[243]

Claigeann Mhic Ghilleathain
Le NIALL MACGHILLESHEATHANAICH

THA ann an sgeilp creige an Gleanngàrasdail an ceann a tuath eilean Dhiùra claigeann aon de Chloinn Ghilleathain a mharbhadh ann an còmhraig fhuiltich eadar an cinne sin agus na Caimbeulaich. Còmhla ris aChlaigeann anns an sgeilp tha cnàimh gàirdein, no sléisdecha chuimhne leam aig an àmagus cnàimh slinnein as an tugadh slis leis achlaidheamh. Tha e coltach gun tugadh am buille bàis don laoch so le claidheamh no le tuaigh, oir tha an claigeann ach beag sgoiltena dhà leth.

Bha an ciùin grianach agus na Leathanaichgan cluich féin air an dail réidh bhòidhich is cuid asnàmh anns amhuir ghuirm. A leigeil ris cho beag a bha dùil aca gu robh an nàmhaid cho faisg orra chuir iad an cuid arm an taice ri cloich mhóir ris an can sinn gus an latha diughClach nan Arm.”

Bha na Caimbeulaich ri feall fholach orra bho Aird-tracaig, cnoc mór creagach os ceann aghlinne, agus an uair a chunnaic iad an suidheachadh anns an robh na Leathanaich theirinn iad gu seòlta, sàmhach ri bruthach, ’gam falach féin ameasg nan creag. Fhuair iad eadar na Leathanaich is an cuid arm agus thòisich am morts am marbhadh. Cha robh dòigh aig na Leathanaich thruagha air iad féin a dhìon agus tha an sgeul air a h-aithris nach dfhuair beò as an àr so ach fear do am bainm Mac aPhì. Shnàmh e chun an taoibh eile den chamus agus mar fhìrinneachadh, air an aithris their iad gus an latha diugh Rubha Mhic aPhì ris an àite san deach e air tìr, agus Uamh Mhic aPhì ris an uaimh anns an dfholaich se e féin gus an deach an cunnart seachad. Ciod a thug Mac aPhì gu bhith anns achuideachd chan fhios duinn mur robh e air turus càirdeil á Colbhasa, nona ghille casfhliuch aig aon de mhaithean Chloinn Ghilleathain.

Aig an àm air am bheil mi ag iomradh bha na Caimbeulaich an seilbh air ceann deas an Eilein. Bhiodh e coltach gun deach sin a thoirt dhaibh le Iarla Earraghaidheal air dhà uachdranachd nan Innse Deis a ghabhail os làimh an uair a thugadh ceannsal nan crìochan sin bho Dhòmhnallaich nan Eilean. Bhiodh sin ri linn Righ Seumas a Ceithir, ach bha iarmad de na Dòmhnallaich an Ile fad iomadh bliadhna an déidh sin mar tha dearbhadh againn air Blàr Tràigh Ghruinneard, eadar na Dòmhnallaich is Lachann Mór MacGhilleathain Dhubhaird, anns abhliadhna 1598.

A rèir eachdraidh bha Clann Ghilleathainnan uachdarain air an Eilean gu h-iomlan aig aon àm. Tha daoine beachdail an eachdraidh is am beul-aithris ag innseadh gum be mac do Ailean nan Sop a thog Caisteal Arois an Gleanngàrasdail. Cha ruig mi a leas a ràdh nach eil ri fhaicinn an diugh ach làrach na lùchairt sin. Tha e air a ràdh gu bheil an Caisteal sin nas sine na an Caisteal den aon ainm am Muile.

Tha tobar aig bonn na creige air an do thogadh an Caisteal ris an canadh na seann daoine Tobar na h-Ighne Doille, ach ge be ì chan eil beul-aithris ag innseadh dhuinn. Faodaidh mi a ràdh san dol seachad gur ann mar bheagan shlat bhon chreig so a tha am bothan



[244]

anns an dàraicheadh Dòmhnall MacEacharna, am bàrd, agus a chuir e air mhaireann mar a leanas:

Am bothan beag an sgàth na creig
San dfhuair mi màrach òg,
Saghleannan uainen cluinnear fuaim
Is gàirich achuain mhòir, etc.

Tha ainmean àitean atoirt dearbhaidh a cheart cho cinnteach ri eachdraidh air tachartasan is daoine nan linntean a dhfhalbh. Aig Ceann Mìn na Beinne Brice tha againn Leapaicheanic Ailein agus ciod an codhunadh gus an tig sinn ach gum be sud roghainn mhic Ailein nan Sop gu cluain an déidh a bhith asealg fhiadh no thorc-nimhe. Tha Slochd an Tuirc faisg air.

Mu sheachd bliadhna air ais is mi aig an t-seann dachaidh acur seachad làithean saora le mo mhàthar fhuair mi cuireadh bhon uachdaran, a bha daonnan coibhneil rium, mi a dhol leis féin agus a chuid aoighean air turus cuain gu Coire Bhreacain. Cha bu ruith ach leum leam. Bha anns achuideachd duine iomraiteach do am bainm Garstang agus e air tilleadh bho Ur nan Caldéach far an robh e acladhachs abùrach anns na seann làraichean. Bha e mar tha gach coigreach eile a théid an taobh ud, an geall air Coire Bhreacain fhaicinn.

An uair a ràinig sinn beul aChoire bha amhuir cho fèathail ri luba nan gèadh. Is math a bha fios aig Dòmhnall, an sgiobair, air sin, oir nam biodh e air atharrach cha rachadh e idir ann.

Chan eil aChuairteag, no aChailleach mar their sinn anns na h-eileanan ud, ’na boil isna h-uamhas ach ri sruth lìonaidh agus be duine gun eòlas, gun tuigse a dhfheuchadh ri dol am fagus dhi aig àirde lìonaidh an reothairt. A leigeil fhaicinn don duine ghasda far am bi aChailleach adolna gleus chaidh sinn air tìr aig Port an Tiobairt agus dhìrich sinn suas ri Maol nan Damh. Fhuair Garstang bhon àirde sin, mu ochd ceud troidh, sealladh math air Sgarba is Eilleacha Naoimh, agus le gloinne-amhairc, air Muile is I Chaluim Cille mu ochd deug mìle bhuainn.

Smaointich mi fhéin gun innsinn don duin-uasal mun Chlaigeann is sinn mu thrì mìle gu leth bho Ghleanngàrasdail. Dhéisd e rium gu faireachail agus aig ceann mo sgeòil thubhairt e rium, “Ciod an ùine bho thachair sin?” Rinn mi suas cunntas aithghearr agus fhreagair mi gum biodh thairis air trì cheud bliadhna. “O,” ars esan, “nan robh e trì mìle bliadhna ghabhainn ùidh ann.” “Thusas do Chlaigeann, a Nèill,” thuirt mi rium fhéin. “Chan eil e ach mar an don duine so!”

Cha do lùghdaich a fhreagairt mo mheas air an duine is fios agam gu robh e ainmeil air feadh an t-saoghail gu léir. Bann an déidh làimh a dhfhiosraich mi gun do chladhaich e leac an dùthaich nan Hiteach an Iudéa agus an déidh a sgrìobadhs a glanadh ciod an dealbh a bha snaighte air an lic ach pìobaire. Rinn an duine fiosrach, Garstang, amach gun deach an dealbh a shnaigheadh air an lic mu mhìle bliadhna roimh bhreith Chrìosd. Saoil an deanadh rannsachadh air eachdraidh soilleir dhuinn gum bann bho threubh Iùbail a thàinig Clann Mhic Criomain?

titleClaigeann Mhic Ghilleathain
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Niall MacGhilleSheathanaich in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page