[255]

Gnothaich Bhoireannach
Le MURDAG NICCOINNICH

ABhean Uasal Iris Chamshronach

NUAIR thig an t-Earrach dlùth, ’s ann theirear gum bi smuain nan laoch air cùisean gaoil; biodh sin mar a bhitheas e, cha tig ciad bhoillseadh bàn na gréine Earraich gun smuain nam mnà a bhith air rudeigin eilecruth agus dreach an éididh air choinneimh na bliadhna a tha fhathastna leanaban. Cuirear as leth nam ban-Albannach dìth-diù mun culaidh, mar is trice. Am brath mórain tha iad gu buileach an urra ri dùthchannan eile, leithid na Frainge agus Lunnainn. Chan eil àrach sam bith gun bhlas na fìrinnna lùib, agus feumar aideachadh gu bheil boireannaich an t-saoghail mhóir, gu minig an comain nam fear nuair a thogras iad deilbh is cruthan éibhinn a thoirt amach, eadar gur poc no pleat iad, eadar gur fada no goirid. ’S ann, matà, le móran toileachais a chì sam bith, aig a bheil ùidh ann an adhartas a bean-dùthcha, eachdraidh air an chliù a tha aBhean Uasal Chamshronach air cosnadh anns abhliadhna a chaidh.

Thug mi sgrìob sìos gu Ceann a Siar Dhun-éideann, far a bheil abhean-uasal-sa astrì ri éideadh àluinn, agus cruthan taitneach a



[256]

thairgsinn dhuinn aig tac an doruis, agus cho trics as urrainn dhi, ann an clò Albannach.

Ged a tha ina mnaoi aig An Rìdire Iain Camshronach, a tha aig ceann fhir-lagha na h-Alba, Gàidheal ainmeil, aig a bheil fìor ghràdh air aGhaidhealtachd, —agus le sin dheth, trang daonnan an cois iomadh gnothaich a bhios dlùth ri aitreabh inbheil mar so, tha i aig ceann an ionaid ris an abrar LAMONDEL, Ltd., an Dun-éideann.

Choinnich mi a tha bòidheachna pearsa agus càirdeil, tarrainneachna dòigh, le inntinn gheur, chlisg, le làn a cinn de bharailean tuigseach mun obair sam bheil i an sàs.

Chan fhaca mi riamh na bha sud de gach gné chlò, agus carson ars ise nach eil an clò mór acaga chur amach ann an dathan cho breàgha ri sin, agus i toirt dhomh làn dùirn de phìosan clò a thàtar adèanamh ann an Eilean Bhóid. Gu deimhinn is iad a bha snasail. As déidh sin chunnaic mi clò na mnà uasail Haddington. Tha ise air sùrd ùr a chur am muilltean abhaile sin. Cha robh fiùs nach robh clò an sud leis an t-snàth fhaileasach, LUREX, air a shnìomh troimhe. Bha so air a dheanamh suas mar sgiorta feasgair a bha soilleir, àluinn agus a chumadh blàths air neach ge be cho fuars a bhiodh an t-àite tadhail. Bha dathan annta nach fhaicear idir san chlò Hearachbuidhe, dearg, purpur agus iad sin air am measgachadh cho sgileils nach gabhadh sibh gràin orra, ged a sheasadh iad a chaoidh.

Chan eil ABHEAN-UASAL CHAMSHRONACH den bheachd gur h-urrainn dhuinn a bhith snasail, eireachdail mur eil sinn blàth cuideachd— ’s tha fios math againn cho fuars a tha achuid as motha den bhliadhna. Chan fhaca mi sgiorta nach robh snog le lìnig, agus bha stuthan blàth clòimh aice ann an dathan boillseach a ghabhas an cleachdadh a shamhradhs a gheamhradh.

Carson, deir i, nach robh am barrachd de shnàth dubh air a shnìomh ameasg dhathan eile anns achlò mhór? Le sin feudar deise a chleachdadh, air an dùthaich, le brògan troma, agus ceann-rùisgte, agus an dearbh thé anns abhaile, le ad, brògan agus miotagan dubha gun càil a choltas a bhith aig an dàrna h-àm ris an àm eile. ’S e a beachd gu feum Alba cumail ceum ri ceum ris na dùthchannan eile, gu bheil fada cus de na dathan bàna, ris an abrarpastelsanns achlò. Sheall i dhomh gùintean de chlò tana a bha snasail da rìribh. Chan eil i den bheachd gun téid an t-aodach ro ghoirid idir, oir chan eil achuid as motha de na mnathan Albannach fad-chasach; ’s ann mu theis meadhoin na calpa a tha i an dùil a bhios e. Cha robh a riamh uimhir de chruthan ram faotainntha rudeigin ann do gach . Tha e coltach nach eil sinn ro dheònach na modhan ùra a chleachdadh, ach aon uairs a tha sinn cinnteach asda théid sinn air ar n-adhart gu calma.

Bho chionn ghoirid rinn i culaidhean airson banais mhór mun do leugh sinn. ’S toil leatha bhith toirt comhairle air gach gné thrusgan, agus tha LAMONDEL adeanamh anns an fhàrdaich aca fhéin eadhon na h-adan. Cuiridh iad putain agus crios as toil leibh an sàs, air faisg air leth phrìsean Lunnainn.

Anns an t-samhradh a tha tighinn, tha abhàn-rìgh an dùil am bàla mu dheireadh a chumail ann an caisteal HOLYROOD, is chunnaic mi gùn no dhà a tha deas air choinneimh sin, agus iad cho sìmplidh,



[257]

[Dealbh]

gun nàdur treallaich sam bith mun timcheall. ’S e an rud, an stuth ceairt a thaghadh airson an chruth a thàtar adeònachadh.

So agaibh cruth gùn feasgair a thug i dhomh, a dhaon ghnothaich gu chur an clò do mhnathan GHAIRM. Dheilbh i fhéin e, agus nach àillidh e?

Is ann, saoileam, air a bhith acur dhathan an cois a chéile a tha i sgileil buileach. Is mìorbhuileach cho eadar-dhealaichtes a chithear aon dhath ri taobh grunn eile.

Tha gùintean bho Hardy Amies agus Worth an so cuideachd.



[258]

[Sanas]



[259]

So, ma tha, agaibh, abhean-uasal a tha strì ri mnathan a dùthcha éideadh aig an tigh. ’S e mo bheachd nach eil fiamh oirre roimh chudthrom oibreach, agus tha i acumail a dachaidh gu réidh sona, aig a cheairt àm. Feumaidh sinn, mar mhnathan, ’na beachd, cumail a dol acruthachadh, ’s a briseadh talaimh ùir. Nach bochd nach robh barrachd da seòrsanar measg agus gu h-àraid le làn an cinn den Ghàidhlig.

[Dealbh]

THA treallaich mhath naidheachdan bho BH.S. I. san ràith-sa ach gabhaidh iad an cumail car greis. Aon air an toir mi iomradhputain. Is trioblaideach cho trics a gheibhear putain, nach cùm an dath no nighe no dhà, no car àm an déidh glanaidh tioram. Fàgaidh cuid dath air an aodach agus leaghaidh cuid eile ma shuathas iarunn blàth orra. Ma thachair an seòrsa ruibh, cuiribh thugam iad, gun dàil, gu oifis GHAIRM, ach feumar ainm an luchd-deanamh a bhithnan cois. Cuiridh mi gu B.S. I. iad, oir tha iad air ball a chur air chois gu na nithean-sa a rannsachadh, ach feumaidh iad na putain a chur am follais, agus ainm an luchd reic. Chuir mi fhéin còta mór asteach gu luchd glanaidh, bho chionn ghoirid. Thainig e air ais gun mhullach air putan, agus be ainm gu math earbsail a bha air achòta. Cha bhi cumhachd sam bith aig B.S. I. mur eil fianais acanan làimh, agus chan eil math sam bith dhuinn a bhith agearains acòineil mur eil sinn deònach oidhirpeachadh air na tha de threallaich thruaillidh fhathastga reic a dhiùltadh.

Dìreach nuair a bha mi air toirt suas agleachd ri màs a chumail ann am briogais sgoile an fhir bhig, oir tha an stuth dem feumar an t-aodach sgoile aige dhèanamh car trom, agus tha tùthag cnapach fhuaigheal, chuala mi mu JIFFYTEX. Suathadh glé bheagga chur air abhréid, agus timcheall an tuill, agus feumar fhàgail greiseag bheags an sin a chur sàs, ’s an t-iarunn a ruith thairis air. Tha e cho snogs a ghabhas e bhith, gun snàthaid a dhol faisg air.

Tha innleachd nighe ùr aig CREDA air a chur amach, * nach dean a mhàin an t-aodach a nighe, ach a chrathadh gus a bheil e tioram gu leòir gu iarnaigeadh. Mas ann anns abhaile mhór a tha sibh, gu h-àraid suas staidhre no dhà, le beagan cothroim air nigheadaireachd mhór a chrochadh, agus le salachair sgreataidh abhaile gu daonnan, gu dearbh tha so freagarrach. Chan eil e duilich a chur air falbh, oir faodar a chur fo bhòrd no ann am preas, agus gheibhear e ann an suas ri leth-dusan dhathan. Ma tha sibh air an dùthaich fo smachd gach frois agus ànraidh le ur cuid nighe, agus gu deimhinn ma tha teaghlachnur cois, is deisealachd da-rìribh e. Cha ruigear a leas ball a thogail as, air sgàth bùirn glan a chur orra, oir gabhaidh so a dhèanamh cuideachd anns an aon làn. Tha aphrìs reusanta, agus cha do chuir


* Faicibh t.d. 224



[260]

[Sanas]



[261]

[Dealbh]

CREDA inneal amach a riamh nach robh earbsail.

Ma tha sibh seachd seann sgìth acrùbadh mu dheasachadh bìdh, tha JACKSON aircookerùr a thoirt amach a nis, leis aghrill aig àirde na sùla. Tha an àmhainn cuideachd nas fhearr, their iad, ged nach robh beudnan cuid àmhainneannam bheachd fhéin, oir tha i furasda a cumail glan, agus is e tòrr a tha sin. Le bhith togail aghrill tha iad atoirt dhuinn trì teasan airson tuilleadh deasachaidh, aon aca le teas clisg. ’S e ball àirneis bòidheach a tha so, agus thug iadJOYoirre, mar ainm.

Tha an tuilleadhs an tuilleadh de na bùitean móra adol fo ùghdarras an aon fhirnar bailtean móra, agus math ged a tha cuid dhiùbh, tha iad uile rudeigin coltach ri chéile. Is aobhar toileachais dhuinn, matà, a bhith faicinn lethidCOPLAND AND LYE,a tha leantainn air an slighe, dìreach mar a bha iad a riamh. Cha ruig mise leas iomradh a thoirt dhuibh air lìonmhoireachd gach gné a tha anns abhùth mhóir-sa, oir tha rudeigin innte do gach truimead sporain. Tha aon fìor co-dhiùbh, an uair a tha iad areic saor faodar a bhith cinnteach nach e an droch cheannachd a thairgeas iad.

[Sanasan]

titleGnothaich Bhoireannach
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Murdag NicCoinnich in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page