Air An Spiris
ANN a bhith a’ toirt taing do’n Stàit airson nam beannachdan saidhbhir a tha i a’ dòrtadh anìos oirnn—as ar pòcaidean fhéin—tha uaireannan deamhan an teagaimh agus an amharuis a’ briseadh asteach air ar n-ùrnuigh. “Am faod e bhith”, tha an deamhan so ag ràdh, “gu bheil cuid de na tiodhlacan sin falamh, is cuid eile air an deanamh de dhroch phlastaic, a spreadhas as a chéile ma leigear cudthrom air?” Is cinnteach nach i ’n fhìrinn a th’ aig an deamhan so. Tha sinne air a’ Ghaidhealtachd air dia a dheanamh de’n Stàit sin a thug dhuinn ospadail, is sgoiltean, is subsadaidh, is dóil. An Stàit bheannaichte sin a thug dhuinn cidheachan, is rathaidean, is telefon, is ràdio, is a bheir dhuinn tuilleadh de nithean matha an t-saoghail so ma bhios sinn umhail, agus foidhidneach, agus fad-fhulangach. Agus chan iarr i dad air chionn nan tiodhlac sin ach beagan airgid as ar sporain, ùmhlachd d’a mórachd, ar cànain is ar caitheamh-beatha fhìn. Ma tha sinn deònach na treallaichean sin a thoirt dhi, cuireas i fichead muillean nota de airgead pàipeir thugainn an ceann leth-cheud bliadhna eile. Agus leigeas i leinn blas na Gàidhlig a bhith air ar Beurla, eadhon chun an trìtheamh ginealaich, agus nas fhaide, mas e ’s gun dean sinn spàirn gu bhith ’nar Gaidheil nas fhaide na sin.
An crom thu do cheann a nis, Amharuis?
Chan e mhàin gun geall an Stàit dhuinn maitheasan an t-saoghail so, agus fichead muillean de dh’ airgead pàipeir. Tha cuid de mhinistearan ann a gheallas rìoghachd nas àirde dhuinn ma bhios sinn umhail dhaibh air an talamh; ma chuireas sinn air chùl gach subhachas; ma sheachnas sinn òl agus dannsa aig ar bainnsean; mura cuir sinn suas tallachan ’nar bailtean; mura seinn sinn òrain; mura bi sinn ’nar buill de choisir Ghàidhlig.
Cha ghann geallaidhean. Dé a nis mu dheighinn gnìomh?
Nì duine spàirn gus onoir fhéin a chumail slàn. Tha a thìde againn onoir ar daoine is ar dùthcha a chur far nach laigh a’ mheirg oirre: ’s e sin, a cumail daonnan ’nar cridheachan. Cha ghléidh Comhairle noCommitteei, ach gach duine bhith eudmhor as a leth. Ach cha bu mhisde sinn Comhairle anns gach baile, leis a’ mhinistear is leis a’ mhaighstir-sgoile orra mar dhithis bhall ameasg mórain, a stiùireadh òigridh nam bailtean air ais a chùm an deagh dhualchais fhéin. Dh’ fhaodadh an uair sin an deamhan a dhol gu ruige Hiort, far a bheil iad a’ deanamh Gaidhealtachd ùr le ’n cuid notaichean pàipeir.
title | Air An Spiris |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |