Gnothaich Bhoireannach
Le MURDAG NICCOINNICH
THA grunn math a’ toirt smuain air an teine dealain a cheannachd bhon tha an samhradh, tha sinn an dòchas, air teachd oirnn, agus glé thric ni teine dealain car greis rùm blàth gu leòir car feasgair. Chan eil bean an tighe, cuideachd, gun sùil air cho glan, beag dragha, ’s a tha iad. Cosgaidh so càil sam bith bho aon phunnd Sasunnach gu ceithir ar fhichead, agus tha B.S. I. a’ toirt móran comhairle dhuinn, air an ràith-sa, mu’n chùis so. Tha fios math againn uile air cho cunnartach ’s a tha an dearmad as lugha mu’n dealan: ged is èasgaidh am fear-oibreach e, is gàbhaidh e ri linn beag diù.
Chan e meud cosg an teine idir, meud earbsa glé thric: is ann air treallaich sgeadachaidh a tha an t-airgead ’ga chaitheamh. Tha riaghailt shuidhichte bho Bh.S. I. againn a nis, agus bu chòir dhuinn uile sùil gheur a thoirt, ach feuch gu bheil B.S. I.6 70 air gach teine cheannaicheas sinn. Ma thà, ’s gu bheil nàdur beud sam bith ann, faodar a thilleadh air ais gun dàil. Chaidh grunn math troimh dheuchainnean B.S. I., agus bha trì nach robh sàbhailt, ged bha pailteas eile cho làn tèaruinteachd ’s a ghabhas a bhith.
[Dealbh]
Chan eil, gu sònraichte, ach dà ghné teine dealain ann. Anns a’ chiad sheòrsa tha cuairteagan de chruaidh-theud tana air an suidheachadh ann an claisean de chriadh-teine. Bheir iad so mu dheich mionaidean a’ ruighinn an àrd theas, ach tha iad a’ toirt blàiths air an cùlaibh cho math ri’m beulaibh ged nach eil an teas a bhuaileas dìreach oirbh cho làidir.
Anns an dara gné, tha an cruaidh-theud mu thimcheall slait iaruinn, agus air a shuidheachadh mu choinneamh boillsgean faileasach o’n deàlraich an teas. Cha toir e so ach mu dhà mhionaid gu dol gu àrd theas, ach tha chuid as motha de’n teas sin co-chruinnichte anns an deàrrsadh a tha soillseadh gu dìreach mar a chithear an so. So cuideachd am fear as fhurasda a chàireadh aig an tigh, ma theid e ceàrr.
[Sanasan]
Tha gach teine a’ toirt seachad a cheairt uimhir de theas, mas e gu bheil an aonwattageannta. ’S ann a tha an t-eadar-dhealachadh anns an treòireachadh, a tha an cumadh a’ deanamh air an leus.
[Dealbhan]
Chì sibh gu h-ìosal fear anns am faodar am boillsgean atharrachadh sìos no suas, a rèir ar toil, agus an seòrsa a gheibhear gu chur sàs ann am balla.
Tha B.S. I. a nis air bliadhna a dh’ aois a ruighinn, agus, mar an òige de gach gné, is ann am meud a tha e a’ dol. Gum bi an tuilleadh fàs air, oir air a’ bhliadhna a chaidh is mór strì a rinn iad air ar sgàth-ne.
Tha làn dùil gum bi cothrom aca a dh’ aithghearr duilleagan a chur amach mu chòtaichean-uisge cloinne, agus càil sam bith a tha agaibh a bu toil leibh a ràdh mu’n deidhinn, is e so an dearbh àm gu an cur an sgrìobhadh thugainn, mun suidh am pannal, a tha gu bhith a’ cur sìos riaghailtean-seòlaidh do na cumadairean.
[Dealbhan]
Is e an dòchas, cuideachd, snàth-fuaigheil aguszipsa bhith an ùine ghoirid fo an riaghladh. Chan eil tè nach fhaod am buidheann-sa a cheangail, air a sgàth fhéin, airson deich tasdain sa’ bhliadhna, agus gach nì a tha iad a’ cur amach fhaotainn dhi fhéin, oir chan eil e an coimeas GHAIRM ach sop as gach seid a chur an clò dhuibh de na tha tighinn amach bhuapa gach ràith.
