[268]

Na Sgoilean Gaidhlig
Le SEUMAS MACTHOMAIS

(2)

GED bu mhór an obair a rinneadh air feadh na Gaidhealtachd leis gach oidhirp air an tug mi iomradh anns an àireamh mu dheireadh bha móran de na Gaidheil fhathast nach dfhuair a riamh cothrom leughadh no sgrìobhadh ionnsachadh, gu sònraichte an sluagh a bha fuireachd ann an ceàrnaidhean iomallach. Is ann air amhór shluagh a bha aghaidh gach saothrach gu ruige so. Ach bha, agus tha gus an an diugh, cròileagain de Ghaidheil thalls a bhos, sgapte air feadh nan Garbh Chrìoch agus nan Eilean. Chan fhaodte iad so a dhìochuimhneachadh gu buileach. So an dearbh fheadhainn a bha aig Comunn Nan Sgoilean Gàidhlig an Dun Eideann anns an amharc nuair a chuireadh air chois e anns abhliadhna 1811.

Be àrd rùn aChomuinn-sa gum biodh sean is òg, ge be àite anns aGhaidhealtachd anns a robh iad, comasach an Fhìrinn a leughadhnan cànain fhéin, an cànain a thuigeadh iad. Is e eòlas na Fìrinne bhith aig an t-sluagh a bha iad ag iarraidh, agus bha làn fhios aca nis nach robh dòigh eile ann gu bhith afaighinn na sochair so gus am biodh comas aca na Sgriobturan a leughadh iad fhéinnan cainnt fhéin. Air an aobhar sin chuir an Comunn rompa, cho fads a bha enan comas, gum biodh sgoil Ghàidhlig anns gach clachan far a robh feum oirre. Ach bha an fheum farsaing, an t-airgead gann, agus an ùine dol seachad.

An àite sgoilean maireannach a thogail, nach gabhadh dèanamh air aithghearr agus a chosgadh móran, be an co-dhunadh gus an tàinig iad maighstir-sgoile a chur airson bliadhna gu leth na bhliadhna do bhaile na do sgìre far a robh iarraidh air. Bha muinntir an àite fo fhiachan tigh sgoile a thogail. Cha robh sona uallach trom orra, oir bha na tighean mar bu trice suarach gu leòir agus -ghoireasach mar an ceudnatighean beaga tughaidh air bheagan àirneiss gun móran blàiths na soluis. Ach far a robh déidh mhór air an tuilleadh eòlais cha robh ionndrain air sochairean eile. Bha an déidh an cuid a bhailtean soilleir gu leòir. Ann an sgoil Phabail, aon den chiad chóig a thogadh anns abhliadhna 1811, bha àireamh nan oileanach cho mórs nach cumadh an tigh sgoile ach thrian diubh. Bha an còrr air na tobhtaichean na air an corra-cnàmh mun dorus. Bha an sgoil-saga fosgladh ri solus coinnle saGheamhradh aig seachd uairean samhadainn, bha i dùinte eadar deich is aon uair deug, bha i sàs a rìs gu ceithir uairean feasgar, agus o chóig gu deich na uair dheug. Bha an sgoil oidhche airson nan inbheach nach burrainn frithealadh troimh an , agus bha sgoil air an t-Sàbaid airson neach sam bith nach robh saor fad na seachdaineach. Be am pàidheadh a bha aig an Aonghas MacLeòid a bha air ceann na sgoile-sa a s a dhoidhche £12 sabhliadhna.

Ged nach robh na tighean sgoile ro ghoireasach, agus ged nach robh leabhraichean leughaidh glé fhreagarrach na pailt aig toiseach



[269]

tòisich is mór an t-adhartas a rinneadh ann a leughadh na Fìrinn an ùine nach robh fada. Tha ministear Sgìre nan Loch atoirt an iomraidh a leanas air aon sgoil: “Tha na pàrantan agus achlann ag ionnsachadh leughaidh anns an aon chlas, agus tha balaich nach eil ach sia bliadhna aleughadh aBhìobuill gu coimhlionta. Tha an Leabhar Cheist aca air an teangaidh a thuilleadh air leth cheud salm.” Agus tha eg ràdh an àite eile, “Tha an t-adhartas a tha na sgoilearan adeanamh ann an leughadhna chùis iongnaidh.”

Bha an Tiomnadh Nuadh air eadar-theangachadh fada mus do thòisich Comunn Nan Sgoilean Gàidhlig, agus bha am Bìobull gu léir deiseil anns abhliadhna 1801. Is e an Fhìrinn a bhith acanan cainnt fhéin meadhon a bha sònraichte feumail agus éifeachdach gu bhithg oileanachadh nan Gaidheal, agus meadhon a dhfhàg Gàidhlig fhallain air am bilean fad iomadh linn.

