[359]

Mo ShuilGa Leir Is . . . .
Le TORMOD MACLEOID

CHA robh Coinneach buileach amach as an sgoil abhliadhna a chaochail a sheanmhair, ach tha móran a bharrachd de chuimhne aige oirre-se gus an lathan diugh na tha aige air a mhàthair a bha beò bliadhnachan as a déidh. Chan eil iongnadh sam bith a sin. Nach do sgioblaich i leatha ena sgùird airson fhaighinn bhàrr na cìche mus robh e naoi mìosan a dhaois, amach as achaparaid teaghlaich a bha mu chreathail, ’s dùil ri tuilleadh gun a bhith fada. ’S nach robh e fhéin cho fadana cheann, eadhon aig an aois ud, ’s nach fhaighte a chur air abhotul amuigh na mach, ged nach fhaighear an diugh e, ’s e streap ri thrì fichead, feir abhotul a dheòin no dhaindeoin.

Ach co-dhiùbh, bhon oidhche ud a thug a sheanmhair leatha e cha do chuir Coinneach seachad oidhche an tigh athar gun do dhfhalbh a sheanmhair air a turus deireannach afàgail beàrnna chridhe nach do dhùin e, ’s nach dùin fhads a bhios e air an talamh. Cha dfhuair fear eile de cho-aoisean air abhaile, ann an earradhs ann am beathachadh an togail a fhuair esan bhuaipe. Ach cha be sin idir a chùm cho bunailteach beò air a chuimhne i, ach na nithean neònach a dhìoghlum e ri a glùin, agus na sgeòil thaitneach leis na thàlaidh i e bho thàinig tuigse thuige. Bha ise cho baoghaltas gu robh an saoghal sìdhe cho soilleir dhi ris an t-saoghal a bha mun cuairt di, ’s cha robh fuaim no sealladh ri am faicinn no rin cluinntinn nach mìneachadh i dha.

Nan suidhe mun teine air oidhche gheamhraidh, an dorus druidte, ’s aghaoth gu tiamhaidh acìreadh an tughaidh, cha be aghaoth a bhann idir ach còineadh nan dìleachdan alorg na bhuineadh dhaibh: air an ionnaraidh nan tugadh Coinneach an aire do lasraichean an teine troimhn uinneig adanns ameasg nan lus-na-frainge anns an iodhlainn, ’s e bhann brataichean rìomhach nan sìdhicheans iad air an slighe gu cuirm air cùl Airneisteir; agus nan tugadh an ràn iargaineach as mu thuiteam na h-oidhches ann afaicinn manadhMaighdeann na Muilnea bha ean nach dfhuaireadhnuair a bhrùchd an abhainn air amhuilinns a chailleadh i fhéins a pàrantan suas ri ceithir fichead bliadhnair ais. ’Na suidhe air an stòl bhig mu a coinneamh dhéisdeadh Coinneach gu mòr-shùileach, sàmhach ri saobh-chràbhaidh a sheanmhars a chridhe aplacailna chom. Dheoghail e suas gach facals dhaltrum e iad cho mórna chridhes gu bheil iad a nise dha mar mheur da cholainn. Eadhon an diugh fhéin ma chì e sgàil dhorch aruith an rathaid a dhionnsaigh achlaidhs e manadh giùlan a tha e afaicinn, ’s ged a dhinnseadh tu dha nach eil ann ach sgòth afàgail na gealaichs aruagadh a faileas gu socair roimhpe, cha tugadh e géill dhuit. ’S i a sheanmhair fhéin a bfheàrr fios.

Mar sin troimh ionnsachadh a sheanmhar a bhith daonnan air aire dhfhàs Coinneach suasna ghealtaire san dorchadas agus le sgàth roimh fhaileas fhéin. ’S e glé mhór a bheireadh air achagailt fhàgail bho rachadh an solus feir an adhar mara biodh beag no mór



[360]

air a thaobh astigh don spiorad ud a tha Burns ag innse dhuinne leis an toireadh neach dùbhlan don t-Sàtan fhéin.

Bho chionn oidhche no dhàs mi air cluinntinn gu robh e air a bhith Steòrnabhagh thadhail mi stigh aige mu dheich uairean airson naidheachd abhaile mhóir fhaotainn bhuaithe. Fhuair mi ena shuidhe ri taobh an teines dath eagalach air, is boinne taige as an dàrna sùil aige mar gum biodh rudeigin air a dhol fòidhpe, no mar gum biodh e air a bhithna shuidhe anns aghaoiths i tighinn troimh tholl. Bheannaich mi an oidhche dhas thuirt mi ris nach robh e coimhead cho beadarrachs a bàbhaist dha an déidh a thighinn as abhaile mhór.

Na gabh iongantas,” ars esan, “ach tha mi toilichte dfhaicinn, thu fhéin no cuideigin. Tha mi ann an staid nach eil mi tuigsinn.”

“ ’N e càil a thuirt ise riut bho thàinig tu,” arsa mise, “a chuir tuathal mar sin thù? Nach eil làn thìde agad cluas bhodhar a thoirt ga chanas iadsan.”