Ma tha na casan fuar, chan eil dòchas sam bith gum bi an còrr de’n chlosaich blàth. Their na lighichean ruinn gur h-ann air ar casan as dlighiche dh’ fheumas sinn aire thoirt. Cumaibh iadsan seasgair agus chan eil uimhir de chunnairt gum faigh am fuachd làmh an àirde oirbh. Agus ’s e as sàsaidh idir, gur h-e an neach air am bi dà chois mar chnapan sneachd fad a’ gheamhraidh, air am bi casan dòruinneach leis an teas fad an t-samhraidh. Tha coltach gu bheil, mu dheireadh thall, an dearbh rud air a thighinn amach do’n dream-sa—buinn a theid am broinn nam brògan. ’S ann de stuth mar plastaic
[Sanas]
bog, a tha iad air an deanamh—ETHYLENE. Tha iad cho tana ’s nach fairichear san bhròig iad, le làraich san taobh ìosal, a tha toirt cothrom anail a tharraing do’n chraiceann. Chan eil iad deònach sracadh, no loirceadh, is their iad nach gabh iad caitheamh. Cha tarraing is cha chùm iad boigneadh falluis, tha iad furasda an nighe, agus cha chaill iad an dath. Gu dearbh, is math is fhiach iad cóig is naoi sgillinn am paidhir do’n tè aig a bheil droch chasan.
Chan e stuth ùr a th’ann amBRACEIN TONIC. Aig àm, bha sinn eòlach gu leòir air gu craiceann an aodainn a ghlanadh is ùrachadh, ach ’s ann tha e nise gu cobhair nan cas—greiseag bheag ann am bùirn le steall dheth ’na mheasg agus tha e mar dheas. Fiachaibh e!
Chan ann air na mnathan a mhàin a chithear cuailean cuachach, nach robh anns a’ chruthachadh. Tha ìnnleachdan a bhios a’ cur dualan a mhaireas san fhalt a’ dol nas fheàrr daonnan. Bha uair a bha spàirn an cois na h-oibreach-sa nach robh mì-choltach ris a’ chrochadh, ach is ainmig a tha mì-chomhfhurtach sam bith ’nan cois an diugh, ach cadal deirgeannach le cus suidhe. Ach fuirichibh oirbh, naidheachd ùr á ASTRAILIA. Tha na caoraich a nis a’ faotainn“perm”, mun teid an rùsgadh. Chan eil càil a dhìth na céille orm aig an àm so; tha so fìor. Is e an dùil ’s an dòchas gun dean so comasach pleatan is làraich mhaireannach a chur ann an aodach clòimhe: nì a bha doirbh gu ruigeadh so. Ma bha gearain air cuid de na fir, mu chosgpermnam mnatha, ’s ann a tha an là gu thighinn orra nuair a dh’ fheumas na caoraich iad.
[Dealbh]
Is gann an tè a gheibh stocainneannylona tha dìreach ceart; ma tha a’ chas fada gu leòir ’s ann a tha iad ro fhada anns an chalpa, ’s mar sin air adhart. Ri linn móran gearain ’nan cuid bhùithtean air feadh na dùthcha, thug MARKS AGUS SPENCER oidhirp air a’ chùis so a rannsachadh, agus saoilibh gu dé a fhuair iad amach? Is ann an riochd cas BAN-DHUIDSICH agus luirg BAN-AMEIREAGANAICH a thatar a’ cumadh nannylonsgu h-iomlan am Breatainn. Is beag an t-iongnadh nach eil cus againn riaraichte leotha. Ach cia mheud Duidseach pòsda aig Ameireaganach a tha còmhnaidh ’nar measg?
Co-dhiùbh no co aca, tha fir-riaghlaidh MARKS AGUS SPENCER, a nis, a’ tairgsinn stocainnean dhuinn ann an cruth nam mnathan d’am bheil iad ’gan reic, agus sin ann an seachd deug thomhaisean, chan ann a mhàin air fad ach air farsaingeachd. Chan ann anns a’ ghnothaich-sa a mhàin a tha adhartas air na bùithtean móra tlachdmhor so, oir tha iad cuideachd a’ toirt dùbhlain do na bùithtean eile gu h-iomlan prìs gach ball còmhdaich a’ thoirt sìos gu tric uimhir ri not. Fhuair mi blouse-sgoile caileig, agus léine ghlas sgoile balaich, nach fheum fiù ’s aon suathadh de’n iarunn, ann an tè d’an cuid bhùithtean, air deugachadh thasdan. Tha mo bheannachd fhéin orra co-dhiùbh.
