[377]

An Sgeilp Leabhraichean

Scottish Costume,1550-1850, le Stuart Maxwell agus Robin Hutchison.
(Adam & Charles Black, Lunnainn. 12/6. )

Tha caochlaideachd nàdur an duine air a dearbhadh leis an aodach a tha e acleachdadh, is cha bann an diugh no an a thòisich na boireannaich, agus na fir, aleantainn fasanan coimheach. Tha itean bòidheach air na h-eòin tha fad as, agus bha sin gu h-àraidh fìor ann an Albainn nuair a theich cùirt an rìgh as an dùthaich is a chaidh i gu ruige Lunnainn nan cleòc. Lean na maithean, is an ceann ùine na mithean, iomadach fasan neònach ann an aodach, mar a rinn iad an dòighean eile: tha sinn eòlach gu leòir air an duine a tha asmaoineachadh nach fhiach an rud ris an robh e cleachdte aig an tigh; nach eil feum no loinn air an rud nach tig bhàrr Galltachd.

Ach tha an leabhar so adearbhadh gun lean na Gaidheil, fad linntean, ris na seann nòsan, agus gu robh iad, gu h-àraidh roimhn ochdamh linn deug, comasach air na seann nòsan sin atharrachadh a rèir gnè an ealain fhéinagus be sin comas a chailleadh an ìre mhóir an déidh an ama sin, agus nach do bhuannaicheadh leinn fhathast as ùr. Mar eisimpleir, tha ùghdair an leabhair so agabhail nam bràisdichean cruinne, gu tric air an deanamh de airgead, a bha cumanta aig na Gaidheil fada roimh 1550 Bha abhràisde uair air a cleachdadh gus earasaid nam ban a cheangal, ach an uair a chaidh an earasaid á fasan, bha i air a cleachdadh leis na fir gu breacan an fhéilidh a cheangal air aghualainn. Chan eil na h-ùghdair so asmaoineachadh gur h-e seann chleachdadh a bha an so idir. Anuas troimh na linntean bha loinnga chur air na bràisdichean so le iomadh seòrsa gràbhalaidh; bha beathaichean agus duilleach cumanta an obair-ghréis na seachdamh linne deug, ach anns an ath linn chan fhaicte orra, an cumantas, ach duilleach is srianagan gun loinn. Gu ruig 1700, cuideachd, bha loinn shònraichte air an obair-ghréis a bhaga cleachdadh leis na Gaidheil air dagachan is biodagan, agus bha lannan an cuid chlaidheamh iomraiteach.

Mar a bha aGhaidhealtachd afàs na bu Ghallda thainig iomadh seòrsa truaillidh air ealain nan Gaidheal, agus air an cuid fasanan. Tha sinn gu tric adìochuimhneachadh so, is sinn asmaoineachadh gur h-i aBheurla a choisinn dhuinn na tighean geala is an t-airgead ullamh. Ach nam biodh eòlas is cuimhne na bfheàrr againn air na Gaidheil nuair a bha iad an treun an neirt, cha bhiodh sinn idir cho buidheach air an sprùilleach a cheannaich sinn le ar còir-bhreith fhìn.

Ach chan eil an sin ach seanchas eile. Saoilidh mi gu bheil ùghdair an leabhair ghrinn so car den aon bheachd, acaoidh mar a chaidh fasanan Albanach a mheasgachadh le fasanan Sasunnach. Tha



[378]

deagh chunntas acaga thoirt dhuinn air na fasanan sin, ann an aodach, ann an usgairean is an leugan, agus ann an airm-cogaidh. Tha iad atarraing an eòlais bho leabhraichean, bho làmh-sgrìobhainnean, bho dheilbh agus bho shnaidheadh de gach seòrsa, agus tha deilbh acagam foillseachadh gu pailt, gus mìneachadh agus dearbhadh na tha aca ri ràdh.

R. McT.

titleAn Sgeilp Leabhraichean (Scottish Costume, 1550-1850)
internal date1958.0
display date1958
publication date1958
level
reference template

Ruaraidh MacThómais in Gairm 24 %p

parent textGairm 24
<< please select a word
<< please select a page