aChnuic cho geur.



[210]

Saoil bha san éisdeachd co-dhiùbh? Bfheàrr leatha gum burrainn dhi tionndadh fiach am faiceadh i, ach cha deanadh math do nighinn amhinisteir a nochdadh nach robh i ag éisdeachd ris an t-searmon. Saoil an robh Pàdruig Ruadh trì suidheachain air a cùlaibh? An robh e acoimhead oirre, ’s gun e fhéin ag éisdeachd? Saoil an robh ròineagan air cùl a còta?

Aon uairs gun do chuimhnich i air Pàdruig Ruadh sguir i a dhéisdeachd buileach glan, agus cha do mhothaich i tuilleadh gu robh an suidheachan cruaidh fòidhpe. mhìos eiles bhiodh Pàdruig ullamh anns an Oilthighamachna dhotairagus cho luaths a bhiodh e ullamh phòsadh iad. Bha fios aig a h-uile duine anns abhaile air sin, agus bha am baile toilichte. Cha robh ach corra dhuine a theireadh gum bu chòir do Phàdruig beagan de na chosg athair air a phàidheadh air ais mum pòsadh e. Cha chanadh athair Phàdruig fhéin sin. Bha meas aige air Seonaig, ’s bha e toilichte gun dfhuair a mhac te cho snog.

Ma thug an Granndach sùil rathad Seonaig as achùbaid is ann a dheanadh e toileachadh gu robh a h-aire cho math air an t-searmon. Bha a sùilean air aodann, agus cha chreideadh e, nan robh duine air a ràdha ris, nach robh i eadhonga fhaicinn no acluinntinn guth a bha e ag ràdha.

Bha i acuimhneachadh air Sàbaid eile an uair a choinnich i fhéin agus Pàdruig Ruadh an déidh na seirbhis fheasgair.

Bha esan aig an tigh airson saor làithean na Càisge, agus bha ise na bu toilichte na bha i riamh fhaicinn, oir, bho dhfhalbh e aig an Nollaig bha i air a màthair a chall. As aonais a màthar, agus as aonais Phàdruig, bha na trì mìosan ud trom oirre. Bha i leatha fhéin anns amhansa, n déidh latha gun aice ach am mulad a bhana cridhe. Bha a h-athair mar dhuine far a chéille, ariasladhs alorg aobhair nach robh ri lorg airson na buille obann a thainig air.

Uair an déidh uair theireadh e ri Seonaig gu robh e adol a leigeil dheth na ministearalachdgu robh rudeigin ceàrr ann fhéin an uair nach fhaigheadh e an sòlas a bu lugha anns an t-soisgeul a shearmonaich e fad a làithean. Ciamar a shùilicheadh e comhartachd a thoirt do chàch an uair nach lorgadh e comhartachd dha fhéin? Agus, an uairsin, chaidh e air gnothaich eaglais do Ghlaschu agus thachair e ris an Ameireaganach. Thill e le lasadh ùrna shùilean, agus lasair ùrna chuid shearmoinean. Ach cha be an aon duine a bhann. Cha be an t-athair air an robh feum aig Seonaig, oir bha saoghal mór eatorras iad.

Ach, air an fheasgar Shàbaid ud, bho chionn còrr is mhìos, thaom blàths as ùr mu chridhe Seonaig an uair a dhfhàg i an eaglais agus a làmh gu socharach ann an làimh Phàdruig. Cho luaths a fhuair iad á sealladh achoimhthionail, chuir esan a ghàirdean mu a meadhon agus choisich iad air an socair sìos ri bruaich achladaich.

Bha gealach mhór na Càisge alìomhadh na mara, agus ged a bha gearradh anns aghaoith cha do mhothaich aon seach aon aca don fhuachd. Cha dubhairt iad móran ra chéile fhads a bha iad adeanamh na coiseachd. Cha robh esan cinnteach bu chòir dha a ràdha mu bhàs a màthar; cha robh ise ag iarraidh bruidhne anns e



[211]

ra taobh. Chaidh iad sìos troimhn mhuran, agus an uair a ràinig iad beul achladaich, os cionn na Geodha Móire, shuidh iad ann am fasgadh tuim.

