CROGA AN OIR, An Comunn Gaidhealach (2/6) .
Tha sinn a’ cur fàilte air leth cridheil air an leabhar beag so a chuir An Comunn amach o chionn grunn mhìosan. Is fhada bho thòisich sinn a’ gearain (anns a’ Chomunn agus air a thaobh amuigh) air gainnead leabhraichean iomchuidh airson na cloinne bige. So fear, matà, le deilbh bheaga shnasail ann an dathan brèagha, le coltas grinn air amuigh ’s astigh, agus le cainnt a fhreagras air aois nan cóig bliadhna.
Tha an leabhran air a stéidheachadh air leabhran Eireannach, Próca an Oir, agus ’s ann á Eirinn a thainig na deilbh cuideachd. Tha sinn a’ tuigsinn gur h-e Mgr. Dòmhnall Grannd a dheasaich an leabhar, is tha ar taing aige. Tha sinn an dòchas nach fhada gus a nochd feadhainn eile anns an t-sreath so.
Faodaidh sinn a bhith cinnteach gun gabh na sgoilean gu coibhneil ris an ionnstramaid ùr so a tha air a chur ’nan làmhan. Ma ghabhas, is ma leanas sinn a’ cur leabhraichean freagarrach an làmhan an luchd teagaisg, chan fhada gus am faic sinn piseach a’ tighinn air staid na Gàidhlige.
R. McT.
title | An Sgeilp Leabhraichean (Croga an Òir) |
internal date | 1958.0 |
display date | 1958 |
publication date | 1958 |
level | |
reference template | Ruaraidh MacThómais in Gairm 24 %p |
parent text | Gairm 24 |