[225]

Creach Mhor Na Pairce, 1887
Le DOMHNALL DOMHNALLACH (GIOSLA)

CHA robh ach sgìre ann an Eilean Leódhuis an toiseachSgìre na h-Uidhe agus Sgìre Bharbhais. Bha am fearann ris an can sinne Na Lochan ceangailte ri Sgìre na h-Uidhe, agus cha robh móran sluaigh atàmh ann, gu h-àraid air taobh a deas Loch Eireasord. Anns aphàirt sin ris an can sinne an diugh APhàirc bha frìth-sheilg air a cumail air leth le luchd-faire airson spòrs don cheann-feadhna agus a chàirdean. Ann an seann leabhar tha mi aleughadh gu robh na féidh anns aBheinn Mhóir (Oiserval) cho reamhar agus gu robh earball air na daimh. Ann an làithean ChlannIc Leòid bha e air a cheadachadh do mhuinntir Uige a bhith adol às t-samhradh leis an spréidh aca don Phàirc, agus tha an geàrraidh fhathast air a chomharrachadh amach ris an abrar Airigh Dhòmhnaill Chàim. Is ann a so a bha ega fhalach fhéin nuair a bha na Tàilichga lorg ann an Uig thall.

Nuair a fhuair Clann Choinnich gréim air Leódhus ann an 1610, is ann aig ceann Loch Shìphuirt a chuir iad suas achiad chaisteal, agus is ann bho ainm an àite so a ghabh Cailean, achiad Iarla, an tiotal aige. Thog iad gàrradh àrd eadar Loch Sìphort agus Loch Eireasord airson cumail na féidh astigh anns aPhàirc agus na meirlich amuigh, ris an abrar gus an an diughGàrradh an Tighearna.” Anns abhliadhna 1716 chan eil apàidheadh màl anns aPhàirc ach aon fhear, Alasdair MacCoinnich, ann an Tàbost, a bha càirdeach don Uachdaran, ach mu 1800 bha daoine air a dhol a thigheadas ann an Sìldinis, Isginn, Stìomrabhagh, Leumrabhagh, agus Orasaidh, rud nach biodh air a cheadachadh anns na làithean a dhaom. Tha mi aleughadh gun deach aPhàirc gu léir a leigeil amach air mhàil aig toiseach na naodhamh linn deug do fhear Lachlann MacFhionghuin á Corraidh anns an Eilean Sgitheanach, agus as déidh sin ri Dòmhnall Stiùbhart agus a bhràithrean á Peairt sìos gus abhliadhna 1842. Chaidh aPhàirc as déidh sin a chumail suas mar thaca-chaorach, le atharrachadh thuathanach sìos gus abhliadhna 1883, nuair a leig Pàdruig Mór Sellar seachad i. Troimh na bliadhnachan chaidh na daoine a bha còmhnaidh anns na bailtean a dhainmich mi a sgiùrsadh do bhailtean eile no null air achuan mhór gu Ameireaga. Chaidh achuid mhór aca a chur air fearann ann an Crosabost, agus feadhainn eile aca gu Tunga agus Tolasta fo Thuath. Nuair a ruith cùmhnant amhàil amach ann an 1883, chaidh aPhàirc a chur suas a rithist mar thaca-chaorach ach cha dfhuaireadh fios-freagairt oirre, agus chaidh i an uairsin a cur suas mar frìth-sheilge agus ghabh duine-uasal á Sasuinn i air mhàil, agus chaidh tigh mór grinn a thogail aig Isginn.

Bha bailtean nan Lochan cho bochds air droch ghréidheadh aig an àm so, agus bha na coitearan air fàs nas lìonmhoire agus bha gearain is éigheach mhór anns an sgìre airson tuilleadh fearainn agus ag iarraidh lùghdachadh air na màil a bha iad apàidheadh. Nuair a chaidh Coimisean nan Croitearan a chur air chois bha gnothaichean na bfheàrr, ach cha do dhéisd Lady Matheson ris an athchuinge a chuir



[226]

muinntir nan Loch thuice ag iarraidh pìosan fearainn agus talamh geamhrachaidh anns aPhàirc anns na bliadhnachan 1881 agus 1883, agus dhaobharaich so droch bhith eadar iad fhéin agus muinntir aChaisteil. Bu docha leotha féidh na daoine bochd leis an acras gun airgead gun fhearann gun dachaidhean.

Bha aig an àm sona mhaighstir-sgoile ann am Bailailein fear Dòmhnall MacRathduine a bha glé eudmhor air taobh luchd-sireadh an fhearainn, oir bha truas mhór aige ri staid muinntir Leódhuis, agus gu h-àraid ri muinntir nan Loch. Bhiodh móran dhaoine acruinneachadh gu tigh-sgoile Bhailailein, acnuasachadh agus abruidhinnnam measg fhéin mu dheighinn laghan an fhearainn, agus tha mi cinnteach gum biodh Mgr. MacRathgan cuideachadh cho maths a baithne dha. Bha an t-Urramach Dòmhnall MacCaluim, ministear Cheòis, air an taobh cuideachd. Bha e mar chleachdadh aca bhith tòiseachadh nan coinneamhan le bhith seinn rann no dhà bho shailm, agus as déidh sin dheidheadh ùrnuigh a chur suas ann an Gàidhlig ghlan choimhlionta ag iarraidh beannachd Dhé air na cuspairean air a robh achoinneamh bu bhith beachdachadh. Dhéigheadh cuideigin gu robh ena thìde an cruinneachadh a sgrùdadh agus an uair sin dheidheadh dusan de na daoine taghtenam measg, agus ma bha duine a làthair air a robh amharus gu robh e meadh-bhlàth no air taobh aChaisteil, chaidh a chur an làimh, agus a thogail air cheanns air chasan le mór éigheachMach leis,” agus dheidheadh a sheotadh amach air an dorus.

Chaidh so air adhart gus abhliadhna 1887, agus bha h-uile seòrsa musg agus gunna air am faighist gréimga thoirt gu h-uaigneach gu tigh-sgoile Bhailailein, as gach ceàrnaidh de Leódhus. Tràth aon mhadainn Di-màirt ann an ciad mhìos agheamhraidh chaidh adharc a shéideadh anns a h-uile baile air Na Lochan, agus amach as gach baile ghluais feachd beag no mór, fireann agus boireann, adèanamh air Bailailein, feadhainn aca le pìobaire air an ceann. Is ann an sud a bha an àrmailt neònach de shluagh acrach piullach, nach fhacar a riamh a leithid ann an Leódhus, nuair a chruinnich iad gu léir, gu àireamh 1,100, aig Bailailein. Rinn iad air aPhàirc, sgaoil iad amachnan aon sreath, fada bho chéile, a h-uile duine geur air marbhadh na féidh. Chaidh abhean-uasal Platt amach a bhruidhinn agus a reusonachadh riutha, ach cha chanadh iad dad rithe achNo English, No English, my Lady, ”agus ghabh iad seachad oirre gu cridhe na frìthe, agus nuair a chaidh an Siamarlan far an robh iad chan fhaigheadh e càil ri ràdh achAn ainm a Dhia a bheil an caoch oirbh gu léir?”

Air oidhche Dhi-màirt chàmpaich iad ann an àite fasgach ann an teis-meadhon na frìthe, ach air Di-ciadain dhatharraich iad e gu Airigh Dhòmhnaill Chàim, far an do dhfhuirich iad gus an do sgiùrs an t-uisge is an gailleann dhachaidh iad. Chaidh móran sgrios si marbhaidh a dheanamh air féidh anns an sinthuirt iad fhéin gun do mharbh iad cheud co-dhiùbh, ach a rèir na chunntadh de chraicinn bha barrachd air an àireamh sin air cur as dhaibh.

Is e so an inneas a rinn fear a bha làthair air cruth achàmp, “Beachd-smuainich air pàiliun mhór ceud slat a dhfhad ceithir-thimcheall, fosgailt air taobh an fhasgaidh, air a thogail le cabair agus



[227]

air a chòmhdachadh le seann pìosan siùil airson dìon bhon uisge. Fada mus do rainig sinn an càmp chunnacas solus nan teinntean, agus chualas fuaim ceòil agus aighearachd tighinn thugainn air an osaig laig a bhann. Bha anns aphàiliun aig an àm so còrr air ceud pearsa, agus bha cóig teinntean alosgadh gu deàlrach boillsgeach mu choinneimh achàmp. Bha an oidhche ciùin, blàth, agus freagarrach do mhuinntir sgrios na féidh, agus os cionn an teine mór a bha anns amheadhon bha damh slàn air fheannadh aròstadh, agus mu chuairt air deich slat air falbh bha teine mór eile air a robh fiadh mór eilega chòcaireachd, agus air teine mór faisg air an fhear so bha coire ainnidh mór anns a robh fiadh eile air a ghearradhna bhloighidean abruichrud ris an can iad anns aBheurlaIrish stew. ”Air cùlaibh agus faisg air na teinntean bha na fir a bha marbhadh na féidhnan sìneadh air seidean fraoich nonan suidhe air leacan agus air cnapan creige, ann an trusganan de iomadh dath, air chor nach fhacas a leithid bho làithean Prionnsa Theàrlaich— ’s ann a bha migan samhlachadh ris na fìor sheann Chaledonians a bha tàmh anns na coilltean mus dàinig na Ròmanaich a riamh do Alba. Bha feadhainn aca ag iths ag òl agus feadhainn acumail connadh air na teinntean, agus feadhainn eile aseinn òrain, gu h-àraid òrain Dhonnchaidh Bhàin nan Oran, mar a bhaChunna min damh donns na h-éildean.” Nuair a thigeadh coigreach chun achàmp cha robh bacadh sam bithga chur air, ach is ann a bha iad airson craobh-sgaoileadh na h-aobhair airson na ghabh iad an dòigh so airson gun éisdeadh an luchd-riaghlaidh rin tagraibh, agus gheibheadh iad tairgse chridheil gréim bìdh a ghabhail agus iad fhéin a gharadh. Shuidh mi fhéin air clach mhór rèidh faisg air aon de na teinntean agus fhuair mi mo chuid de na nithean math a bha dolis ann agamsa a bha feum air. “Gu tha dol a thachairt dhuibh as déidh obair an latha an diugh?” arsa fear a bha san éisdeachd. “Thagh ar n-athraichean aPhàirc os cionn àite eile air na Lochan far am bu mhiann le ar n-Athair atà air Nèamh gum biodh ar còmhnaidhean againn, ach a nis tha sinnnar tràillean agus am fearann a bhuineas dhuinne leis acheartas air a chur fo fhéidh agus chaorach. A bheil duine sam bithna chéill asmuaineachadh gu leig an rìoghachd le sgìre gu h-iomlan bàsachadh leis aghoirt airson gu bheil uachdaran an suds an so lìonadh na glinns na beannaibh le caoraich agus féidh?” Sheas bodach mór, le cheann liath rùisgte, le dhruim ri fear de na teinntean, agus thog e suas a làmhan agus thòisich e air ùrnuigh, ’s abair ùrnuighsud far a robh aGhàidhlig bhrèagha, choimhlionta, aguidhe air Dia an Athair, Dia am Mac, gum beannaicheadh iad an cuirm sìthne a chòrd cho math riutha uile, agus an obair fheumail, dhiadhaidh anns an robh iad an sàs, agus gu robh e an dòchas gun togtar eaglais bhrèagha air an làrach so air an robh an càmp, mar chuimhneachan air creach mhór na féidh.”

Thill fear aphaipeir-naidheachd agus Dòmhnall MacRath gu tigh-sgoile Bhailailein, fada air amhadainn, agus cha robh iad fada an sin nuair a chualas gnogadh chruaidh air an daras, agus as déidh sin nochd fear asteach le aodann cho bàn ris an liathaig, agus crith air leis an eagal, agus na fiaclan aige asnagadaich. Dhinnis e gu robh e tighinn dhachaidh le ceann cabrach féidh air a ghualainn, agus gun



[228]

[Sanas]



[229]

dainig buidheann choigreach as a dhéidh, ach mu dheireadh gum béiginn dha stad. Thilg e sìos ceann an fhéidh, agus chinntich e beul aghunna air achiad fhear a bfhaisge, agus bha sud achSuperintendentnam maor-sìth á Steòrnabhagh, agus a nis bha cionta mhórna aghaidh, agus gu a dhèanadh e?

Chomhairlich iad dhà a dholga fhalach fhéin gus an gabhadh an ùpraid so seachad. Cha drinn e so, ach bha urad de dheagal air is chaidh e dìreach chun aChaisteil, agus dhinnis e ainmeannan a h-uile duine a bha an ceann nan coinneamhan agus a shuidhich creach na féidh anns aPhàirc. Anns na h-aon bliadhna deug a bha iad acruinneachadh agus acur air chois dòighean agus innleachdan airson gun tugadh luchd-riaghlaidh na Rìoghachd aire do an éiginn agus am feumalachd, be so an aon duine a bhrath orra.

Rinn paipearan-naidheachd air feadh na rìoghachd móran de sgrìobhadh mu dheighinn creach na féidh anns aPhàirc ann an Leódhus agus chuir iad luchd-ceasnachaidh chun an eilein ach am faigheadh iad amach an fhìrinn. Rinn na sgrìobhadairean eachdraidh mhór mu dheighinn staid nan tighean, agus mar a bha muinntir nan Lochan leis aghoirt agus le tinneasan, agus le dìth airgid, agus roimh cheann na mìosa bha £4 ,000 air a chruinneachadh airsonDestitution FundLeódhuis. Chan urrainn dhòmhsa chreidsinn gu robhmac na Lochabàsachadh leis aghoirt fhads a bha iasg ris achladach!

Bha an Siorram Friseal agus anSuperintendentGòrdanach adol le carbaid troimh an fhrìthe agus thachair orra còmhail dhaoine, achuid mhór acanan coitearan, agus feadhainn aca le àrmachd. Dhiarr an Siorram orra tilleadh gu modhail chun nan dachaidhean aca, ach cha toireadh iad feart air, agus béiginn dhaAchd an Tuaireapaisa leughadh don phrasgan, agus dhinnis e dhaibh an cunnart anns an robh iad nan gabhadh iad air adhart leis an dol-amach a bhaca. Cha robh an Lagh aig fois, chaidh ceannardan na creiche a chur an sàs, agus an togail gu Dùn-éideann. Chaidh am fiachainn anns an Ard-chùirt, agus chaidh fear-lagha calma, sgilear, ris an canadh iad Mgr. Shaw, a thaghadh airson bruidhinn air an taobh, is gu dearbhs ann dha fhéin a baithne sin a dhèanamh. A nis bha sgeul na -riarachaidh agus staid muinntir Leódhuis air a dhol fad agus farsaing. Chaidh buidheann dhaoine á Dùn-éideann a mhionnachadh gu toirt amach binn anns achùirt, ach a dhaindeoin dìcheall luchd-lagha aChrùin, agus am fianuis a thug am brathadair dhaibh, rinn Mgr. Shaw òraid, as déidh argumaid sgaiteach, a chuir dreach calg-dhìreach air achùis, agus thug anjuryamach binn gu robh iadNeo-chiontach.”

Chaidh an leigeil ma sgaoil, agus an uair a fhuair an sluagh a bha feitheamh amuigh gréim air Dòmhnall MacRath agus a chompanaich, chaidh an togail gu h-àrd air guaillean nam braisichean tapaidh sìos an t-Sràid Aird agus a h-uile fear ag éigheachSìos leis an aintighearnas.” Chaidh iad anull do Ghlaschu, far a robh na Gaidheil afeitheamh orra, agus ann an Seòmraichean móra Waterloo chaidh cuirm iongantach a chur fa an comhair, agus rinn Dòmhnall MacRath an òraid a bfhileanta a rinn e riamh, agus dhùisg e aigne nan Gaidheal gu dìlseachd agus gràdh don dachaidhean. Is eBailaileina chanaist ris bhon uair sin.

titleCreach Mhór Na Pàirce, 1887
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Dòmhnall Dòmhnallach in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page