Focal mu na tha de ghùintean, ’s de chulaidhean ’nar measg an dràsda, nach feum iarnaigeadh. Nighibh iad aig an tigh, na cuiribh
[Sanas]
asteach do dh’ ionad glanaidh tioram iad air ur beatha. Tha an seòrsa ròsaid a th’ air a shnìomh anns an t-snàth, a’ call a bhrìgh gu dearbh, is ann is trice tha an t-eudadh air a dhearg mhilleadh. Anns an là an diugh, le lìonmhorachd gach gné stuth, is dìomhain a bhith strì riutha gun na tha sgrìobhte ’nan cois a sgrùdadh; cha bhiodh earail ’nan cois gun aobhar.
’S fhada bho thug mi iomradh air MILIUM, agus, ged bha e duilich a chreidsinn aig an àm, tha e anns na bùithtean a nis, air an t-slait. Chan eil e doirbh fhuaigheal agus tha móran ’ga chleachdadh mar lìnig. Gheibhear ann an grunn math chòtaichean móra e cuideachd. Gu dé as freagarraich dhuinn, anns an dùthaich-sa, le là fuar is là teth, mar a tha i oir tha MILIUM comasach air gach fuachd agus blàths a chumail amach.
Is daonnan mi a’ toirt luaidh airSILICONE, agus tha esan a’ dol bho neart gu neairt. Tha anart-canaich (cotan) anns na bùithtean a nis anns a bheilSILICONE. Cha deifir dé a dhòrtar air, gabhaidh e a ghlanadh dheth le clùd fliuch, gun lorg sam bith fhàgail as a dhéidh, fìor ghoireas so airson dreasachan samhraidh na cloinne.
Gu ruigeadh so bha aon ghaoid anns gach inneal-sguabaidh bhrat-urlar—nach robh iad furasda an cur asteach fo na buill àirneis. ’S ann as an t-SUAIN a thàinig am fear-sa ris an abrar AMICA, agus mar a chì sibh, chan fheum e cus farsaingeachd. Tha ceithir sguaban gu daonnan a’ dol mun cuairt ’s a’ togail gach sprùillich is dùis. Tha e snog ’s chan eil e daor.
Is math tha fios nach bi na h-annlan làitheil ro thric againn ann am mór spéis, gus an sguir sinn ’gam faotainn. Bithidh mi fhéin a’ toirt sgrìob gu minig an tòir air gruth càileir anns a’ bhaile mhór, agus feumaidh mi aideachadh gur h-ann an GLASCHU, ann an LEWIS’ POLYTECHNIC, a tha gruth cho math ’s a bhlais mi a riamh, air dheas no tuath. Chuir mi e air bòrd mu choinneamh thriùir bhan-eileanach an là roimhe, ’s cha chualas a leithid a mholadh a riamh. Is e so bùth anns a bheil lìonmhorachd ghnothaichean, air an ruig gach sporan. Bhithinn a’ cluinntinn mnathan, an taobh deas ALBA, ag ràdh gum b’àbhaist dhaibhsan là a chaitheamh an GLASCHU an dràsda ’s a rìs, gun ceum a thoirt amach as a’ PHOLY.
Nuair a dheàlras a’ ghrian is iomadh tè a bheir sùil, le osna, air a h-aogais, oir is e craiceann math da rìribh air nach fàg druaip a’ bhaile
mhóir a shnuadh dorch fhéin fad a’ gheamhraidh. Chan eil GAIRM mór gu leòir gu cur an clò na tha de dhòighean, de stuthan agus de chomhairlean a’ dòrtadh amach gach là thig air ar cinn, gus am barrachd àilleis snuaidh a chur oirnn, ach, tha aon nì cinnteach, ’s e glanadh agus an tuilleadh glanaidh am prìomh fheum, agus tha gach tè comasach air a sin a dhèanamh. ’S e rud eile, gun cus spéis a chur anns na their am botul, ge be cho àluinn a’ chaileag a tha air. Ma fhuair sibh stuth a tha glé fhreagarrach leanaibh ris, fhad ’s a tha cuimhne air nach eil bùrn agus siabunn ’nan aonar éifeachdach air treallaich mhath de na tha de chosmetics a’ dol sàs an diugh. Chuala sinn bho chionn greis gun robhas air deanamh stuth-snuadhachaidh bho’n t-slaman a tha an seilean a’ dèanamh. Tha e coltach gu bheil an stuth-sa—air riochd bàrr tana—mìorbhuileach, chan ann a mhàin gu glanadh, ach gu beathachadh na h-aogaisg, gus am bi an craiceann cho dreachail ri gnùis an naoidhein. Mar gach ìnnleachd ùr eile tha e car daor fhathast—APIELLA ROYAL SKIN CLEANSER.
[Sanasan]
title | Gnothaich Bhoireannach |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Murdag NicCoinnich in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |