[263]

Ceol Na Pioba

(3) UILLEAM ROS

Le FIONNLAGH MACNEILL

CHA mhór gu bheil duine ann a chuala riamh iomradh air pìob móir nach cuala aig an aon àm mu dheighinn Uilleam Ros. Ma thainig pìobaire riamh gu bhith ainmeil ameasg amhór-shluaighchan ann aig pìobairean a mhàinmar phìobaire, mar a bha Scott Skinner leis an fhiodhaill, be sin Uilleam.

S ann an Siorrachd Rois a chaidh a bhreith, ann an tigh beag dom bainmCamersorie” (chì sibh anns na duilleagan so e) ann an Gleann Srath Farar faisg air aMhanachainn. Tha an tigh air an oighreachd aig Lord Roberts, aig an robh athair Uilleimna gheamair fad leth-cheud bliadhna. Tha Uilleam glé mhór an comain a phàrantan air iomadh dòigh. Bhruidhneadh iad le chéile aGhàidhlig, agus bha iad cuideachd le chéile fiosrach mu thimcheall ceòl, ’athairna phìobaire e fhéin agus a mhàthairna fìdhleir, agus eadar ceòl agus Gàidhligs e thachair gun deach aig Uilleam air na ciad ceumannan air aphìob dheanamh troimhn channtaireachd.

Chaidh e don sgoil ann an Dunmaglass, baile beag deich mìle air falbh á Camersorie, agus goirid an déidh dha an sgoil fhàgail aig aois ceithir bliadhna deug, chaidh e don arm. ’S e naScots Guardsa roghnaich e, chaidh e don chòmhlan phìobairean aca, agus aig ochd bliadhna deug, an saighdear a bòige bhanns an réiseamaid, chaidh e do Chogadh Africa. Ann an ùine nach robh fada, thainig e gu bhithna mhàidsear-pìoba air a1d fheachd den réiseamaid, aguss e



[264]

THE BANKS OF THE FARRAR. ”
le
Uilleam Ros

[Ceòl]



[265]

[Ceòl]



[266]

[Dealbh]
Camersorie

sònraichte a bhann gu robh a bhràthair aig an aon àmna mhàidsear-pìoba air an 2a feachd.

Ann an 1919, nuair a dhfhàg e an t-arm, ghabh e an dreuchd a tha aige fhathast, air ceann sgoil phìobaireachd an airm ann an Caisteal Dhun-éidinn. Mar cheannard na sgoile so, tha e acur troimh a làmhan a h-uile màidsear-pìoba ann an arm Bhreatainn, biodh ena Albannach, ’na Shasunnach, nona Ghurkach. Tha iad atoirt sia no seachd de mhìosan còmhla ris anns achaisteal, agus roimh cheann na h-ùine sin, a thuilleadh air gum feum iad a bhithnam pìobairean math, feumaidh fios a bhith aca mar a leughas agus mar a sgrìobhas iad ceòl, agus cuideachd mar a theagaisgeas iad aphìob agus mar a stiùireas iad còmhlan phìobairean, mus riaraich iad riaghailtean na sgoile sin. Anns an ùine a tha e air a bhith anns aChaisteal, tha Uilleam Ros air iomadh màidsear-pìoba a chur an ceann gnothaich; aig àm achogaidh mhóir bho dheireadh, gu dearbh, bha e acur amach mu dhà-dheug anns amhìos.

Nuair a bheir Uilleam sùil air ais, faodaidh e bhith làn riaraichte leis na rinn e. Chan eil duais a ghabhas ainmeachadh nach do choisinn ena , agus thog e prìomh dhuais na pìobaireachd, no anclaspmar a theirear rithe, gu léir deich turuismóran a bharrachd air pìobaire sam bith eile. Ann an 1919, nuair bha e acluich ann an Inbhirnis an teis meadhon fras shneachda, tha e ag ràdh nach robh anam beòga éisdeachd, a thuilleadh air na breitheamhnan, ach ceithir faoileagan. Is math a dhfhaodadh am port còrdadh ris na faoileagan, gu , oir choisinn Uilleam an duais an dearbh . Nan deanamaid cunntas air a h-uile duais a bhuannaich e ann an Craoibh agus ann an Còmhal, cha bhiodh àite anns an leabhar so airson achòrr a ràdh. Ged a tha



[267]

e nis air sgur o chionn fhada a chluich aig co-fharpaisean, bithidh e acur a phìob air a ghualainn glé thric fhathast air sgàth nam balach a tha e ag ionnsachadh.

A thaobh teagasg cuideachd, shoirbhich le Uilleam Ros cho maths gu bheil fhichead de na pìobairean a dhionnsaich e air am bonn òir a chosnadh ann am pìobaireachd. Choisinn Iain D. Burgess, aon de na pìobairean a bfheàrr, ’s math-dhfhaoidte, a dhionnsaich e riamh, an bhonn òir, ann an Inbhirnis agus anns an Oban, ann an aon sheachdain, nuair nach robh e ach sia bliadhna deug. O chionn beagan bhliadhnaichean, chaidh Uilleam agus Iain le chéile air chuairt a dhAmeireagaidh, agus tha teisteanas aig Uilleam a fhuair e aig an àm sin bho chòmhlan phìobairean naScots Guardsann an Canada, marphìobaire mathagusan t-Albannach a bainmeile.”

Tha obair Uilleim air a thoirt aig amannan do na h-uile ceàrn den Ghaidhealtachd, agus do gach eilean air an taobh siar. Fo iùil Comunn na Pìobaireachd, bhiodh e acur seachad cóig mìosan sabhliadhna ag ionnsachadh buidhnean de phìobairean anns na h-àiteachan sin, agus mar sins gann gu bheil eilean no sgìre ann air nach eil eòlas air choreigin aige.

Tha iomadh sgeulachd éibhinn aig Uilleam ri inns’, ’s dòcha mu dheighinn banais air an robh e nuair a bha e òg. Tha e ag ràdh gun deach e uaireigin gu banais ann an Lunnainn á Inbhir Theòrsa ann an ceann-a- tuath Alba; an déidh an oidhirp sin a dheanamh, cha do thog bean no fear na bainnse ceann air beulaibh amhinisteir, agus cha do phòs am fear, tha e coltach, gus an -an-diugh. Gu cinnteach, chan fhairich duine an tìde fada adol seachad an cuideachd Uilleim. Ged nach eil e cho ògs a bhà e, tha e slàn, fallain, agus cho beòna inntinns a bha e riamh. Guma fada bhios e mar sin.

A thuilleadh air gach comas eile tha aig Uilleam, chan eil duine ann as fheàrr a sgrìobhas port na e, agus tha am port a thagainn an so pailt cho math ris na puirt eile gun àireamh a chuir e ri chéile. Sgrìobh e am fear so mu dheighinn Abhainn Farar, faisg air an dachaidh aige fhéin, far an do chuir e seachad iomadh ag iasgach. Mar sin, cha bhiodh e gu buileachna iongantas ged bhiodh beagan de thruacantas ri fhaireachdainn anns aphort, agus is dòcha gur h-e an càil sin a thanns aphort a thaga dheanamh cho measail.

[Sanasan]

titleCeòl na Pìoba (Uilleam Ros)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Fionnlagh MacNèill in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page