Cha bè buileachfhreagair e, “ged nach bfheàirrde mi a gnùis no a cainnt. Mar a dhfhaodas beachd a bhith agad, thàinig mi chon an tighe afaireachdainn gu math dòigheils ri slaodadh brod na truisg as mo dhéidh. Cha robh mi air dorus an tallain a dhùnadh nuair a thug ise aon sùil orm, ’s chuir i aghaidh oirre man tàirneanaichs cha do labhair i aon fhacal rium a thuigeadh duine achAi ài!” —is sin cho nimh.

Co-dhiùbh, bham biadh air abhòrd aices e deiseil airson suidhe ris, ach cha robh aon spiolag air a dhol sìos ceart agam nuair a thug i meall den aileig orm. Ma thug, cha robh aonthupa thigeadh bho mamhaich, nach robh anAi àiaice-sega leantainn mar mhac-talla. Theabas mo thacadh afiachainn ri làmh an uachdair fhaighinn air mo shlugan, ach thàinig aonthupmhór an uair so a chuir an troimh na dorsan, agus a thug aonAiii-àiibhuaipe-se a chuir fùdar fodham-sa. Sheas mi air mo bhonnan: “Aii àiiarsa mise, co mheud -thalamh ài ài ài conacag an tigh sholuis eile leis am bodhair thu mi mus traoigh thu? Rug mi air mo bhonaids thug min t-sitig orm.’

Ille, éisd ri so. Ri dol suas cliathaich na h-iodhlainne far a bheil an lus-na-frainge air dolna coille bha mo sheanmhair beònam inntinn. Nise, chan urrainn dhomh a bhith cinnteach na rinn mi an rud a tha mi deimhinnte a rinn mi, non e tilleadh asteach agus cadal anns an t-séir so. Ach so mar bhà.

Chùm mi orm sìos an rathad seachad air an drochaid, agus gun fhios gun aire thionndaidh mi asteach rathad na muilne. Bha corran de ghealaich anns an adhar adeanamh na slighe geal romham. Ma bha sam bith air minntinn a thuilleadh air an drànndan aice-ses e againn a bha ri dol a thoirt amhionaich as an trosg a thug mi dhachaidh.

Dol dlùth air an àtha amach bho thobhtaichean na muilne shaoil leam gu robh nàdur de chòineal gul atighinn gu mo chluasan os cionn, glugraich an uillt; cha do shaoil mi dad dheth san àm, cha robh minntinn air, ach air dhomh dol timcheall an oisein chuala mi os cionn achneadailCàite a bheil iad? O càite a bheil iad?” Thàinig mi thugam fhéin le giorag, agus stad mi ann an làrach nam bonn. Le innse na



[361]

fìrinn cha burrainn dhomhn còrr a dhèanamh, oir fa mo chomhair bha am boireannach òg sin, agus ged a bhitheadh ena iongnadh leam tachairt ri sam bith ann an àite cho uamhraidh mun àm ud a dhoidhche, ’s en trusgan a bhoirre chuir a sgot buileach orm. Bhapolcanoirre den aodach ris an abradh mo sheanmhairlulacle spotan dorcha ann, agus an ghualainnnan stuic gan adhar mar cluasan measain. Bha còta drògaidrud ris an abrarskirtan diughsìos gu leth na coise, le trì sreathan debhréideanadolnan suabhlaichean mun cuairt air òirleach bho chéile bho iomall, agus anochdadh fodha, bha bideanan a còta bàn. Bha falt bòidheach donn-bhuidhe acasadh mu cluasans mu guailleans e breac le calgan aghràin. Bha reachd innte ri giurams i suathadh a sùilean le làimh— “O càite a bheil sibh? Cha do dhfhàg sibh a riamh chon a so mi. Carson a dhfhalbh sibh? Na faighinn so as mo shùilean dheanainn mo rathad thugaibh.”

Bha mo chridhe gu sgàineadh ag éisdeachd tiamhaidheachd a gearain, ’s dhéibh mi gu àrdDùin do shùileans séid do shròin.” Cha robh na facail gu h-iomlan as mo bheul nuair a thàinig uspag de ioma-ghaothach a fhras cuid de na calganna mo shùilean fhéins bha mi gun fhradharc airson car tiota.

Tapa leibh, O tapa leibh,” thàinig thugam ann an guth làidir, a shìolaidh as gu fann le: “Tha sibh ann an sin, o mo . . .” ’s nuair a fhuair mi léirsinn air aon sùil cha robh sgial oirre. ’S e dubhar nan tobhtaichean a bha fa mo chomhair.”

Seadharsa mi fhéin, “an e sin uile?”

Chan e buileachars esan ann an guth a bha gann bhos cionn anail, chan e buileach. Fhads a bha mi ri suathadh nan calgan as mo shùilean dhfhoighnich mi dhi mar so: “ chanas iad riut?”

Seadh,” arsa mise rithis.

Canaidh,” ars ise— “ISBEIL MARTAINN.”

titleMo Shùil ’Ga Léir Is . . . .
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Tormod MacLeòid in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page