Sgaoil obair aChomuinn-sa fad is farsaing air Tir-mór agus air feadh eileanan achuain fad nam bliadhnachan, agus faodar a ràdh gu cinnteach gun do dhfhàg an sluagh am beannachd aca. Thòisich iad le cóig sgoilean beaga; an ceann bliadhna bha fichead aca, deich anns na h-Eileanan agus deich air Tir-mór. An ceann beagan bhliadhnachan bha comuinn acuideachadh leotha an Glaschu, an Obar Dheadhain, an Dun , an Inbhirnis, am Peart, an Lunnainns am bailtean eile an Sasuinn. Bha fhichead sgoils aceithir deug air an cùram anns abhliadhna 1819, agus bha 3,261 sgoilear ag ionnsachadh Gàidhlig annta. Bha sgoilean Gàidhlig air am fosgladh an Dun Eideann, an Obar Dheadhain, an Dun agus am bailtean eile far a robh àireamh mhath de luchd Gàidhlige. Anns abhliadhna 1828 bha ceithir fichead sgoils a cóig fo an riaghladh, fhicheads a h-ochd air Tir-mór agus seachd deug ar fhichead anns na h-Eileanan.

Bha an sluagh cho riaraichte leis an obair a bha an luchd teagaisg adèanamhs gur e sgoilean Chrìosd a theireadh iad ris na sgoilean aca. So teisteanas a dhfhàg fear ceasnachaidh, “Tha bhur sgoilean asgaoileadh solus an eòlais anns gach clachan is gleann anns a bheil iad.” Agus a rìs, “Their sinn gu bheil obair chumhachdach an Spioraid asìor sgaoileadh troimh shaothair nan daoine iriosal a tha teagasg anns na sgoilean agaibh. Is iad na sgoilean agaibh gun teagamh am meadhon as buadhmhoire a tha againn idir gu bhith toirt eòlais aChreidimh Chrìosdail don t-sluagh.”

Ged a bha còmhnadh airgid atighinn as gach ceàrnaidh bliadhna an déidh bliadhna cha robh e comasach coinneachadh ri feum gach àite a bhag iarraidh sgoil, eadhon ged a bhiodh luchd teagaisg na bu lìonmhor na bhà iad. Chan e amhàin gu robh feum air sgoilean an àiteachan anns nach robh sgoil a riamh ach bha feum air ath-thilleadh a dhionnsaigh clachain anns a robh sgoil aca roimhe mar a bha gach ginealach ùr ag éirigh suas. Gun teagamh cha robh an obair asgur cho luaths a thogadh an sgoil a h-imrich á baile. Bha ena chleachdadh aig cuid co-dhiùbh a bhith cruinneachadh gach seachdain gu bhith dol seachad a rìs air na nithean a dhionnsaich iad.

Cha robh na sgoilean fosgailte fad na bliadhna idir. Aig àm cura is àm buain bha iad uile dùinte. Ach bha iad adol fad ochd mìosan, o mheadhon an Og Mhìos gu meadhon na Sultaine, agus o thoiseach na



[270]

Samhna gu toiseach aGhibline. Bha oileanaich o shia bliadhna gu trì fichead bliadhnas a deich afrithealadh, achlann aig amannan ateagasg nam pàrantan.

Bha Comunn Ghlaschu den bheachd ged a bha e iomchuidh Gàidhlig a theagasg anns na sgoilean aca gu robh e ceart agus feumail Beurla a theagasg annta mar an ceudna, agus an déidh beagan bhliadhnachan bha Beurla, sgrìobhadh is cunntasgan teagasg a thuilleadh air Gàidhlig. Lean Comunn Inbhirnis an eisimpleir cheudna.

Thàinig an t-àm anns nach robh e comasach do Chomunn Dhun Eideann an obair ionmholta a leantainn na bfhaide a thaobh meud na cosgais agus gainne an teachd-a- steach. Ach nam bliadhnachan a bha iad an sàs fhuair 90,000 sean is òg eòlas leughaidh anns aGhàidhlig.

Rinn Comunn Nam Ban (L.H. A.) saothair nach bu bheag o mheadhon an naoidhimh linn deug ann a bhith suidheachadh sgoilean an àiteachan iomallach anns aGhaidhealtachd far a robh Gàidhlig air a teagasg le oileanaich òga aig a robh sùil ris amhinistrealachd a thoirt amach. Mur a robh iad so eòlach air teagasg bha iad dìcheallach, cùramach, agus lean buaidh mhath an oidhirpean.

An déidh Achd an Fhòghluim anns abhliadhna 1872 bha cuid de luchd teagaisg aig nach robh Gàidhlig iad fhéin abacadh Gàidhlig a bhith air a labhairt idir anns na sgoilean aca, agus dhfhàg sin barrachd air aon ghinealach gun chomas Gàidhlig a leughadh fad am beatha ach na fhuair an cothrom anns an sgoil Shàbaid.

Chan eil bacadh air aGhàidhlig a theagasg anns na sgoilean Gaidhealach o chionn fhichead bliadhna air ais, ’s ann a tha lagh na Rìoghachd ag agradh gum bi i faighinn àite dligheach ameasg chuspairean eile. Ach cuin a bhios aGhàidhlig air a teagasg don chloinn on chiad a théid iad don sgoil, agus cuin a bhios iad air an teagasg ann an cainnt na dachaidh aca? Sin a tha fhathast a dhìth oirnn.

[Sanas]

titleNa Sgoilean Gàidhlig (2)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Seumas MacThómais in Gairm 23 %p

parent textGairm 23
<< please select a word
<< please select a page