Cha robh saoghal abontainn riutha ach an saoghal fhéin. Os an cionn, bha na rionnagan beaga apriobadh ris na rionnagan móra mar gum biodh fios aca bha dol. An dràsdas a rithist, bheireadh aghaoth earraich ochan anns amhuran, ach gann gun cluinneadh eadhon feadhainn a bhiodh ag éisdeachd e os cionn dùrdail na mara anns aGheodhaidh.

Bha Pàdruig fhathasts gun e cinnteach a chanadh e, atilgeil bìdeagan shligean thar na bruaiche. Aon uair, ’s e asìneadh a làimhe amach gu criomag eile a thogail, rug i air làimh airs thuirt iA bheil dad ceàrr a Phàdruig? Am bfheàrr leat gun a bhith air mo choinneachadh anochd idir?”

O nach isd thu, tha fios agad glé mhath nach bfheàrr.”

Carson nach eil thu ag ràdha guth, mathà?”

An innis mi dhuit?”

Innsidh.”

Rug i air air muilchinn a sheacaids tharraing i sìos ri taobh e. Chàirich i pòg bheag eadar a dha shùil.

Siuthad. Innis a nise dhomh.”

Dhéirich e air uilinn agus shocraich e a ceann air a ghàirdean.

A Sheonag. Bithidh mi ullamh anns an Oilthigh ann an ceithir mìosan. An uair a bhios mi ullamh, feumaidh mi greis a thoirt ann an ospadal, far nach fhaigh mi móran pàidheadh, mus urrainn dhomh a dholna mo dhotair air mo shiuc fhéin, agusuill— .”

Stad e, agus smuaislich i ra ghualainn.

Seadh?”

Uill, carson nach pòsamaidtha mi aciallachadh, am pòs thu mi an uair a bhios mi ullamh anns an Oilthigh?”

Ghluais i na bu teinne ris gus a robh a bus ri a bhus.

A Phàdruig, an leig thu leas faighneachd?”

Ai, achs e tha mi aciallachadham pòs thu mi an uair a bhios mi ullamh anns an Oilthigh gun fhuireach gus am bi mi ullamh anns an ospadal idir? Cha bhi móran pàidhidh— .”

Tha mi coma ged nach biodh sgillinn ruadh agad. Pòsaidh mi thu am màireach ma throgras tu.”

Cha duirt esan an còrr. Agus cha duirt ise.

An uair a chrom es a phòg e a rithist i, dhfhairich i eallach nam mìosan ag éirigh dhith, agus, ’na àite, iarrtas ùr a bha cho sean ris an domhain fhéin. An uair a dhfhairich i a làmh air a broilleach cha do rinn i fiùs a putadh air falbh, agus ghéill i mar a ghéill na mìltean roimpe ann am bruaich murain fon ghealaich làin.

Le iarrtas sàsaichte, agus le gach uallach tràghte as a h-àm, dhfhàg i i fhéin sìntena ghàirdean. Eadar dha liunn, air bealach suains air bruaich dùsgaidh, bha a h-inntinn aig tàmhs aig fois. Bha an cadal air buaidh a thoirt mura be gun do rinn curracag sgread gu h-àrd os cionn na machrach. Agus ge be a bha ann an guth na curracaig agus i adìon a h-àil, thàinig gu cluasan Seonaig an aon ghearain a rinn a màthair riamh tacan mun do dhfhuasagail am bàs i bhon



[212]

chràdh a léir i. Chlisg Seonag ri gualainn Phàdruig, agus thuirt i gu robh an t-àm ann a dhol dhachaidh.

An la- ’rna-mhàireach, an uair a thachair i ri Pàdruig ann am bùth Moire Ruaidhe, dhfhairich i a busan mar gum biodh iad ag at leis an fhuil. Ach an uair a chunnaic i am blàths anns na sùilean aige, agus a thug e fàsgadh beag air a làimh anns an dol seachad, thraoigh fhuil as na gruaidhean agus dhaithnich i nach biodh nàire oirre roimhe go bràth tuilleadh.

Ach cha robh sin aciallachadh nach robh ina dùisg iomadh oidhche le rud a bha leth ma leth eadar eagal agus aithreachas. nan robh duine air tighinn an rathad? nan robh dad air tachairt? Ise! Nighean amhinisteir! Ged thà, an uair a thòisich na litrichean atighinn uaithe an déidh dha tilleadh don Oilthigh, dhfhalbh gach eagal agus aithreachas. Nach robh iad adol a phòsadh co-dhiùbh? Nach robh iad gu bhith còmhla fad achòrr dem beatha?

Agus, a nise, bha còrr is mhìos seachad, agus bha e aig an tigh a rithist. Cha robh aige ach trì am meadhon na ràithe, agus, an uair sin, air ais do Ghlaschu chun an Oilthighe airson nan diachainnean móra a dheanadh dotair dheth cho cinnteachs a bha Maoisna leanabh.

Dhfhón e an raoir cho luaths a ràinig e, agus thuirt e gum faiceadh e i an déidh na seirbhis mhaidne airson mionaid bhig. Agus, ged nach leigeadh an t-eagal leatha tionndadh, bha fios aice gu robh e nisena shuidhe air a cùlaibh. Bha i an dòchas nach robh ròineagan air cùl a còta.

Mallachd air suidheachan amhinisteir!

“. . . . . agus a nise gun robh Dia nan gràs abeannachadh dhuinn an rannsachaidh so air a chuid fhacail. Amen.”

Dhfhairich i an coimhthional agluasad. Chuala i achasadaich bheag atòiseachadh, agus chrom i a ceann airson na h-ùrnuigh. Cha robh an ùrnuigh an déidh an t-searmoin ach goirid an còmhnaidh, ’s cha robh an uair sin ach an salm mu dheireadhs am beannachadh. Cha bhiodh e fada tuilleadh. Sheall i suas air a h-athair an uair a bhan ùrnuigh ullamh, agus, car tiotain, chunnaic i trì aodainn air. Dhùin i a sùilean mionaid agus dhfhalbh iad. Saoil an e an teas anns an eaglais a bha atoirt na h-òrrais so oirre?

Rinn i dàil afàgail na h-eaglaise an déidh abheannachaidh. Bha i airson gum biodh na burrainn den choimhthional air falbh mun tachradh i ri Pàdruig aig an dorus amuigh.

Fhuair iad facal beag no dhà còmhla mun tainig a h-athair timcheall as abhestreidh. Dìreach facal a sheulaich gu robh anochds an ath-oidhchaig Pàdruig aig an tighs gum feumadh e falbh madainn Dimàirt. Chitheadh e nochd i, agus an ath-oidhch’. Agus a h-uile mionaid eile a gheibheadh i air falbh as amhansa.

Rinn a h-athair gàirdeachas ri Pàdruig mar a bàbhaist, agus sheas iadnan triùir agàireachdaichs e atarraing asda.

Uillars esan mu dheireadhtha mi cinnteach nach e mo leithid-sa a tha a dhìth oirbh. Agus mar as luaithe a dhfhàgas mi sibhs ann as luaithe a thig Seonag dhachaidh gus mo dhìnneir a dheanamh!”



[213]

Thionndaidh e air a shàil.

Tha coinneamh sheachdain ann an ath-oidhcha Phàdruig. Bithidh dùil agam dfhaicinn san éisdeachd. Tha feadhainn atighinn chun amhansa feasgar airson tea, ’s mar sin cha shùilich mi air Seonaig tighinn amach. Tha i sgìth de shearmonachadh a h-athar co-dhiùbh! Ach thig thu air ais an déidh na coinneimhs gabhaidh tu do shuipeir còmhla ruinn.”

Thug Pàdruig sùil air Seonaig. Ach a burrainn dha a ràdha?

Ouhgun teagamh,” ars esanTapa leibh.”

Dhfhalbh am bodach, ’s thionndaidh Seonag air Pàdruig.

Gu air an t-saoghal a tha thu aciallachadh? An aon oidhche bha gu bhith againn còmhla?”

Hach, a Sheonag, a burrainn dhomh a ràdha? Tha fios agad gum faod tathair stad a chur air a h-uile dad a thann ma ghabhas ena cheann e. Tha fios agad glé mhath gum bfheàrr leam a bhith còmhla riut fhéin na aig coinneamh fheasgair. Ach . . . .”

Bha e cho -thoilichte acoimheads gun tug e gàire oirre.

Ach coma leat ma tha. Thig thu air ais gu do shuipeir, agus bithidh tìde againn a dhol cuairt ma thiormaicheas tu na soithichean còmhla rium. Tha anochd againn co-dhiùbh.”

Bha sin aca. Chaidh iad cuairt còmhla, ach, ged nach duirt aon seach aon guth, cha deach iad taobh na Geodha Móire. Chaidh iad an rathad eilean rathad sìos cùl abhaileagus, an gàirdeanan a chéile, chuir iad rudan beaga air dòigh mu dheidhinn aphòsaidh.

Chaidh Seonag dhachaidh na bu toilichte na bha i bho chionn fhada.

Ach, an uair a dhùisg i anns amhadainn, gann a burrainn dhi a ceann a thogail far na cluasaig.

A h-uile turus a dhéireadh ina suidhe anns an leabaidh bha atòiseachadh oirre le tuainealaichs le tinneas. Ma dheireadh thall, le riasladh, ràinig i an seòmar nighe, ’s cho luaths a thàinig thionndaidh a stamags thainig i amach ann am fuar fhallus. Ann am beagan mhionaidean bha i na bfhèarr, agus rinn i air achidsean gus bracaist a h-athar a dheasachadh.

Bha i adol mun cuairt ag ullachadh rudanadeanamh na lites acur air nan uigheanan uair a thuit a sùil air amhìosachan bheag a bha crochte os cionn an dreasair.

Dhfhairich i fuachd atighinn mu a cridhe, agus crith atighinnna làmhan. Chaidh i anull chun amhìosachain mar gum biodh i ann an transa, ach bha fios aice nach leigeadh i leas a dhol na bfhaide gus cinnt fhaotainn gu robh a tinneas maidne adol air ais gu oidhche na Geodha Móire.

Cha robh i riamh cho aonarachna beathas a bha i sna mionaidean ud. Bha a cridhe cho marbhs nach tigeadh fiùs deur gu a sùilean. Gun fhios aice a bha i adèanamh, leig i i fhéin sìos air a glùinean ri taobh achathair aig ceann abhùird, agus thòisich i air mablaich de dhùrnuigh.

Be ceum a h-athar shuas an staidhre a thug gu a casan i, agus ged a dhfhoighnich e dhith fichead uair an robh dad ceàrr cha do leig i dad oirre. Air an t-saoghal mhór gu léir besan am fear mu dheireadh



[214]

dom burrainn i an rud a bha ceàrr innse. Chan e gu robh duine eile ann. An aon a thuigeadh, ’s dòcha, bha i marbh anns achladh.

An uair a dhfhón Pàdruig aig meadhon latha bha i air tighinn thuice fhéin beagans cha do dhaithnich e air a guth gu robh dad ceàrr. Thug a ghuth air afón a neart air ais thuice. Agus an uair a fhuair i cothrom suidhe agus a smaointean a réiteachadh, thug i a chreidsinn oirre fhéin nach robh cùisean cho dona. Nach robh i fhéin agus Pàdruig gu bhith pòsda ann an trì mìosan co-dhiùbh? Agus ged a thuigeadh daoine an uairsin? Thuigeadh cailleachan abhaile gun teagamh, oir chùnntasadh iad gu naoi na bu luaithe na thogadh iad lùb air stocainn, ach bhiodh i fhéins Pàdruig pòsda, agus, ’s dòcha, afuireach ann an Glaschu.

Bha aon rud cinnteach. Cha leigeadh i aon fhacal fhéin oirre ri Pàdruig. Cha deanadh math dragh a chur airs diachainnean móra na dotaireachd roimhe. Cha deanadh math rud air an t-saoghal tighinn eadar es sin.

Mun tainig Pàdruig gu a shuipeir bha i aig a ciall fhéin. Ach sin rud nach robh esan. Bha rudeigin eadar e fhéins a h-athairdhaithnicheadh i sin leis na sùilean a bhiodh iad atoirt air a chéile. Agus bha i mionnaichte as an uair a dhéirich a h-athair bhon bhòrd shuipearach agus a thuirt e rithe gu robh e adol don leabaidh.

Tha mi afaireachadh rud beag sgìthars esan “ ’s tha mi cinnteach nach bi feum aig an dithis agaibh air bodach mar a tha mise ann. Fàg na soithichean gu madainn a Sheonag.”

Cho luaths a dhùin an dorus shuidh i ri taobh Phàdruig air an t-sòfa.

Gu tha ceàrr, a Phàdruig? Gu tha eadar thu fhéin is mathair?” Bha an t-uallach anns aghuth aice.

Chrom e a cheanns cha dubhairt e guth airson mionaid.

Shìn i thuige agus chàraich i pòg air a bhus.

