[343]

Eilean Mhalta
Le CALUM MACGILLEATHAIN (AN CONAN)

IS eMalta beag blàth an Domhaina chanas na h-Eadailtich ris an eilean so. Chan eil e fada bhuapa agus bidh móran aca adèanamh àite-samhraidhean dheth agus acur seachad an làithean saora ann. Tha an Eadailtis aig cuid de na Maltaich, mar a tha aBheurla, ach chan ann aig amhór-roinn a tha iad sin ach aig fuidheall a thog iad, cuid mar chànan cluaise agus cuid á sgoil. Tha amhór-chuid den t-sluagh gun oilean no oideas sgoile, agus gun eòlas leughaidh no sgrìobhaidh. Sluagh gun litir, mar a dhfhaodas sinn a ràdh. Chan eil maith dhòmhsa dhol a leagail coire sin air dream seach dream. Chanainn gu bheil e nàr duinne mar Breatannaich iadsan a bhith mar a thà iad sacheum sin; agus chanainn gu bheil e pailt cho nàr do Eaglais na Ròimhe, oir is ann leithe-se a tha neart an t-sluaigh dhùthchasaich. Tha mi an dòchas nach fàgar ro fhada tuilleadh iad gun leasachadh follaiseach sachùis so. Cha bu chòir gum fàgadh. Ach co aige tha fhios nach eil daoine ann a shaoileas gur h-ann aineolach is còir do na mithean a bhith! Leth na bochdainn.

Tha cànan aca dhaibh fhéin, aMhaltais, cainnt Semiteach agus Arabach agus a thuilleadh air sin measgan maith innte de chànain eile. Tha cuimhne agam air achiad bhus san do shiubhail mi san Eilean. Stad sinn aig bad an cois an rothaid, agus chaidh bean àrd, dhubh agus i caran fearail, cnàmhach, feitheach amach agus clann bheag air a cùram. Is eImsidha thuirt i riutha san dol amach, agus sin facal Arabach air an robh sinne èolach gu leòir ameasg nan Arab, araon san Eipheid agus an Iarag. Tha e ciallachadhamach á so”. Cha chuireadh tu umhail oirre an Cairo no am Baghdad.

Bho linn Napoleon tha an t-eilean le Breatainn a thug bho na Frangaich e, agus gun e fada aig na Frangaich iad fhéin. Tha e againn air thàilibh treubhantas ar luchd-mara foAdmiral Nelson. Rinn na seòladairean achùis air na saighdearan!

Ach tha fìor sheann eachdraidh, araon sgrìobhta agus anns na clachan, air an Eilean so. Tha togalaichean ann cho sean agus gum buin iad do Linn na Cloiche, an uair nach robh lorg aig daoine air feumalachd an iaruinn ann. Tha ena chùis iongnaidh cho mór agus cho grinn, snasail agus eadhon iomlan agus a bha an t-snaigheadaireachd agus achlachaireachd a bha aca. Cha dèanadhan Goban saorna bfheàrr! Buinidh sin do innleachdan na h-Airden Ear agus na h-Eipheid, nithean a bhuineas fhathast do iongantais an t-saoghail againn agus na Pioramaideannan seasamh gu buan. Matà, ràinig an cuid eòlais air saoirsneachd chlach is togail theampuill is cheallan Alba. Tha aon àite an Arcaibh is Maeshowe aca air, agus tha e soilleir gun tainig eòlas nam fear a thog an uaigh mhór sin as an Airden Ear cuideachd. Bha aon rud mórnam fàbhar am Malta, tha clachan an àite furasda an làimhseachadh is an gearradh, clachan aoil. Sin clach a chruaidhicheas ris aghréin is ris an aèr, agus clach bhòidheach gun amharus. Tha Malta am meadhon achuain air an tug na Ròmanaicham Muir Meadhoinagus bhaam Muir astighair leis. Is ann air còrsan na mara sin a thòisich móran den ris an canar Sìbhealtachd Eòrpach, agus uairean eile an t-Sìbhealtachd



[344]

Iarach; agus bha Malta an àite maith airson a chuid de gach meur den t-Sìbhealtachd a lorg. Agus thainig iomadh dìleab oirre dheth.

Dhfhàg na Pheinich no na Cartagaich an lorg air an Eilean, agus seòrsachan eile romhpa. Chunnaic mise sgoilear Eabhra a bha làidir den bheachd gur h-ann bhoPheinnoPhena thainig an rud ris an canadh na Gaidheilan Fhéinn”. Ach an uair a chuir mi sin air beulaibh sgoileir eile thuirt enaturaliter pueriliter”. Tha a chuile sgoilear afaotainn solusna sholus fhéin! Coma leat, bha na Pheinich ann agus biad fhéin na seòidnan latha mór, fada féin. Tha mi creidsinn gu robh iad eòlach air gach cùil is ceall air oitir Bhreatainn is Eireann. Bha iad eòlach air aBhaltaig agus air Lochlainn. Cha rachainn an urras duit nach iad a rinn comharran de na h-Eileanan is Carraigean a tha air an ainmeachadh air Mìcheal, agus bha eadhon acharraig air a bheil an Caisteal an Dun-éideann air a h-aon aca! “Tigh-soluis làthiad don bhàt seòladh”.

Ghabhadh leabhar a sgrìobhadh air na h-àiteachan sin uile. Be Mìcheal an t-Ard-aingeal agus bha e, gu h-àraid, os cionn cùraman na marachd. Agus cuimhnicheamaid nach ann aig na h-Eabhraich amhàin a bha lorg air Mìcheal. Bha e aig na Semetich eile, agus gu seachd àraid aig muinntir Thìr is Shìdoin, maraichean ainmeil aChuain astigh, a rinn am marsantachd a sgaoileadh fad is farsaing. Is iad eilthirich á crìochan Thìr a rinn colonaidh an Ceann tuath Afraca agus Cartagna cathair aca. Chunnaic mi làraichean na cathrach sin, leis, agus ged nach eil ann ach cianalas na fàsalachd a nis, is ann aca fhéin a bha an t-sùil a lorgadh càit am faigheadh maraichean caladh!

An uair a bhithinn-sa sasgoil bha Eachdraidh Bhreatainn againn atòiseachadh le teachd nan Ròmanach! Agus airson na bha roimhe sin ann a bha againn ach dealbh seann Bhreatannach adeanamh culaidh-iasgaich dha fhéin de stoc craoibhe, agus gun dad uime ach craicionn ainmhidh! (Ach an uair a nochd na Saxonaich bhabonaidean is bròganorra!) Gun , bha na Gaidheilnan sluagh mór, buadhach fada roimhe sin, agus iad mion-eòlach air na Pheinich, fada mun do chuir an Ròimh roimpe cur as doibh taobh air thaobh. Gu bòidheach, dhfhairtlich aGhaidhealtachd oirre. Ach bhris is mhill iad Cartag agus a cuid mórachd. Gu tur.

Dhfhàg na Ròmanaich an lorg air Malta, nach iongnadh. Agus an uair a roinneadh an Impireachd eadar Siar is Sear is ann aig an taobh Shearach a bha Malta, agus be sin an taobh Greugach. Tha làraichean móra am Malta a dhfhàg na Ròmanaich agus feadhainn a dhfhàg na Greugaich.

Fad nan ceudan bliadhna an deaghaidh sin bha Malta aig Ridirean Eòin. Bha Eilean Ròid aca air tùs, ach chaill iad e. Ghléidh iad Malta. Is e bha annta-san seòrsa de fheachd no arm Crìosdail. Bha na Sarasanaich abristeadh ballachan fo dheas na Crìosdachd. Choisinn na Sarasanaich ceann tuath Afraca, an Spàinn agus cuibhrionn mhór den Ear-Eòrpa. Bha bailtean fearainn am Malta aig gach rìoghachd san Eòrpa fa leth. Is ann de shliochd nan Uaislean a bha na h-oighreachan a bha orra, agus an uair a thigeadh deireadh air tighleach aca chuireadh an rìoghachd aca uachdaran ùr anunn. Chan eil e neònach, mar sin, ged a bhiodh an luchd-àitich an diugh breac



[345]

[Dealbh]
Am port mórMarina agus Valetta

de gach treubh is fine. Chì sibhnam measg daoine cho dorch ri Arab agus daoine cho soilleir ri Lochlannach; ach is e am bunadh sean ruighinn as treise san àireamh, daoine beaga, dorcha agus iad beothail agus gu math cruaidh. Chan eil an t-Eilean mór, agus chanainn gu robh mu 300,000 duine ann ri linn aChogaidh. Chan eil an t-Eilean ach mu 18 mìle air fhaid agus 9 no 10 no còrr air leud( ’ga ghabhail thar a chéile). Meud an Eilein Duibh againn! Cionnas a tha iad beò? Tha móran aca beó air an fhìor bheagan. Ach is e pòsadh òg is tighleach mór an àbhaist aca. Tha mi an dùil nach fairtlicheadh oirnn tighleach le fichead ceann cloinne a lorg ann, agus tha tighlichean air deugachadh lìonmhor. Cha ghléidh an t-Eilean iad, agus tha iad sgapte air feadh an t-saoghail eadar bailtean aChuain astigh is Amaireaga. Tha feadhanin aca air na soithichean móranan seòladairean feumail. Agus tha meall an Astràilia agus an tìrean eile.

So an t-Eilean air an do rinn an soitheach aig an Abstol Pòl long-bhriste. Is e Melita a bha aca an uair sin air Malta. Tha mi an dùil gum faca mi far an robh ande fhairge acoinneachadh”. Tha sin aig beul Bàgh Phòil. Is e Pòl an t-ainm as cumanta air balach am Malta. Fhuair Pòl iadnan sluagh còir, coibhneil. Tha iad mar sin fhathast. Chan eil a dhìth orra.

Tha tobraichean de fhìor-uisge san Eilean agus is dòcha gu bheil na h-uisgeachan a tha annta asruthadh á beanntan àrda tìr-mór na h-Eòrpa, mu thuath orra. Agus, mar a thuirt am Maoraiche am Baile an Todhair, “Tha tuilleadh ann”.

titleEilean Mhalta
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Calum MacGilleathain in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page