[245]

AGhaidhlig An Albainn Nuaidh
Le CALUM IAIN M. MACLEOID.

Oilthigh Dalhousie, an Halifacs, Alba Nuaidh.

S ANN air achiad den Fhaoilteach, sabhliadhna 1950, a chuireadh air bonn airson na ciad uaireach, an dreuchd ùr ris an abrar, Fear Comhairleach na Gàidhlige, Bòrd Fòghluim na h-Albann Nuaidhe. Tha an dreuchd so fo stiùireadh Luchd-Riaghlaidh na Dùthcha, is feumaidh an duine a tha an sàs san obair a bhith cinnteach nach gabh e gnothach ripolitics, ”taobh seach taobh. Faodaidh etaghadha dhèanamh nuair a thig an t-àm ach ancòrr chan aithne dha,” mar a thuirt am bàrd:—

An Niseach brùideil,
S an t-Uigeach aineolach;
An Rubhach cùirteil,
S an còrr chan aithne dhomh.”

S gu a tha an dreuchd ùr so aciallachadh? ’S iomadh rud sin. Chan eil fad sam bith on a fhuair mi litir o bhoireannach an California a dhiarr ormUrnuigh na Creubhaigea ghabhail dhi air oidhche àraidh, air antelephone, ”á Sidni.

S e cnag na cùise aGhàidhlig a bhrosnachadh, mar chànain, ameasg nan inbheach is na cloinne bige. A bharrachd air so, tha e mar dhleasdanas don Fhear Comhairleach, Pìobaireachd, (is Ceòl-Mór), Dannsaichean Gaidhealach, is cleasan Gaidhealach, a chumail fo aire an t-sluaigh gach mar a thig, is feumaidh am Fear Comhairleach a



[246]

bhith deiseil air breith a thoirt seachad air na h-iomairtean sin aig na Geamaichean is aig na Féistean-Chiùil nuair a thig an t-àm.

Seallamaid car tacain, matà, air staid na Gàidhlige an sgoilean- na h-Albann Nuaidhe. Thòisich na Gàidheil, an Albainn Nuaidh, ri tagradh a dhèanamh airson na Gàidhlige a bhith air a teagasg cho fada air ais ris abhliadhna 1879. Aig an àm so bha Iain A. Mac GilleMhoirena bhall Pàrlamaide an Halifacs, o siorramachd Bhictoria an Eilean Cheap Breatainn. Bha an Luchd-Riaghlaidh dìreach air airgead a thoirt seachad do na maighstirean-sgoile a theagaisgeadh Fraingeis. Ghabh Iain an caothach nuair a chuala e mar a bha cùisean, is thog e a ghuth gu làidir, foghainnteach a thaobh còire dlighich nan Gaidheal, aGhàidhlig a bhith air a teagasg mar an ceudna. So agaibh an òraid Ghàidhlig a thug e seachad an Tigh na Pàrlamaide, an Halifacs: —

Fhir-Labhairt agus a Dhaoine Uaisle, Urramaich,

Air dhomh a bhith atoirt fainear gu bheil oidheirpean móra air an cur air chois, agus mór-aonta air a thabhairt dhaibh le pàirt de mhuinntir Chanada, airson tuilleadh pàidhidh a bhith air a thabhairt do mhaighstirean-sgoile a theagasgas don chloinn Fhrangaich cainnt nam Frangach. Ach tha mise den bharail gu bheil aGhàidhlig urramach cho prìseils cho fiachails gum bu chòir dhi a bhith air a teagasg sna sgoilean cho math ri cainnt sam bith eile, oir gu fìrinneach, ’s i aGhàidhlig cainnt as sine agus as fheàrr a tha an diugh san t-saoghal.

Tha dùil aig luchd-labhairt na Beurla gu bheil an cainnt fhéin nas dlighiche air urram na aGhàidhlig; ach tha iadsan gòrach; agus tha mise cinnteach nach fhaighear an diugh aon duine a bhreithnicheas aBheurla gu ceart, ach an duine sin aig a bheil aGhàidhlig. ’S i achiad chainnt a bha air an talamh, agus nuair nach bi achainnt sin ann, cha bhi feum air cainnt sam bith eile.

Mar sin, ma bhios ullachadh air a dhèanamh airson na cainnte Frangaich gu cinnteach feumar ullachadh a dhèanamh airson na Gàidhlig. Tha sgoilearan fòghlumaichte san t-seann dùthaich ag innse dhuinn gur h-i aGhàidhligRìgh gach cànain,” gu bheil I beartach, ealanta, binn-fhoclach, briathrach, agus glé mhath airson adhraidh is gach math eile.

S i aGhàidhlig achainnt a bhaig Adhamh saGhàrradh. ’S i achainnt a bhaig na bàirds na seanchaidhsna linntean céine a chaidh seachad. Chan eil anns achainnt Fhrangaich ach plubartaich bhochd, is chan eil pàirt den Bheurla móran nas fhèarr. Mar sin, tha mise ag ràdh, “Suas leis aGhàidhliganns na sgoilean, agus ma bhios tasdan air fhaotainn airson cainnte phrabaich nam Frangach a chumail suas, biodh deich tasdain air a thoirt seachad airson na Gàidhlig urramaich. An cluinn sibh sin?”

Mo bheannachd aig Iain. Slàn far an ìnnsear e.

Sabhliadhna 1921, bha aGhàidhlig air a teagasg an Sgoil-Shamhraidh nam Maighstirean-Sgoile an Albainn Nuaidh, agus fhuaras seòrsa de chead air a teagasg san sgoil- far nach eil cànain sam bith eile air achlàr-eagair. Chaidh cùrsaichean-teagaisg a chur ri pàipear is leabhraichean-sgoile Gàidhlig ainmeachadh on Chiad Cheum do Cheum 12, (noGrade12), mar a their iad san dùthaich so



[247]

Bha so riatanach gu leòir ach cha robh luchd-teagaisg Gàidhlig an uair sin ach mar rionnag san oidhche fhrasaich.

Sabhliadhna 1950, shìn Fear Comhairleach na Gàidhlige ri oileanachadh a thoirt seachad do na maighstirean-sgoile a bha afreasdail Sgoil-Shamhraidh na h-Albann Nuaidhe, an Oilthigh Dalhousie, an Halifacs. An diugh tha faisg air fhichead ban-sgoilear a choisinn teisteanas-teagaisg an cùrsa na Gàidhlige san Sgoil-Shamhraidh, ach chan eil iad sin uile comasach air aGàidhlig a theagasg o Cheum 1 gu Ceum 12. Thig sin ri tìde, oir gheibh foidhidinn furtachd.

Nuair a tha ban-sgoilear, ( ’s ann ainneamh a tha fir-teagaisg agabhail cùrsa na Gàidhlige), atoirt buaidh air sgrùdadh na Gàidhlige, agus adol a theagasg do sgoil far a bheil na pàrantan Gaidhealach, tha i asìneadh ris aGhàidhlig a thoirt don chloinn cho luaths a gheibh i cead o Fhear-rannsachaidh nan Sgoil, is o Bhòrd na Sgoile. Gu math, is gu ro-mhath, achs e dòrainn na cùise nach eil na ban-sgoilearan a tha an sàs, afuireach, mar is trice, ach aon bhliadhna san sgoil-dùthchail, is an sin tha iad adèanamh breacan-á- baile do chèarnaidh eile, is dòcha an teismeadhon nam Frangach, no nan Gearmailteach. Tha mi air mfhàgail an uair sin air na fraighibh fàsa aon uair eile. Bha aiteal-boillsgidh anns an adhar ach thàinig dùbhradh air na neòil, car coltach ris aBhàinean nuair a bha e a muigh agiomadaireachd aig na h-Eileanan Flannach. Bha droch thìde ri muir fad seachdaine ach thàinig dèarrsadh-gréine aon mhadainn, is an sin thuirt e ri a sgiobadh, “A bhalachaibh, na leigibh oirbh gu faic sibh i gun fhios nach fhalbh i.”

[Dealbh]
ABhean Uasal Cairistìona Nic Ualraig ateagasg Gàidhlig don chloinn an Sgoil an Uillt, siorramachd Inbhir-nis, Alba Nuaidh.



[248]

[Dealbh]
Fear-Comhairleach na Gàidhlige ateagasg Gàidhlig do na ban-sgoilearan an Sgoil-Shamhraidh na h-Albann Nuaidhe, an Oilthigh Dalhousie, Halifacs, Alba Nuaidh.

Coma -dhiùbh, tha an oidhirp ri blàr is air feadh nan seachd bliadhna a chaidh seachad, bha aGhàidhlig air a teagasg san sgoil-, an Eilean Cheap Breatainn, anns na cèarnaidhean a leanas: —Sgoil-Ard an Naoimh Pheadair, Sgoil-Ard Mhabou, Mabou an Iar, Dùn-Bheagain, Loch Ainslie a Deas, Dail Stiùbhaird, Borgh aChnuic, is Sgoil an Uillt.

Chan eil dìth sgoilean-oidhche againn airson nan inbheach, fad is farsaing, an Gàidhlig, Pìobaireachd, is Dannsaichean Gaidhealach. Tha gach cròilean diùbh sin air a theagasg le muinntir an àite, is tha iad sin air am pàidheadh le Bòrd Fòghluim nan Inbheach. (75 cents san uair).

Nuair a tha sagart a thana sgoilear Gàidhlig, an Oilthigh an Naoimh Fransaidh Xavier, an Antigonish, tha e ateagasg na Gàidhlige do na h-oileanaich san aitreabh sin.

Anns a’ “Ghàidheal,” àireamh 10, Vol. LII, leugh sibh, tha mi acreidsinn, iomradh air iomairt a tha air chois airson Cathrach Ceiltich a stéidheachadh an Oilthigh Dalhousie. Thig so, ar leam, ma bhios daoine cothromach, breithneachail, air chùl nan ràmh, is tha tìde-mhara leinn oirs ann á taobh siar Eilean Leódhuis a thàinig cuideachd aChinn-suidhe a tha ariaghladh, ’s astiùireadh cùrsa Oilthigh Dalhousie. Feumar 250,000 dolair a chruinneachadh mun tig an mór sin gu inbhe.

Tha leabhraichean Beurla gu leòir air an clò-bhualadh an Albainn Nuaidh achs ann tearc a tha na leabhraichean Gàidhlig. Tha earrann Ghàidhlig againn ann am pàipear seachdaineach Antigonish ris an abrarAn Casket, ”is tha earrann saBheurla chruaidh mu nithean



[249]

Gaidhealach ann cuideachd, fon ainm, “Highland Echoes, ”leCalum Bàn.” nan seachd bliadhna a chaidh seachad bha leabhar air an clò-bhualadh, (1) “Leasanan Gàidhlig air son Luchd-Tòiseachaidh,” (2) “An t-Eilthireach,” leCalum Bàn.”

Aig deireadh na bliadhna a chaidh seachad rinneadh clàr de naLeasanan Gàidhlig air son Luchd-Tòiseachaidh,” (àireamh 1), cuideachd leCalum Bàn,” is a bhean.

Tha raon fada, farsaing, fosgailte anns na nithean sin saMhór-Roinn so. Tha toradh is bàrr nan achaidhean pailt, sultmhor. Tha sinn acur ri fuar ach chan eil gu leòir sgiobaidh againn a bhuaineas ri teth. Tha sinn ag iasgach chudaigean an dràsda. ’S e nan nithean beaga a thann, ach tha aon rud cinnteach, cudthromach, an làthair, ’s e sin gu bheil aGhàidhlig is gach a tha fuaighte rithe, air a cumail fo chomhair an t-sluaigh. Tha Bòrd an Fhòghluim glan air a cùl, is, mar sin, tha i afaighinn, eing air eing, inbhe is urraim nach dfhuair i roimhe.

Tuigidh sibh gu bheil Fraingeis, mar chànain, an treun a neirt an Albainn Nuaidh, ach a dhaindeoin sin tha, (a) ainmeannan Gàidhlig againn air na sràidean an clachan Pugwash, (ainm Innseanach), an siorramachd Chumberland; (b) Seinnidh na daoine dubha an Sidni na h-òrain Ghàidhlig le sunnd is aighear; (c) tha na clàran-bidhe, an cuid de na tighean-òsda againn air an sgrìobhadh an Gàidhlig; (d) tha ainmeannan Gàidhlig air móran de na tighean-samhraidh, ri còrsa na mara, an Albainn Nuaidh; (e) nuair a bha Rob Mac Gille-Fhaolain astrì ri faighinn asteach mar bhall-Pàrlamaide san taghadh mu dheireadh, airson siorramachd Inbhir-nis, chuir e aGhàidhlig is Frangeis gu buille, taobh ri taobh mar so:— “FIACH ROB SAN DRIACHD.” “AVEC BOB COMME DEPUTE AVIENDRA PROSPERITE. ”

Sin agaibh sin, ach nuair a thig ceann-cinnidh á Gaidhealtachd na h-Albann amach don chèarnaidh so den t-saoghal, a h-uile bliadhna le Beurla spreigearra, ghrinnAth an Daimhair a theangaidh, ’s e their e, “gun robh Gàidhlig aige nuair a bha ena mhaothran ach gun chaill e i nuair a dhfhàs e suas.” Mo thruaighe is mo chonghlas!

Tha Gàidheil na h-Albann Nuaidhe dùrachdach, dealasach, a thaobh dìleib an athraichean a chumail beò. Mar sin, mar a thuirt Mac Crùislig, “fhads a ghléidheas mise beanntan Eilean Cheap Breatainn, gléidhidh beanntan Eilean Cheap Breatainn mi.”

[Sanas]

titleA’ Ghàidhlig An Albainn Nuaidh
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Calum Iain M. MacLeòid in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page