Siuthad. Innis a nise dhomh.”

Mar a rinns mar a thubhairt i, chuimhnich i air oidhche na Geodha Móire, an uair a thuirt i na dearbh fhacail ris. Thionndaidh e rithe.

Bha mi aig achoinneamh anochd a Sheonag. . . . .”

Tha fiosam. ma dheidhinn sin?”

Searmonachadh dathar,” ars esan. “Cha chuala mi riamh a leithid. Dhfhosgail e dorsan dhomh nach robh fiùs fiosam gu robh iad ann. A Sheonag, tha fios agam gun tuig thu so, agus tha min dòchas gum bi thu toilichte. Chan urrainn dhomh a dhol air adhart leis an dotaireachd. Bha mi abruidhinn ri dathair anochd, agus dhinnis mi a h-uile dad dha. Tha mi adol a chur crìch airdegreena dotaireachd gun teagamh, ach tha mi an uairsin adol a thilleadh don Oilthighs adol asteach airson na ministearalachd. Bithidh trì bliadhna mun urrainn dhuinn pòsadh. Fuirichidh tu rium, a luaidh, nach fhuirich?”

Bha beagan mhionaid mun do shuidhich an rùm e fhéin fa chomhair a sùilean. Trì bliadhna! Bha trì mìosan fhéin fada gu leòir nam biodh fios aige. . . . .

Dhfhairich i a ghàirdean adol timcheall oirre, agus dhfhairich i ega tarraing thuige gus a pògadh. Chuali fadas a ghuth ag ràdha



[215]

A Sheonag, a bheil e cho goirt sin leat? Gu a thann an trì bliadhna? Cha bhi iad mionaid adol seachad. Agus, smaoinich thusa, bithidh sinn cho toilichte ann am mansa snog dhuinn fhéin am badeigin.”

Phut i air falbh e agus dhéirich i.

Leig leam an dràsda, a Phàdruig. Leig leam. Thainig an naidheachd cho aithghearr. Siuthad— ’s fheàrr dhuit a dhol dhachaidh an dràsda. Tha mi airson a bhith leam fhéin greiseag. Fón thugam anns amhadainn.”

Rinn e oidhirp eile air a pògadh ach cha do leig i leis.

Gabh mo leisgeul a luaidhthuirt e aig an dorus. “Bu chòir dhomh bhith air innse dhuit air mo shocair, ach bha dathair airson gun innsinn dhuit air ball. Na gabh gu dona e. Chan eil ann ach dàil bheag. Tha gaol agam ort nas motha na bhagam riamh.”

Shuidh i aig aghrìosaich an uair a dhfhalbh e. Shuidh agus fhìor shuidh. Cha chuala i an gleoc abualadh meadhon oidhche, no uair samhadainn, no uair. Agus be am fuachd, ’s an teine air a dhol bàn a thug thuice fhéin i.

Dhéirich i air a socair agus chaidh i amach gun fiùs a còta a chur oirre.

Thionndaidh a h-eanchainn a casan chun na Geodha Móire agus ghabh i sìos troimhn mhuran agus seachad air an tom aig beul achladaich. Ach, an turus so, bha i leatha fhéin.

Chuali fuaim na mara atighinn thuice agusga tarraing. Chuali ann guth a h-athar afaochnadh Phàdruig gu fianuis a thogail, agus bha aonadh diabhlaidh air choreigin eadar i fhéin agus am muir beucach a bhaga tarraing . . . .

Bha a h-inntinn marbh agus a casan dall. Cha do dhfhairich i aghaoth shaillte air a bilean, no caise na bruaiche fo a bonnan. Ach, anns an tiotadh mu dheireadh, rinn achurracag bheag a sgread os cionn a nid, mar a rinn i air an oidhchud eile.

Stad Seonag. Chuir guth na curracaig stad air guth an iompachaidh anns na tonnan, agus chuimhnich i air a màthair nach no roghnaich slighe na h-aithghearrachd as a cràdh fhéin.

Thionndaidh i air falbh bhon Gheodhaidh Mhóir agus chuir i a h-aghaidh air abhaile, agus air a h-athair, agus air na cailleachan. Agus sguir achurracag an uair a thuig i gu robh a nead sàbhailte.

[Sanas]

titleAir Beulaibh an t-Sluaigh
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Fionnlagh I. MacDhòmhnaill in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page